Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1931 » January 1931 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.

(Continued from page 314.)

San dar àite, Theid mi air m’ aghaidh a dh’ fhios rachadh mu thruaillidheachd na nàduir, ‘na ceumaibh fa leth. Ach co’s urrainn a thuisinn? Co’s urrainn fhiar-thomhas fhaotainn a mach, ‘na fhad, ‘na leud, ‘na àirde, agus ‘na dhoimhne? “Tha an eridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus do-leigheas! Co’s urrainn a thuisinn?” Ier. xvii. 9. Gidheadh feudaidh sinn gu h-eallamh urrad dheth a thoirt fa’near, as a dh’fhoghnas gu bhi ‘na aobhar mor-irioslachaidh, agus feudaidh e nochdadh dhuinn an dearbhfheum a ta air ath-ghineamhuin. Tha duine ‘na staid nàduir, gu h-uile truaillidh mar tha’n corp agus an t-anam araon air an truailleadh, mar tha’n t-Abstol a’ dearbhadh gu farsuinn, Rom. iii. 10—18. A thaobh an anama, sgaoil an truaillidheachd nàduir so i féin air feadh a cheutfaidhean uile; agus tha i ri faotainn anns an tuigse, san toil, sna gneibh, sa’ chogais agus anns a’ chuimhne.

  1. Tha’n tuisge, air call a comas, air a creachadh da ceud ghloir, agus air a comhdachadh thairis le ainhreite. Thuit sinn an lamhan ar namhaid mhòir, mar Shamson ann an làmhan nam Philisteach, agus chaill sinn ar da shùil “Cha’n ‘eil neach ann a thuigeas,” Rom. iii. 11. “Tha’n intinn agus a’ choguis air an salachadh,” Tit. i. 15. Tha beachd an duine nadurra mu nithe diadhaidh truaillidh, Salm I. 21. “Shaol thu gu’n robh mi gu tur mar thu féin.” Tha a bhreithneachadh truaillidh, agus cha’n urrainn dhi bhi air dhoigh eile, a chionn gu bheil a shuil ole. Agus uime sin, tha na Seriobtuirean, air dhoibh a bhi nochdadh gu bheil daoine a’ deanamh uile gu h-ole, ag ràdh, “Rinn gach fear an ni sin a bha ceart ‘na shùilibh féin,” Breith xvii. 6. xxi. 26. Agus is eigin gu’m bi a smuaintean, no a reusanachadh air an tilgeadh sos le cumhachd an fhocail; air dha sin a bhi co-fhreagarach r’a bhreithneachadh, 2 Cor. x. 5. Ach, a chum truaillidheachd so na h-intinn, no na tuigse, a nochdadh ni’s àraide, bitheadh na nithe a leanas air an tabhairt fa’near.

Air tús, Tha laigse nàduir ann an intinnibh dhaoine, do thaobh nithe spioradail. Tha’n t-Abstol a’ dearbhadh mu na h-uile neach aig nach ‘eil grasan an spioraid. “Gu bheil e

dall, agus gearr-sheallach,” 2 Pead. i. 9. Uaithe so tha Spiorad Dhé anns na Seriobturibh, a’ comhdachadh firinn diadhaidh mar gu b’ann le samhlachaibh talmhaidh; eadhon mar phàrantan a theagaisgeas an clann le bhi gnathachadh cosamhlachdan, Hos. xii. 10. Nì ged nach ‘eil e leigheas, gidheadh tha e taisbeanadh laigse nàduir ann an inntinnibh dhaoine. Ach cha’n ‘eil sinn gun dearbhadh air an ni so o fhiosrachadh. Mar, (1.) Cia doillich a ta e a’ chuid mhòr am measg dhaoine a theagasg ann an cinn chumanta ar creidimh naoimh; agus firinn a dheanamh co soilleir as gu’n tuig siad iad? Ann an so is eigin gu’m bi “àithne air àithne, àithne ris àithne; rann air roinn, rann air roinn,” Isa. xxxviii. 10. Feuch ris na daoine ceudna ann an nithibh eile, is gheibhear iad “ni’s glice, ‘nan ginealach féin, na clann an t-soluis.” Tha tuisge agus eòlas aca mu’n obair agus mu’n gnothuichean anns an t-saoghail, co maith ri’n coimhearsnaich; ged tha iad ro neo-mhothachail agus do-theagasg ann an nithibh Dhé. Innis dhoibh cionnus a mheudaicheas iad am maoin shaoghailta, no cionnus a shàsaicheas iad an an-mianna, agus air ball tuigidh iad na nithe sin; ged tha e ro chruaidh a thoirt orra thuisinn, cionnus a bhios an anama air an tearnadh, no cionnus a dh’ fheudas an cridheachan fois fhaotainn ann an Iosa Criosd. (2.) Gabh beachd orrasan aig am bheil ioma sochair os ceann muinntir chumant’ a chinne-daoine; aig an robh cothrom deadh fhoghlu agus deadh oilean, seadh, agus a ta air am beannachadh le solus grais, san tomhas anns am bheil e air a roinn do na naoimh air an talamh; gidheadh eia beag a’ chuibrioinn colais a ta eadhon acasan air nithibh diadhaidh! Nach mor an t-aineolas agus an aimhreit a ta fathast a’ mairsinn ‘nan inntinnibh! Nach tric a ta iad air an truailleadh, eadhon do thaobh nam firinnean gnathaichte; agus a’ labhairt mar leanabh sna nithibh sin. Is truagh an laigse a ta annainn, nach urrainn sinn na nithe a dh’ fhoillsich Dia dhuinn a thoirt fa’near: agus is eigin gur laigse pheacach i, o na tha lagh Dhé ag iarraidh oirnn an creidsinn agus an aithneachadh. (3.) Ciod na mearachdan cumartach a ta ri’m faotainn am measg dhaoine anns na gnothuichibh is cudthromaiche i. Ciod na meallaidhean truagh a ta buadhachadh orra i. Nach ‘eil sinn gu tric a’ faicinn na muinntir sin a ta ann an nithibh eile ni’s glice na chuid is

mò do dhaoine, gur iad na h-amadain is follaisiche do thaobh coir mhòr an anama, Mat. xi. 26. “Dh’ fholaiich thu na nithe sin o dhaoinibh eagnuidh agus tuigseach.” Tha moran a ta mar shùil-iolaire ann an nithibh suarach an t-saoghail so; a that mar chaillich-oideche agus ialtagan, ann an solus na beatha. Cha’n ‘eil gu cinnteach beatha na h-uile duine nadurra ach mar aon bhruarad mealltaireachd; as nach urrainn da e féin gu brath a dhusgadh, gus an dara cuid an tig e d’a ionnsuidh féin le soluis nuadh a dealradh air anam o nèamh, (Luc. xv. 17.) no gu’n tog e suas a shùilean ann an ifrinn, (Luc. xvi. 24.) Agus uime sin, tha e ann am beachd an Scriobtuir, air a mheas mar amadan, agus mar aon gun chiall, ciod air bith co glie as a ta e ann an nithibh eile.

San dara àite, Tha tuigse an duine gu nadurra air a lionadh le tiugh-dhorehadhas ann an nithibh spioradail. Air do’n duine, le comhairle an diabhuil, oirpeachadh air solus nuadh a chur suas ‘na inntinn, (Gen. iii. 5.) an àite sin dh’ fhosgail e dorsan an t-sluichd gun iochdar; air chor an leis an deataich sin, gu robh e air adhlacadh ann an dorchadas. An uair a rinn Dia an duine air tüs, bha ‘inntinn ‘na lochran soluis; ach a nis an uair a ta e teachd gu dheanamh thairis a rìs ann an ath-ghineamh, tha e g’a faotainn ‘na dorchadas, Eph. v. 8. “Bha sibh uair-eigin ‘nur dorchadas. Dhùin am peacadh uinneagan an anama; Tha dorchadas thar an fhearann sin uile! Is tir dorchadais, agus sgail bàis e, far am bheil an solus ‘na mhor dhorchadas: Tha prionnsa an dorchadais a’ riaghladh an sin; agus cha’n ‘eil ni sam bith ach oibre an dorchadais air an dealbh ann! Tha sinn air mhodh spioradail air ar breth dall, agus cha’n urrainn sinn a bhi air ar n-aiseag as eugmhais miorbhuil gràis. Is i so do staidse, co sam bith thu, nach ‘eil air do bhreth a rìs. Agus a chum gu’m bi mothachadh agad mu’n ni so, gabh na dearbhaidhean a leanas.

  1. Dearbhadh, A dorchadas, a bha san t-saoghail roimhe, agus aig an àm san d’ thàinig Criosd, ag eirigh mar ghrian na fireantachd air an talamh. An uair a chiall Adhamh le ‘pheacadh, an ceud sholus leis an robh e air a sgeadaechadh ‘na chruthachadh, thoilich e Dia ‘na dheadh-ghean dha, foillseachadh gràsmhor a. dheanamh air inntinn agus air a thoil féin dha, do thaobh staid na slàinte, Gen. iii. 15. Bha so air a thoirt a nuas leis-san, agus le aithrichibh diadhaidh eile, roimh an

tuil, gidheadh bhuadhaich dorchadas nadurra inntinn an duine, co mor an aghaidh an fhoillseachaidh sin, as gu’n d’thug e air falbh na h-uile mothachadh air fior dhiadhachd o’n t-seann saoghal, ach na mhair dheth ann an teaghlaich Noah, a bha air an sabhaladh anns an àire. Mar a mheudaich daoiné air an talamh, an déigh na díle, mheudaich dorchadas nadurra na h-inntinn a ris, agus bha’n solus a’ caitheadh as, gus an do bhásaich e am meag a’ chuid nùòir do’n chinne-daoine, agus bha e mhain air a choimhead am meag ginealaich Shem; agus, eadhon ‘nam meagsan, bha e dluth air dol as, an uair a ghairm Dia Abraham o sheirbhís dhée eile, Iosua xxiv. 15. Thug Dia do Abraham foillseachadh is soilleire agus is laine: agus cho-pairtich esan sin r’a theaghlaich, Gen. xvii. 19. Gidheadh, tha’n dorchadas nadurra ga chaitehamh air falbh an ceann aimsir; ach na bha air a ghleidheadh am meag slioichd Iacoib. Air dhoibhsan a bhi air an toirt sios do’n Eiphit, bhuadhaich an dorchadas co mòr, as nach robh ach ro-bheag mothachaidh ‘nam meag air fior-dhiadhachd: agus b’ fheudar gu’m biodh foillseachadh nuadh air a thoirt dhoibh san fhasach. Agus is iomadh neul dorchadais a chaidh thairis air an fhoillseachadh sin, an drasd agus a ris, o àm Mhaois gus an d’thàinig Criosd. An uair a thàinig Criosd, bha’n saoghal air a roinn do Iudhaich agus do Chinnich. Bha na h-Iudhaich agus am fior-sholus maille rin, an taobh a stigh do reachdan, Salm cxlvii. 19, 20. Bha eadar iadsan agus an saoghal Geintileach balla eadar-dhealaichte do dheanamh Dhé, is e sin lagh nan deas-ghnathan; agus, air sin, bha balla eile air a thogail, do dheanamh an duine féin, eadhon naimhdeas domhain eadar an dà chuideachd. Ma dh’ amhairceas sinn an taobh a mach do’n bhalla, (agus, ach a mhain na proselitich sin do na Cinnich a threig iodhal-aoradh, tre shoillseachadh cuid do’n t-solus a bha briseadh a mach orra o’n taobh a stigh do’n bhalla, a rinn aoradh do’n fhor-Dhia, ach nach do cho-aontach ri deas-ghnathan Mhaois,) cha’n fhaic sinn ni sam bith ach “àitean dorcha na tire lan do ionnadaibh comhnuidh an fhoirneirt.”

Chomhdaich tiugh-dhorechadas aghaidh an t-saoghail Ghentilich; agus cha robh eolas na slàinte idir aithnichte ‘nam meag. Bha iad air am bathadh ann an saobh-ehrabhadh agus ann an iodhal-aoradh; agus mhèudaich iad an iodhalan gu àireamh co mor, as

gu’n robh os ceann deich mìle fichead dhiubh san Roinn-Eorpa d’n robh iad a’ toirt aoraidh. Ciod air bith gliocas a bha’m measg am Feallsanach, “cha b’ aithne do’n t-saoghal leis a’ ghliocas sin Dia,” (1 Cor. i. 21.) agus cha robh ‘nan uile mhinn-rannsachadh mu chreidimh, ach mägradh anns an dorchä, Gniomh. xvii. 27. Ma dh’ amhairceas sinn an taobh a stigh orrasan aig an robh na reachdan, (ach ro-bheag a bha ‘g osnaich agus a’ feitheamh ri comhfhurtachd Israël,) chi sinn tiugh-dhorchas air aghaidh a’ ghinealaich sin. Ge do thugadh Oracla Dhé dhoibhsan, bha iad gidheadh ro thruaillidh ‘nan teagasg. Bha’n gnathan air am meudachadh; ach bha eolas mu na nithibh sin anns am bheil beatha na diadhachd a’ co sheasamh, air chall; cha robh aithne ag maigstirean Israël air nadur no air feum na h-ath-ghineamhui, Eoin iii. 10. B’e ‘n creidimh-san a bhi togail air an sochairean-breith, mar chloinn Abraham, Mata iii. 9. a bhi deanamh uaill ‘nan timchioll-ghearradh agus orduighean follaiseach eile, Philip. iii. 2, 3. agus le bhi a’ eur doigh san lagh, (Rom. ii. 17.) an déigh dhoibh, le’n sgàile feallsach a ghearradh co ghoirid, as gu feudadh iad dol dluth air a choimhlionadh, Mata v.

Mar so bha dorchadas air aghaidh an t-saoghal, an uair a thàinig Criosd, an solus fior d’a ionnsuidh. Agus mar sin tha dorchadas air na h-uile anam gus an éirich Eisan, mar reult na maidne anns a’ chridhe. Tha cheud dorchadas ‘na dhearbhadh air an dara dorchadas. Ciod, ach an dorchadas nadurra a tha air inntinn dhaoinn a b’ urrainn, mar so solus follaiseach an fhocail a chaitheamh air falbh, ann an gnothuch air an robh sonas siorruidh an crochadh? Cha do dhìeuhimhnic dhaoinn an seol air an coimhideadh iad am beatha; ach cia grad a chaill iad an eolas air slighe na slainte air son an anama, a tha gu mor ni’s luachmhoire agus ni’ cudthromaiche? An uair a bha teagasg Aithriche agus Fhàidhean gun eifeachd, b’ fheudar gu’n biodh dhaoinn air an teasgasg le Dia féin, an ti a mhain is urrainn sùilean na tuigse fhosgladh. Ach a chum gu’ faicte gu soilleir gu’n do luidh truaillidheachd-inntinn an duine ni bu doimhne na gu biodh i air leigheas le foillseachadh o’n taobh a mach a mhain; cha robh ach ro-bheag air an iompachadh le sear monachadh Chriosd, “a labhair mar nach do labhair duine riamh,” Eoin xii. 37, 38. Cha d’rinneadh an leigheas mor air a’ ghinealach,

gus an d’thainig an Spiorad Naomh an co-chuideachd searman-achaidh nan abstol; a bha do réir a’ gheallaidh, Eoin xiv. 12. ri oibre mor a dheanamh. Agus ma dh’amhairceas sinn ris na miorbhuile a dh’oibricheadh le’r Tighearna beannaichte, chi sinn gu’n do thaisbein e gu soilleir, le co-chur na cungaidh ris an anam air son leighis eucailean a’ chuirp, (mar ann an eor an duine bha tinn leis a’ phairilis, Mata ix. 2. gu’m b’e ghnothuch mor do’n t-saoghal a leigheas eucailean an anama. Chi sinn gu robh miorbhui’ air oibreachadh air aon a bha air a bhreith dall, air dheanamh air dòigh a bha mar gu b’ann a’ nochdadh do’n t-saoghal mar ann an sgathan, an staid agus an leigheas, Eoin ix. 6. “Rinn e criadh, agus sgaoil e chriadh air suilibh an doill.” Ciod an ni a b’fhearr a’ b’urrainn doill’-inntinn dhaoine a thaisbeanadh, no suilean a bhi air an druideadh le talamh? Isa. vi. 10. “Druid an sùilean:” Druid a suas iad, le ungadh, no le ceangal, mar a dh’ fheudadh am focal a bhi air a mhìneachadh. Agus caib. xlv. 18. “Dhruid e an sùilean.” Mar bha’n tigh anns an robh an luibhre, bha e gu bhi air a chomhdachadh thairis, Lebh. xiv. 42. Mar so tha focal an Tighearn a’ nochdadh an ruin a bh’ aig an obair iongantach sinn; agus leis an fhoical sin a’ nochdadh dhuinne, gu bheil sùilean ar tuisge gu nadurra duinte. An sin is èigin do’n duine dhall dol agus a’ chriadh so ionnlaid dheth ann an lochan Shiloaim; cha dean uisge sam bith eile an gnothuch so. Mur biodh an t-uisge sin sa’ ciallachadh an ti a chuir an t-Athair a dh’ionnsuidh an t-saoghail, “a dh’ fhosgladh nan sùilean dalla,” Isa. xlii. 7. is e mo bharail nach d’thugadh an soisgeulach dhuinn mìneachadh an ainm, a’ deir e a ta ciallachadh “Air a chur,” Eon ix. 7. Agus mar sin feudaidh sinn fhaicinn gu bheil dorchas nadurra ar n-inntinn co mòr as nach ‘eil leigheas air a shon; ach o fhuil agus Spiorad Iosa Crìosd, aig am bheil a mhàin an sabh-shul, is urrainn a thoirt oirnn gu’m faic sinn Taisb. iii. 18.

Rì leantainn.

God send me no more happiness in heaven, or out of heaven, than Christ! For I find this world, when I have looked upon it on both sides, within and without, and when I have seen even the laughing and lovely side of it, to be but a fool’s idol, a clay prison. Lord, let it not be the nest that my hope buildeth in!

—Samuel Rutherford.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice