I. AN STAID NEOCHIONTACH, NO A’ CHEUD IONRACAS SAN ROBH AN DUINE AIR A CHRUTHACHADH.
Continued from page 235.
GU’M BHEIL NADUR AN DUINE AIR A THRUAILLEADH.
Sa’ cheud àite, Tha mi gu teasg truaillidheadh an nàduir a dhaingneachadh; gus an sgathan a chur fa chomhair ‘ur suilean, anns am feud sibh ‘ur nàdur peacach fhaicinn, ni, ged tha Dia a’ toirt aire shonraichte dha, a ta iomadh a’ cur an neo-bhrigh. Agus ann an seallamaid sa’ cheud àite ri focal Dhé. San dara àite, Ri mothachadh agus fosrachadh dhaoine.
1. Airson dearbhaidh o’n scriobtur, thugamaid fa’near Air tús Mar tha’n scriobtur a’ toirt aire araid do Adamh air tuiteam a’ comh-pairteachadh iomhaigh féin r’a shlochd Gen. vi. 3.
“Ghin Adamh Mac ‘na choslas féin, a reir iomhaigh féin, agus thug e Set mar ainm air.” Coimeas ri so a’ cheud rann do’n chaibideil sin féin. Anns an là’n do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dé rinn se e. Faic an so, mar tha’n iomhaigh a réir an d’ rinneadh an duine, agus an iomhaigh a réir an do ghin e slochd air an cur fa chomhair a chèile. Rinneadh an duine ann an coslas De; is e sin, rinn Dia a ta naomh agus ceart, creùtair naomh agus ceart: ach ghin Adhamh air tuiteam mac, cha b’ ann an coslas Dé, ach ‘na choslas féin; is e sin, ghin Adhamh truaillidh peacach, mac truaillidh peacach. Oir mar a ghiulain iomhaigh Dhé fireantachd agus neo-bhasmhorachd innte, mar a rinneadh soilleir roimhe: mar sin ghiulain iomhaigh so Adamh air tuiteam truaillidheachd agus bàs innte, 1 Corint. xv. 49, 50, eòimeas ri so rann 22. Tha Maois anns a’ chhuigeadh caibideil sin do Ghenesis, air dha bhi toirt dhuinn a’ cheud chunntas bàsmhoireachd a bha riamh san t-saoghail, ga thoirt a stigh mar so, gu’n do ghin Adhamh bàsmhor, daoine bàsmhor. Air dha peacachadh rinneadh bàsmhor, e a réir a’ bhagraidh; agus mar sin ghin e mac ‘na choslas féin, peacach, agus uime sin bàsmhor: mar so thainig peacadh agus bàs air na h-uile. Gun teagamh, ghin e arao Cain agus Abel ‘na choslas féin, co maith ri Set. Ach cha’n ‘eil an t-iomradh air a thoirt mu Abel; a chionn nach d’fhag e siochd ‘na dhèigh, agus bha thuiteam mar a’ cheud iobairt do’n bhàs anns an t-saoghail, ‘na dhearbhadh gu leòr air sin: no mu Chain, mu’n saoileamaid gu’m buinneadh e gu h-àraid, do bhrigh aingidheachd uamhasach; agus a thuilleadh air so, chaidh a siochd uile bhathadh anns an dile: ach tha’n t-iomradh so mu Shet, do bhrigh gu’m b’e athair ant-siochd naoimh e; agus gur ann uaithe-san a thainig a nuas an cinne-daoine uile o’n dile, agus coslas Adhamh a thuit orra uile.
San dara àite, Tha e soilleir o’n Seriobtuir sin, Tob xiv. 4.
“Cò a bheir glan á neo-ghlan? cha tabhair a h-aon.” Bhà ar Cèud paranta neo-ghlan, cionnus uime sin is urrainn sinne bhi glan? cionnus a b’urrainn d’ar paranta a chaidh romhainn a bhi glan? No cionnus a’s urrainn d’ar cloinn-ne bhi glan? An neo-ghloinne a ta air a ciallachadh an so; is neo-ghloinne pheacach i, oir is neo-ghloinne i a ta deanamh laithean làn do thrioblaid; agus tha i nadurra a chionn gu’n do shruth i o pharanta neo-ghlan; Rugadh duine o mhnaoi, rann 1. “Agus cionnus a bhios esan glan e rugadh o mhnaoi?” Tob xxv. 4. B’urrainn an Dia uile-chumhachdach, oir cha’n ‘eil teagamh ‘na chumhachd, ni glan a thabhairt á ni neo-ghlan; agus rinn e sin a thaobh an duine Criod: ach cha’n urrainn neach eile sin a dheanamh. Tha gach neach a ta air a bhreith a reir gnath nàduir, air a bhreith neo-ghlan. Mu bhios an ffreumh truaillidh, as éigin do na geugan a bhi mar sin. Cha mho tha chuis ni’s fearr, ged bhiodh na paranta air an naomhachadh: oir cha’n ‘eil iad naomh ach ann an cuid, agus sin trid gràis, cha’n ann trid nàduir; agus tha iad a’ gineamhuin an cloine mar dhaoine, cha’n ann mar daoine naomha. Uime sin, mar a tha’m pàranta timchioll-ghearta a gineamhuin leanabh neo-thimchioll-ghearta, agus mar an déigh an t-siol is fearr a bhios air a chur, a bhuaíneas sinn coirce leis a’ mholl; mar sin tha na paranta is naoimhe a’ gineamhuin cloinn mhi-naomha, agus cha’n urrainn dhoibh gràs a chom-pairteachadh riu, mar a chom-pàirticheas iad nàdur; ni a ta mòran do phàranta diadhaidh a’ faicinn a ta fior ‘nam fis reachadh goirt.
San treas àite, Thoir fa’near aidmheil an t-Salmadair Daibhidh, Salm li. 5.
“Feuch ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhathair mi ‘na brionn.” Ann an so tha e dol suas o pheacadh gniomh, gus an tobar o’n do shruth e, eadhon nàdur truailidh. Bu duine e a bha a réir eridhe Dhé féin; ach cha robh e mar sin o thùs. Gineadh e ann am pòsadh dligheach; ach an uair a bha’m mheall air achumadh anns a’ bhroinn, bu mheall peacach e. Uaithe so goirear do thruailidheachd nàduir, an seann duine: air dhi bhi co sean ruinn féin, eadhon na sinne no gràs, annta-san a ta air an naomhachadh o’n bhroinn.
Sa’ cheathramh àite, Eisd ri breth ar Tighearn air a’ cheann so, Eoin iii. 6.
“An ni sin a ta air a bhreith o’n fheoil, is feoil e.” Feuch truailidheachd iomlan a chinne-daoine, tha gach uile ‘nam feoil! Cha’n e gu bheil na h-uile annhunn, ged is firinn bhrònach sin mar an ceudna; seadh agus tha ar n-annhuinneachd nàdurra ‘na dhearbhadh air ar truailidheachd nàduir; ach cha’n e sin is ciall do na briathraibh sin, ach is e so is ciall doibh, tha na h-uile truailidh agus peacach, agus sin a thaobh nàduir: uaithe sin, tha ar Tighearn a’ rùsanachadh ann an so, do bhrigh gur feoil iad, uime sin is èigin doibh a bhi air am breith a ris, no cha’n urrainn doibh dol a steach do rioghachd Dhé, rann 3, 5. Agus mar a tha truailidheachd ar nàduir a’ dearbhadh am mòr-fhèum a ta air ath-ghineamhuin; mar sin tha’m mor fheum air ath-ghineamhuin a’ dearbhadh gu soilleir truailidheachd ar nàduir: oir c’ arson a dh’ fheumadh duine an dara bhreith? Is èigin do naoidheana a bhi air am breith a ris, oir a réir nam briathra (Eoin iii. 3.) cha’n ‘eil neach air fhàgail a mach. Agus uime sin bha naoidheana air an timchioll ghearradh fuidh ‘n t-sean-tiomnad mar muinntir aig am bheil corp peacanna na feòla, (a bha air an tabhairt a nuas dhoibh le gineamhuin nadurra,) ri eur dhiubh, Col. ii. 11. agus a nis le ordugh Iosa Criost; tha iad ri bhi air am baisteadh: a ta dearbhadh gu bheil iad neo-ghlan, agus nach ‘eil slainte air an son, “ach tre ionlad na h-ath-ghineamhuin, agus ath-nuadhachadh an Cpioraid Naoimh,” Tit. iii. 5.
Sa’ chuigeamh àite, Tha’n duine gu einnteach air a thabhairt a nis gu staid iosail, an coimeas ris mar bha e aon uair.
Cha d’ rinn Dia e ach beagan ni b’isle no na h-aingil: ach tha sinn nis ‘ga fhaicinn air a choimeas ris na beathaichibh a ta báisachadh. Dh’ èisd e ri bruid, agus tha e nis air fás cosmhuil ri aon diubh. Cosmhuil ri Nebuchadnesar, tha a chuibhrionn a mhàin nithe talmhaidh,” Philip iii. 19. Ni h-eadh, tha barrachd aig na bruidean ann an càileigin do thomhas air an duine nadurra, oir tha e air thabhairt ceum nì’s isle na iadsan. Tha nì’s lugha do chiall aige, anns na nithibh a bhuneas da, no a ta aig a’ chorra-bhàn, no aig a’ choluman, no aig a’ chorra-mhonaiddh, no aig a’ gholan-ghaoithe, anns na nithibh a bhuneas doibhsan. Her. viii. 7. Tha nì’s lugha do thuisge aig, no tha aig an damh no aig an asail, Isa. i. 3. Tha mi ‘ga fhaicinn air a chur do’n sgoil, a chum foghllum on’t-seangan, creutair ged nach ‘eil fear-seòlaidh aige, no fear-treòrachaidh a dhol air thoiseach air; ged nach ‘eil fear-amhaire aige no oifigeach ga chomh-èigneachadh no ga bhrosnachadh gu h-obair; ged nach ‘eil riaghalaire aige, no oifigeach ga chomh-èigneachadh no ga bhrosnachadh gu h-obair; ged nach ‘eil riaghalaire aige, ach a dh’ fheudas dean amh mar is àill leis, a chionn nach ‘eil e fuidh uachdranachl do neach air bith; gidheadh is creutair e, “a dh’ ulluicheas a bhiadh san t-samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an-tir san fhogharadh,” Gnatth-fhoc. vi. 6, 7, 8, an uair a ta iad so uile aig an duine nàdurra agus gidheadh e ga fhagail féin buailteach do dhol bàs le ghort siorruidh. Ni h-eadh, a thilleadh air so uile, tha’n scriobtur a’ taisbeanadh an duine nàdurra, cha’n ann a mhàin mar aon a ta dh’ uireasbhuidh bhuaghan maith nan creutairean sin; achmar aon a ta làn do dhroch bhuaghan nan creutairean a’s miosa dhiubhsan; anns am bheil a comhlachadh a cheile, gairge an leomhain, cuilbheartachd an t-sionnaich, aineolas na h-asail fhiad haich, salchaireachd a choin, agus na muice, nimh na nathrach nimhe, agus an leithide sin. Tha’n fhirinn féin a gairm dhiubh nathraiche, siol nan n thraiche nimhe; seadh, os ceann so eadhon clann an diabhuil, Mat. xxiii. 33.; Eoin viii.44. Gu cinnteach mata, tha nàdur an duine gu truagh air a mhilleadh.
San àite mu dheireadh, “Tha sinn a thaobh nàduir ‘nar cloinn feirge,” Eph. ii. 3.
Tha sinn toilltinneach air, agus buailteach do fheirg Dhe; agus sin a thaobh nàduir; agus uime sin, tha sinn gun teagamh a thaobh nàduir ‘nar creutairean peacach. Tha sinn an diteadh mu’n dean sinn maith no olc; fuidh’n mhallachd, mu’n bheil aithne againn ciod e. Ach am bèuc an leomhan anns a’ choille, an uair nach ‘eil creach air bith aige? Amos iii. 4, is e sin ri radh, am bèuc an Dia naomh agus ceart ‘na fheirg an aghaidh duine, mur bitheadh e le pheacadh air a dheanamh ‘na chreic airson feirge? Cha bhèuc, cha dean se e, cha’n urrainn e dheanamh. Co-dhunamaid mata a réir fòcaid Dhé, gu bheil nàdur an duine ‘na nadur truailidh.
II.
Ma sheallas sinn ri-fiosrachadh dhaoine, agus mu bheir sinn fa’near staid an t-saoghail, anns na nithibh sin a ta soilleir do neach air bith, nach druid a shuilean an aghaidh soluis dealrach; chi sinn gu h-ealamh a leithid do thoradh, as a nochdas gu soilleir an ffreumh so do shearbhadas. Bheir mi fa’near beagan do nithibh a bhitheas feumail gus a’ phone so a dhearbhadh dhuinn.
Sa’ cheud àite.—Co nach faic tuil do thruaighibh a’ dol thairis air an t-saoghail?
Agus c’ àit an teid duine, far nach fliuch e ‘chas, mu ‘n teid e thar a cheann agus a chluasan? Tha na h-uile duine aig an tigh agus o’n tigh, anns a’ bhaile agus anns an duthaich, ann an cùirtibh agus ann am bothannaibh, ag osnaich fuidh aon ni no ni eile, a ta neo-thaitneach dhoibh. Tha cuid air an sàruchadh le gainne, cuid air an smachdachadh le tinneas agus eradh, cuid a’ caoidh an call; cha’n ‘eil neach as eugmhais trioblaid a dh’aon seorsa no seorsa eile, cha’n ‘eil staid neach air bith co sabhailt, as nach ‘eil sgolb éigin an-shocrach aig innte. Agus mu dheireadh thig am bàs tuaradal a’ pheacaidh, an deigh nan teachdairean so, a chuireadh roimhe, agus sguabaidh e gach uile air falbh. A nis, ciod ach am peacadh a dh’ fhosgail an dorus uisge? Ch’n ‘eil gearan no osna a ta air an cluinninn anns an t-saoghail, no deur a ta tuiteam o’ àr stiùl, nach ‘eil ‘na dhearbhadh gu’n do thuit an duine mar rèult o neamh; oir tha Dia a’ roinn dhoilgheasan ‘na fheirg, Iob xxi. 17. Tha so ‘na dhearbhadh soilleir air truaillidheachd naduir: a mheud ‘s gu bheil an cuibhrionn do na truaignibh so aig a’ mhuinntir nach do chuir peacadh fathast an gniomh; seadh, agus tha iad a’ tarruing an ceud anail san t-saoghal a’ gul, mar gu’m b’aithne dhoibh an saoghal, aig a’ cheud sealladh, a bhi ‘na Bhochim, àite luchd-guil. Tha uighean do’n tomhas a’s lugha, co math ris an tomhas a’s mò anns an ait adhlaic; agus cha’n ‘eil an saoghal aig uair air bith gun chuid a ta cosmhuil ri Rachel a’ caoineadh a cloinne a chionnach ‘eil iad beo. Matt. ii. 18.
San dara àite, Thoir fa’near cia luath ‘sa tha’n truaillidheachd nàduir a’ toiseachadh air i féin thaisbeanadh ann an cloinn oga.
Tha Solmh a’ toirt fa’near “gu’n aithnichear eadhon leanabh ie a bheusaibh,” Gnath-fhoc. xx. 11. Feudar gu h-ealamh fhaicinn ciod an rathad am bheil aomadh a chridhe a’ luidhe. Nach ‘eil clann Adaimh a thuit, a’ leantuinn cos-cheuma an athar, mu’n urrainn dhoibh coiseachd leo féin? Ciod an tomhas a dh’ ardan beag, do ghloir-mhiann, do dh’ an-iarrtuis, do dhiomhanas, do cheannaire, agus do dh’ eus-aontachd a chum maith a ta annta? Agus an uair a ta iad a’ magran a mach a staid na naoidheanachd, tha feum “air slait an smachdachaidh, a chur air falbh na h-amaideachd a tha ceangailte ‘nan cridhe,” Gnath-fhoc. xxii. 15. A ta a’ nochdadh, mur bac gràs e, gu’m bi an leanabh mar Ismèel, ‘na asail fhiadhaich-dhuine, mar tha’m focal a’ ciallachadh, Gen. xvi. 12.
San treas àite, Gabh beachd air na peacanna lionmhor uamhasach a ta briseadh a mach anns an t-saoghail.
Tha aingidheachd an duine fathast mor air an talamh. Feuch measan searbh truaillidheachd ar nàduir, Hos. iv. 2. “Le mionnaibh agus breugaibh, agus marbhadh, agus goid, agus d’anamh adhaltrais; bhris iad a mach, (cosmhuil ri briseadh a mach uisgeachan,) agus tha fuil a’ ruigheachd gu fuil.” Tha’n saoghal air a’ lionadh le salachar, agus le gach uile seorsa graineileachd, aingidheachd, agus mi-naomhachd. Cia uaithe a ta’n tuil so do pheacadh air an talamh, ach o bhriseadh suas tobraiche “na doimhne mòire, cridhe an duine, o’m bheil teachd a mach droch smuaintean, adhaltrannas, striopachas, mortadh, goid, samt, agus aingidheachd.” Marc vii. 21, 22. Theagamh gu’m bheil thusa toirt buidheachas do Dhia, le cridhe slan, nach ‘eil thu cosmhuil ris na daoine so eile: agus gun amharus tha tuilleadh aobhair agad air a shon, no tha eagal orm a tha thu smuaineachadh; oir, “mar ann an uisge, a fhreagras aghaidh do aghaidh, mar sin freagraidh cridhe duine do dhuine,” Gnath-fhocail xxvii. 19. Mar ag amharc ann an uisge glan, a chi thu d’ aghaidh féin; mar sin ag amharc dhuit ann ad chridhe féin, feudaidh tu cridheachan dhaoine eile fhaicinn an sin; agus air dhuit amharc air cridheachan dhaoine eile feudaidh tu do chridhe féin fhaicinn annta-san. Air chor as gu’m feudadh an creutair is graineil a ta san t-saoghal a bhi mar sgàthan dhuit; anns am bu chòir dhuit truaillidheachd do nàdur féin, fhaicinn: agus nan deanadh tu sin, bheireadh tu buidheachas do Dhia le cridhe taingeil, agus cha’n ann duit féin, nach ‘eil thu gun amharus cosmhuil ri daoine eile, a’d’ chaithe-beatha; a mheud ‘s gu bheil an truaillidheachd nàduir annadsa an aon ni ta e annta-san.
Sa’ cheathramh àite, Gabhaibh beachd air an oibreachadh uamhasach anns am bheil an saoghal air a thilgeadh le ana-mian dhaoine.
Cha dean leomhain creach air leomhain, no madaidh-alluidh air madaidh-alluidh; ach tha daoine air tionndadh gu bhi ‘nan madaidh-alluidh an aghaidh a cheile, a’ teumadh agus a’ milleadh a cheile. Nach beag na h-aobhair air son an sath daoine an claidheamh ann am broillich a cheile? Tha’n saoghal ‘na fhàsaich o nach fuadaich an teine is dealraiche as urrainn daoine ghiulan mu’n cuairt leo, air falbh na beathaichean fiadhaich a ta ‘ga aiteachadh, (agus sin do bhrigh gur daoine agus nach brùidean iad,) ach aon rathad na rathad eile bithidh iad air n n leònad. O’n là san do dhoirt Cain fuil Abeil, thionndaidh an talamh gu bhi ‘na thigh marbhaidh; agus mhair an ruaig o na thoisich Nimrod air sealg; air an talamh mar anns an fhairge, tha’n aon a’s mò a’ milleadh an aon a’s lugha. An, uair a chi sinn ansaoghal ‘na leithid do ghoil, na h-uile aon a’ sathadh a cheile le briathraibh no le claidheamh, feudaidh sinn a chomh-dhunadh gu bheil droch spiorad ‘nan measg. Tha na teasan dian sin am measg mhic Adhaibh, ag innseadh gu bheil an corp uile euslainteach, an ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann. Tha iad sin gu cinnteachd a’ sruthadh o aobhar anns an leth a stigh, Seum.iv. 1. “O anamiannaibh a tha cogath ann ar ballaibh.”
Sa’ chuingeadh àite, Thugaibh fa’near am feum a ta air laghanna dhaoine air an comhdachadh le uamhasan agus geur cheartas.
ris am feud sinn na tha’n t-Abstol ag ràdh a cho-chur, 1 Tim. i. 9, “Nach ‘eil an lagh air orduchadh do dhúine fireach ach do dhaoine neo-dhligheach agus easumhal, dhoibhsan a ta mi-dhiadhaidh agus do pheacachaibh. Rinneadh duine air son comunn ri a cho-chreutair agus thubhairt Dia féin mu’n chèud duine, an uair a chruthaich se e, “nach robh e iomehuidh gu’m biodh e ‘na aonar:” gidheadh is eigin da nis ann an comunn ri cho-creutair, a bhi air iadhadh mu’n cuairt le droighionn. Agus a chum naithe so gu’m faic sinn ni’s f arr truaillidheachd nàduir an duine thugaibh fa’near, (1.) Gu bheil na h-uile duine gu nadurra ag iarraidh a bhi aig làn-shaorsa; gu a thoil féin a bhi aige mar lage; agus nan leanadh e iarrtuis a nàduir, chuireadh e le làn-thoil e féin an taobh a mach do lagh Dhia agus dhaoine. Agus uaithe so, rinn cuid (aig an robh an cumhachd ‘nan lamhan a reir an toil nadurra) iad féin da rìreadh ‘nan uachdarain os ceann gach uile lagh; freagarach ri iarrtus uamhasach an duine air thùis, a bhi mar dhée, Gen. iii. 5. Gidheadh (2.) Cha’n ‘eil duine sam bith a dhearbhadh a breatha chaitheamh am measg cuideachd gun lagh: agus air an aobhar sin tha aig luchd creachaidh gun reubainn laghanna ‘nam measg féin, ged tha a’ chuideachd sin uile a’ tilgeadh dhiubh gach uile spéis do lagh agus do cheartas. Mar so tha daoine a’ taisbeanadh gu bheil iad féin-fhiosrach air truaillidheachd nàduir; gun danadas ac’ earbsa chur ann an aon a cheile, ach air urras. (3.) Ciod air bith cunnart a ta ann a bhi briseadh air a’ gharadh; gidheadh tha neart ana-miann a’ toirt orra gach là dol an coinneamh a chunnairt. Cha’n e mhain gu’n toir iad thairis ‘n clù agus an cogais, a’ chogais air am bheil mor-mheas anns an t-saoghal; ach air son toil-inntinn bheagan mhionaidean, agus piannta-inntinn air ball a’ teachd ‘nan déigh, fagaidh iad iad féin buailteach do bhàs ainneartach le laghana na tìre sam bheil iad a chomhnuidh. (4.) Tha na laghana gu trie air an tabhairt gu stiochdadh do ana-miannaibh dhaoine. Air uairibh ruithidh mòr chuideachdan gu leithid do mhi-riaghailt, agus cosmhuil ri aireamh do phriosanaich gu’m bris iad dhiubh an geimhle, agus gu’n cuir iad an luchd-faire gus an ruaig; agus cha’n urrainn guth nan laghana bhi air a chluinntinn le fuaim airm. Agus is teare a ta àms anns nach ‘eil cuid do dhaoine co mor agus co dàna as nach ‘eil comas aig na laghana amhaire air an ana-miannaibh borb san aghaidh; a thug air Daibhidh a ràdh, ann an eùis Ioaib a mhort Abner, “Tha na daoine sin me Sh ruiah ro chruaidh air mo shon.” 2 Sam. iii. 39. Tha anamianna air uairibh a’ fàs tuilleadh is laidir air son laghanna, air chor as gu bheil an lagh a’ lagachadh mar chuisle duine a’ bàsachadh, Hab. i. 3, 4. (5.) Thoir fa’near am feum a tha gu tric air seann laghanna a leasachadh, agus air laghanna ùr a dheanamh; tha so ag éirigh o chiontaibh ùr anns am bheil nadur an duine mòr-thorrach. Cha bhiodh feum air a’ ghàradh a chàradh, mur biodh daoine cosmhuil ri beathaichean neo-cheannsaichte do ghnath ‘ga bhriseadh sios. Is iongantach am beachd a ta eachdraidh nan Israelach, a bha air an cur air leth do Dhia o uile chinnich na talmhainn, a’ toirt air an ni so Ciod an ainhreite uamhasach a bha ‘nam measg an uair nach robh Righ ann an Israel, mar a chi sibh anns an xviii. xix. xx. agus xxi. Caibdeil do leabhar nam Breitheamhna; eia doilich a bha e an ath-leasachadh, an uair a bha’n luchd-riaghlaidh a b’ fhearr aca: agus eia ullamh a bha iad air tionndadh a’ thaoibh a ris an uair a fhuair iad uachdarain aingidh. Cha’n urrainn mi gun a bhi smuaineachadh, gu’m b’e erioch àraid na h-eachdraidh naomh sin, a bhi leigeadh ris truaillidheachd nàduir an duine, am mòr-fhèum a bh’ air a’ Mhesiah, agus air a ghràs; agus gu’m bu choir dhuinn ann an leughadh na h-eachdraidh, a bhi deanamh feum dhi a chum na crìche sin. Cia co geur ‘sa tha’m focal a labhair an Tighearna ri Samuel, a thaobh Shauil, 1 Sam. ix. 17. Rioghaichidh esan os ceann (no mar a tha’m focal a’ ciallachadh, ceannsaichidh e) mo shluagh. O truaillidheachd nàduir an duine! Cha chuir eagal agus uamhunn Dhé nan nèamha bacadh orra; ach is eigin doibh dée eile a bhi aca air an talamh gu’n ceannsachadh, a chum an cur gu nàire. Breith. xviii. 7.
Rì leantainn.