Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1930 » December 1930 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte. TRUAILLIDHEACHD IOMLAN AN DUINE

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte. TRUAILLIDHEACHD IOMLAN AN DUINE

(Continued from page 276.)

San t-seathadh àite, Thugaibh fa’near fùigheall na truailidheachd nadurra sin anns na naoimh. Ged thainig gràs a steach, gidheadh cha’n ‘eil an truailidheachd so gu h-iomlan air a eur a mach: ged fhuair iad an creutair nuadh gidheadh tha moran do ‘n t-seann nadur thruailidh a’ fanntuin maille riu; agus tha iad sin a’ strì ri eheile an taobh a stigh dhiubh, mar a bha na leth-aona am brionn Rebecah, Gal. v. 17. Tha iad g’a fhaotainn a lathair maille riu anns gach àm, agus anns gach àite, eadhon anns na cuiltibh a’s folaichte. Ma tha droch choimhersnach aig duine, feudaidh e fhàgail; ma tha droch sheirbhiseach aige, feudaidh e chur air falbh aig ceann aimsir; ma tha droch companach aige, feudaidh e air uairibh an tigh fhagail, agus a bhi saor o ‘dhragh air an doigh sin. Ach ged rachadh duine naomh do’n fhàsach, no ged chuireadh e suas a bhùth ann an carraig iomallach anns an fhairge, far nach do sheas riamh cos duine, no beathaich, no eunlaith, an sin bithidh e maille ris. Ged bhiodh e le Paul air a thogail suas gus an treas neamhà,
thig e air ais leis, 2 Cor. xii. 7. Leanaibh se e mar ni am faileas an corp; ni e ball dubh anns an ni a’s gloinne a’s urrainn e tharruing. Tha e cosmhuil ris a chraoibh fhige anns a’ bhalla ciod air bith co dluth do’n fhreumh as a ghearr thu i, gidheadh dh’ fhàs i gus an robh am balla, air a thilgeadh sios: oir tha ‘fheumhan suidhichte anns a’ chridhe, mar gu b’ann le boiun iaruinn agus umha co fad as a tha’n duine naomh anns an t-saoghail. Tha e gu h-araid beothail ‘nuair a b’ail leis am maith a dheanamh, Rom. vii. 21. an sin thig an èunlaith a nuas air na cairbhibh. Mar so ann an dleasdanas naomh, tha spiorad an duine naomh, (mar gu b’ann) air tiormachadh suas; agus tha e air fhàgail mu’m bheil fios aig air, cosmhuil ri Michal, aig am bheil iomhaigh anns an leabaidd an àite e fir. Cha ruig mi leas ùine chaitheamh ann a bhi dearbhadh do phobull Dhé truailidheadh an nàduir annta fèin; oir tha iad ag osnaich fuidhe; agus a bhi ga dhearbhadh dhoibhsan bu cosmhuil e ri bhi cumail coinnle ri daoine a dh’ fheuchainn na greine dhoibh; agus air son nan aingidh, tha iad ullamh air a chaimein is lugha anns na naoimh a mheas mar na beanntaibh; mur meas iad gu leir iad ‘nan cealgairean. Ach thugaibh fa’near beagan do nithibh air a’ cheann so.

(1.) Ma bhios e mar so anns a’ chrann ùr, cionnus a bhios e sa, chrionaich;

Cha’n ‘eil na naoimh air am breith ‘nan naoimh; ach tha iad air an deanamh mar sin le cumbachd gràis na h-ath-ghineamhuin. An d’fhuair iad nàdur sin a nuadh, agus am bheil fathast na h-uiread do’n t-seann nadur a lathair ma’lle riu? Cia mor is eigin do’n truailidheadh sin a bhi ann am muinntir eile, far am bheil e gu h-iomlan neo-choimeasgta le gràs!

(2.) Tha na naoimh ag osnaich fuidh fhugheall na truailidheadh so mar uallach trom;

eisd ris an Abstol, Rom. vii. 24. “Och is duine truagh mi! co a shaoras mi o chorp a’ bhàis so? Ged tha’n duine feolmhor soerach agus suaimhneach, agus ged nach ‘eil truailidheadh a nadur na h-uallach dha: am bheil e uime sin saor uaithe?” Cha’n ‘eil idir; ‘s ann a tha e marbh, agus cha’n ‘eil e a’ mothachadh a’ chudthrom. Is iomadh osna a chluinnear o leabaidd na h-euslainte; ach cha chluinnear a h-aon gu bràth o’n uaigh. Anns an naomh mar anns an duine thinn, tha strì laidir; beatha agus bàs a’ strì air son na h-uachdranachd: ach anns an duine nadurra, mar anns, a’ chorp mharbh, cha’n ‘eil fuaim sam bith; a chionn gu bheil làn chumhachd aig a’ bhàs air.

(3.) Tha’n duine diadhaidh a’

cur an aghaidh an nadur thruailidh; tha e stri ri cheusadh, gidheadh tha e mairsinn; tha e deanamh dichioll air a chur gu bàs do’n ghort, agus leis a’ mheadhon sin ‘ga lagachadh, gidheadh tha e beothail: Cionnus air an aobhar sin a ta e ‘ga sgaioileadh, agus ‘ga neartachadh féin anns an anam sin, anns nach ‘eil e air a cheusadh, ach air a bheathachadh? Agus is e so cor na h-uile a ta neo-iompachte, a tha deanamh ulluchaidh air son na feola, a chum a h-ana-mianna a shasachadh. Ma tha lios an duine dhichiollaich a’ toirt obair ùr dha gach là, ann an gearradh sios, agus ann an spionadh suas; is éigin gu cinnteach gu’m bi lios an leisgein a’ fàs suas le droighnieh.

San àite mu dheireadh, Cha toir mi fa’near air a’ cheann so, ach aon ni eile, agus is e sin, Gu’m bheil iomhaigh Adhaimeh a thuit, ‘ga taisbeanadh féin anns an h-uile duine gu nàdurra. Tha cuid do chloinn le dealbh agus aogas an aghaidhean, mar gu b’ ann, ag innseadh co is athair dhoibh: agus mar so tha sinne cosmhuil r’ar cèud sinnseara. Tha na h-uile aon againn aa’ giùlan iomhaigh agus lorg an leagaidh air féin: agus gus an fhirinn so a dhearbadh, tha mi cur fianuis air coguisean gach uile, anns na nithibh àraid a leannas.

Air tìs, Nach ‘eil iarrtus peacach air eòlas annasach fhaotainn nàdurra dhun? Agus nach ‘eil so ‘na chomhar air iomhaigh Adhaimeh, Gen. iii. 6. Nach ‘eil daoine gu nàdurra ni’s dèigheile air eòlas a bhi aca air nithibh ùr na tha iad gu bhi deanamh cleachdadh do shean fhirinnibh air am bheil eòlas aca? Cia cosmhuil, ri sean Adhamh a ta sinn anns an ni so, a’ sior-iarruidh nithe ùr, agus gun bhlas againn air sean fhirinnibh tarbhach? Tha ni’s mò do iarrtus againn air eòlas fhaotainn, na th’ againn air naomhaechd fhaotainn; agus tha sinn a’ caitheamh ni’s mo d’ar smuainte air na nithibh sin is lugha sam bheil do fhiar-theagasg. Tha feum aig ar n-an-tograidean fiadhaich agus buaireasach air srian gu’n ceannsachadh an trà dh’fheumas aignidhean maith agus suidhichte bhi air am beothachadh, agus air am brosnuehadh.

San dara àite, Ma ni an Tighearna le lagh naomh agus le fhreasdal glic, bacadh a chur oirnn, ‘gar cumail air ar n-ais o ni sam bith; nach geuraich am bacadh sin faobhar ar n-iarrtuis nàdurra, agus nach dean e sinn ni’s dèine ‘nar n-an-ograidhean: agus anns an ni so nach ‘eil sinn gu soilleir ‘gar brath féin, a’ nochdadh gur sinn slioichd Adhaimeh? Gen. iii. 2, 3, 4. ‘Se mo bhrail nach fheudar so aicheadh; oir tha fiosrachadh làitheil a’ dearbhadh, gur ni so a ta ceangailte ri nàdur an duine, gu “bheil na h-uiseachan a ghoidear milis, agus an t-aran a dh’ithear an uaigneas taitneach,” Gnath-fhoc. ix. 17. Bha mothachadh aig na Cinnich féin gu’n robh a leithid so do spiorad ceannaire anns an duine, ged nach robh eòlas a’ air an tobar o’n do shruth e. Cia tric a tha daoine a’ gabhail saorsa dhoibh féin anns na nithibh sin o’n ceangladh siad iad féin suas nan d’ thugadh Dia saorsa dhoibh annta! Ach tha nàdur truailidh a’ agbhail tlaichd eadhon ann an leum thar a’ ghàradh. Agus nach e bhi eur amaideachd ar n-athar an gniomh a ris, gur fearr le daoine streap air son meas toirmisgte ‘na eruinneachadh na tha air a chrathadh o chraobh mhaith an fheadail air an son, an uair a tha lân chomas aca o Dhia gu sin a dheanamh?

San treas àite, Co do uile chloinn Adhaimh nach ‘eil a’ claonadh gu nadurra a dh’ eisdeachd ris an teasgag a chuireas air seacharan? Agus nach b’i so a’ charraig air an do bhriseadh ar ceud pharanta? Gen. iii. 4, 6. Cia ullamh a tha’n duine lag riamh o’n àm sin, air buaireanna altrum? “Oir aon uair labhraidh Dia, agus an dara uair, ged nach toir duine fa’near,” Iob xxxiii. 14. ach is eallamh a dh’ eisdeas e ri Satan: Is maith a dh’fheudadh daoine teachd dheth gu tric, nan cuireadh iad le gràin an aghaidh nam buaireanna ‘nan ceud thoiseach; nan gearradh siad iad ‘nan ceudbhlath, bhàsaicheadh iad gu luath air falbh; ach mo thruaighe! an uair a ta sinn a’ faicinn an ionaid airm agus fùdar air a dheasachadh air ar son, agus an teine air a chur ris, gidheadh tha sinn a’ seasamh gus an ruith e, agus gus an sguab e air falbh sinn le a neart.

Sa’ cheathramh àite, Nach ‘eil sùlean ar cinn gu tric a dalladh sùlean na h-inntinn; agus nach b’e so ceart chor ar ceud pharanta? Gen. iii. 6. Cha’n ‘eil duine aig àm sam bith ni’s doille na’n uair a ta e ‘g amhaire air na euspairean a’s ro-thaitniche do’n fheoil. O’n àm san d’ fhosgladh sùlean ar ceud pharanta do’n mheas d’an anamaibh, air an d’inntrie smuainte neo ghlan agus iarrtuis pheach do’n chridhe, a’ leonadh an anama, caitheamh no coguis, agus a’ toirt air uairibh breitheanais uamhasach air uile choimhthional air fhaicill; o’n chunnart so, o’n dà gheata luineach sin, a chuireas eadhon sgealb bheag do fhiadh o fheum; air chor as (mar an righ air an robh eagal le dheich mile, eoinneamh a thoirt dhasan a thàinig le fichead mile, ‘na aghaidh, Luc. xiv. 31, 32,) gu’n eir e teachdaireachd agus gu’n iarr e cumhant sith, Iob xxxi. 1. “Rinn mi coimheangal ri m’ shùilean.”

Sa’ chuigeadh àite, Nach ‘eil e Nàdurrà dhùinn, cùram a ghabhail do’n chorp, eadhon air cosd an anama? B’e so aon do na h-uile a bha’m peacadh air ceud pharanta, Gen. iii. 6. O cia sona a dh’ fheudadh sinne a bhith, nam buillecheamaid ach leth na saothair air ar n-anamaibh, a tha sinn a’ builleachadh air ar cuirp! Nam biodh a’ cheist sin, “Ciod is coir dhomh a dheanamh chum gu tèarnar mi? (Gniomh. xvi. 30,) a’ ruidh troimh ar n-inntinne, ach leth co tric as a tha na ceistean sin eile, “Ciod a dh’itheas sinn? Ciod a dh’ òlas sinn? Ciod a chuireas sinn umainn?” Mat. vi. 31, is iomadh staid a tha (nis) mi-choslaich a thionndadh gu bhi gle dhòchasach. Ach is i’n fhirinn, gu bheil a’ chuid a’s mò do dhaoine a’ caitheamh am beatha, mar nach biodh iad ach na meall feòla; no mar nach biodh feum sam bith ‘nan anamaibh, ach mar shalann a chumail an cuirp o thruaillidheachd. Is feòil iad, Eoin iii. 6. “Tha’n aire air na nithibh sin a bhuneas do’n fheoil,” Rom. viii. 4. “Agus tha iad a’ caitheamh am beatha a réir na feòla,” rann 13. Ma gheibhear aonta na feola gu gniomhaichadh, is ainnic a dh’ fheithear ri aonta na coguis: seadh is as tric a ta’n corp air a riarachadh ‘nuair tha choguis a’ labhairt ‘na aghaidh.

San t-seathadh àite, Nach ‘eil gach neach a thaobh nàduir, neo-thoilichte le ehrannchur anns an t-saoghal, no le ni éigin àraid ana? B’e so mar an ceudna cor Adhamh, Gen. iii. 5, 6. Tha aon ni àraid do ghnàth air chall; air chor as gur creutair an duine a ta air a thoirt gu caochlaidhean. Agus ma tha neach sam bith a’ cur so an teagamh, amhairceadh iad air gach ni a at iad a’ sealbhaichadh; agus an deigh dhoibh ath-shealladh a ghabhail diubh, éisdeadh iad ri’n eridheachaibh féin, agus cluinnidh iad gearan uaigneach air son ni éigin àraid nach ‘eil aca; ge do dh’ fheudadh e bith, nan d’ thugadh iad fa’near a’ chuis gu ceart, gu faiceadh iad gur fearr dhoibh an ni àraid sin a bhí dhìth orra. O’n àm san do ruith eridheachan ar ceud phàrantan a mach air an sùilibh, air a’ mheas thoirmisgte, agus a bha le sin oidheche dhorchà air a thabhairt air an t-saoghail, aig’ an sìochd tha galar nàdurrà, ris am bheil Solamh ag ràdh Seacharan a’ mhiann, (no mar a ta’m focal a’ ciallachadh, “Imeachd an anama.” Eccles. vi. 9. Is gnè do nèul diabhlaidh so, sam bheil an t-anam ag imeachd air feadh an t-saoghail, g’a bheathachadh féin le miltibh do nithibh faoin; a’ glacadh a’ mhaise chruthaichte so agus sud eile ann an smuaintibh agus ann am miann; a’ dol an so is an sin, agus do na h-uile àite, ach an t-àite d’am bu choir dha dol. Agus cha’n ’eil an t-anam gu bràth air a leigheas o’n ghalar so, gus an toir gràs buaidh ’na thoirt air ais, gu fois shiorruidh a ghabhail ann an Dia, tre Chriosd. Ach gus an tachair so, ged a rachadh duine a ris a chur ann am Phàras gàraidh an Tighearna; cha chumadh na tha do thoil-inntinn an sin e, o amharc, seadh agus o lèum thar a’ gharadh an dara uair.

San t-seachdadh àite, Nach ’eil sinn gu mor ni’s luaithe air ar n-aomadh le droch comhairlibh agus le droch eis-empleiribh, no leo sin a ta maith! Chi sibh gu’m b’e so sgrios Adhaimh, Gen. iii. 6. ’Se droch eisempleir gus an la’n diugh aon do na h-innleachdan mòr a ta Satan a’ gnàthachadh a sgrios dhaoine. Agus, ged tha do thaobh nàduir, tuilleadh againn do nàdur an t-sionnaich no do nàdur an uain; gidheadh thug euid fa’near eadhon anns a’ chreutair so, mar leumas aon uan do’n uisge, gu’n lean a’ chuid a ta dlùth dha gu h-ealamh ’na dheigh; feudar so a thoirt fa’near, mar an ceudna mu nadur cloinn nan daoine: d’am bheil e ro nadurra, gu’n lean iad droch rathad, a chionn gu bheil iad a’ faicinn muinntir eile air an t-slighe sin air thoiseach orra. Tha neart aig droch eisempleir gu tric cosmhuil ri sruth laidir, gu’r giulan thar dleasdanas soilleir; ach gu h-àraid, ma tha’n eisempleir, air a toirt leosan d’am bheil mòr-spéis againn; dallaidh ar spéis dhoibh anns a’ chor sin ar tuigse: agus an ni d’an tugamaid grain ann am muinntir eile, aontaichidh sinn leis, a chum iadsan a thoileachadh. Agus cha’n ’eil ni sam bith a’s soilleire, no gu bheil daoine gu coitchionn a’ ròghnachadh deanamh mar a ni a’ chuid as mò, agus cha’n ann mar a ni a’ chuid as mò, agus cha’n ann mar a ni a’ chuid as fearr do dhaoine.

San ochdadh àite, Cò do chloinn Adaimh uile, aig am bheil feum a bhi air an teagasg gu duilleach chroinn-fhigis fhuagheal r’a chèile, a chòmhdaich an lomnochd? Gen. iii. 7. ’Nuair a grios sinn sinn féin, agus a rinn sinn sinn féin lomnochd chum air nàire: tha sinn gu nàdurra ’g iarraidh sinn féin a chòmhdaich leinn féin: Agus is iomadh oirp bhochd a ta air a gnathachadh, eo faoin agus eo suarach ri duilleach figis Adhaimh. Ciod an t-saothair a ghabhas daoine a chomhdach am peacanna o’n cogaisibh féin, agus a chur an dath a’s fearr is urrainn doibh air! Agus an uair a ta iad air an tabhairt fo gheur-mhoothachadh, air ehor as nach urrainn doibh gun iad féin fhaicinn lomnochd; tha e co nàdurra dhoibh oirp a thoirt air comhdach flugheadh as an cuim féin, is a ta e do’n iasg snamh anns na h-uigeachaibh, no do’n eunlaith itealaich anns an athar. Urne sin ‘si eud cheist na muinntir a ta fo mhoothachadh, Ciod a ni sinn? Gniomh. ii. 27. Cionnus a dh’ ulluicheas sinn sinn féin? Ciod an obair a ni sinn? ‘S cha mhò a ta iad a’ cuimhneachadh gur e’n ereutair nuadh obair no gniomh Dhé féin, Eph. ii. 10. ni’s mò na smuainich Adhamh air a bhith air a chomhdachadh le craicinn iobairtean, Gen. iii. 21.

San naothadh àite, Nach ‘eil clann Adhamh, gu nàdurra a’ leantuin a chos-cheuma, ann a bhì gam folach féin o ghnùis an Tighearna, Gen. iii. 8. Tha sinn uile co dall anns an ni so ‘sa bha esan; a shaol gu folaicheadh se e féin o ghnùis Dhé, am meag dubhar chraobhan a ghàraidh. Tha sinn ro-ullamh air tuilleadh tearuinteachd a ghabhail ann am peacadh diomhair, no tha sinn ann an aon a ta air a chur an gniomh gu follaiseach. “Feithidh sùil an adhaltranaich ris an dubh-thra, ag ràdh, cha’n fhaic sùil mi, Iob xxiv. 15. Agus ni daoine le saorsa an ni sin ann diomhaireachd a bhiodh nair orra dheanamh an lathair leinibh; mar gu’n deanadh dorchadas an folach o’n Dia uile-leirsinneach. Nach ‘eil sinn gu nadurra neo-churamach mu cho-chomunn ri Dia: nach ‘eil sinn eadhon neo-speiseil uime? Cha robh riamh eo-chomunn eadar Dia agus sìochd Adhaimh, far nach robh aig an Tighearna féin a’ cheud fhoacl. Nan leigeadh e dhoibh, cha’n iarradh iad gu brath as a dheigh. Isa. lvii. 17. “Dh’ fholach mi mo ghnùis.” An d’iarr e’n déigh an Dia bha g’a fholach féin? B’ fhadh ghabh e uaithe: “Dh’ imich e roimhe air slighe a chridhe féin.”

San deicheamh àite, Cia neo-thoileach a ta daoine air peacadh aideachadh, air nàir agus cionnt’ a ghabhail dhoibh féin? Agus nach ann mar so bha ehtis anns an ni a ta ‘nar beachd? Gen. iii. 8. Dh’ aidich Adhamh a lomnochduidh, ni nach b’urrainn da aicheadh; ach cha dubhairt e aon fhoacl mu pheacanna: B’e so an t-aobhar, bu mhaith leis fholach, nam b’urrainn da. Tha e co nàdurra dhuinn peacadh fholach, as a tha e duinn a chur an gniomh. ‘S iomadh dearbhadh bronach a ta againn air anns an t-saoghal so; ach gheibh sinn dearbhadh is, soilleire dheth ann an là a’ bhreitheanais: “An là anns an tabhair Dia breth air nithibh uaigneach dhaoine.” Rom. ii. 16. ‘S iomadh beul salach a bhios an sin air fhaicinn, “a ta nis ga ghlanadh, agus ag ràdh, cha d’rinn mi ole air bith,” Gnath-fhocail xxx. 20.

San àite mu dheireadh, Nach ‘eil e nàdurra dhuinn a bhi ag eutromachadh ar peacaidh, agus a bhi cur na cionta air muintir eile? Agus an uair a cheasnaich Dia ar pàranta ciontaich, nach do chuir Adhamh a’ choire air a mhnaoi? Agus nach do chuir a’ bhean a’ choire air an nathair? Gen. iii. 12, 13. A nis cha ruigear a leas a bhi teagasg na ceilg ifrionnaich so d’a chloinn; oir mu’n urrainn dhoibh ach gann labhairt, ma’s urrainn doibh an gniomh aicheadh, oirpichidh iad gu seòlta air ni-eigin a ràdh a lughdachadh an cionta, agus a chur na coire air neach eile. Seadh, tha so co nàdurra do dhaoine, is gu’n cuir iad anns na peacannaibh a’s mò, a’ choire air Dia féin; Bheir iad toibheum d’ a fhreadsal naomh, fuidh mhi-ainm, droch-agh, no droch bluaidh; agus leis a sin càiridh iad coire am peacaidh aig dorus neimh. Agus nach b’e so aon do chuir Adhamh an déigh dha tuiteam? Gen. iii. 12. “Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhi maillle rium, thug ise dhomh do’n chraoibh, agus dh’ith mi.” Thoir fa’near ordugh nam briathra: Tha e gabhail a leithsgeul anns a’ cheud àite; agus an déigh sin, ag aideachadh. Tha ‘leithsgeul fada; ach ‘aidmheil ro ghoirid; tha e uile air a chur sios ann am focal, “Agus dh’ith mi.” Cia soilleir agus cia seolta a ta ‘leithsgeul! Mar gu’m biodh eagal air nach biodh an ni bhi e ciallachadh air a thuigsinn: A’ bhean ars’ esan, no a’ bhean sin; mar gu’n seòladh e’m Breitheamh a dh’ ionnsuidh oibre féin mu’n bheil sinn a’ leughadh, Gen. ii. 23. Cha robh ach aon bhean an sin anns an t-saoghal; air chor as gu feudadh neach smuaineachadh nach ruigeadh e leas a bhi co innealta agus co beachdaidh, ann an ise a chomharachadh a mach; gidheadh, tha ise air a comharachadh a mach ‘na ‘leithsgeul co beachdaidh, is ge do bhiodh deich mile ann. A’ bhean a thug thu dhomh. Ann an so tha e labhairt, mar gu’m biodh e air a thoirt gu calldach le tiodhlacaibh Dhé! Agus a chum gu’m faicte an leithsgeul ni’s dhuibhe, tha so air a chur ris, a thug thu gu bhu maillle rium, mar ma ghnath bhan-chompanach, a sheasamh mar mo bhean-chuideachaidh. Tha so ag amharc mar gu’n cuireadh Adhamh droch run as leth an Tighearn, anns a’ ghibt so a thoirt dha! Agus an déigh so uile, tha dearbhadh nuadh air a thabhairt mu’n bheil briathra an leithsgeil iomlan: Cha’n ‘eil e ag ràdh, “Thug a’ bhean domh;” ach, “A’ bhean, thug i dhomh,” a labhairt gu h-oscarcha mar gu’n abradh e, ‘Ise, eadhon ise, thug i dhomh do’n chraoibh. An urrad so air son a leithsgeil. Ach tha aidmheil thairis ann an son fhocal, mar a labhair se e. “Agus dh’ith mi.” Agus cha’n ‘eil ni sam bith an so, a ta comharachadh ris féin, agus is co beag a ta e nochdadh ciod a dh’ith e. Cia nadurra a ta’n t-seoltachd dhubh so do shliochd Adhaimh! Feudaidh an neach a ruitheas a leughadh. ‘S eo coitchionn a tha beachd Sholaimh fior, Gnath-fhocal xix. 3. “Claonaidh amaideachd duine a shlighe, agus an aghaidh an Tighearna ni a chridhe gearan.” Abramaid air an aobhar sin ri Adhamh a thuit, ar ‘n-athair; na h-aicheamaid ar daimh ris, a cho-dhunadh a chinn so, a ta air a dhaingneachadh le dearbhadh soilleir o fhocal an Tighearn, agus o ar fiosrachadh agus beachd féin: Bitheamaid air ar co-eigneachadh gu teagasg truailidheachd ar nàduir a chreidsinn; agus gu bhi ag amharc ris an dara Adhamh, an t-Iosa beannaichte, air son co-chur fhola luachmhoir-san, a dh’ atharrachadh cionta a’ pheacaidd so; agus air son eifeachd a Spioraid naoimh, gu’r deanamh ‘nar creutairean nuadh, air dhuinn fios a bhi againn, Mur bi sinn air ar breth a ris nach feud sinn dol a stigh do rioghaichd Dhé.

Rì leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice