X.
“Agus lean e Iosa ‘san t-slighe.”
Ged a sheas Iosa ag èigh fear-iarraidh na deirce, cha’n ‘eil e nis gu seasamh ni’s fhaide. Tha an gniomh so croich-naichte, agus tha e’ dol air adhaidh a chum òbair is cud-thromaiche air Calbhari. Ach ciod tha Bartimeus gus a dheanamh? Am feum iad dealachadh ann an ùine cho gearr? Am bheil a shùilean gus a Thighearna fhaicinn tuilleadh? An d’fhosglaidh iad, chum is gu’m faigheadh e eolas air caraid gràsmhor, gu’m blaiseadh e aoibhneas fhaicinn re mionaid bheag, agus a bhi chaoichd air a dhealachadh bhuaith? Bhiodh gun teagamh a lèirsinn aige fathast, ach bhiodh an là a dh’eas-buidh a bheath’ is na gloir a bha aige roimhe. Bhiodh a ghrian air dol fodhe, agus cha’n fhannadh aige, ach mar gu’m b’ann na reultan a ‘cuir a nuas solus fuar air an talamh. Cha’n fheud so a bhi. Mar a thionndaidh Iosa air falbh dh’eirich e gu luath, is lean se e, air an t-slighe.
Tarruing mi, tha a chèile ag èigheach ‘san Dàn, cho luath is tha i faotainn seallaidh air a charbad rioghail ‘sam bheil a Tighearna teachd am fagus, Tarruing mi agus ruithidh sinn a’s do dhèigh (Dàn i. 4). Tha aon shealladh dheth a mhaise a lionadh a h-anama de dh’urram naomha. B’aill leatha ‘teicheadh a chum uchd, agus tàmh a dheanamh an sin. Nan gluaiseadh e, b’aill leath ‘ruith as a dhèigh.
Tha na briathraibh so “a leantuin Iosa,” a’ filleadh annta beatha a’ chreidimh gu h-iomlan, agus tha eiseam-plairibh air a’ leantuin gu pearsanta, air an talamh air an toirt ‘san Tiomnadh Nuadh, chum is gu’n tuigeamaid ciod tha air fhilleadh ‘na leantuin gu spioradail. Dh’fhàg Criosd eisimpleir againn chum is gu’n leanamaid a cheumannaibh (I Pead ii. 21). Tha Leighton a’ cur ‘nar cuimhne, gu’m bheil am focal ‘sa cheud chànan a’ cialla-chadh clàr-sgriobhaidh, sàmhuil tha aig cloinn ann an sgoil, agus gu’m bheil na h-uile ceum a thug e, na litir air a chlàr so. O, gu’n teagaisgeadh an Spiorad Naomh sinn chum is gu’n leanamaid an eisimpleir so a chuir e romhainn.
Gach neach a sheall ri Iosa mar ùghdair a’ chreidimh, seallaidh e ris mar fhear-crochnachaidh a’ chreidimh (Eabh xii. 2). Mu tha na suilean air am fosgladh ann am frinn a chum fhaicinn, bithidh an cridhe air fhosgladh chum a ghràdhachadh; agus ‘nuair tha’n cridhe air a chuir am farsuingeachd ruithidh sinn ann slighe àitheantaibh (Salm cxix. 32). Is e so dearbhadh neach a bhi na dheiscioibul. Ma ni neach ‘sam bith seirbhis dhomhsa, leanadh e mi (Eoin xii. 26). Tha e na chomharradh air na naoimh uile: Eisididh mo chaoraich ri m’ ghùth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi (Eoin x. 21). Tha an Sàlmadaire a labhairt, cha’n ann a mhàin air a shon fèin, ach air son cuideachd nam fior chreidmheach gu lèir, ‘nuair tha e ag eigheach, “Tha m’anam a dlùth leantuin riut (Salm lxiii. 8). B’e tearuinteachd Chaleib, agus Ioshùa, ann an latha na corruich, agus tha e air a sgriobhadh air son glòir dhoibh a chaoidh, gu’n do lean iad an Tighearna gu h-iomlan (Iosh. xiv. 6—14). Fhuair iad, ni a gheibh na h-uile fior luchd-turuis, gur i aon slighe na tearuinnteachd, agus an aon slighe air a theachd a mach as an Eiphit dhoibh a tha ruigheachd tir Chanaain. Se bhi leantuin Iosa a ghleidheas sinn o gach uile mhearachd, is teagamh, is eudochas; tha e gar cumail ceart ‘nar teagaigibh, tha e deanamh cinnteach ‘ar fàs ann an gràs, ‘ar comhfhurtachd, agus ‘ar soillseachaidh. Tha so uile air fhilleadh ann am briathraibh Chriosd: Is mise solus an t-saoghail, an ti a leanas mise, cha ghluais e, ann an dorchadas, ach bithidh solus na beatha aige (Eoin viii. 12). Agus ann an so, mar an ceudna, tha seirbhis, agus sonas àrd agus siorruidh nan naomh. Is e glòir agus sòlas an ceud agus dà fheichead agus ceithir, bha air an saoradh bho’n talamh, mar cheud-thoradh do Dhia is do’n Uan, gu’m bheil iad a leantuin an Uain, ge b’e taobh a theid e (Taisbean xiv. 4).
O chàirdean leanamaid e, ge b’e taobh a thèid e. Leanamaid e ‘san t-slighe, an t-slighe tha air a cuir sios ‘na fhocal, an t-slighe tha air a fosgladh na fhreasdail, an t-slighe mu bheil an Spiorad ag ràdh—Is i so an t-slighe, gluaisibh innte (Isaiah xxx. 21). Feudaidh i do threorachadh a chum teanntachdan mòra agus cruaidh; ach ‘nuair theid thu trid na h-uiseachaibh, bithidh esan maillle riut agus troimh na h-aimhnichibh, cha tig iad tharrad; an uair a dh’imicheas tu troimh an teine, cha loisgear thu, agus cha dean an lasair greim ort. Feudaidh i bhi na slighe, nach ‘eil sinn a’ faicinn a’ criche, agus air am feum sinn gluaasad gu fòil. Bitheamaid do dheadh mhisnich, agus cuireamaid ‘ar dòchas ann an Dia, oir molaidh sinn fathast e air son furtachd a ghnuise (Salm xlili. 5). Trath feasgair bithidh solus ann.
Tha aig amaibh a shlighe ‘sa chuan agus a cheumaibh ‘sna h-uiseachaibh mòra, agus cha’n aithnich sinn lorg a chosan. Tha an sin, guth a thairneanaich ‘sna neamhaibh, tha gèilt air na h-uigeachaibh, tha na doimhneachdan fuidh thrioblaid. Ach is iad a mhàin a naimhdhean aig am bheil aobhar eagail. Tha an t-ulluchadh uamhasach sin aig amaibh a cuir eagail air a shluagh car tamuill, agus feudaidh ball-chrith a theachd orra, nuair a thuigeas iad gu’m feum iadsan a cheumaibh eagalach-san a leantuinn. Ach tha gu h-aithghearr eadhon mnaibh Israeil a’ deanamh buaidh chaithream le tiompan agus dànnsa air tràigh na saorsa, ann an àrd bhuaidh an Dia (Salm lxxvii. 16—20).
Feudaidh slighe morain dhinn a bhi gle mhor ann an gleann an irioslachaidh; feudaidh i bhi na beatha aonaranaichd, bochduinn, agus saothair, a tha air a h-orduchadh dhuinn. Feudaidh sinn a bhi de dh’aireamh muinntir dhiomhair Chriosd (Salm lxxxiii. 3)fad ‘ar beatha. No feudaidh sinn bhi air ar tabhairt a nuas gu comhnuidh a dheanamh ann an sin, a’s deigh dhuinn a bhi ag imeachd ann an ionadaibh àrda. A nis arsa Bunain tha an tèurnadh chum a ghlinne so “càs,” agus an t-slighe “sleamhain,” agus co riabh nach d’fhuair mar sin i? Ach gidheadh is ann am meag fhaich-ean uaine, maiseach le lilighean a chuala Maighstir Mòr-chridhe agus an luchd-tùruis òran suilbheire a bhuaichaille òig, aig an robh urrad de’n lùs ris an abrar suaimhneas cridhe ‘na uchd. Agus ann an so bha aig aon àm a thigh-dùtcha aig ‘ar Tighearna; b’ionnmhuinn leis a bhi ann an so; b’ionnmhuinn leis mar an ceudna bhi sràid-imeachd ‘sna faichibh sin, agus fhuair e gu’n robh àileadh an àite tait-neach. Seadh, a luchd-cuairt iriosal, biodh fios agaibh ann an so gu’m faigh sibh cos-cheumaibh ‘ar Tighearna gu tric. Ann an sin chi sibh an stàbull ‘san d’rugadh e (Lucas ii. 7), an dachaidh iosal ‘san do ghabh e comhnuidh (Lucas ii. 39, 51), am bùth-oibre ‘san do shaothraich e (Marc vi. 3), taobh na beinne far an do bhuannaich e ri h-urnuigh re na h-oidheche gu leir. Faic na ceumaibh, thairis, air a’ ghléann gu lèir, iad uile air an caitheamh le a chosaibh-san, agus a stad cho tric aig àitibh comhnuidh an fhulangais agus na bochduinn (Mata. iv. 23; xi. 5). Ann an sin, shuidh e agus ghuil e os ceann nan ciontach, is muinntir chaillte (Lucas xix. 41), agus an an sin, ghabh e naoidheanan, is bheannaich e iad (Marc x. 13-16). Faic, mar an ceudna ionada àmhghair, e air a thoirt gu breitheanas, agus e a fulang bàs fuileachdach (Mata. xxvi. 36, 37). Agus ann an sin, tha uaigh, ach leis a chlach, air a tionndadh air falbh, agus falamh. Agus an sin, tha an seòmar uachdrach, far an do shèid e orra an t-sith ud, tha fathast an crichadh thar a ghleann ud, mar àileadh ioc-shlaint chùbhraidh.
Agus feumaidh do shlighe-sa, a chreidmhich bhi làmh ris a chrann-cheusaidh agus an uaigh. Ach an taobh thall de’n uaigh, tha’n aiseirigh, agus an sin crùn na beatha gu siorruidh. Biodh an treas sàlm thar an fheichead a’ teagasg dhuit, cionnus, agus c’ait, an treoraich e thu, agus ciod a ni e air do shon ‘san t-slighe; agus tha mi smuaineachadh gu’m bi thu ullamh air a ràdh le Maighstir Bunaiteach, mar a sheas e air bruach Amhainn a’ bhàis “Ciod ‘sam bith an t-àite, am faca mi lorg a choise air an talamh, an sin mhianaich mi mo chos fein a chur mar an ceudna. Amhaire uime sin ri Iosa do Roimh-ruith-fhear agus mar sin d’Eiseimpleir, ann an slighe a chreidimh ‘sna h-ùmhlachd, agus èigh ris mar a dh’èigh esan fein ann an latha ‘fheola, Taisbeinidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad’ lathair-sa; tha mòr shubhacas aig do dheas laimh gu siorruidh (Salm xvi. 11).
XI. A tabhairt glòir do Dhia.
‘Nuair a fhuair a shuillibh an taoibhneas a b’airde, riun e am feum a b’fhearach dheth a theangaidh. Is e glòir na teanga, gu’m bheil i comasach air glòir a tabhairt do Dhia (Seumas iii. 9). Air a lionadh le aoibhneas nach b’urrainn dha chumail fuidhe, bhris e mach ann an àrdbhuidheachas, agus moladh. Thòisich e ri seinn ann an slighibh an Tighearna (Sàlm cxxxviii. 5), cho luath is a chaidh e stigh orra. Ràinig e an ceathramh ceum, agus an ceum is soilleire de’n t-slighe tha air a’ taisbeinadh ann an Sàlm, I. 15; trioblaid a treorachadh a chum urnuigh, urnuigh a faighinn freagrath ann an saorsa, agus saorsa treorachadh, chum na gloire thoirt do Dhia. Mar a dh’amhaire e mu’n cuairt dha air maise na cruitheachd, agus mar a mhothaich e sruthanaibh maitheas gràsmhor Dhè a dol trid anam, bha e air a cho-èigneachadh chum a chuid fein a ghabhail de’n laoidh-mholaidh ud tha air a seinn ‘san t-soighail sin far am bheil araon obair a’ chruthachaidh, agus na saorsa a’ tabhairt gloire do Dhia; Is mòr, agus is iongantach, t’oibre, a Thighearna Dhé uile-chumhachdaich; is ceart, agus is fior do shlighean-sa a Righ nan naomh. Co air nach biodh eagal romhad, O Thighearn, agus nach tugadh gloir do t-ainm. Esan a dh’obras moladh, bheir e gloir dhomhsa, tha an Tighearna ag radh. Bha tri ròidean, anns an do ghloirach Bartimeus e, agus cha’n urrainn neach ‘sam bith a ghloireachadh ann an rathad eile:—agus b’iad sin, ann an smuain, ann am briathar, agus ann an gniomh; le aoibhneas is moladh uaigneach a chridhe, le cliu a thabhhàirt dha gu follaiseach, agus le e a’ leantuinn Iosa ‘san t-slighe. B’e a cheud dhiubh toradh an anama; an dara toradh nam bilean; an treas toradh a chaithe-beatha. Bha a’ cheud aon faicsinneach do Dhia a mhain, bha an dara ‘s an treas follaiseach do dhaoinibh. B’e a’ cheud aon freumh folaichte chàich, oir is e breth-buidheachais an anama, fior bhreith-buidheachais, agus far am bheil uireasbhuidh air, tha aideachadh a bheoil, agus oibrìbh a’ chaithe-beatha marbh agus gràineil:—na thabbhartas na ceilge. Ach mar ‘eil an tabhartasan aig na bilibh is aig a’ chaithe beatha mar an ceudna, tha moladh an anama a’s eugmhais an fhoillseachaidh, is na dearbhaidhean air am bheil feum aige, agus mar chreidimh gun oibrìbh tha e marbh air dha bhi ‘na aonar (Seumas ii. 17). Mu tha soitheach air a chur air an t-solus trid leisg, no gealtachd ann an labhairt, no ann an oidhirp air son Dhé, agus aobhair, cha’n e ‘mhain gu’m bi an solus air fholach, ach bithidh e air a mhùchadh. Mu tha lànachd ‘sa chridhe, feumaidh gu’n labhair am beul (Mata v. 15). Am bheil thusa fathast ad’ bhalbhan? Mu tha, is falamhachd an lànachd a shaoil leat a bhi ‘nad chridhe. Mar ‘eil freumh aig do dhiadhachd ad’ chridhe, cha’n ‘eil ans ach faoinas. Diadhachd sa’ chridhe gun toradh ad’ chleachdadh, tha sin, na ni eu-comasach. Feumaidh sinn féin a bhi ‘nar solus air tûs, air ‘ar soillseachadh bho Ghrian na fireantachd, agus an sin feumaidh ‘ar solus dealradh, an lathair dhaoine, chum is gu’m faic iad ar’ deadh oibrìbh. Is an mar so a mhàin, is urrainn dhuinn muinntir eile a threorachadh chum glòir a thabbhàirt do ‘ar n-Athair a ta air neamh, agus mar sin, a ghloireachadh sinn féin (Mata v. 14-16).
Dh’fheuch Doctoir Doddridge, aig aon àm ri maitheanas fhaotainn air son duine bha air a dhiteadh gu bàs. Shoir-bhich leis, agus ghreas e dh’ionnsuidh a phriosain leis an naighheadh aoibhneach, agus air dha innseadh thilg an duine bochd e féin aig cosaibh an fhir a dh’fhuasgail air, agus thubhàirt e, “tha na h-uile boinne fala am’ chorpa’ toirt tàing dhuit, oir shaor thu iad uile.” Bha aideachadh mar so air tàingéalachd a chridhe, air a chluinntinn aig na daoine a shaor Iosa, ò am plàighibh. Thoisich am balbhan ri seinn, am bacach ri leum, agus thaisbein iad uile ann an doigh aithnichte, cia cho tàingeil is a bha iad air son trocairean cho mòr. Cha’n ‘eil sinn a cluinntinn ach a màin aig aon àm a’ cheisd agus an gearan, Nach robh deichnear air an glanadh, c’ àit am bheil an naonar, cha’n ‘eil air am faotainn a phill a thoirt gloire do Dhia, ach an coigreach so a mhàin (Lucas xvii. 17. 18).
Bha diadhachd na h-eaglais ‘sna ceud linnibh de’n nàdur shuilbheire fhosgailte so. Agus ‘nuair theid sinn ni’s faide air ‘ar n’ais, is a dhireas sinn, beinn Shioin, ciod an ceol aoibhneach, tha a coinneachadh ‘ar cluais! Nach ann, a bha a mhòr-chliùth air clàrsaichean, agus fuaim nan innealaibh cuil le guth sàlmaibh, mar fhuaim a chuain! Eisdeamaid ris: Thigibh, agus cluinnibh sibhse, air am bheil eagal Dé, is cuiridh mi an ceill ciod a rinn e air son m’anam (Salm lxxvi. 16). Molaidh mi an Tighearna a ghnàth; bithidh a chliu gun sgrur ann am bheul. O arduichibh an Tighearna leam; agus molamaid ainn le chéile (Salm xxxiv. i. 3). O seinnibh do’n Tighearna òran nuadh! Seinnibh do’n Tighearna. Beannaichibh ainn! (Salm xcvi. i. 2). Oir is maith an ni buidheachas a thoirt do’n Tighearna, agus cliu a sheinn do d’ainm. O Thi is airde, oir tha e taitneach, agus tha moladh maiseach (Salm xcii. i; cxlvii. i). Deanadh clann Shioin gairdeachas ‘nan Righ (Salm cxlix. 2).
Mo thruaighe! nach iomadh iad ‘nar latha-ne tha ag aideachadh a bhi nan clann do’ Shion, is air am bheil nàire dhe’n Righ, Cha’n ‘eil naiğheachd aoibhneach aca ri inn-seadh mu a mhaitheas de’n anamaibh, cha’n ‘eil clàrsach a chuir an cèill a chliù aca cha’n ‘eil iad air an éigneachadh chum gairm a thabhairt do neamh is do thalamh, agus do naoimh Dhé, an guthaibh a thogail maille riu ann an àrd-mholadh gràs saoraidh.
Ach ciod uime an labhrainn mar so? Tha daoine is mnathan ann tha ‘gaideachadh bhi air an leigheas leis an Tighearn Iosa ò ghalar bàsmhor an anama, agus gidheadh aig nach ‘eil do mhisnich aon fhocal a’ labhairt air a’ shon ‘sna cuideachdan ‘sam bi iad. Am bheilar a’ labhairt gu h’olc uime. Cha seas iadsan aobhar. Am bheil cliù maith air a’ thabhairt air? Cha’n ‘eil focal aca-san leis am mol iad e. Am bheil e gun iomradh idir air? Leanaidh a’ chùis mar sin, air an sonsan. Cha leoir a’ mhaise, no oirdheirceas, no glòir, a phearsa, a dhreuchdan, agus obair; irosalachd, a ghràs, agus a chaomhalachd, uil’eachdraidh a bheatha, uil fhulangais a bhàis; àrdachadh, a rioghachadh, agus ath-theachd, a chum an teanganna a chuir air ghlusad, no ni ‘sam bith a thoirt dhoibh ri ràdh uime.
Cha’n e sin a mhain; tha iad a faicinn an coimhears-naich dhalla a smeurachadh air an t-slighe a chum oidche neochriochnach, ach cha’n urrainn dhoibh a dhòl da’n ionnsuidh a mholadh an Lighiche neamhaidh dhoibh.