aig coinneamh-urnuigh ann an St Jude’s, 11th Sept. 1929, le fear-eisdeachd.
“Neartaichabhse na lamhan laga, agus daingnichbh na glùinean amhuinn. Abraibh riusan tha lag-chridheach, Bithibh laidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ‘ur Dia le dioghaltas, ‘se Dia le ath-dh ioladh; thig E fein, agus saoraidh E Sibh. An sin fosgailear suilean nan dall, agus bidh clusan nam bodhar air am fosgladh. An sin leumaidh am bacach mar fhiadh, agus seinnidh tean gadh a bhalbhain” (Is. xxxv. 3-6).
Tha sinn a faicinn ‘sa chuibhrionn so dhe fhocail an Tighearna na tri nithean a leanas:—
I. Comharaidhean nan daoine bha’n Tighearn ag iarraidh gu’m biodh iad air an neartachadh; (1) bha lamhan laga aca, (2) bha glùinean amhuinn aca; (3) bha cridhe lag, ‘se sin r’a radh, tinneas cridhe aca;
Tha e fior a thaobh duine aig a bheil lamhan lag nach urrainn da obair a dheanamh. Cha’n urrainn da obair a dheanamh chum e fhein a chumail suas anns an tsaoghail. Agus cha’n urrainn da e fhein a dhion o ‘naimhdean leis cho lag ‘sa tha a lamhan. Na daoine a thug an Tighearna beo, tha geur-fhaireachduinn aca nach urrainn iad obair a dheanamh ‘tha focal Dhé agus an coguisean fhein ag agradh bhuatha, ann ‘bhi toirt umhlachd do lagh Dhé no do shoisgeil Chriosd, tre’n urrainn daibh ruigh-eachd air sith ri Dia na sàsuchadh an coguisean fhein.
Tha iad mar an ceudna gun chomas ‘sam bith cathachadh an aghaidh an naimhdean spioradail, oir cha’n eil lùs ann an lamhan an anam. Cha’n urrainn iad cathachadh an aghaidh an diabhuil, an t-saoghail, no na feola annta fhein. Cha’n urrainn iad an ni bu lugha a dheanamh gu bhi ‘gan riarachadh fhein thaobh an eolais a bh’aca air an umhlachd iomlan bha lagh Dhé ‘g agradh bhuatha, no ‘bha na dhleas-danas orra ‘thaobh soisgeil Chriosd a chreidsinn. A dh’aon facail, tha iad’gam faotainn fhein coslach ri duine air a bheil a’ phairilis, a tha eucomasach air a lamh a ghluasad fo thaobh.
(2)
Duine aig a bheil glùinean anmhuinn cha’n urrainn e coiseachd, oir nan oidhirpicheadh e air coiseachd, thuiteadh e air ball. Tha’n duine so coltach ris mar a bha Mephibòset, bacach air a dhà chois, nach b’urrainn da aon cheum a dheanamh. Mar sin tha’n duine tha air a iompachadh leis an Spiorad Naomh, tha e foghlum gu bheil e gu spioradail gun chomas aige aon cheum a thoirt anns an ùmhlachd iomlan tha lagh Dhé ag agradh uath. Tha sin fior d’a thaobh ‘thaobh a smuaintean, a bhriathran agus a ghniomharan. Tha aithne aige gu bheil lagh Dhé ‘g iarraidh ùmhlachd iomlan air ni tha e ‘faotainn eucomasach dhasan a thoirt; agus ged tha cuireadh aige teachd a dh’ionnsuidh Chriosda, agus gealladh ma thig e, nach bidh e air a thilgeadh air chor sam bith a mach, tha làn-dearbhadh aige nach urrainn dhasan ceum a dheanamh ‘dh’ionnsuidh Chriosd, a reir mar a tha e sgriobhta, “Cha tig aon neach d’a m’ionnsuidhsa mur tarruing an t-Athair a chur uath mise e.”
Cha’n eil mar an ceudna lùs na chasan gu teicheadh as o namhaid an anam. Tha ‘ga fhaotainn fhein coltach ri leanabh beag nach urrainn ni a dheanamh ‘ga chobhair fhein, ach toiseachadh r’a ghlaodhaich r’a athair is r’a mhàthair nuair a tha e ‘ga fhaotainn fhein ann an cunnart.
(3)
Cridhe lag na gealtach. Duine aig a’ bheil cridhe lag na air a’ bheil tinneas cridhe, bidh an t-eagal air gu faod e tuiteam marbh ann an tiota aig àm air bith. Mar sin tha esan aig a bheil cridhe lag—the eagal air nach robh e riomh air iompachadh a thaobh an diomhanais agus na truaillidheadh tha e faotainn a stigh ‘na chridhe fhein. Tha feagal air, thaobh nach robh e riomh air iompachadh, agus bidh e coltach ri Daibhaidh ‘nuair a thubhairt e, “Mar is beo t’anam, cha’n eil ach aon cheum eadar mise agus am bàs,” no mar a thubhairt e aig àm eile, “Tuitidh mise là-eign ann an lamhan Shaul,” no mar thubhairt e, “S breugach gach duine air bith.” Bha sin a ciallachadh gu robh Samueil, a ‘chur an Tighearna ‘ga ùngadh mar Righ air Israël air a mhealladh ‘thaobh a gheallaidh a thug e dha. Mar sin tha’n duine so fo eagal cridhe, ged a bha e ‘saolinsinn gu’n d’fhuair e gealladh o’n Tighearn tre’n fhocal, gu’n robh e air a mhealladh ‘thaobh a gheallaidh bha’n sin. Bidh e coltach ri duine urramach ann an Albainn an àm na geur-leannhuinn d’am b’ainm Maighstir Fraser (of Brea). Cha b’urrainn an duine sin àm ‘sam bith ainmeachdh na bheatha anns an do dheilig an Tighearn ris tre’n lagh mar bha e ‘cluinntuinn daoin’ eile ‘deanamh iomraidh air mar a dh’fhairich iad fhein uamhasan lagh Dhé ‘nuair ‘bha iad air an dûsgadh. Chuir an t-eagal cridhe a bh’ air nach robh e riabh air iompachadh gu rannsachadh geur e ‘thaobh fair-eachdhainnean sluagh Dhé ann an Sgriobtuirean an t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh. Dh’fhoghluim e anns an rannsachadh sin gu robh sluagh Dhé a’ deanamh gearan goirt air an truaillidheachd ‘bha iad a faireachduinn ‘nan cridhe agus ‘nan inntinn, agus mar an ceudna am miann a bh’aca gu bhi naomh. ‘Nuair a choimeas e na faireachd-ainnean a bh’aige ‘na chridhe agus ‘na inntinn fhein le fair-eachduinnean sluagh Dhé anns an fhirinn air an dà ni so, ‘se sin, (1) an truaillidheachd ‘bha ‘nan cridhe agus ‘nan inn-tinn, agus (2) am miann a bh’aca an deigh naomhachd—agus (3) mar a dh’fheumadh e aideachadh gu robh na nithean sin aige fhein—thaimig e dh’ionnsuidh a cho-dhùnaidh gu robh e dà rìreadh air a iompachadh. Thug sin comhfhurtashd dha a lean ris rè uile laithean a bheatha.
II. An doigh ‘san robh comhfhurtachd air a toirt dhaibh, Cha’n e gu’n tigeadh faidh no aingeal ‘gan saoradh, ach gu’n tigeadh Dia Fhein.
Ge b’e air bith cho lag ‘sa bha an lamhan agus an glùinean agus an cridhe, nach saoileadh tu gu’m faodadh iad bhi ro-mhisneachail ‘nuair a chluinneadh iad gu robh Dia Fhein gu tighinn ‘gan saoradh? Ged nach b’urra dha ‘lamh a thogail dh’a thaobh, no gur gann a b’urra dha ‘anail a tharruing, leis cho lag ‘sa bha ‘chridhe, gu’m faodadh e fàs cho neartmhor ri Daibhaidh ‘nuair a bhrist e bogha do stailinn le lamhan; no mar a bha Pòl ‘nuair a fhuair e sgolb ‘san fheoil, agus chaidh e dh’ur-nuigh tri uairean gu’m biodh e air a thoirt air falbh. Cha d’thug Criosd air falbh an sgolb, ach thubhairt E ris. “Is leoir mo ghràs air do shon, oir tha mo neart air a dheanamh foirfe ann an anmhuinneachd.” Cho-dhùn Pòl gu’n deanadh e uaill ‘na anmhuinneachd chum gu’n gabhadh cumhachd Chriosd comhnuidh air. “Nuair a tha mi lag, an sin tha mi laidir.” Tha eachdraidh sluagh Dhé a’ nochdadh ‘san fhirinn gu de an treubhantas a rinn iad tre chumhachd Chriosd, ‘nuair nach robh neart ‘sam bith aca fhein, gu cathachadh an aghaidh nan nithean tha coin-neachadh riu ‘nan turas a’ dol tre fhàsach an t-saoghail so.
III. Cionnus a dh’aithnicheadh iad E tra thigeadh E?
Tha e soilleir nach robh an sluagh ‘ga aithneachadh, oir ‘nuair a dh’ftheoraich Criosd dhe na deiscibuil, “Co tha daoiné ‘g radh is Mise?” fhreagair iad gu robh cuid ag radh gu’m b’e Eoin Baiste E, is cuid eile gu’m b’e Ieremiah no aon eile dhe na faidhean. Dh’ftheoraich E, Ach co tha sibhse ‘g radh is Mi? Fhreagair Peadair ann an ainm chàich uile, ‘S Tusa Criosd, Mac an Dé Bheo. Thubhairt Criosd ris, ‘S beannaicht’ thusa, ‘Shimoin Bhar-Iona, oir cha d’fhoillsich fuil is feoil sin duitse, ach m’Athairsa a ta air neamh. Tha so a’ deanamh soilleir nach b’urrainn neach aithneachadh co E o choslas o’n leth muigh, gur ann tre theagsg Dhé an Athair, a b’urrainn neach ‘sam bith aithneachadh co E.
Ach bha’n dòigh tha air a thoirt fa’r comhar anns an fhirinn so ‘fagail dhaoine gun lethsgeul aca do bhrigh gu’n robh e air innseadh ‘san fhirinn so gu de na miorbhuilean a dheanadh E ‘nuair a thigeadh E, agus gu’n robh a ris na dearbh mhiorbhuilean so air an deanamh fa chomhair an suilean le Iosa o Nasaret.
(a)
‘S a cheud aite, bha suilean nan dall air am fosgladh. Tha ceudan de dhoill ann am baile Ghlasco, ‘s cha’n’eil mì de dhòchas aca gu’m bidh an suilean air am fosgladh, agus cha mhò no sin tha aon smuaint aig lighichean gu’n urrainn iad fradharc ‘thoirt dhaibh. Ach ‘nuair a bha Criosd air an talamh, bha E ‘fosgladh suilean dhaoine dalla le aon fhacal—agus eadhon an duine a rugadh dall, ‘s aig nach robh suilean idir, eò luath ‘sa labhair Criosda, bha suilean air an toirt do’n duine. Nach robh so a dearbhadh gur E so an Ti a chruthaich an duine an toiseach—agus ‘thug dha suilean—a bha ‘nis air an talamh a toirt suilean do dhaoinibh a bha dall? Tha so cho fior gu spioradail is a tha e gu litireil, nach fhosgail neach ‘sam bith suilean pheacaich ach Criosd tre ‘Spiorad agus ‘fhocal, agus tha e ‘reir na firinn a’ dearbhadh gur e ann an Criosd Dia air fhoillseachadh anns an fheoil, oir tha e sgrìobhta, ‘Se Dia tha ‘fosgladh suil nan dall—an dà chuid gu litireil agus gu spioradail. ‘Nuair a dh’fhosglas E suilean an anam gu spioradail, chi’ an t-anam an là sin a chor caillte fhein ‘thaobh naduir agus chleachdaidh, agus chi e mar an ceudna gloir an ulluchaidh a rinn Dia gu bhi tearnadh an ni sin a bha caillte.
Mo thruaighe! cho gann ‘sa tha e gille òg no nighean òg fhaicinn dh’an do dh’fhoillsich Dia an cor truagh chailte, agus an fhreagarrachd a tha ann an Criosd agus Esan air a cheusadh gu bhi coinneachadh r’an suidheachadh truagh.
(b)
Thoisich an duine bha bodhar is balbh air cluinninn agus air labhairt cho luath ‘sa thubhairt Criosda ris, Ephphàta, Bi fosgailte. Tha anam an duine marbh gu spioradail, agus tha e coltach ri corp marbh nach cluinn ged bhiodh daoine no ainglean a’ glaothaich ris. Cha duig anam an duine ach guth mhic Dhé, oir tha e sgrìobhta, ‘Tha’n uair a teachd, agus tha i’nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mhic Dhé, agus an dream a chluinneas bithidh iad beo. Eoin v., 25. Their iad an la sin, “Cha chuala mise facal dhe’n fhirinn riomh leis an ùghdarras agus a ‘chumhachd leis a bheil mi ‘ga cluinntinn a nis.” Tha’n fhirinn dhaibh cho ùr is ged nach cluinneadh iad facal riamh dhi gus a nis, agus tha’m peacadh a tha air a ghniomhachadh ‘san t-saoghail mu’n timchoill orra ‘fas cho gràineil dhaibh ‘s gu’m bidh iad coltach ri Iain Buniain ‘nuair ‘bha sluagh Bail’-an-leir-sgrios ‘glaodhaich ris ‘pilleadh air ais do’n bhaile, a bha ‘cur a choracan na chluasan airson ‘s nach biodh e ‘gan cluinntuinn. Tha iad a nis a’ cluinntinn guth Dhé cha’n ann a mhain anns an fhirinn, ach mar an ceudna ‘na Fhreasdal, a reir mar a tha e sgriobhta, “Eisdibhse an t-slat agus Esan a dh’orduich i.”
(c)
Seinnidh teangadh a bhalbhain Dh’fhaodadh an duine so ‘bhi ‘seinn orain dhiomhain an t-saoghail so gun nàire ‘sam bith air gu’m biodh daoine ‘ga chluinntuinn. B’fhearr gu robh sluagh Dhé cho misneachail gu bhi seinn moladh Dhé gun nàire ‘sam bith orra gu’m biodh daoine ain-diadhaidh ‘gan cluinntuinn—gu’m biodh iad coltach ri Daibhaidh ‘nuair a thubhairt e, “Ri righribh labhram air do theist, Gun amhluadh orm no sgàth.” ‘Nuair a labhradh iad roimh so mu dheidhinn Dhé no oibre Dhé, ‘sann a gheibheadh tu a mach gu robh iad coltach ri duine ‘bha ‘cur na cairt roimh’n each, ach a nis ghabhadh tu iongantas gu dé thainig orra ‘thaobh cho cothromach ‘sa labhradh iad mu’n fhirinn agus mu oibre Dhé.
(d)
‘San aite mu dheireadh, leumaidh am bacach mar am fiadh—coltach ris an duine bha bacach bho bhroinn a mhà-thair (Gniomh, caib., 3), ‘nuair a bha e air a leigheas ann an ainm Iosa o Nasaret, thoisich e air imeachd agus air leumnaich agus air gloir a thoirt do Dhia. Agus an fheadhainn a bha bacach ‘thaobh aon chas na bu ghiorra na’n té eile, bha ‘nis aon chas cho fad ris a chois eile, cho luath ‘sa labhair Criosd riu, is dh’imicheadh iad cho direach ri daoinibh eile. Tha’ní so cho firinneach ri sin gu spioradail, gu’n urrainn Criosd le aon fhocal toirt air an duine nach d’rinn ceum riamh ann an slighe na h-ùmhlachd, imeachd gu direach ann an slighe àithne Dhé agus soisgeul Chriosd.
Tha na nithean so a làn-dhearbhaidh, an toiseach, gu’m b’e Iosa o Nasaret am Fear-Saoraidh a gheall Dia, agus gu’m b’e Dia Fein am Fear-Saoraidh sin, agus gu robh e comasach air cruthachadh nuadh a dheanamh araon air anamaibh agus air corpaibh dhaoine. Ma bha feum riamh aig daoine air gu’n cuireadh E ‘chumhachd ann an cleachdadh, b’e bhi ‘deanamh miorbhuilean gràis ann ‘bhi ‘pilltinn dhaoine ri ‘Fhocal agus ris ‘Fhein, Dia an Fhocail, tha feum aig a ghinealach tha sinne ann air. Amen.