MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.
(Continued from page 433.)
Sa’ chnuigeadh àite, Tha ann an inntinn an duine claonadh nadurra gu breugan agus mealltaireachd; a tha treorachadh gu comhnadh le ana-miannaibh; “tha iad a’ dol air seacharan o’m breith a’ labhairt bhreug,” Salm lviii. 3. Tha so againn, maillle ris a’ chuid eile do thruaillidheachd ar naduir o ar ceud pharantaibh. Dh’ fhoillsich Dia an fhìrinn dhoibh, ach tre mealltaireachd a’ bhuaradair chuir iad an teagamh air tür i, an déigh sin mhi-chreid iad i, agus ghabh iad ri breig an àite na firinn. Agus mar dhearbhadh cinnteach air so, feudaidh sinn a’ cheud earrann sin do chreud an diabhuil fhaicinn, “Gu
cinnteach cha’n fhaigh sibh bàs,” (Gen. iii. 4.) ni a bha air a sparradh leis air ar ceud pharantaibh, agus ris an do ghabh iad; agus ris an do ghabh an slioichd gu nadurra, agus a chumas iad daingean, gus an ëignich solus o neamh iad gu dealachadh ris. Tha e ga sgaoileadh féin tre chaitheamh beatha dhaoine nadurra, a tha, gus am bi an coguisean air an dusgadh, a’ siubhal a réir an ana-mianna féin; do ghnàth a’ gleidheadh an ceud phuine, “Nach fhaigh iad gu cinnteach bàs.” Agus tha so gu tric air a chleachdadh gu leithid a dh’ àirde is gur urrainn an duine a radh os ceann a mhallachd a chaidh a bhagradh, “Bithidh sith agam, ged ghluais mi ann an an-miann mo chridhe féin, a chur misge ri pathadh!” Deut. xxix. 19. Ciod sam bith barrachd a th’ aig firinnean Dhé os ceann mearachd a thaobh foghlum, no air sheol sam bith eile; tha bhuaidh so do ghnath aig mearachd air an duine nadurra an aghaidh na firinn, eadhon gu’m bheil ni-eigin an taobh a stigh dheth, a ta ‘g ràdh, O nach robh e fior! air chor as gu bheil an inntinn reidh ri co-aontachadh leis. Agus is e so an t-aobhar. Gur e’m fior-theagasg, “an teagasg a ta a reir na diadhachd,” Tit. i. 1. Is e mearachd an teagaig a ta a réir mi-dhiadhachd: oir cha’n ‘eil uair sam bith mearachd anns an inntinn, no mi-fhireantachd air a sgaoileadh anns an t-soighal, a thaobh a’ chreidimh, aig nach ‘eil daimh ri aon truaillidheachd, no truaillidheachd eile sa’ chridhe, a réir mar tha’n t-abstol ag ràdh, 2 Tesa. ii. 12. “Cha do chreid iad an fhirinn, ach bha tlaichd aca anns an eucoir.” Air chor as mar nach ann air an aon doigh a ghabhar ri firinn agus mearachd, mar sin gu’m bheil aig mearachd toiseach air a bhi air a gabhail ann an inntinnibh dhaoine ‘nan staid nadur. Air an aobhar sin cha’n iongantach, ged tha daoine a’ cur eul ri firinnibh soilleir agus orduighean follaiseach an t-soisgeil, agus a’ gabhail gu h-eallamh ri mearachd agus ri sgeimh mhaiseach o’n taobh a mach ann an nithibh a’ chreidimh; do bhrigh gu bheiliad sin co taitneach do ana-miannaibh a’ chridhe, agus do dhiomhanas inntinn an duine nadurra. Agus is ann uaith so mar an ceudna tha e tachairt, gu bheil co lionar a’ gabhail ri teagasg Dia-aicheadh;
oir cha’n ‘eil a h-aon ga dheanamh sin ach ann co-aontachadh ri’n ana-miannaibh neo-cheannsaichte, cha’n ‘eil a h-aon, ach iadsan d’ am bitheadh e ‘na shochair nach robh Dia ann.
San àite mu dheireadh, Tha’n duine gu nadurra ard-inntinneach: Oir, an uair a tha’n soisgeul a’ teachd le cumhachd d’a ionnsuidh, “tha e air a ghnathachadh ann an tilgeadh sios reusonachaidh, agus gach ni àrd a dh’ àrdaicheas e féin an aghaidh eolais Dé,” 2 Cor. x. 6. Cha’n ann an lios naduir a tha blàth na h-iriosalachd inntinn a’ fas; ach tha e air a phlannndachadh le meur Dhé, ann an cridhe nuadhaichte; agus tha e air fhoghllum o’n Iosa mhacanta. Is nadurra do dhuine, smuaineachadh gu h-àrd uime féin, agus mu na nithe is leis an leagadh sealladh mearachdach dha; leis am bheil taisbeanadh mu’n cuairt dha ennic mar bheanntaibh; agus leis am bheil miltean do mhaisealachda faileasach ‘gan taisbeanadh féin d’a bharail mhearaechdaich! “B’ àill leis an duine fholamh a bhi glie” (is ann mar sin a ta e g’a mheas féin, agus is ann mar sin bu mhaith leis meas a bhi aig daoine eile air,) “ged is ann mar loth asail fhiadhaich a bheirear duine,” Iob xi. 12. Tha shlighe ceart a chionn gu’r i a shlighe féin i: oir “Tha uile shlighean duine ceart ‘na shùilibh féin, Gnathfhocail xxi. 2. Tha ‘staid gu maith, do bhrigh nach aithne dha na’s fearr; “tha e as eugmhais an lagha,” Rom. vii. 9. agus uime sin tha ‘dhòchas laidir, agus earbsa daingean. It tür Bhabeil eile e air a thogail an aghaidh nèimh; agus cha tuit e co fhad agus is urrainn cumhachd an dorchadais a chumail suas. Tha’m focal a’ eur seisdeadh ris, gidheadh tha e seasamh; tha bearnan air uairibh air an deanamh air, ach tha iad gu luath air an caradh. Aig uair eile tha e uile air a chreathnachadh; ach tha e fathast a’ cumail suas: gus an aon chuid an dean Dia féin le spiorad erith-chridhe a thogail an taobh a stigh do’n duine, a ta ‘ga thilgeadh a sios, agus nach eil a’ fagail clach air muin cloiche, (2 Cor. x. 4, 5.) no gus an tilg am bàs sios e, agus an tilg e a bhunaite bun os ceann, Lue. xvi. 23. Agus mar a tha aig an duine nadurra smuainte àrd uime féin, mar sin tha smuainte suarach aige mu Dha, ciod sam bith mar tha e ‘g aideachadh, Salm. l. 21. “Shaoil
thu gu robh mise gu tur mar thu féin.” Tha teagasg an t-soisgeil, agus diomhaireachd Chriosd ’nan amaideachd dha; agus ’na chaithe-beatha tha e ’gan gnathachadh mar sin, 1 Cor. i, 18. agus ii. 14. Bheir e focal, agus oibre Dhé, ann an riaghladh an t-soaghail, an lathair eathir a reusoin fheolmhoir féin; agus ann an sin tha iad gu h-an-dana air am masluehadh agus air an diteadh, Hos. xiv. 9. Tha ceannsachadh gnathaichte an fhreadail air uairibh air a thoirt dheth, agus tha comas air a thoirt do Shatan an inntinn fheolmhor a bhrosnachadh; agus anns an staid sin, tha e cosmhuil ri nead seangain, air a rusgadh agus air a chur troimhe cheile; tha amharusan, aicheadhan, agus reasonachadh ifrionnach a’ domhlachadh ann, agus cha’n urrainn iad a bhi air an eur a thaoibh le aon reuson a dh’fheudar a thoirt ’nan aghaidh, gus an tarruing cumhaechd do’n àird an inntinn, agus gus an ceannsaichear ceanaire nam mearachdan truailidh. An urrad so mu thruaillidheachd na tuigse; ni ged nach d’ innseadh a leth a dh’ fheudas a nochdadh dhuibh am fior-fheum a ta air gràs na h-ath-ghineamhuin. Thoir a nis mar ainm air an tuigse Icbabod; oir dh’ fhalbh a’ ghloir uaipe. Smuainichibh air so, sibhse a ta fathast ann an staid nàduir, agus caoidhibh blur eo am fianuis an Tighearna, chum gun éirich grian na fireantachd oirbh, mu’m bi sibh air blur glasadh suas ann an dorchadas siorruidh. Ciod am feum a ta ’nur gliocas saoghalta? Ciod an tairbh a ta ’nur n-aidmheil air a’ chreidimh am feadh a ta ’ur tuigse fillte suas ’na dorchadas agus ’na h-aimhreite nadurra, gu tur as eugmhais soluis na beatha? Ciod air bith gibhtean no airde gus an d’rainig an duine nadurra, (is éigin duinn mar ann an staid an duine aig an robh an luibhre, Lebhit. xiii. 44.) a ghairm neo-ghlan gu h-iomlan, tha phlàigh ’na cheann. Ach cha’n e so uile, tha i ’na chridhe mar an ceudna; tha ’thoil air a truailleadh, mar a nochdas mi air ball.
MU THRAILLIDHEACHD NA TOILE.
Tha’n toil an t-ard cheutfadh sin, (a bha aon uair firinneach agus fuidh riaghladh Dhé,) a nis air fàs ’na brathadair, agus tha i air a riaghladh leis agus air a shon! shuidhich Dia i anns an
duine, gu h-iomlan ‘na siol ceart; ach tha i nis air caochladh ‘na geig chrionaich na fionain coimhich! Bha i, air tús, air a suidheachadh ann an umhlachd iomchuidh do thoil Dhé: mar a nochd sinn roimhe: ach tha i nis gu h-iomlan air dol a thaobh. Ciod sam bith mar a tha cuid ag àrdachadh cumhachd saor thoil, bheireadh sealladh do spioradalachd an Lagha, (do nach freagair air doigh sam bith cleachdanna deadh bhèusan,) agus beachd domhain air truaillidheachd naduir air a thabhairt le oibreachadh spioraid Dhé air an taobh a stigh a’ toirt mothachaidh mu pheacadh, mu fhireantachd agus breitheanas, air daoine gu mothaicheadh iad am fior-fheum air cumhachd saor ghràis, a dh’ atharrachadh cuibhrichean na h-eucorach o’n t-saor-thoil. A chum plàigh so a’ chridhe fhosgladh suas, bheir mi fa’near na nithe a leanas.
Air tús, Tha anns an toil neo-nuadhaithe, neo-chomas iomlan air an ni sin a ta maith agus taitneach ann am fianuis Dhé a dheanamh. Tha toil an duine nàdurr a ann an gèimhlichibh Shatain; air a glasad a stigh, agus air a cuairteachadh le h-olc, agus cha’n urrainn i gluasad a mach á sin, ni’s mò na’s urrainn duine marbh e féin a thogail as ‘uaigh, Eph. ii. 1. Cha’n ‘eil sinn ag àicheadh dha comas roghainn a deanamh, agus a bhi leantuinn, agus a’ gnathachadh, ann ni a ta maith, ach, ged is urrainn e toil a bhi aige anns an ni sin a ta maith, cha’n urrainn e toil cheart agus mhaith a bhi aige. Eoin xv. 5. As m’ eugmhais-sa, (sin ri ràdh dealaichte uamsa, mar gheig o’n stoc, mar tha’m focal agus am bonn-teagaig a’ ciallachadh) cha’n urrainn sibh aon ni a dheanamh, eadhon aon ni a ta da rireadh gu spioradail maith. Tha cheart roghainn agus iarrtuis an déigh nithe spioradail, fèolmhor agus fèineil, Eoin vi. 26. “A ta ‘sibh ga m’ iarraidh, a chionn gu’n d’ ith sibh do na builinnibh, agus gu’n do shàsaicheadh sibh.” Cha’ne e mhàin nach tig e dh’ ionnsuidh Chriosd, ach cha’n urrainn neach a dheanamh do Dhia, nach ‘eil a’ creidsinn annsan a chuir an t-Athair uaithe? A dhearbhadh an neo-chomais so air maith a dheanamh, leis a’ mhriantir neo-iompaichte, thugaibh fa’near an dà ni a leanas.
Ri leantainn.