Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1930 » June 1930 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

I. AN STAID NEOCHIONTACH, NO A’ CHEUD
IONRACAS SAN ROBH AN DUINE AIR A
CHRUTHACHADH.

(Continued from Page 35.)

‘San dara àite, Luidh a thoil díreach ri toil Dhé, Eph. iv. 24. Cha robh truailldheachd ‘na thoil, cha robh fiaradh no claonadh a chum uile, oir is peacadh, sin, mar is ceart a ghoirear dheth; uaith so a deir an t-Abtol, Rom. vii. 7. “Cha b’ aithne dhornh peacadh, ach tre’n lagh; oir cha bhiodh eòlas agam air saunt, mur abradh an lagh, na sanntaich.” Claonadh a chum uile, is e sin da rireadh tobar a’ pheacaiddh, agus uime sin neofhreagarach ris an ionracas agus an treibh-dhireas a tha ‘m bonn teagaig gu soilleir a’ dearbhadh a bh’ aige ‘na chruthachadh. Bha toil an duine an sin, gu nadurra ag amharc, agus ag aomadh ri Dia agus ri maitheas, ged a bhi i caochlaidheach. Bha an toil, ‘na ceud deilbh, air a h-aomadh gu toil a Cruithneir a’ leantuinn, mar tha’m faileas a’ leantuinn a’ chuirp; agus cha robh i air a fàgail ann an tomhas eothromaiche a gu maith agus ole: oir nam biodh i mar sin, cha bhiodh an duine díreach, no ann an nàdur freagarach ris an lagh, nach mò a dh’ fhuilingeas do ‘n chrèutair a bhi aon mhionaid, gun a bhi ‘g aomadh ri Dia mar àrdechroch, na dh’ fhulaingeas e do’n duine bhi ‘na dhia dha fèin. Bha ‘n lagh air a dhaingneachadh air anam Adhaime: a nis that so, a réir an nuadh choimh-cheangail, leis am bheil iomhaigh Dhé air a h-aiseag, ann an dà ni, 1. A’ cur an lagha ‘san inntinn; a ta ciallachadh eòlas air: 2 Ga sgiobhadh anns a’ chridhe; a ta ciallachadh aomaidhean anns an toil freagarach ri aitheantaibh an lagha, Eabh. viii. 10. Air chor, as mar bheir sinn fa’near do ‘n toil, ‘nuair a tha i air a nuadhachadh le gràs, gu bheil i leis a’ ghràs sin ag aomadh gu duchasach gus a’ cheart naomhachd a tha’n lagh ag agradh anns gach earrann dheth; mar sin bha toil an duine, ‘nuair a Bheir sinn fa’near dha, mar a rinn Dia an toiseach e, sgeudaichte le aomadh nadurra gus na h-uile na a ta air an àithne leis an lagh. Oir ma tha iadsan a ta air an ath-ghineamhuin ‘nan luchd eomh-pairt do ‘n nàdur dhiadhadh, mar gun teagamh a

ta iad; oir mar sin a deir an Scriobtur, 2 Pead. i. 4, agus mu tha’n nadur diadhaidh a’ ciallachadh ni nach lugha na aomadh a’ chridhe gu naomhaechd, mar sin gu cinnteach, cha b’urrainn toil Adhaimh a bhi dh’ easbhuidh na naomhaechd so, oir annsan bha iomhaigh Dhé iomlan. Is fior gu bheil e air a ràdh, Rom. ii. 14, 15, Gu ‘m bheil na Cinnich a’ nochdadh obair an lagha sgrìobhta ‘nan eridheachaibh; ach tha so a mhàin a’ nochdadh an eòlais air an lagh sin mar a ta e: ach tha ‘n t-Abstol a chum nan Eabhruidheach, ‘sa chaibdeil a dh’ ainmicheadh, a’ gabhail an fhocal eridhe an seadh eile; ‘ga eadar-dheallachadh gu soilleir o’n inntinn. Agus is éigin aideachadh, ‘nuair a tha Dia a’ gealltainn, ‘s a’ choimheangal nuadh, “Gu ‘n sgrìobh e a lagh ann an eridheachaibh a phobuill,” gu bheil e ciallachadh ni nach ‘eil idir aig na Cinnich; oir ged tha breitheachadh ac’ air ‘nan inntinnibh, tha’n eridheachan a’ dol rathad eile: fhuair an toil claonadh agus aomadh a tha calg dhireach an aghaidh an lagha sin. Agus uime sin, éigin do’n fhocal, anns an t-seadh so, a bhi ciallachadh a thuilleadh air breithneachadh na h-inntinn gu bheil aomadh na toil a’ dol leis; oir ged tha’n t-aomadh so air a choimeasga le truaillidheachd anns a’ chreutair nuadh, bha e fior-ghlan ann an Adhamh, ‘na threibhdhireas. Ann an aon fhocal, mar a b’ aithne do Adhamh toil a mhaighstir a thaobh dleasdanais, mar sin sheas a thoil ris na b’ aithne dha.

San treas àite, Bha aignidhean an duine, riaghailteach, glan, agus naomha; nithe a ta ‘nan earrann flèumail do ‘n treibhdhireas san robh e air a chruthachadh. Tha ‘n t-Abstol a’ cur suas athchuinge ann 2 Tes. iii. 5. ‘Gu seòladh an Tighearn bhr eridheacha chum gràidh Dhé.’ ‘Se sin, “Gu deanadh an Tighearn bhr eridheacha dìreach;” no, gu d’ thugadh e orra luidhe dìreach ri gradh Dhé: agus tha ar bonn teagaig ag innseadh dhuinn, gu ‘n robh an duine mar so air a dheanamh dìreach. Tha ‘n nuadh dhùine air a chruthachadh ann am fireantachd agus ann am fior-naomhaechd, Eph. iv. 24. A nis, feudaidh an naomhaechd so, mar a ta i eadar-dhealaichte o fhireantachd, a bhi ciallachadh fior-ghloine agus deadh riaghailt nan aignidhean. Agus mar so, an t-Abstol, 1 Tim. ii. 2. Is aill leis fir a dheanamh urnuigh “a’ togail suas lamha naomha, gun fheirg, gun amharus;” do bhrigh mar nach fhaicear dealbh na gréine ann an uisge salach; mar sin tha ‘n eridhe a ta làn a dh’ aignidhean neoghlan agus mi-riaghailteach neo-iomchuidh air eo-chomunn diadhaidh. Cha ‘n ‘eil teagamh, nach robh na h-iarrtuis anns an duine a ta ‘g éirigh o ‘n chorp a’ dol a mach an déigh ehuspairean a bheireadh riarachadh do bhuaidhibh

a’ chuirp. Oir do bhrigh gu’n robb an duine air a dheanamh suas do chorpa agus do anam, agus gu’n d’rinn Dia an duine so gu féin a ghlorachadh agus a mhealtuinn; agus a chum na eriche so, gu’n gnathaicheadh e a chreutairean, ann an umhlachd d’a nachdaranachd féin: tha e soilleir gu’n robb toil an duine gu nadurra air a h-aomadh gu maith spioradail agus mothachail; gu h-àraid gu maith spioradail, an t-àrd-mhaith, mar àrd chrioich. Agus uime sin, bha gach gluasad agus iarrtus a bha sruthadh o’n chorpa fuidh cheannsal d’a reusan agus d’a thoil, a luidh direach ri toil Dhé; agus cha robb iad anns an ni bu lugha ‘na h-aghaidh. Mur biodh e mar sin, bhiodh e air a dheanamh suas do nithibh a tha’n aghaidh a cheile; air d’a anam a bhi gu nadurra ag aomadh gu Dia, mar a chrioich mhòr anns a’ chuid a b’airde dheth; agus an t-anam ceudna bhi ‘g aomadh gus a’ chreutair mar a chrioich mhòr anns a’ chuid a b’isle dheth, mar a deir iad; ni a ta do-dheanta; oir cha’n urrainn duine san aon uair dà chrioich a bhi aige. Bha aignidhean an duine ma ta, ‘na cheud staid saor o gach salachar, saor o gach tinneas agus galar, do bhrigh gu’n robb iad fuidh umhlachd dhligheach d’a reusan soilleir, agus d’a thoil naomh. Bha cumhachd aige mar an ceudna, gu dheanamh, a reir a thoile, cumhachd gus a’ mhaith a dheanamh, a bha’ fios aige bu choir a bhi deanta, agus a dh’ionnsuidh an robb a thoil ag aomadh, eadhon, uile lagh Dhé a choimhliionadh. Mur biodh e mar sin, cha’n iarradh Dia umhlachd iomlan uaithe; oir, a bhi ag ràdh, gu bheil an Tighearn “a’ tional san ionad anns nach do sgaol e,” is droch thoibheum e, an aghaidh an Dé mhaith, agus fhal, Mat. xxv. 24, 25.

O na chaidh a ràdh, feudar fhaicinn, gu’n robb a’ cheud fhireantachd a mhinich sinn iomlan agus nadurra, gidheadh caochlaidheach.

Sa’ cheud àit, Bha i iomlan; araon d’a thaobhsan aig an robb i, (an duine gu h-uile,) agus a cuspair (an lagh gu h-uile,) iomlan a deiream, d’a thaobhsan aig an robb i; oir bha’n fhireantachd so a’ comhdachadh an duine gu leir: bu thaoisgheur bheannaichte i, a thaoisnaich am meall uile. Cha robb aon tarrainn mearachdach am pàilliuin nàduir an duine, ‘nuair a chuir Dia suas e, ciod air bith mar tha e a nis air a chur as a cheile. Bha’n duine an sin, naomh ‘na anam, ‘na chorpa, agus ‘na spiorad. Am feadh ‘sa mhair an t-anam neo-thruailidh, bha ionad còmhuidh air a chumail glan, agus gun smal: bha buill a chuirp ‘nan soithichibh coisrigte, agus ‘nan armaibh

fireantachd. Bha gleachd eadar feoil agus spiorad, rèusan agus miann; eadhon an claonadh bu lugha gu peacadh, no gu ana-mhiann feolmhor anns a’ chuid a b’isle do ‘n anam, gu h-uile neo-fhreagarach ris an treibhdhíreas so san robh an duine air a chruthachadh; agus bha so air a dheilbh gu sgail a chur air truaillidheachd náduir an duine, agus gu duibh-nèul a chur air gràs Dhé ann an Iosa Criosd: Tha e ro chosmhuil ri cainnt Adhaimh ‘nuair a thuit e, tha fágail a’ pheacaoidh aig dorus a Chruiteir, Gen. iii. 12. “A’ bhean a thug thu gu bhi maille rium, thug ise dhomh do’n chraoibh, agus dh’ith me.” Ach mar a bha’n fhireantachd so iomlan, d’a thaobhsan aig an robh i, a chionn gu’n do chomhdaich i an duine gu h-uile; mar sin, mar an ceudna, bha i iomlan thaobh a’ chuspair an Lagh naomh. Cha robh ni anns an lagh, ach ni bha freagarach r’a rèusan agus r’a thoil, mar a rinn Dia e; bha anam air a chumadh ann am fad agus ann an léud, ris an àithne, ged tha i ro-fharsuinn. Air chor as nach e mhain gu’n robh a’ cheud fhireantachd so iomlan ann an ruigsinn air an duine gu h-uile, ach mar an ceudna iomlan anns na h-uile bhuaidd do’n duine.

San dara àite, Mar bha’n fhireantachd so iomlan, mar sin bha i nàdurrà dha, agus cha robh i os ceann nàduir anns an staid sin. Cha’n e nach fheudadh e bhi d’a h-easbhuidh, agus a bhi fathast ‘na dhuine, oir nam biodh e mar sin, cha b’urrainn dha a call a dh’easbhuidh a dhearbh-bhith a chall: ach bha i co’-cheangailte ris. Bha e air a chruthachadh leatha; agus bha i freagarach ris an iomlaineachd anns an robh an duine, mar a thainig e mach o làimh Dhe: iomchuidh gu dhaingneachadh ann an staid threibhdhirich.

Gidheadh, san treas àite, Bha i caochlaidheach; b’fhireantachd i a dh’fheudta chall, mar tha soilleir o’n truaighe a lean. Cha robh a thoil caoin-shuarrach gu maith no gu h-ole, shuidhich e a h-aoman air chor as nach b’urrainn dhi atharrachadh. Ni h-eadh, bha e’n comas dhi tionndadh gu ole; agus sin a mhain leis an duine féin, air do Dhia cumhachd gu leòir a thabhairt dha gu seasamh anns an treibhdhíreas so, nan toilicheadh e. Na biodh gearan aig duine sam bith air obair Dhé anns a’ chùis so, oir nam biodh Adhamh fireanta ann an dòigh neo-chaochlaidheach, b’fheudar gu’m bitheadh e mar sin a thaobh nàduir, no le saor-thiodhlac: Cha b’urrainn dha bhi mar sin a thaobh nàduir, oir buinidh sin a mhain do Dhia, agus tha e neo-roinn-phairtichte ri creutair sam bith; nam b’ann le saor-thiodhlac, cha d’rinneadh eucoir air, ann an cumail uaithe an

ni nach b’urrainn dha thagar. Daingneachadh ann an staid fhireanta, is duais gràis e, air a thabhairt air son buanachaidh firinneach trid staid na deuchainn; agus a blitheadh air a tabhairt do Adhamh, nan seasadh e mach an ùine dh’orduicheadh airson deuchainn leis a Chruithhear: Agus a ta da réir sin air a tabhairt do na naoimh, airson toillteanais Chriosd, a bha umhal eadhon gu bâs. Agus an so tha barrachd aig creidmhich air Adhamh, anns nach urrainn iad gu bràth tuiteam gu h-iomlan, no gu h-uile o ghràs.

Mar so bha’n duine air tûs fireanta, air dha bhi air a chruthachadh a réir coslais Dhé féin, Gen. i. 27, ata a’ co’-sheasamh ann an dearbh bhuaighibh an eòlais, na fireantachd, agus na naomhachd, Col. iii. 10; Eph. iv. 24. Bha gach ni a rinn Dia ro mhaith, a réir an naduirean fa leth, Gen. i. 31. Agus mar sin bha’n duine direach agus maith, air dha bhi air a dheanamh a réir iomhaigh-san a ta maith agus direach, Salm xxv. 8. As eugmhais so, cha b’urrainn e freagrachd do’n ehrich mhòir a bha ‘na chruthachadh, ni a b’e eòlas a ghabbail air Dia, gràdh agus seirbhis a thabhairt da a réir a thoile. Cha b’urrainn dha bhi air a chruthachadh air dòigh eile; oir b’éigin da bhi co’-fhreagaraich ris an lagh, ‘na bhuaighaibh, ‘na nàdur, agus ‘na iarttuisibh, no bhi an aghaidh sin; mu bha e air a chruthachadh mar sin, bha e fireanta; agus mu bha e an aghaidh sin, bha e ‘na pheacach; ni a ta neo-reusanta agus uamhasach ri smuaineachadh.

MU CHEUD SHONAS AN DUINE.

San dara àite, Leigidh mi fhaicinn cuid do na nithibh a bha’n co’-chuideachd no a shruth o fhireantachd ceud staid an duine. Tha sonas a’ sruthadh o naomhachd; agus mar a bha’n staid so naomh, mar sin bha i sona.

Sa’ cheud àite, Bha’n duine aig an àm sin, ‘na chreutair ro ghlormor. Tha aobhair againn a bhi smuaineachadh, mar a dhealraich aghaidh Mhaois ‘nuair a thainig e nuais o’n t-sliabh; gu’n robh aig an duine gnùis soilleir agus taitneach agus maiseach, am feadh ‘sa bha e fathast gun dorchadas sam bith ann. Ach a cheann gu bheil Dia féin glormhor ann an naomhachd, Eesod. xv. 11, is cinnteach gu’n d’ rinn a’ mhaise spioradail a chur Dia air an duine ‘nuair a chruthaicheadh e; ‘na chreutair fior-ghlormhor e! O cionnus a dhealraich solus ‘na chaithe-beatha naomh gu glòir a Chruithneir! am feadh nach robh anns gach uile ghniomh ach boilsgeadh dealrach de’n t-solus ghlormor neo-choimeasgta sin, a chuir Dia a suas ‘na anam; am feadh a mhair an lòchran gràidh sin, a shoillsich o nèamh

a’ lasadh ‘na chridhe, mar anns an ionad naomh; agus am feadh a bha lagh an Tighearn, a chuireadh san taobh a stigh dheth le meur Dhé, air a choimhead mar anns an ionad as ro-naomha! Cha robh neo-ghloine ri fhaicinn o’n taobh a mach; cha robh claonadh anns na suilibh an déigh ni truaillidh sam bith; cha do labhair an teanga cainnt sam bith, ach cainnt nèimh; agus ann an aon fhocal, bha “Mac an Righ uile glormhor an taobh a stigh, agus bha ‘eudach air oibreachadh le h-ór.”

San dara àite, B’e cuspair fabhair nèimh e. Dhealraich e gu soilleir ann an iomhaigh Dhé, nach urrainn gun ghradh a thabhairt d’a iomhaigh féin, ciod sam bith aite am bheil i. Fhad ‘sa bha e ‘na aonar san t-saoghal, cha robh e ‘na aonar, oir bha Dia maille ris. Bha a chomh-chomunn agus a chomh-labhairt r’a Chruithear do ghnath: oir fathast cha robh ni sam bith gu aghaidh Dhé a thionndadh air falbh o oibre a lamh féin, oir fathast cha d’thainig peacadh a steach, an ni a mhain a b’urrainn am bearn a dheanamh.

Le deadh-ghean Dé, bha e ar ardachadh gu bhi ann an cobhoinn ri neamh anns a’ cheud choimheangal, ris an abrar coimheangal nan gniomh. Chuir Dia an lagh a thug e dha ‘na chruthachadh ann an suidheachadh coimheangail, san robh umhlachd iomlan air iarraidh mar chumha; b’e beatha an ni a bh’air a ghealltainn, agus b’e bàs am peanas. A thaobh a chumha, b’e aon earrann mhòr do’n lagh naduir, gu’n creideadh an duine ciod air bith a dh’fhoillsicheadh Dia, agus gu’n deanadh e ciod air bith a dh’aithneadh e; de réir so, air do Dhia an coimheangal so dheanamh ris an duine, leudaich e dheasdanas ann an toirmeasg dha itheadh do chraoibh an eòlais mhaith agus uile: agus b’e ‘n lagh mar so air a leudachadh, riaghailt umhlachd coimheangail an duine. Cia cho so-dheanta ‘sa bha na nithe so dhasan aig an robh an lagh naduir sgiobhta air a chridhe; agus an lagh sin ‘ga aomadh gu umhlachd a thabhairt do lagh no h-aithne so a dh’fhoillsicheadh dha, mar tha e soilleir le guth ard, (Gen. ii. 16.) air dha bhi cho fhrasda ri dheanamh? Agus gun amharus bha e ro iomchuidh gu’m bitheadh riaghailt agus brigh umhlachd a’ choimheangail mar so air an leudachadh; air do’n ni a chuireadh ris, a bhi ann féin co dheas, far an robh umhlachd glan, gu tionndadh ri toil Dhé, an dearbhachd as soilleire air fior-umhlachd, agus air da sin a bhi o’n taobh a mach, o’m faicte umhlachd no eas-umhlachd air dòigh ro shoilleir. A nis air a’ chumha so, gheall Dia beatha dha; buanachadh na beatha nadurra, ann an coimheangal anama agus cuirp; agus beatha spioradail ann an

deadh-ghean a Chruithir: gheall e dha mar an ceudna beatha shiorruidh air nèamh, gus an rachadh e steach, ‘nuair a chaitheadh e aimsir a dhearbhaidh air thalamh, agus an uair a chitheadh an Tighearn iomchuidh atharrachadh gus an Aros is airde. Bha’n gealladh so air beatha air a ghabhail a steach ann am bgradh a’ bhais a ta air ainmeachadh, Gen. ii. 17. oir an uair a ta Dia ag radh, “Anns an la dh’itheas tu dheth, gu cinnteach basaichidh tu;” tha e mar an ceudna a’ ciallachadh, “Mur ith thu dheth mairidh tu gu cinnteach beò,” agus bha so air a dhaingneachadh le Seula craoibh eile anns a’ gharadh, ris an goirte, “Craobh na beatha,” o’n robh e air a dhruideadh a mach, an uair a pheasaich e, Gen. iii. 22, 23. “Air eagal gu sinedadh e mach a lamh, agus gu’n gabhadh e mar an ceudna do chraoibh na beatha, agus gu’n itheadh e, agus gu’m biodh e beò gu siorruidh. Air an aobhar sin, chuir an Tighearn Dia a mach e á garadh Edein.” Gidheadh cha’n fheudar a smuaineachadh, gu’n robh beatha agus bàs an duine an crochadh a mhain ris an aon ni so mu’n mheas-thoirmisgte, ach air an lagh gu iomlan; oir mar sin a deir an t-Abstol, Gal. iii. 18. A ta e sgrìobhta, “Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta ann an leabhar an lagha, chum an deanamh.” B’e am meas toirmisgte earrann fhoillsichte do chreidimh Adhaimh; agus mar sin b’fheudar gu’m biodh e air a chur gu soilleir fa chomhair: ach a thaobh an lagh nadurra b’aithne dha gu nadurra gu’m b’e bàs duais na h-easumhlachd; oir cha robh na Cinnich féin aineolach mu’n ni so; “Muintir d’an aithne ceartas Dé gu bheil iadsan a ni an leithide sin do nithibh toillteanach air bàs.” Rom. i. 32. Agus a thuilleadh air so, dhaingnich an gealladh a bh’ anns a’ bhagradh, beatha Adhaimh, a réir a choimh-cheangail, fhad ‘sa bheireadh e umhlachd do’n lagh nadurra, a chuireadh ris an dearbh-aithne sin; air chor as nach robh feum aige gu’m biodh ni sam bith air ainmeachadh dha sa’ choimhcheangal, ach na bhuineadh do itheadh a’ mheas thoirmisgte. Gu’n robh beatha shiorruidh air neamh air a gealltuinn sa’ choimhcheangal so, tha e soilleir do bhrigh gu’m b’e am bgradh peanas siorruidh ann an ifrinn: ni ‘nuair a dh’ fhàg an duine e féin buailteach dha, bha Criosd air a ghealltuinn a chosnadh beatha mairennaich le ‘bhàs. Agus tha Criosd e féin a’ mìneachadh geallaidh coimheangail nan oibre mu thimchioll beatha mairennaich, ‘nuair tha e gealltuinn cumha a’ choimhcheangail sin do dhuine òg uaibhreach, neach ged nach robh stòras Adhaimh aige, a bha gidheadh, ag iarraidh dol a steach gu beatha ann an rathad oibreachaidh, mar bha

Adamh gu dheanamh fuidh’n choimcheangal so, Mata xix. 17. “Ma’s aill leat dol a steach chum na beatha, (‘se sin ri ràdh, beatha mhaireannach le deanadas, rann 16) coimhid na h-aitheanta.

B’e bàs am peanas, Gen. ii. 17. “Anns an là dh’ itheas tu dheth, gu cinnteach bàsaichidh tu.” Bha’m bàs a bh’air a bhagradh, mar bha bheatha a bh’air a gealltuinn, agus sin gu ro-cheart, eadhon, bàs aimsireil, spioradail, agus siorruidh. Tha na thachair a’ mineachadh so; oir anns a’ cheart là san d’ith e dheth, bha e ‘na dhuine marbh san lagh; ach cha do chuireadh a bhinn an gniomh air ball, a chionn gu’n robh a shloichd ‘na leasraibh, agus gu’n robh coimcheangal eile air ulluchadh: gidheadh, fhuair a chorp air an là sin féin a bhaille-bàis agus dh’fhàs e bàsmhor Rinn bàs mar an ceudna greim air anam; chail e a cheud fhìreantachd, agus deàdh-ghean Dhé; mar dhearbhadh air so, gabh beachd air a bhioradh agus air a ghearradh coguis, a thug air e féin fholach o Dhia. Agus dh’fhàs e buailteach do bhàs siorruidh, a leanadh gu cinnteach air a dhéigh, mur bitheadh Eadar-mheadhonair air ulluchadh, a fhuair ceangailte e ann an cuibhriichibh a’ bhàis, mar cheannaireach ullamh gu bhi air a chur gu dith. Mar so tha beachd ath-ghearr air a thoirt air a’ choimcheangal gus an d’thug an Tighearn an duine, ann an staid na neo-chiontaechd.

Ri leantainn.

Let the Lord absolutely have the ordering of your evils and troubles; and put them off you by recommending your cross and your furnace to Him who hath skill to melt His own metal, and knoweth well what to do with His furnace. Let your heart be willing that God’s fire should have your tin, and brass, and dross.

—Samuel Rutherford.

I dare not thank myself, but I dare thank God’s depth of wise providence, that I have an errand in me while I live, for Christ to come and visit me, and bring His drugs and His balm with Him. Oh, how sweet is it for a sinner to put his weakness into Christ’s strengthening hand, and to lean a sick soul upon such a Physician, and to lay weakness before Him, to weep upon Him, and to plead and pray! Weakness can speak and cry, when we have not a tongue.—Samuel Rutherford.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice