MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.
(Continued from page 33.)
- Dearbhadh. Thugamaid fa’near mar a tha anama taghta a’ cur an aghaidh spioraid an Tigearna, ‘nuair a ta e ag oibreachadh, gu’n tabhairt o chumhaichd Shatain gu Dia. Cha’n ‘eil righ Shioin a’ faotainn iochdrana ach le buille chlaidheimh, ann an là a chumhaichd, Salm ex. 2, 3. Cha tig neach d’a ionnsuidh, ach iadsan a ta air an tarruing le laimh Dhé, Eoin vi. 44. ‘Nuair a tha’n Tighearn a teachd a dh’ ionnsuidh an anama, tha e faotainn an duine laidir a’ gleidheadh an tighe,
agus sith dhomhain agus seasgaireachd an sin, an uair a tha’n t-anam ‘na throm-chodal ann an gairdeanaibh an diabhuil! Ach, “is eigin gu’n toirear a’ chreach o’n duine laidir, agus gu’n leigear a’ chobhartach as.” Uime sin, tha’n Tighearn a’ dusgadh a’ pheacaich, a’ fosgladh a shùilean, agus ‘ga bhualadh le h-uamhas, an uair a tha na neoil os a cheann, agus a tha claidheamh an an dioghaltais air a chumail r’a uehd! A nis cha bheag a shaothair gu aghaidh mhaiseach a chur air eridhe dorcha; eagail a thilgeadh dheth eul a chur riu, tionndadh a thaobh o smuaineachadh air an teagasg mhi-thaitneach mu staid ‘anama. Mar urrainn e mar sin e féin a shaoradh uatha, tha reusan feolmhor air a ghairm a steach gu cuideachadh leis, agus ag radh cha’n ‘eil aobhar air son eagail; feudaidh gach ni a bhi gu maith fathast; agus ma tha esan gu h-ole, gu’m bhi moran gu h-ole. An uair a tha’m peacach air a chur a mach à so agus a’ faicinn nach ‘eil buannachd ann an dol do ifrinn le cuideachd, tha e cur roimhe a pheacanna a threigsinn, ach cha’n urrainn e an tilgeadh dheth co luath; tha ùine gu leoir, agus ni se e an déigh laimh. Tha ‘chogais ag ràdh, “An diugh ma dh’ eisdeas sibh r’ a ghuth, na cruadhaichibh bhur eridhe: ach tha esan ag eigeach am maireach a Thighearn; am maireach a Thighearn; agus, air ball a Thighearn; gus nach ‘eil air ball sin cosmhuil ri teachd gu bràth. Agus mar so tha e teachd iomad uair o urnuighean agus aidmheilean, gun ni sam bith ach le uehd làn do mhothachaidhean ni’s geire: oir cha’n ‘eil an eridhe do ghnàth a’ tilgeadh uaithe a ghreim mhilis, co luath ‘sa tha’n aidmheil air a dheanamh leis a’ bheul, Breith. x. 10—16. Agus an uair a ta cogais a’ toirt orra dealachadh ri cuid do anamiannaibh, tha cuid eile air an gleidheadh mar shùilean deas, agus làmhan deas; agus tha seallanna doilghiosach ‘nan deigh-san ris an do dhealaich iad: Mar bha maille ris na h-Israelich, a chuimhneich le eridheachan searbh an t-iast a dh’ith iad gu pailt san Eipliit, Aireamh xi. 5. Ni h-eadh, an uair a tha e air a chur thug, air chor as gur eigin da ràdh an làthair an Tighearna gu bheil e toileach dealachadh ri uile iodholaibh, bheir an eridhe a’ bhreug do’n teangaidh! Ann an aon fhoical, atharraichidh an
t-anam anns an staid so o aon ni gu ni eile, (cosmhuil ri iasg leis an dubhan ‘na ghiallaibh,) gus nach urrainn e tuilleadh a dheanamh; agus gus an tig cumhachd a bheir air stroichdadh, “mar an asail fliadhaich ‘na mìos,” Ier. iii. 14.
San treas àite, Tha ann an toil an duine claonaidh nadurra gu ole, agus aomadh oilteil gu peacadh! Tha daoiné gu nadurra “an ti air eul-sleamhnaichadh o Dhia,” Hos. ii. 7. “Tha iad a’ tuiteam sios (mar tha’m focal a’ ciallaichadh) gu eul-sleamhnaichadh,” eadhon mar bhalla aomta, a thuiteas gu làr gu h-obann, ann an tiota. Cuir naomhachd agus beatha air an aon taobh, peacadh agus bàs air an taobh eile; fàg an toil neonuadhaichte dhi féin, roghnaichid hi peacadh, agus diultaidh i naomhachd! Cha’n ‘eil ni’s mò do theagamh ri chur air so, no gu’n ruith an t-uigse a sios a dhoirtear air bràigh enuic, agus cha’n ann a suas; no, gu’n teid an lasair a suas, agus cha’n ann a sios.
- Dearbhadh. Nach e rathad an uile a’ cheud rathad anns am bheil clann nan daoiné ag imeachd? Nach ‘eil e soilleir gu’m bheil an iarrtuis ag aomadh gus an taobh chli, an uair nach ‘eil do sheoltaechd aca na dh’fholaicheas e? Ann an ceud fhosgladh air sùilean duinn anns an t-saoghal, tha sealladh fìar againn gu ifrinn, cha’n ann gu neamh! Co luath ‘sa dh’ aithnichear gur creutairean rèusanta sinn, aithnichear gur creùtairean peacach sinn, Salm lvii. 3. “Tha na h-aingidh a claonadh o’n bhroinn; tha iad a’ dol air seacharan o’m breith a’ labhairt bhreug.” Sean. xxii. 15. “Tha amaideachd ceangailte ann an eridhe leinibh; ach cuiridh slat an smachdachaidh fad uaithe i.” Tha amaideachd ceangailte anns a’ chridhe, tha i fillte ‘nar dearbh nadur. Cha’n fhuasgail an t-snam; ‘s eigin a briseadh as a cheile le buillibh. Cha dean briathran an gnothuch, ‘s eigin an t-slat a ghabhail gu fogradh air falbh: agus mur bi i air a fogradh fad air falbh, coinnichidh agus ceanglaidh i féin agus an eridhe a ris r’a cheile. Cha dean an t-slat dhi féin so; oir tha fiosrachadh goirt mhoran pharantan a’ dearbhadh nach dean: agus Solamh féin, ag innseadh dhuibh, Gnath-fhoc. xxvii. 22. “Ged phronn thu amadan ann an
soitheach pronnadh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich ‘amaideachd ris.” Tha i cho ceangailte ‘na chridhe. Ach is aon do orduighean Dé an t-slat air a h-orduchadh a chum na criche sin; a tha cosmhuil ris an fhocal air a deanamh éifeachdach leis an Spiorad ann an co-chuideachd orduigh féin. Agus tha so mar an ceudna, a’ nochdadh, gu’m bheil feum aig parantaibh a bhi a’ smachdachadh an cloinne, an tus an nàdur buaireasach féin a cheannsachadh; agus amharc air mar ghnothuch mor-chudthromach! a’ dol mu’n cuairt da, le mor-earbsa air an Tighearna; agus a bhi ‘ga leantuin le urnuigh, a chum gu’m biodh e air a bheannachadh, nam b’ail leo e bhi eifeachdach.
- Dearbhadh. Cia ullamh a tha daoine air e bhi air an toirt a thaobh gu peacadh! A’ chlann nach ‘eil furasd a lubadh gu maith, tha iad air dhoigh eile baoghalta so-lubta; iadsan nach urrainn a bhi air an tarruing leis an fhocal gu naomhachd, tha iad “air an treorachadh le Satan aig a thoil!” Bha Esau mi-naomh, an duine seolta sin, (Gen. xxv. 27.) co furasd air a chur as a’ bheannachadh le foill, agus ged a b’ amadan no duine gun seadh e! mar is nàdurr a tha ni sam bith, ‘s ann is so-dheanta e: Mar sin tha cuing Chriosd so-iomchar do na naoimh, mar a tha iad ‘nan luehd co-pairt do nadur dhiadhaidh, agus tha peacadh so-dheanta leis an dhuine neo-neudhaichte; ach, tha maith fhoghluim, co do-dheanta, ‘sa tha e do’n Etiopach a chraicinn a mhuthadh; a chionn gu bheil an toil, gu nadurra a’ claonadh gu h-ole; ach tha i an aghaidh a’ mhaith. Is urrainn leanabh a thoirt air ni eruinn ruith, an uair nach urrainn e ni ceithir-oisneach do’n cheart chudthrom a charuchadh; oir gluaisidh an ni a’s lugha e, do bhrigh gu bheil e eruinn; is ann mar sin a gheibh daoine an eridhe so-aomta gu peacadh, an uair a ta e mar chudthrom marbh ann an slighe na naomhachd: ‘se is aobhar da so, suidheachadh agus claonadh nadurra a’ chridhe, leis am bheil e ag aomadh agus a’ lubadh gu h-ole. Nam biodh toil an duine gu nadurra, mar mheidh, cothromach gu maith agus ole, ghablta ris an dara ni co luath is ris an ni eile; ach tha fiosrachadh a’ dearbhadh, nach ann
mar sin a tha chuis. Ann an eachdraidh naomh nan Israelach, gu h-araidh ann an leabhar nam breitheamhna cia tric a chi sinn iad a’ treigsinn an Tighearn, an Dia cumhachdach! agus ann an deigh air iodholaibh nan cinneach a bha mu’n timchioll? Ach an do ghabh aon do na cinnich sin riamh tlaichd ann an Dia Israeil, agus an do thrèig iad an iodholan féin? Cha do ghabh idir, ged tha’n duine gu nàdurra air a thoirt do chaoch-laidhean, cha’n ‘eil e ach o ole gu h-ole; cha’n ann o ole gu maith, Ier. ii. 10, 11. “An do chaochail cinneach an dée, eadhon iad sin nach robh nan dée? Ach chaochail mo shluagh-sa an glòir air son ni gun bhuannachd.” Gu cinnteach cha’n ‘eil toil an duine mar mheidh eothromach, ach tha aomadh innte dh’ ionnsuidh an taoibh dhochair.
-
Dearbhadh. Tabhair fa’near mar a tha daoine a ghnàth a’ dol air an aghaidh ann an slighe a’ pheacaidh, gus an teid stad a chur orra, agus sin le laimh eile ‘s cha’n ann le’n laimh féin; Isa. lvii. 17. “Dh’ fholach mi mo ghnùis, agus dh’ imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe féin.” Ma bheir Dia air falbh a lamh-bhacaidh, agus gu’m fàg e an t-srian air muineal a’ pheacach, cha’n ‘eil e ‘n teagamh ciod an t-slighe a raghnaicheas e; oir (thoir fa’near) ‘si slighe a’ pheacaidh, slighe a chridhe; tha ‘chridhe gu nàdurra ag aomadh an rathad sin; tha claonadh nàdurra ann gu peacadh. Co fhad as a leigeas Dia leo, imichidh iad ‘nan slighe féin, Gniomh. xiv. 16. Tha’n duine nàdurra co daingean ‘na roghainn bhronach féin, is nach ruigear a leas tuilleadh gu fheuchainn gu bheil e as o shlighibh Dhé, ach innseadh gu bheil e air a shlighibh féin.
-
Dearbhadh. Ciod sam bith drùthadh a tha nithe Dhé a’ deanamh cha mhair iad. Ged tha ‘chridhe daingean mar chloich, seadh ni’s cruaidhe no a’ chlach-mhuillinn iochdarach, ann an gabhail riu; tha e air an doigh eile neo-sheasmhach mar uisge, agus cha’n urrainn e an gleidheadh: tha ‘chridhe a’ deanamh spairn an aghaidh gabhail riu; agus an uair a ta iad a’ druthadh air tha e gam fuadaich air falbh, agus a’ pilleadh a dh’ ionnsuidh a chlaonadh nàdurra, Hos. vi. 4. “Tha bhuir maitheas mar nèul maidne, agus mar an drùchd mhoch, a
shiubhlas air falbh.” Tha neul na maidne a’ gealltainn fras mhaith, ach an uair a dh’ éireas a’ ghrian caithidh e as; tha ’ghrian a’ teachd air an druchd mhoch, agus tha e a’ tiormachadh as: mar sin tha’n treabhaiche a’ call a dhochas. Is amhluidh maiteas an duine nàdurra: bheir àmhghar, geur-eigin, no diteadh goirt cogais air ann an cuid tionndadh o dhroch shlighe; ach do bhrìgh nach ’eil a thoil air a h-ath-nuadhachadh, tha slighe na diadhachd fathast an aghaidh a ghnè; agus, uime sin, tha so a’ falbh a ris, Salm lxxviii. 24, 36, 37. Ged a dh’ fhanas clach a thilgear san adhar an sin ùine ro-bheag, gidheadh bheir a cudthrom féin a nuas i dh’ionnsuidh na talmhainn a ris; agus is ann mar sin a tha daoine neo-nuadhaichte a’ pilleadh a chum an aonairt san lathaich; a chionn ged a bha iad air an ionnlaid, gidheadh nach robh an nadur muceil air atharrachadh. Is doilich a thoirt air fiodh fluech teine ghabhail, is doilich a thoirt air an teine chumail; ach is cruaidhe na aon diubh sin, a thoirt air an toil neo-nuadhaichte am maith a fhuaradh a ghleidheadh; ni a ta ’na dhearbhadh soillear air a chlaonadh nàdurra a tha san toil a chum uile.
Rì leantuinn.