Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1931 » February 1931 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.

(Continued from page 353).

2. Dearbhadh.

Tha cridhe agus beatha gach duine nadurra ‘nan torr do dhorchadas, do throimhe-cheile agus do ainhreite, ciod air bith anns an nochd se e féin ann am fianuis dhaoine: “Oir bha sinne féin” mar an ceudna, ars’ an t-Abstol Paul, “uair-eigin eu-ceillidh, eas-umhal, air seacharan, a’ deanamh seirbhis do iomadh gne do ana-miannaibh agus do an-toilibh,” Tit. ii. 3. agus gidheadh, aig an àm sin, bha e “neo-choireach a réir na fireantachd a ta san lagh,” Philip. iii. 6. Tha so ‘na dhearbhadh soilleir, gu bheil “an t-suil gu h-ole, air bhi do’n chorp uile làn dorchadais,” Mata vi. 23. Tha chuid neo-nuadhaithe do’n chinne-daoine, air an iomain triomh’n t-saoghal, cosmhuil ri aireamh do dhaoine dall; nach gabh aon chuid fear-sèolaidh, no nach urrainn iad féin a sheòladh: agus a ta iad uime sin a’ tuiteam o aon àirde agus àirde eile gu sgrios! Tha cuid a’ ruith an deigh an sainnt, gus am bheil iad air an troimh-lot le iomadh cradh; cuid a’ stad ann an clabar nan ana-mianna; cuid eile gam bruthadh féin air carraig an uaibhair agus na féin-speis; na h-uile h-aon a’ tuisleachadh air aon chlach-thuisleadh no clach-thuislidh éigin eile; tha’n t-iomlan diubh gan ruith féin air roinn claidheimh a’ cheartais, am feadh a tha iad a’ dian leantuinn an aignidhean agus an ana-mianna neo-cheannsuidhichte an taobh a ta iad gan treorachadh; agus am feadh a tha cuid ‘nan aonar anns an t-slighe, tha cuid eile a’ teachd air an aghaidh, agus a’ tuiteam an comhar an cinn thairis orra. Agus uime sin, “Is an-aoibhin do’n t-saoghal (dhall,) air son oilbheuman,” Mat. xvii. 7. Tha mearachdan anns an tuigse a’ mèudachadh anns an t-saoghal; do bhrigh gur i an “oidhche ta ann sam bheil uile bheathaiche na coille a’ snàgadh a mach.” Tha muinntir neo-nuadhaichte uile am mearachd do thaobh fior-shonais; oir ged a shuidhich a’ chreidimh Chriosdaidh a’ phuing sinn anns an steidh, gidheadh, cha’n ‘eil ni is lugha na cumhachd grais as urrainn a dhaingneachadh ann an cleachdadh na tuigse. Tha na h-uile dhaoine a’ cordadh ann an iarritus a bhi sonadh: ach am measg na muinntir neo-nuadhaichte, a thaobh na slighe gu sonas, tha ach beag cho lion barail as a tha do dhaoine air an t-saoghal; air dhoibh “tionndadh gach aon ‘ga shlighe féin,” Isa. liii. 6. Tha iad cosmhuil ris na Sodomaich dhall mu’n cuairt do thigh Lot; bha iad uile ag iarraidh gu faigheadh iad an dorus, tha cuid a’ rannsachadh a’ bhalla ann an aon aite, agus cuid ann an àite eile; ach cha b’urrainn a h-aon diubh a’ ràdh gu cinnteach, gun d’ fhuair se e; agus mar sin feudaidh an duine nadurra tuiteam air maith sam bith ach an t-àrd-mhaith. Amhaire ann ad chridhe neo-nuadhaichte féin, agus an sin chi thu gach ni bun os ceann; neamh ‘na luidhe an iochdar, agus an talamh an uachdar! Amhaire air do chaithe-beatha, an sin feudaidh tu fhaicinn, mar tha thu cluiche mar dhuine cuthaich, a’greimeachadh ri faileasan, agus a’ deanamh dearmaid, air a’ chuspair: a’ ruith gu dian an déigh an ni sin nach ‘eil, agus a’ deanamh tàir air an ni sin a ta, agus a bhitheas gu brath!

3. Dearbhadh.

Tha’n duine nàdurra do ghnath mar fhear oibre a ta air fhagail gun solus, aon chuid a’ cleasachd no a’ deanamh cron. Feuch ri d’ chridhe a ghlacadh aon uair is aill leat, agus gheibh thu e a’ figheadh lion an damhain-alluidh, no a’ gur uighean na ri-nathraich, (Isa. lix. 5.) a’ ruith sios agus suas triomh ‘n t-saoghal, na a’ cladhach chum an t-sluic; air a lionadh aon chuid le diomhanas, no le gràineilachd; a’ saothrachadh ann an neo-ni, no ann an ni is miosa na neo-ni: comhara bronach air inntinn dhoreha!

4. Dearbhadh.

Tha’n duine nàdurra a dh’ easbhuiddh eolais slainteil air nithe spioradail. Cha’n aithne dha an Dia ris am bheil a ghnothuch; tha e aineolach mu Chriosd; agus cha’n ‘eil fios aig ciod e peacadh. Tha na daoine a’s mò gliccas agus innleachd, dall mar na faimh, mu na nithe sin. Tha, ach gidheadh is urrainn cuid diubh labhairt mu’n timchioll gu deas-bhriathraich: Agus mar sin dh’fheudadh na h-Israelich sin labhairt, mu na buaireanna, na comharan, agus na miorbhuilean, a chunnaic an sùlean, (Deut. xxix. 3.) muintir, gidheadh, do nach d’ thug an Tighearna cridhe a thuigsinn, agus sùilean a dh’ fhaicinn ainm a’ Chriosdaidh, a dh’ fheudas aidmheil Pharaoh a dheanamh mu chreidimh, Ecsodus v. 2. “Cha’n aithne dhomhs’ an Tighearna, is cha mho a dhealaicheas iad ris,” an ni sin a tha e ‘g aithne dhoibh a leigeadh as. Tha Dia dhoibhsan mar phrionnsa folaichte, am measg a chuid iochdarain; nach ‘eil a’ faotainn gnàthachadh as fearr uatha, no ge b’ iad a’ choimpeirean iad, Salm l. 21. Am bheil aithne aca air Criosd, no am bheil iad a’ faicinn a ghloir, agus maise sam bith ann, air son am bheil e ri bhi air iarraidh? Nam biodh aithne ac’ air, cha chuireadh iad suarach e, mar a tha iad a’ deanamh: Chuireadh sealladh d’a ghloirsan a lethid do nèul air na h-uile maise cruthaichte, as gu’n gabhadh iad e air son, agus ann an àite na h-uile; agus ghabhadh iad gu toileach ris, mar a tha e g’a thairgseadh féin anns an t-soisgeul, Eoin iv. 10. Salm ix. 10. Mata xiii. 44, 45, 46. Am bheil fios acasan ciod e peacadh, a tha ‘g altrum na nathraich ‘nan uchd, a tha cumail greim daingean air ceilg, agus a’ diultadh a leigeil as? Tha mi ‘g aideachadh gun amharus, gu’m feud eòlas nadurra bhi aca mu na nithibh sin mar a bh’ aig na h-Iudhaich neo-chreidmheach mu Chriosd, a chunnaic iad agus ris an do labhair iad; ach bha glòir spioradail ann-san, a bha mhàin air aithneachadh le creidmheach, Eoin i. 14. Agus do thaobh na gloir sin, cha b’aithne do’n t-saoghal (neo-chreidmheach) e, rann 10. Ach an t-eòlas spioradail cha’n urrainn iad a bhi aca; tha e os ceann breithneachaidh na h-inntinn fheolmhoir, 1 Cor. ii. 14. “Cha ghabh an duine nadurra ri nithibh spioraid Dé: oir is amaideachd leis iad; agus cha’n ‘eil e’n comas da eolas a ghabhail orra, do bhrigh gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad.” Feudaidh e gun amharus labhairt umpa; ach cha’n urrainn e sin a dheanamh ach mar a labhras duine mu mhil no fion-geur, nach do bhlais riamh mill-seachd an aoin, na searbhaichd an aoin eile. Tha cuid do bheachd aige mu fhirinnibh spioradail, ach cha’n ‘eil e faicinn nan nithe féin a ta air am filleadh a suas ann am briathraibh na firinn, 1 Tim. i. 7. “Cha’n ‘eil iad a’ tuigsinn ciod a deir iad, no ciod mu’n bheil iad a’ toirt cinnte.” Ann an aon fhocal tha eagal ann an daoine nadurra, tha iad ag iarraidh, agus ag aidmheil, cha’n ‘eil fios aca ciod. Mar so feudaidh sibh fhaicinn, gu bheil tuigse an duine, gu nadurra, trom-luchdaichte le tiugh-dhorchadas ann an nithibh spioradail.

San treas àite, Tha ann an inntinn an duine, claonadh nadurra gu olc;

leis am bheil e tachairt, ciod air bith cruaidh chas a gheibh e an uair a tha e an sàs ann an nithibh a tha da rireadh maith, gu bheil e ‘g oibreachadh gu furasda anns an olc; oir anns a’ chùis sin tha e mur gu’m biodh e ‘na fhonn féin, Ier. iv. 22. Tha’n inntinn fheolmhor a’ siubhal gu trom ann an smuaintibh mu nithe maith; ach siubhlaidh i gu dian ann an smuaintibh mu’n olc. Am feadh ‘s a ta naomhachd ma coinneamh, tha cuibhrichean orra; ach aon uair is gu’m faigh i thar a’ gharadh tha i mar eun a fhuair a mach as a chliabh: agus tha ‘n duine ‘na fhear claon-bharail da rireadh. Beachdaicheamaid gu h-aithghearr, air breithneachadh agus air smuaintibh na h-inntinn fheolmhoir; agus gheibh sibh dearbhadh soilleir air a claonadh thruagh so gu olc!

1. Dearbhadh.

Mar tha duine a’ call a shealladh an uair a tha e faotainn buille trom air a cheann, leis am bheil ag éiridh solus mealltaich, agus leis am bheil e a’ faicinn na mìltean do fhaileasan: mar sin an duine, air dha bhi air a bhualadh dall, do gach ni a ta da rireadh maith agus a ta air son a sheilbh shiorruidh, tha shuilean air am fosgladh air dha bhi fiosrach air an olc: agus mar sin tha briathran a’ bhuaireadair air an dearbhadh, Gen. iii. 5. Tha briathran an Fhaidh soilleir, “Tha iad seolta a dheanamh uilc? ach maith a dheanamh, cha’n aithne dhòibh,” Ier. iv. 22. Tha innleachd nadurra aig inntinn an duine gu olc a dhealbh: Cha’n ‘eil a h-aon co simplidh ann, aig nach ‘eil seòltachd gu leor a dhealbh innleachdan gu’n an-mianna a shàsuchadh, agus gu’n anama a sgrios; ged nach ‘eil cumhaichd ann an laimh na h-uile neach gu’n innleachdan a chur an gnìomh. Cha ruigear a leas an ealainn dhubh so, a theagasg do dhuine sam bith; ach mar a dh’fhàsas luibhean lobhta, anns an lios a ta air a dhìchuimhneachadh, mar sin fàsaidh an glòicas so (a ta talmhaidh, collaidh, diabhluidh, Seum. iii. 15.) a suas ann an inntinnibh dhaoine, do bhrigh truaillidheachd an naduir. C’ar son a bhiodh iongantas oirnn mu’n toradh a ta sruthadh o innleachd dhaoine truaillidh; mu’n t-seoltachd leis am bheil iad a’ deanamh tarcuis air neamh, a’ eucoir an aghaidh firinn agus ana-mianna dhaoine eile? Tha iad a’ dol leis an t-sruth, cha’n iongantach ged a ni iad astar mòr; tha am maoin san taobh a stigh, agus tha e a’ meudachadh le bhi ‘ga chleachdadh: agus tha oibre an dorchadais air an dealbh leis an tuilleadh cothrom, a chionn gu bheil an inntinn gu léir as eugmhais soluis spioradail; ni a chuireadh maille air an obair, nam biodh e ann an tomhas sam bith annta, 1 Eoin iii. 9. Ge b’e neach a ghineadh o Dhia, cha dean e peacadh; cha dean sa e le seòltachd; oir, a ta a shìol-san a fantuinn ann. Ach air an laimh eile, “Tha e mar shùgradh do’n amadan olc a dheanamh: ach tha gliocas aig fear na tuigse,” Gnath-fhoc. x. 23. “Tha bhi deanamh uilc gu h-innleachdach (mar tha’m focal a’ ciallachadh) ‘na chluiche, no ‘na shùgradh, do amadan.” Tha e ga dheanamh gu furasda; agus c’ar son, ach do bhrigh gur amadan e; agus nach ‘eil gliocas aige; ni a mhilleadh innleachdan an dorchadais? Mar is nàdurra tha ni sam bith, ‘s ann is usa a dheanamh.

2. Dhearbhadh.

Leig leis an inntinn thruaillidh ach an cothrom air neach a bhi air a chur an sàs, no a dheanamh seirbhis éigin do Dhia, air chor is an t-innleachd, mur ‘eil e peacach ann féin, gu’m feud e gidheadh fàs peacach, le e bhi air a dheanamh ann an àm neo-iomchuidh; theid e gu h-ealamh gu innleachd no gu deuchainn sam bith le leum gu grad a thaobh; ni nach b’ urrainn e dheanamh, nan smuainicheadh e gu h-iomchuidh. Mar so Saul, aig nach robh fios ciod a dheanamh e, mu’n do thòisich an sagart air comhairle chur ri Dia, chuir e roimhe gu h-ealamh, co luath ‘sa bha lamh an t-sagairt an sàs: thug a chridhe féin an sin freagradh o’n Tighearna, 1 Sam. xiv. 18, 19. Tha leithid sin a dh’ eolas diabhluidh aig an inntinn thruaillidh, ann an deilbh an ni sin a chumas daoiné o’n dleasdanas do Dhia.

3. Dearbhadh.

Nach ‘eil an inntinn fheolmhor, gu nadurra a’ deanamh strì ri greim a dheanamh air nithibh spioradail ann an smuaineachadh; mar gu’m biodh an t-anam gu h-iomlan air a shlugadh suas ann am fuil agus feoil, agus gu’n tionndadh e na h-uile ni gu ‘choslas féin? Amhairceadh na daoine a’s cleachdta ri mìn-smuaineachadh air an anamaibh féin, agus gheibh iad an claonadh so ‘nan inntinnibh; air am bheil an t-iodhal-aoradh a bh’ ann o shean, agus a ta buadhachadh fathast anns an t-saoghal, ‘na dhearbhadh cinnteach. Oir tha e gu soilleir a’ nochdadh, gu’m b’aill le daoine gu nàdurra, dia faicesinneach a bhi aca, agus, gu’m faiceadh iad an ni d’am bheil iad a’ deanamh aoraidh, agus air an aobhar sin chaochail iad glóir an Dé neo-thruailidh gu dealbh. Rom. i. 23. Dh’ fhògair an t-ath-leasachadh anns na dùthchaibh so, (gu ma beannaichte gu’n robh an Tighearn air a shon,) iodhal-aoradh, agus dealbhan, a mach as ar n-eaglaisean; ach is e ath-leasachadh cridhe a mhain, is urrainn a bhriseadh ann an smuaintibh agus a dh’ fhogras air falbh an dealbh-aoradh inntinneach, agus diomhair o inntinnibh dhaoine. Cha robh an saoghal riamh aig àm a dhorchadais, ni bu mhò deigh air son an dara aoin, no tha’n inntinn neo-naomhaichte air son an aoin eile. Agus uaithe so, tha smuainte uamhasach agus gràineil neo-shuidhichte mu Dhia, mu Chriosd, mu’n ghloir a tha shuas, agus na h-uile nithe spioradail.

4. Dearbhadh.

Cia cruaidh an obair an inntinn fheolmhor a chumail an làthair an Tighearna: Cia doillich leatha caidreadh a thoirt do smuainte maith, agus buanachadh ann am beachdachadh nithe spioradail? Ma tha neach aig uair sam bith air éigneachadh, gu smuaineachadh mu churam mòr anama, tha e ni’s so-dheanta creutair neo-cheannsaichte aerach a thaladh, na’n inntinn fheolmhor a chumail o ruith a mach an deigh diomhanais an t-saoghal. An uair a tha Dia a’ labhairt ri daoine le fhocal, no iadsan a’ labhairt ris san ann an urnuigh, nach ‘eil an inntinn gu tric a’ fàgail an cuirp an làthair an Tighearna, cosmhuil ri dealbhan, aig am bheil sùilean, ach nach faic; agus cluasan, ach nach cluinn? Tha’n corp striochdte an làthair Dhé, ach tha’n saoghal a’ toirt air falbh a’ chridhe: ged tha na sùilean dùinte, tha’n duine a’ faicinn mìle diomhanas; tha’n inntinn anns an àm cheudna, cosmhuil ri eun a fhuair fuasgailte as a chliabh, a’ leum o phreas gu preas: air chor as nach ‘eil an duine a’ teachd d’a ionnsuidh féin, gus am bheil e air dol o làthair an Tighearna. Na h-abair, gu bheil e neo-chomasach an inntinn a shoilleireachadh: tha e cruaidh gun teagamh, ach cha’n ‘eil e neo-chomasach; is urrainn gràs o’n Tighearn a dheanamh, (Salm cviii. 1,) ni cuspairean taitneach e; glacaidh smuainte tlachdmhor inntinn an fhir-rannsachaidh: cha’n ‘eil inntinn an duine shaoghalta an cunnart dol air seacharan an uair a tha e smuaineachadh mu ghnothuiche, a’ deanamh a mach a chunntais, no a’ meas a chuid airgid; mur freagair e thu air tús, innsidh e dhuit nach cual e thu, bha e’n sàs; bha ‘inntinn socraichte. Na’m bitheamaid air ar tabhairt an làthair righ, a thagradh air son ar beatha, cha bhitheamaid ann an cunnart a bhi ‘g amharc timchioll seòmair ‘na làthair-eachd: Ach is ann an so a tha’n t-eadar-dhealachadh, gu bheil an inntinn fheolmhor an uair a tha i cuairteachadh maith spioradail sam bith, as a fonn féin, agus uime sin, cha’n urrainn dhi socraicheadh.

Ri leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice