(Air a leantainn).
Co air nach ‘eil farmad ri Bartimeus ann am faicinn meoir Iosa air an leagadh gu seimh air a shuilibh? Ach gu’m bu fearr leinn iarraidh gu dûrachdach gu’n robh a Spiorad beannaichte air a mhothachadh leinn ‘nar cridheachaibh, agus blaisidh sinn, air milseachd, nach fág rûm againn air son farmad. Agus thubhairt e ‘Faigh do radharc.’ Guth bho thaobh stigh na roinn-bhrat! “A Thighearna gu’m faighinn mo radharc,” arsa fear na h-urnuigh am muigh, “Faigh do radharc,” arsa an Righ a stigh. Lag, is air chrith, le uallach àmhghair, bha an guth o’n duslach. Soilleir is aoibhneach, le cumhachd is bean-nachd, tha an guth, o’n Righ-chaithir. Sin ni, a chairdean, ris an abair mi ceol binn. Is e an Spiorad siorruidh ughdair. Tha e ‘rannsachadh nan uile nithibh, eadhon nithibh, doimhne Dhé (I. Cor. ii. 10), agus a’ faighinn an sin, an ni a ruinach an t’Athair a thabhairt, tha esan a teagasg dhuinn ionndrainn is iarraidh d’a reir sin. Tha eadar-ghuidhe annainn a reir toil Dé. Agus mar sin, mu tha Criosd a tabhairt freagraidh a reir ‘ar n-iarrtusan, is ann do bhrigh gu’n do chûm an Spiorad ar n’iarraidh ri a thoilsan. Is e rûn gràis ann an Dia, steidh urnuigh a chreidimh. Tha creidimh air a chûmadh ri gràs siorruidh. Tha uime sin co-chordadh eadar creidimh agus gràs. “Tha gràs a crûnadadh an ni a thoisich gràs.”
Nach truagh nach cluinneamaid tuilleadh de’n cheol so! Nan robh na h-uile peacach, is na h-uile naomh ag eigeach mar so mar aon ris na flaithreas, chluinneadh ar talamh guthan a’s na neamhaibh o’s ‘ar cionn, eadhon mar gu’m biodh am feachd neamhaidh air a thiginn a nuas a ris, a seinn mu shith is mu ghloir mar a rinn iad bho shean air machraich Bhetleheim (Lucas ii. 13, 14).
“Imich shlànnuich do chreidimh thu.” Cheangail Dia ri cheile slàinte agus creideamh, le ni a’s treise na dûbhannaibh cruadhach, eadhon le orbugh neo-chaochluidh-each fein. Cha’n ‘eil a h-aon de dh-orduighean Dhé ni’s cinntiche na iad so; “An ti a chreideas tearnar e, an ti nach creid theid e a’m mûgha” (Marc xvi. 16.) An ti ta creidsinn chaidh e seachad o bhàs gu beatha, ach an ti nach ‘eil a creidsinn tha e air a dhiteadh cheana (Eoin iii. 18.) Is e mòmaint a chreidimh a mhòmaint anns am bheil an t-anam a dol a null o ionad a mhallachaidh gu àit a bhean-nachaidh. Tha tir an ascreidimh dorcha le gruaim Dhé, agus air a lionadh le plaighibh agus corruich; ach tha tir a chreidimh mar urlar neimh air son soillse. Tha fireantachd Chriosd ‘ga dhion, tha grasan an Spiraid ‘ga dheanamh maiseach, agus tha solus gnuis Dhé ga’ chomfhurtachadh, agus ga’ dheanamh gloirm hoir gu siorruidh. Feudaidh na tiribh sin, bhi gle fhagus d’a cheille, cho fagus is gu’m feud duine ann an dol bho’n aon thir chum na tire eile, bhi mothachadh araon sòlas agus amhghar, ag radh—A Thighearna tha mi creidsinn, cuidich thusa le’m mhi-chreidimh (Marc ix. 24.) Is diabhul ascreidimh. Rugadh ann an ifrinn e, is tha e riaghladh ann an sin. Le aon laimh tha e cumail greim de dh’ifrinn, am feadh leis an laimh eile tha e glacadh na talmhainn, agus tha e ghnath ag oidhearpachadh a shlaodadh sios leis a chum a dhorchadais agus a sgrios fein. Ach tha lamh a chreidimh a deanamh greim air neamh. An iognadh e’ gu’m biodh urrad do luaisgein ‘nar saoghal bochd-ne eadar an dá chumhachd ud?
Agus is ann mar so tha creidimh a tearnadh. Cha robh ni ‘sam bith ann an anam an duine dhoill so a bha comasach air a shuilean fhosglaidh, ach tre ghràs, bha ni ann tre’n d’rinn e greim air Criosd.
Agus is ann mar so tha creidimh a tearnadh, agus tha gràs a tearnadh, creidimh mar an ionnsramaid agus gràs mar an t’obhar ann an Dia, creidimh an cladhann, agus gràs an sruth neamhaidh, creidimh am meur leis am bheil e beantuiinn, ri iomall eudaich, agus gràs an cumhachd, tha sruthadh a mach o chridhe an Fhir-shaoraidh (Lucas viii. 44, 46.) Cha’n urrainn creidimh direadh ‘n’aird, an àirde eagalaich, o’n do thuit nàdur, ach is urrainn dha greim a dheanamh air an ròp, a leig gràs sios eadhon a dh’ionnsuidh a laimh-san o’n mhullach, agus a tharruingeas e a’n àird a ris leis ni’s urrainn do chreidimh a chur do dh’uallach air. Agus is e so diomhaireachd tearnadh a chreidimh. Tha Criosd a cròmadh a nuas o neamh, tha creidimh ga shineadh fein suas o’n talamh, agus mar a glacadh lànhan a cheile; a h’aon ann an laigse, an aon eile, ann an cumhachd. Seadh, tha lamh a chreidimh gu tric bochd, is air bheag luths’, air a sineadh a mach ann an amhghar o na tuiltibh dorcha far am bheil an t’anam a dol fuidhe.
Cha’n ‘eil aon chuid creidimh no gràs a tearnadh dealaichte bho cheile; cha dean gràs e, is cha’n urrainn do’n chreidimh a dheanamh. Ach gidheadh tha an t’aité is àirde aig gràs. ‘Nuair a bheirear cuideachd iad, is e gràs anns am bheil an eifeachd, is e creidimh am meadhon tre’m bheil gràs a sruthadh; air dhuinn bhi air ‘ar tearnadh arsa Pòl le gràs tre chreidimh (Eph. ii. 8.) Agus tha eadhon creidimh o ghràs. Tha slàinte (no an gealladh; tha ga fhilleadh ann) arsa Pòl a ris, o chreidimh chum is gu’m biodh e tre ghràs, agus mar sin air a dheanamh cinnteach do’n t-siol uile (Rom. iv. 16.) Chum is gu’m bitheadh na h’uile nithibh air an deanadh cinnteach dhuinn, feumaidh na h’uile nithibh bhi air an tabhairt gu saor dhuinn. Ciod sam bith ni tha bh’uamsa tha e neo-chinnteach; ciod sam bith tha bho Dhia cha’n urrainn gu’m failnich e. Cha’n ‘eil uime sin mo, chreidimh-sa tre’n dean mi greim do shlainte air fhàgail gu bhi air oibreachadh a mach leam fein; tha e do thoradh oibreachaidh Dhé. Feumaidh uime sin, gu’m bi creidimh far am bheil gràs. Agus tha e mar sin a tachairt gu’m bheil slàinte gu h’iomlan bho ghràs. Gu ma beannaichte gu’n robh Dia air a shon. Do’m thaobhsa cha robh còmas creidsinn agam ni’s mò, na bha còmas gradhachaidh, no mi fein a dheanamh naomha, no mo chomhdachadh le freantachd, no coiseachd do neamh agam, oir bha m’inntinn fheolmhor ‘na naimhdeas an aghaidh Dhè, cha robh i umhail do làgh Dhè, ni mò bha e’n còmas di bhi (Rom. viii. 7.) Ach Dia, tha saoibhir, ann an trocair air son a mhòir ghraiddh leis an do ghradhaich e sinne, eadhon ‘nuair a bha sinn, marbh ann an peacaibh chornh bheothaich e sinn maillle ri Criosd (Eph. ii. 4, 5).
IX.
“ Agus air ball fluair e a radharc.”
Ann na briathraibh so tha sinn air ruigsinn na h-earann de’n eachdraidh tha gu sonruichte a tarruing ‘ar n-aire, a mhòmaint iongantaich ‘ud ‘nuair a dh’oibrich cumhachd Iosa gu miorbhuileach air suilibh an duine dhoill, agus cha robh e dall ni b’fhaide.
Nach mòr bha air a ghabhail a stigh ‘san uine ghearr ud. Bha rùn caoimhneis ghráidh air a choimhlionadh, agus glaodh na h-eigin air freagradh fhaotainn; bha am fior sholus a dealrachadh, agus an dorchadas ga aithneachadh (Eoin i. 5), bha gràs agus cumhachd an t-Slannighear buadhach, agus am peacach bochd na chùspair atharraichaidh cho obann cho iongantach, cho beannaichte is bho’n mhionaid ud gu’n d’rinn e gairdeachas ann a bhi ceangailte ann an braighdeanas saor an Tighearna Iosa; agus co bu soilleir a bha an Diadhachd a dealrachadh anns an ni a rinneadh. is nach b’e mhain gu’n robh Mac an duine air a ghloireachadh leis, ach bha gloir aige-san dheth a bha gu neo-fhaicsinneach ‘na shuidhe air an Righ-chaithir. Oir “lean Bartimeus Iosa air an t-slighe a tabhairt gloir do Dhia; agus thug an slugh uile gloir do Dhia ‘nuair a chunnaic iad an ni a rinneadh.”
Agus tha mi’n dochas nach bi sinne comasach fuireach air ais o ghloir a thoirt dha le Bartimeus agus a chliuthachadh leis a mhòr-shluagh; ag ràdh, gu deimhin tha antoradh so airidh air Craoibh na beatha, agus bithidh e gu siorruidh an crochadh air a geugaibh, ri fhaicinn mar ann an sgathan ann an amhainn Dhé agus air a mholadh leis na h-uile a sheinneas, mu obair, is mu bhàs Iosa.
O gu’n d’thigeadh air m’anam anail bho’n tràigh shiorruidh ud, chum agus gu’m bitheadh ni-eigin de shaors’ agam ann an labhairt mu’n diomhaireachd ghrasmhoir so!
I. Ciod ma seadh tha an leigheas so a’ samhlachadh a mach anns a bheatha is airde, agus tha spioradail?
Gu deimhin cha’n ‘eil ni a’s lugha nan Ath-bhreith—iompachadh an anama. Dheth na h-huile samhladh air a chleachdadh leis an Spiorad Naomh air ‘ar staid a thaobh nàduir, cha’n ‘eil a h-aon is tric tha e a’ cleachdadh na doille. Is e dorchadas an samhladh tha e ghnath a tabhairt air rioghachd an t’Sàtain, agus solus air rioghachd Dhé. Tha dorchadas, truaillidheachd, agus bàs, air an gabhail mar a ciallachadh an aon ni; agus air an laimh eile tha solus, gloine agus beatha a’ cumail a mach an aon ni. Is e Satan prionns ‘an dorchadais, tha àite comhnuidh ‘san dorchadas, tha e le chumhachd a’ dalladh nan uile tha ga leantuin (2 Cor. iv. 4), agus tha iadsanfadheoidh air an cur a chum dorchadas iomallach (Mata. xxii. 13), tir an dorchadais, far am bheil eadhon an solus na dhorchadas (Job x. 22). Ach is solus Dia, is ann-san cha’n ‘eil dorchadas air bith (1 Eoin i. 5). Is esan Athair na soillse. Tha e gabhail comhnuidh ‘san t-solus a dh’ionnsuidh nach feud aon neach teachd (1 Tim. vi. 16). Is iad a chlann, clann an t-soluis (1 Thess. v. 5). Tha iad a gluasad ‘san t-solus eadhon mar tha esan ‘san t-solus (1 Eoin i. 7), agus tha iad fein nan solus ‘san Tighearna (Eph. v. 8). Tha crioch teachd Chriosd uime sin gu minic air aimneachadh mar air son suilean nan dall bhi air am fosgladh (Isa xliii. 7). Thàinig e chum gu’m faigheadh iadsan bha dall am fradharc (Eoin ix. 30). Is cothromach uime sin tha an ath-bhreith air a cumail a mach dhùinn fuidh shamhladh “dol thairis ò bhàs gu beatha,” “na atharrachadh o rioghachd an dorchadais chum rioghachd Mic a ghraidd” (1 Col. i. 13). Tha mar so Pol a nochdadh eadar-dhealachadh staid nàduir, agus stàid gràis nan Ephesianach; “Bha sibh aon uair, ‘nar dorchadas, ach tha sibh a nis ‘nar solus ‘san Tighearna (Eph. v. 8).”
Agus tha Criosd a’ deanamh feum do’n t-samhladh cheudna ann an cur Phòil chum nan Cinneach, a dh’fhosgladh an suilean, agus chum an tionndadh ò dhorchadas gu solus, is o chumhaichd Shàtain gu Dia (Gniomh. xxvi. 18).
Cha’n ‘eil freagarrachd nan samhlaidhean sin ag iarraidh freanachadh bh’uinne. Tha cridhe nan uile a mothachadh gu’m bheil iad freagarrach. Thubhairt neach eigin nach dò labhair duine riabh mu ghloine, no mu thuras, mu fhirinn mu ghloir no mu Dhia fuidh shamladh dorchadais; ni mò bha solus riabh na shamhladh freagarach air son ole no bàs.
Le miorthuilean Chriosd ann am fosgladh suilean nan dall agus leis an fheum tha air a dheanamh dhiubh ann an solus a chur air diomhaireachd na h-ath-ghineamhuinn tha an Spiorad Naomh a teagasg dhuinn tri nithibh ro-chud-thromach.
1. Gu’m bheil an ath-ghineamhuinn ò Dhia.
Mu tha a chlàrsach air a briseadh, is comasach lamh an fhir-dheilbh a caramh, agus na teudan a dhusgadh suas chum cumhachd agus milseachd mar bho shean. Tha dòchas ann a thaobh craoibh, mu ghearrar sios i, gu’n d’thig i ris fo bhlàth, agus nach fàilnich a faillean òg: Ged fhàsaich a freumh sean anns an talamh, agus anns an ùir ged bhàsaich a stoc: Trid fhàile an uisge ùr fasaidh i, agus bheir i mach geuga mar òg-chraoibh (Iob xiv. 7, 9). Ach co a dh’aisigeas a ghloine chriostal mar o shean, chum is gu’n sruth gathan na grèine troimpe, gu’n ghaiseadh bhi ri fhaicinn; agus gu’n deal-raich iad mar air tus ann an soilleireachd an dearsaidh ghloin?
Agus co tha comasach air suilean nan dall fhosgladh? Co is urrainn aiseag do’n neamhnuid luachmhoir agus shoillsich sin, a leirsinn agus a cumhachd, ‘nuair tha i air a milleadh no air a dorchachadh le galariaibh no le ainneart? Co a dh’fhosgaileas a ris na cladhannan sin a chum soluis dà shaoghal-an saoghal tha an taobh a muigh dhuinn, le a mhàise iomadhfillte, agus an saoghal tha am taobh a stigh dhinn a dealradh a mach ann an aoibhneas, ann an gràdh, agus ann an táingealachd? Gu deimhin cha dean neach so, ach Cruithfhear an deilbh iongantaich, an Ti sin ‘nuair a rinn peacadh ‘ar milleadh air mhòdh cho an-iodhdmhor a thainig ann an truas cho neochriochnach is tha e cumhachdach, gu bhi na Fhear-saoraidh, is na Fhear-aigis far an robh e roimhe na Chruithfhear. Is esan a mhàin a dh’fhosgaileas suilean nan dall, tha cumhachd Dhia ‘san obair san.
Ach mu bhàsaicheas duine, am bi e beò a ris? (Iob xiv. 14). Ah mu tha an t-anam marbh, marbh ann an cionta is ann an truaillidheachd, agus ann am mallachd an Dé uile chumhachdaich am bheil e comasach gu’n ath-bheoth-aichear esan? Tha, beannaichte gu’n robh Dia! tre oibreachadh a threin neart-san a dh’obrich e ann an Criosd ‘nuair a thog e suas bho na marbhaibh e (a’s deigh dha bhi air a thabbairt thairis air son ‘ar n’euceartan Rom. iv. 25) feudaidh sinne bhi air ar beothachadh, a bha marbh ann an eu-ceartaibh, agus ann am peacaibh, agus ‘nar cloinn na feirge, feudaidh sinne bhi air ‘ar beothachadh maille ri Criosd; oir is sinn obair-san air ar cruthachadh ann an Iosa Criosd chum dheadh oibríbh (Eph. ii. 1, 3, 5, 10).
Thugadh daoiné an aire ma ta, eagal is gu’m faighear iad a cur an suarachas glòir Dhé ann an obair na h-athghineamhuinn. Mu bha e na thoibheum, air son nach robh maitheanas, a ràdh gu’n robh miobhuilean Iosa air an deanamh tre chumhachd an t-Sàtain, cionnus a ghabhar am peacadh-san a thomhas a bheirr glòir na h’obair so air ànam sgriosta an duine air an robh leigheas eucailean a chuirp a mhain nan samhlaidh, do chumhachd sam bith, ach a mhain do chumhachd Dhé. Cha’n ‘eil an t-anam air a bhreth a ris, le deas bhriathrachd, le orduighibh, le a ruin-tean fein, no eadhon le firinn naomha Dhé, gu’n chleachdadh cumhachd an Spioraid Naoimh. Dha-san uime sin a mhain bitheadh a ghloir.
2. Ann an solus na miobhuil so mar an ceudna tha sinn a foghlum ciod sam bith na h-oidhirpean a ni am peacach roimhe, no a’s deigh dha bhi air ath-bhreth, anns an atharrachadh mhor so a thoirt ma’n cuairt, nach ‘eil lamh air bith aige fein.
Fò ghlusad an Spioraid, maille ri Bartimeus, feudaidh eigeachd air son a bheannachd mu’n d’thig e, cosmhuil ris-san feudaidh e gairdeachas a dheanamh ‘nuair a thig e, agus a bhi chaoidh a’s deigh sin air a cho-eigneachadh chum naomhachd caithebeatha, ach ann an oibreàchadh an atharrachaidh cha’n ‘eil lamh aige fein ann ni’s mò na bha aig Bartimeus.
Cha robh ëifeachd sam bith ann an uile theinn-ehràidh an duine dhoill, ‘na ghlusad air a shuilibh dalla, ach a mhain ann an gniomh Criosd ann an aiseag a fhradarc. Bha an duine dall na chuspair air an do chleachd Criosd a chumhachd miobhuileach, agus ‘sann an cleachdadh cumhachd Chriosd a mhàin a bha ëifeachd.
Agus ‘sann mar so tha an ath-ghineamhuinn, “air am breth ò Dhia,”—tha sin gabhail a stigh na h-obair gu leir. Is i obair an Spioraid Naoimh a mhàin i.