Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1931 » May 1931 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

MU THRUAILLEACHD NA TOILE.

(Continued from page 469.)

1. Dearbhadh.

Cia trie a tha’n solus a’ dealradh mu choinneamh dhaoine, air chor as nach urrainn iad gun am maith fhaicinn bu choir dhoibh a roghnachadh, agus an t-ole but choir dhoibh a threigsinn; agus gidheadh cha mhò tha do chumhachd aig an cridheachan gu gabhail ris an t-solus sin, na ged a bhiodh iad air an glacadh le laimh neo-fhaicsinnich? Tha iad a’ faicinn an ni a ta ceart, agus gidheadh tha iad a’ leantuin, agus cha’n urrainn iad gun bhì leantuin, an ni a ta mearachdach? Tha’n cogaisean ag innseadh dhoibh na slighe cheirt, agus mar an ceudna ag aontachadh rithe; gidheadh cha’n urrainn an toil a bhi air a toirt d’a h-ionnsuidh: tha’n truaillidheachd g’an ceangal, air chor as nach urrainn iad gabhail rithe; mar sin tha iad ag osnaich, agus a dol air an ais, an ceart aghaidh an soluis. Agus mur an mar so tha chuis, cionnus a ta e tachairt gu bheil am focal, agus slighe na naomhachd a’ faotainn a leithid a dh’ aoidheachd anns an t-saoghail? Cionnus a ta e tachairt nach ‘eil argumaidean agus reusain air taobh na diadhachd agus na beatha naomba, a ta annta féin, a’ giulan a stigh eadhon air an inntinn fheolmhor a’ tarruing dhaoine gus an taobh sin? Ged nach biodh ann ach barail, mu bhith neamha agus ifrinn, bu leoir e thoirt air an toil roghainn e dheanamh do shlighe na naomhachd, nam biodh i comasach air an roghainn sin a dheanamh le reusan a mhàin: ach “Daoine d’ an aithne ceartas Dé, (gu bheil iadsan a ni an leithide sin toillteanach air bàs,) gidheadh ni h-e mhàin gu bheil iad féin ‘gan deanamh, ach a ta mar an ceudna tlaichd aca do’n muinntir a ni iad.” Rom. i. 32. Agus cionnus a tha e tachairt, nach ‘eil iadsan a ta ‘g àrdachadh cumhachd na saor-thoil, a’ dearbhadh am barail am fianuis an t-saoghail, le eisimpleir fhollaiseach, ‘nan cleachda co-mòr os ceann chaich ann an naomhachd, as a tha’m barail mu’n cumhachd nàdurra os ceann chaich? No, am bheil a’ bharail so air a cumail a mhain a chum ana-mianna a dhion, a dh’ fheudas daoine ghleidheadh co fhad ‘s as àill leo; agus an uair nach ‘eil tuilleadh feum ac’ orra, is urrainn an tilgeadh dhiubh ann am mìonaid, agus leum a mach á h-uchd Dhelilah gu h-uchd Abrahaím? Ciod air bith feum a tha cuid a ‘deanamh do’n bharail sin, tha i innte féin, agus ‘na nadur féin, a’ tilgeadh sgaile farsuinn mar dhion airson aingidheachd eridhe agus beatha. Agus feudar a thabbhàirt fa’near gu bheil a’ chuid mhòr do luchd éisdeachd an t-soisgeil, do gach seorsa, air an sàruchadh leatha; oir is frèumh seirbhe i, a ta nadurra do na h-uile dhaoine. Is ann uaithe sin a ta sruthadh co beag curam mu staid shiorruidh an anama; choimhlion dail agus cuir seachad anns a’ ghnothuch chudthromach sin, leis am bheil mòran obair air fhagail gun deanamh le cuid gu leabaidd báis; am feadh ‘s a ta cuid eile air an sgrìos le giùlan laghail, agus aineolas mu bheatha a’ chreidimh, agus gun a bhi deanamh feum do Chriosd air son naomhachd; agus so uile a’ sruthadh a bheachd mu chumhachd naduir. Is co taitneach a tha’n ni so do’n nadur thruailidh.

2. Dearbhadh.

Labhradh agus innseadh iadsan aig an robh an lagh le cumhachd spioraid an daorsa, air a chur mu’n comhair ‘na spioradalachd, a chum mothachadh a thoirt dhoibh, ma fhuair iadsan iad féin comasach air an eridheachan aomadh g’a ionnsuidh anns an staid sin; cha d’ fhuair, oir, mar is mò a dhealraich an solus sin ‘nan anamaibh, ‘san is mò agus is mò a fhuair iad an eridheachan neo-chomasach air co-aontachadh leis. Tha cuid a ta air an tabhairt gu àite briseadh a mach, a tha fathast ann an camp an diabhlul, is urrainn innseadh o’m fiosrachadh, nach urrainn solus air a leigeil air an inntinn beatha thabhairt do’n toil, gu a neartachadh gu gabhail ris; agus b’ urrainn iad an teisteas a chur ris an ni so, nam b’ail leo. Ach gabhaidh teisteas Phaull d’a thaobh so, a bha fada o chreidsinn ‘na staid neo-iompaichte eia cho neo-chomasach a bha e air maith a dheanamh, ach dh’ iunsaich so e le fiosrachadh, Rom. vii. 9—12. Tha mi ‘g aideachadh, gu’m feud seorsa graidh a bhi aig’an duine nadurra do’n lagh; ach ‘sann an so a tha eudthrom na cuise, tha’g amharc air an lagh naomh, ann an deise fheolmhoir; agus mar sin am feadh ‘s a te e ‘g altrum creutair d’a dheanadas féin, tha e smuaineachadh gu bheil an lagh aige; ach, the e da rìreadh as eugmhais an lagha oir fathast cha’n ‘eil e faicinn an lagh ‘na spioradalachd. Nam faiceadh e mar sin e, chitheadh se e calg dhireach an aghaidh a nàduir féin; agus nach b’ urrainn a thoil gabhail ris, gus am biodh e air atharrachadh le cumhachd grais.

San dara àite, Tha anns an toil neo-muadhaichte, gràin do’n ni a ta maith.

‘Se peacadh beatha an duine nàdurra; tha e co doillich leis dealachadh ris, is a tha na h-iasca air teachd o’n uisge gu talamh tioram. Cha’n e mhàin nach urrainn e teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd, ach cha tig, e, Eoin v. 40. Tha e salach, agus is fuathach leis a bhi air a ghlanadh, Ier. xiii, 28. “Nach bi thu air do ghlanadh? C’uin idir a bhitheas sin?” Tha e tinn, ach tha fior-fhuath aige do’n leigheas: tha leithid do ghràdh aige d’a thinneas, is gur fuathach leis an Leighich. Tha e ann am braighdeanas, na hriosanach, agus ‘na thràill; ach tha gradh aige d’a fhear-buaidh, d’a mhaor, agus d’a mhaighstir: tha speis aige d’a chuibhriichibh, d’ a phriosan, agus d’a thraillealachd.

Mar dhearbhadh air a’ ghràin so do mhaith, ann an toil an duine, bheir mi fa’near na nithe a leanas.

1. Dearbhadh. Droch ghiùlan cloinne.

Nach ‘eil sinn ‘gam faicinn gu nadurra, speiseil mu shaorsa pheacach? Cia neo-thoileach a tha iad air a bhi fuidh uachdranachd? Cia cruaidh leo a bhi air am bacadh? Is urrainn an saoghal teisteas a thabhairt, gu bheil iad mar dhaimh neo-chleachdta ris a’ chuing: agus gur so-dheannta daimh og a thabhairt fuidh riaghladh, na iadsan a thabhairt fuidh cheannsachadh a shaorsa pheacach. Feudaidh na h-uile neach fhaicinn an so, mar ann an sgathan, bu bheil duine gu nadurra fiadhaich agus ceann-laidir, a reir mar a thug Sophar fa’near, Iob xi. 12. gu “bheil an duine a ta air a bhrèth mar loth asail fhiadhaich.” Ciod tuilleadh is urrainn sinn a radh? Tha e mar loth; loth na h-asail; loth na h-asail fhiadhaich! Ier. ii. 24. “Mar asail fhiadhaich cleachdta ri fasach, a thairngeas ‘a ghaoth suas ‘na eunneanaibh, ann an cioeras a h-anama; an uair a thig a miann co a philleas i.”

2. Dearbhadh. Ciod an t-saothair agus an trioblaid a tha daoine gu tric a’ faghail gu’n eridheachan a thabhairt gu dleasdanais dhiadhaidh, agus nach mòr an t-uallach do’n ebridhe theolmhor mairsinn annta?

Is cruadalach leis an saoghal fhagail ùine bheag, a chomhradh ri Dia. Cha’n ‘eil e so-dheannta aimsir a ghabhail an iasachd o na moran do nithibh, gu a buileachadh air an aon ni feumail. Tha daoine gu tric a’ dol a dh’ ionnsuidh Dhé ann an dleasdanais, le’n aghaidh ris an t-saoghal; agus an uair tha’n cuirp air beinn nan orduighean, gheibhear an eridheachan aig iochdar an t-sleibh, “a’ dol an deigh an saint.” Esec. xxxiii. 31. Tha iad ullamh air sgitheachadh do mhaith a dheanamh: oir cha’n ‘eil dleasdanais naomha taitneach d’an nadur truailidh. Thoir aire dhoibh aig an gnothuichte saoghalta; cuir ‘nan suidhe iad le’n cuideachd theolmhoir; no leig leo a bhi deothal ciochan an ana-miann, tha’n aimsir an sin dhoibhsan ag itealach, agus a’ ruith gu luath, air chor as gu’n deach i seachad mu’n d’ thug iad fa’near. Ach cia trom a tha’n ùine a’ tarruing, fhad ‘sa tha urnuigh, searmoin, no sabaid a’ mairsinn? ‘Se là an Tighearn an là is faide do’n t-seachduin uile le mòran; agus air an aobhar sin, ‘s eigin doibh eadail ni’s faide air a’ mhaduinn, agus dol ni’s luathe d’an leabaiddh air an oidheche sin, na’s gnáthach leo; a chum is gu’m bi ‘n là air a shineadh gu tomhas iomhas iomchaidh: oir tha’n eridheachan ag radh an taobh a stigh dhiubh, “C’uin a theid an t-sàbaid seachad?” Amos viii. 5. ‘Siad uairean an aoraidh, na h-uairean is fhaide do’n là sin, uath sin, ‘nuair a tha ‘n dleasdanais thairis, tha iad mar dhaoine fhuair fuasgladh o’n uallach; agus an uair a tha’n t-searmoin air a eriochnachadh, tha moran aig nach ‘eil gràs no modh gu stad gus an teid am beannachadh a radh a adh, ach, cosmhuil ris na h-ainmhidhean, tha’n ceann air falbh co luath ‘sa chuireas aon a lamh ‘g am fuasgladh: C’arson, ach a chionn, an uair a ta iad aig orduighean, gu’m bheil iad, mar Dhoeg, “air an cumail an làthair an Tighearna,” 1 Sam. xxi. 7.

3. Dearbhadh. Thoir fa’near mar tha toil an duine nadurra “ag éiridh suas an aghaidh an t-soluis,” Iob xxiv. 13.

Tha’n soluis air uairibh a’ dol a stigh, a chionn nach ‘eil e comasach air a chumail a mach: ach tha e ‘gradhachadh dorchadais ni’s mò na’n solus. Tha air uairibh, le neart na firinn, dorus a mach na tuigse air a bhriseadh suas ach tha dorus a stigh na toil a’ mairsinn dùinte. An sin tha ana-mianna ag éiridh an aghaidh soluis; tha truaillidheachd agus cogais a’ gleachd, agus a’ comhrag mar ann am blàr-comhraig; gus am bheil truailidheachd a’ faotainn làmh an uachdar, agus a’ chogais air a h-eigneachadh gu dol air a h-ais; tha mothachadh air peacadh air a mhort; agus tha’n fhirinn air a deanamh agus air a cumail na priosanach air chor is nach ‘eil i deanamh tuilleadh grabaidh. An uair a tha’m focal air a shearmonachadh, no air a leughadh, no a tha slat Dhé air an duine nadurra, tha air uairibh mothachadh a’ briseadh a stigh air, agus tha ‘spiorad air a leon, ann an tomhas mòr no beag; ach a chionn nach ‘eil na mothachaidhean sin comasach air a leagail, tha e ruith air falbh leis na saighdean saithte ‘na chogais; agus mu dheireadh, air aon seol no seol eile, tha e ga’n spionadh a mach, agus tha e ga imlich féin slan a ris. Mar so, an uair a tha’n solus a’ dealradh, air do dhaoine bhi gu nàdurrà mi-speiseil uime, tha iad gu ceannairceach a’ dunadh an sùilean; gus am bheil Dia air a bhrosnuchadh gu’n dalladh, agus gus am fàs iad ceann-laidir an aghaidh an fhocail agus an aghaidh an fhreasdail mar an ceudna. Mar sin, rachadh iad far an àill leo, is urrainn iad suidhe soerach; cha’n ‘eil focal o neamh dhoibhsan, a tha dol ni’s doimhne no d’ an clusan, Hos. iv. 17. “Tha Ephraim air a dhluth-cheangal ri ‘iodholaibh, leig leis.”

Ri leantwinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice