Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1930 » May 1930 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

I. AN STAID NEOCHIONTACH, NO A’ CHEUD
IONRACAS SAN ROBH AN DUINE AIR A CHRUTHACHADH.

ECCLES. vii. 29.

“Feuch, an ni so a mhàin fhuair mi, gu’n d’rinn Dia an duine
direach, ach dh’iarr iad féin iomadh innleachd a mach.”

THA ceithir nithe air am bheil e feumail dhoibhsan eòlas
fhaotainn, le’m b’aill nèamh fhaicinn: 1. Ciod a bha’n
duine ann an staid na neochiontaichd, mar a rinn Dia e. 2. Ciod
a tha e ann an staid an nàduir thruailidh, ‘san do dhithich se
e féin. 3. Ciod as éigin dha bhi ann an staid nan gràs,
air a chruthachadh ann an Iosa Criosd gu deadh oibre, ma
bhitheas e gu bràth air a dheanamh ‘na fhear comh-pairt do
oighreachd nan naomh ‘san t-solus. Agus “anns an àite mu
dheireadh,” Ciod a bhitheas e ‘na staid shiorruidh, air a dheanamh
le Breitheamh nan uile, foirdh ann an sonas, no gu h-iomlan
truagh, agus sin gu siorruidh. Is cuisean cudthromach iad
so, a ta buntuinn ri beatha na fior dhiadhachd; d’ am bheil a
chuid as mò de dhaoine, agus eadhon de luchd aidmheil, nam
fior-choigrich anns na h-amannaibh ole so. Tha rùn orm, air
an aobhar sin, le còmhnadh Dhé, na nithe so fhosgladh suas,
agus cleachdadh a dheanamh dhiubh.

Tòisichidh mi leis a’ cheud aon diubh, eadhon, staid na
neo-chiontaichd: a chum, air dhunnn an duine fhaicinn air a
dheanamh maiseach a réir coslais lùchairt, gu ‘n cuir an tuiteam
ni’s mò de chràdh oirnn, gu ‘m bi an tuilleadh meas againn air
a’ Phearsa sin gun choimeas, a chuir an t-Athair ‘na “fhear-
càramh a’ bhèuma;” agus a chum gu’n teich sinn le rùn
suidhichte, a dh’ ionnsuidh na slighe sin a ta treòrachadh do’n
bhaile aig am bheil bunaite neo-ghluasadaich.

Tha tri nithe againn anns a’ bhonn-teagaig. 1. An staid
neo-chiontaich ‘san robh an duine air a chruthachadh: Rinn Dia
an duine dìreach. Tha duine ann an so a’ ciallachadh ar ceud
sinnseara, a’ chàraid phriomdh-ehoslaich, freumh a’ chinne-daoine,
an saoghal ann an suim aithghearr, agus an tobar o’n do shruth
gach uile ghinealaich, mar a chithear mu choimeasas sinn, Gen. v.
1. agus 2. rann, “Anns an là ‘san do chruthaich Dia an duine,

ann an coslas Dhé rinn se e. Firionnaich agus boirionnach chruthaich e iad, agus bheannaich e iad, (mar ffreumh a’ chinne-daoine,) agus thug e Adhamh mar ainm orra.” Tha am focal ceudna sa’ cheud chainnt a’ ciallachadh an aon ni a ta ‘nar bonn teagaig: Anns an t-seadh so rinneadh an duine díreach (freagarach ri nàdur Dhé, aig am bheil obair iomlan,) as eugmhais neo-iomlaineachd truaillidheachd, no siol na truaillidheachd, ‘na chorp no ‘na anam. Rinneadh e cothromach; ‘se sin ri ràdh, díreach ri lagh agus toil Dhé, as eugmhais mi-righailt ‘sam bith ‘na anam. Leis a’ chumadh a fluair e ‘na chruthachadh, bha e ‘g amharc gu díreach ri Dia, mar ‘àrd-chrioch: bha’n t-aomadh díreach sin air a thaisbeanadh mar ann an samhladh, le deilbh dhíreach a chuirp; deilbh nach ‘eil aig creutair beò eile. Mar a bha Daibhidh ann an seadh an t-soisgeil, mar sin bha esan ann an seadh an lagha, “aon a réir cridhe Dhé féin,” gu h-iomlan fireanta, fior-ghlan agus naomh. Rinn Dia mar so e; cha d’ rinn e air tús e, agus an deigh sin a dheanamh firinneach, ach ‘na dheanamh, rinn e firinneach e. Bha ceud fhireantachd air a co-chruthachadh maile ris, air chor as anns a’ cheart àm ‘san robh e ‘na dhuine, gu ‘n robh e ‘na dhuine firinneach, deadh-bheusach; leis a’ cheart anail leis an do shéid Dia anam beò ann, shéid e anam firinneach ann.

  1. Is i so staid leagaídh an duine: “Ach dh’iarr iad a mach iomadh innleachd.” Thuit iad air falbh o ‘m fois ann an Dia, agus thoisich iad air an innleachdan féin iarraidh, a leasachadh an staid; agus thur-mhill iad i. Bha’n sgríos o’n ceart ghluasad féin; cha’n fhanadh iad anns an staid ‘san d’ rinn Dia iad, ach dh’ iarr iad a mach innleachdan gu iad féin a thruailleadh agus a mhilleadh.

  2. Thoir fa’near ann an so cinnteachd agus cudthrom nan nithe so: “Feuch, an ni so ‘mhàin fluair mi; “Creid iad, fhuaradh a mach iad leis an duine bu ghlice; an déigh mìnrannsachaidh agus gear-fhiosrachaidh. Ann an dà rann roimhe, tha Solamh ‘ga nochdadh féin mar gu’m biodh e ‘a rannsachadh an déigh maitheis ‘san t-saoghal; ach ‘se bu chrioch d’a shaothair, nach robh e’n comas da toradh ‘sam bith a riarachadh e, fhaotainn a mach; ged nach b’ann a dhìth saothreachaidh “oir, mheas e iad gach aon an déigh a chéile a dh’ fhaotainn an àireimh a mach.” “Feuch, so fluair mi (ars’ an Searmonaiche) ni a ta m’anam ag iarraidh fathast, ach nach d’ fluair mi, mar tha’m focal ceudna air a leughadh ‘nar bonn-teagaig. Cha b’ urrainn e riarachadh ‘sam bith fhaotainn a mach, a chuireadh

stad air a rannsachadh. Fhuair e daoine maith ro thearc, aon mar gu b’ann am meag mile; mnai maith ni bu teirce, cha robh a h-aon maith an meag a mhile mna agus coimh-leabaich. 1 Righ xi. 3. Ach am b’urrainn sin a’ cheist mhòr a fhreagairt, “C’ àit am faighear gliocas?” Cha b’urrainn; agus mu theid fiosrachadh muinntir eile an aghaidh fiosrachaidh Sholaimh air a’ cheann so, mar nach masladh sin air a thuiige-san, ‘s co beag a dh’ fhuasglas e cheist, a dh’ fhanas gun fhuasgladh gus an là dheireannach. Ach, am meag na neo-chinnteachd so uile, that aon ni air fhaotainn a mach agus air a dheanamh cinnteach: An ni “so fhuair mi a mach.” Feudaidh sibh earbsa as mar ni a ta ro fhiar, agus a bhi làn chinnteach uime, “Feuch so!” suidhichibh bhur suilean air, mar ni as airidh air smuintibh domhain agus cudthromach, eadhon, gu bheil nàdur an duine a nis air a thruailleadh; ach cha’n ann o Dhia a bha’n truailldheachd sin, oir “rinn e an duine dreach;” ach is ann uapa féin a bha i, “dh’ iarr iad iomadh innleachd a mach.”

An teagasg,—Rinn Dia an duine gu h-iomlan ionraic. Is i so staid na neo-chiontaichd ‘san do shuidhich Dia an duine ‘san t-saoghal. Tha ‘n staid so air a’ cur an cèill, ‘sna Scriobtuiribh naomha gu h-aithghearr, an coimeas ris na staidean a leanas; oir cha do mhair an staid so, ach chaidh i thairis mar fhaileas, do bhrigh gu’n do mhi-ghnathaich an duine saorsa a thoile. Feòraichidh mi,—Sa’ cheud àit, Mu fhireantachd na staid san do chruthaicheadh an duine.—san dara àite, Leigidh mi ris dhuibh cuid do ‘n t-sonas a bha’n co-chuideachd agus a’ leantunn na staid so. Mu dheireadh, Ni mi cleachdadh do’n teagasg gu h-iomlan.

Mu cheud fhireantachd an Duine. ‘S a’ cheud àit, Do thaobh fireantachd na staid so, thoir fa’near, mar fhireantachd neo-chruthaichte gur i fireantachd Dhé, an t-aon àrd-riaghailt; tha gach uile fhireantachd chruthaichte, co dhiubh as ann an daoinibh no an ainglibh a tha i a’ co-sheasamh ann an aontachadh leis an lagh. Cha ‘n urrain Crèutair ann an seadh spioradail, gun a bhi ann an comain Dhé, do thaobh a ghniomhara agus a chomasan, ni’ s mò na ‘s urrainn dha ann an seadh nadurra, gun a bhi ‘na chomain. Is éigin do ‘n chrèutair, mar chrèutair, aideachadh, gur e toil a Chruithir an àird-riaghailt; oir mar nach urrainn e bhi as eugmhais, mar sin cha’n urrainn dha gun a bhi air a shon, agus a réir a thoile; gidheadh cha ‘n ‘eil lagh a’ ceangal gus am bheil e air fhoillseachadh. Agus uaithe so tha e soilleir, gu ‘n robh lagh ann fuidh’n robh an duine mar chrèutair reusanta ‘na chruthachadh; agus gu’n robh an lagh so

air fhoillseachadh dha. “Rinn Dia an duine dìreach, deir an bonn teagaig: Tha e air a roimh-chiallachadh ann an so, gu’n robh lagh ann ris an robh e air a chumadh ‘na chruthachadh; mar an uair a tha ni ‘sam bith air a dheanamh a réir riaghailt, gur éigin gu ‘m bi an riaghailt féin air a roimh-chiallachadh. Uaith sin feudaidh sinn fhaicinn, gu ‘m b’e so lagh siorruidh, neo-atharraichte na fireantachd a bh’air a choimhlionadh anns gach puine dheth, leis an dara Adhamh, aig am bheil an inntinn fheolmhor a’ cur ‘na aghaidh; air am bheil cuid de bheachd doreha fathast am meag nam Paganach, muinntir “aig nach ‘eil an lagh, a ta ‘nan lagh dhoibh féin,” Rom. ii. 14. Ann an aon fhocal, ‘se so a’ cheart lagh a bha’n déigh sin air a chur sios anns na “deich àitheanta,” agus air a chur an céill gu follaiseach, do na h-Israelich air sliabh Shinai, ris an abair sinn “Lagh nam modhanna;” agus bha fireantachd an duine a’ co-sheasamh ann an co’-fhreagradh do ‘n lagh no do ‘n riaghailt so. Gu h-àraid, tha dà chomh-fhreagradh air an iarraidh air an duine; comh-fhreagradh buadhan anama ris an lagh, ris an feud thu radh “fireantachd naduir,” agus comh-fhreagradh uile ghniomhara ris an lagh, ris an abrar “fireantachd ghniomh.” A nis, rinn Dia an duine fireanta an nàdur, bha’n duine ri e féin a dheanamh fireanta an gniomh: b’e a’ cheud aon an gné a chuir Dia ‘na laimh, agus b’e an dara aon a bhuil bu chòir dha dheanamh dheth. ‘Se suim na thubhairt mi, gu ‘m bi ‘n fhireantachd ‘san robh an duine air a chruthachadh, co’-fhreagradh do uile bhuadhaibh agus uile chumhaichdaibh an anama ri lagh nam modhanna. Is i so ris an abair sinn “a’ cheud fhireantachd,” leis an robh an duine air tús air a chòmhdaichadh. Feudaidh sinn beachd a ghabhail orra anns na tri nithibh a leanas.

‘S a’ cheud àit, Bha tuigse ‘n duine ‘na lòchran soluis. Bha eòlas iomlan aig air an lagh, agus air a dhleasdanas da réir sin. Bha e air a dheanamh a rèir coslais Dhé, agus uime sin cha b’ urrainn dha bhi dh’ easbhuidh eolas, a ta ‘na earrann do’n choslas sin, Col. iii. 10.: Tha an nuadh dhuine air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a réir iomhaigh an ti a chruthaich e. Agus gun amharus, bha so iomchuidh, gu dheanamh comasach air làn-umhlachd a thabhairt, a chionn nach urrainn umhlachd a bhi a réir an lagha, mur ‘eil i a’ sruthadh o mhothachadh air àithne Dhé a bhi g’ a h-iarraidh. Tha e fior, nach robh aig Adhamh an lagh scriobhta air clàir chloiche; ach bha e scriobht’ air inntinn, do bhrigh gu’n robh eòlas an lagha air a chomh-chruthachadh leis. Dhaingnich Dia air anam e agus rinn se e ‘na lagh, dha féin, mar a tha fuigheall am meag nan cinneach

a’ taisbeanadh, Rom. ii. 14, 15. Agus do bhrigh gu’n robh an duine air a dheanamh ‘na bheul do ‘n chruthachadh, gu Dia a ghlorachadh ‘na oibríbh, tha aobhar againn a chreidsinn gu robh gu nàdurrà fior-eòlas aig air oibríbh Dhé. Tha dearbhadh againn air so anns gu’n d’thug e ainmean air beathaichibh na macharach sin uile a réir an naduirean fa leth. “Ge b’e ainnm dha,” Gen. ii. 19. Agus tha’n nachdranachd a thug Dia dha os ceann nan creutairean, gu feum measarra dheanamh dhiubh a réir thoile, (do ghnàth ann an umhlachd do thoil Dhé,) a’ taisbeanadh gu’n robh eòlais aig air an nàduiribh fa leth. Agus a thuilleadh air so uile, tha ‘m fior-eolas bh’ aig air an lagh a’ dearbhadh an eòlais laghail a bh’ aige mu ghnothaiche saoghalta òrduchadh, gnothaiche, a thaobh lagh Dhé, “a riaghlàs duine maith le ceartas,” Salm cxii. 5.

‘San dara àite, Luidh a thoil dìreach ri toil Dhé, Eph. iv. 24. Cha robh truaillidheadh ‘na thoil, cha robh fiaradh no claoanadh a chum uile, oir is peacadh, sin, mar is ceart a ghoirear dheth; uaith so a deir an t-Abstol, Rom. vii. 7. “Cha b’ aithne dhomh peacadh, ach tre’n lagh; oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mur abradh an lagh, na sanntaich.” Claonadh a chum uile, is e sin da rireadh tobar a’ pheacaidh, agus uime sin neofreagarach ris an ionracas agus an treibh-dhireas a tha ‘m bonn teagaig gu soilleir a’ dearbhadh a bh’ aige ‘na chruthachadh. Bha toil an duine an sin, gu nadurra ag amharc, agus ag aomadh ri Dia agus ri maitheas, ged a bhi i caochlaidheadh. Bha an toil, ‘na ceud deilbh, air a h-aomadh gu toil a Cruitheir a’ leantuin, mar tha’m faileas a’ leantuin a’ chuirp; agus cha robh i air a fàgail ann an tomhas cothromaiche gu maith agus ole: oir nam biodh i mar sin, cha bhiodh an duine dìreach, no ann an nàdur freagarach ris an lagh, nach mò a dh’ fhuilingeas do ‘n chrèntair a bhi aon mhionaid, gun a bhi ‘g aomadh ri Dia mar àrdehrioch, na dh’ fhuilingeas e do’n duine bhi ‘na dhia dha fèin. Bha ‘n lagh air a dhaingneachadh air anam Adhaimh: a nis that so, a réir an nuadh choimh-cheangail, leis am bheil iomhaigh Dhé air a h-aiseag, ann an dà ni, 1. A’ cur an lagha ‘san intinn; a ta ciallachadh eòlas air: 2 Ga sgiobhadh anns a’ chridhe; a ta ciallachadh aomaidhean anns an toil freagarach ri aitheantaibh an lagha, Eabh. viii. 10. Air chor, as mar bheir sinn fa’near do ‘n toil, ‘nuair a tha i air a nuadhachadh le gràs, gu bheil i leis a’ ghràs sin ag aomadh gu duchasach gus a’ cheart naomhaichd a tha’n lagh ag agradh anns gach earrann dheth; mar sin bha toil an duine, ‘nuair a

Rì leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice