I. AN STAID NEOCHIONTACH, NO A’ CHEUD IONRACAS SAN ROBH AN DUINE AIR A CHRUTHACHADH.
(Continued from Page 71.) Agus an ni suarach leibhse, gu’n robh talamh mar sin ann an eo-chomunn ri neamh? Cha b’urrainn so bhi air a dheanamh do neach ach dhasan air am bu toil le Righ neimh urram a chur. Bu ghiomh gràis e, airidh air an Dia ghràsmhor a bha ann an deadh-ghean da; oir bha gràs agus saor-ghean maith anns a’ cheud choimheangal, ged a bha saoibhreas ro phailt a’ ghràis, (mar a deir an t-Abstol ris, Eph. ii. 7.) air a ghleidheadh airson an dara coimheangail. Gu cinnteach bu ghiomh gràis, deadhghean, agus irioslachaidh iongantach ann an Dia, gu’n rachadh e steach ann an coimheangal; agus a leithid sin do choimheangal r’a chrèutair féin. Cha robh an duine fuidh a riaghladh féin, ach fuidh riaghladh Dhé; agus cha robh ni ‘sam bith aige leis an oibricheadh e ach na fhuair e o Dhia. Cha robh coimeas ‘sam bith eadar an obair agus na duais a bh’air a gealltuinn. Roimh ‘n choimheangal sin, bha’n duine fuidh cheangal umhlachd iomlan, a chionn gu’n robh a thaice nàdurra air Dia: agus b’e ‘m bàs gu nàdurra duais a’ pheacaidh, a dh’iarraadh agus a dh’ agradh ceartas Dé, ged nach biodh riamh coimheangal ‘sam bith eadar Dia agus duine: ach bha Dia saor; cha b’urrainn duine gu bràth beatha shiorruidh agradh mar thuarasdal d’a obair, mur biodh a leithid so do choimheangal ann. Dh’ fheudadh Dia a chrèutair féin ord-uchadh mar a chitheadh e iomchuidh: agus ged a sheasadh e ‘na threibhdhireas co fhad as a steasadh an saoghal, agus ged nach bitheadh coimheangal a’ gealltuinn beatha maircannaich dha airson umhlachd; dh’ fheudadh Dia a làmh-chuideachaidh a tharruing uaithe mu dheireadh, agus a thoirt air snàgadh air ais gu broinn na neo-ni o’n d’ thug an t-uile-chumhachd a mach e. Agus ciod a choire bhiodh an sin, ‘nuair nach d’thug Dia air ais ach an ni a thug e gu saor? Ach a nis air do’n choimheangal a bhi deanta, tha Dia a’ teachd fuidh fhiachaibh d’a fhireantachd féin: ma ni duine obair, feudaidh e an duais a tha gar air stéidh a’ choimheangail. Is maith a dh’fheudadh na h-aingle an sin, air dha bhi air a thogail gus an árd-inbhe so, an fhàilte sin thoirt dha, “Fàilte dhuit, o thusa d’an do nochd-adh mòr dheadh-ghean! a ta’n Tighearna maillle riut.” ‘San treas àite, Rinn Dia ‘na uachdaran air an t-saoghal e, ‘na phrionnsa thar na creutairean is isle, ‘na thighearna coitchionn agus ‘na cheannard na talmhainn uile. Thug a Chruithrear uachdranachd dha os ceann iasg na fairge, agus os ceann eunlaith nan spèur, os ceann na talmhainn uile, seadh, agus os ceann gach ni beo a ta gluasad air an talamh: Chuir e gach ni fo chosaibh, Salm viii. 6, 7, 8. Thug e comas da gnàthachadh agus orduchadh measarra dheanamh do na creutairibh a ta air an talamh, ‘san fhairge, agus ‘sna spèuraibh. Mar so b’e an duine fear-riaghlaidh mar gu b’ann an àite Dhé anns an t-saoghal a’s isle; agus bha’n tighearnas so mar choslas air árd-uachdranachd Dhé. Bha so ann an co-pairt eadar an duine agus a’ bhean, ach bha aon ni sonraichte aig an duine, a bhuin dha féin eadhon, gu’n robh uachdranachd aige os ceann na mna mar an ceudna, 1 Cor. xi. 7. Faic, mar thainig na creutairean d’a ionnsuidh, a dh’ aideachadh an umhlaichd agus a thoirt urram dha mar an tighearn: agus sheas iad gu samhach ‘na làthair, gus an d’ thug e ainmean orra mar a chuid féin, Gen. ii. 19. Chuir aghaidh an duine fiamh orra: sheas na creutairean bu chalma le ioghnadh, gu ciùin agus gu samhach a’ toirt urram dha mar an tighearn agus an uachdaran! Mar so dha duine air a chrùnadh le glòir agus urram, Salm viii. 5. Bhuin an Tighearna ro-fhialaidh agus ro-thoibrheartach ris; chuir e gach ni fo chosaibh; chum e aon ni a mhàin uaith, aon chraobh anns a’ ghàradh, eadhon craobh eòlais a’ mhaith agus an uile. Ach feudaidh gu’n abair thu, Agus am bu mhòr leis so a thoirt dha? Freagaiream, Cha bu mhòr, ach ‘nuair a rinn e mar so naomh agus sona e, chuir e gu gràsmhor am bacadh so air, ni bha ‘na nàdur féin ‘na thaic agus ‘da ehomhnadh gu chumail o thuiteam. Agus so a deiream airson nan tri aobhair so! (1.) Mar a bha e ro-iomchuidh airson onoir Dhé, a rinn an duine ‘na uachdaran air an t-saoghal a’s isle, gu’n dearbhadh e árd-uachdranachd féin os ceann nan uile, le comhara faiesinneach àraid; mar sin bha e ro-iomchuidh airson tearuinn-teachd an duine. Air do’n duine bhi air a shuidheachadh ann am Pàras àluinn, bu ghnìomh gliocais neo-chriochnach, agus gràis mar an ceudna, aon chraobh a chumail uaithe mar theisteas faicsinneach gur éigin da na h-uile nithe a shealbhachadh o Chruithear, mar àrd cheannard; a chum as ‘nuair a chunnaic se e féin ‘na uachdaran air na crèutairibh nach dìchuimhnicheadh e gu’n robh e féin do ghnàth ‘na iochdaran do Dhia. Bha so mar chuimhneachan air a thoirt da o nèamh air a staid chaoclaidhich, gu bhi air a thaisgidh suas leis, a chum a mhòr-chaithris. Oir bha’n duine air a chruthachadh le saor thoil gu maith, air an robh craobh na beatha ‘na dearbhadh: ach bha ‘thoil mar an ceudna saor gu ole, agus bha chraobh thoirmistge ‘na cuimhneachan da air sin. Bha i dha do ghnàth mar gu b’ann ‘na focal faire an aghaidh uile, ‘na comhara air a cur mu choinneamh, a dh’ iarraidh air a bhi air fhaicill o bhi air a phronnadh ‘na bhloighdibh air earraig a’ pheacaidh. Ri leantainn.