MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.
(Continued from page 73.)
A dearbhadh mu dheireadh, Am bheil na naoimh a nis a’ deanamh seirbhis do’n Tighearn mar bu ghnàthach leo dheanamh do’n pheacadh ‘nan staid neo-iompaichte? Fada uaithe, Rom. vi. 20. “An uair a bha sibh ‘nur seirbhisich do’n pheacadh, bha sibh saor o’n fhireantaichd.” Fhuair peacadh an t-seirbhis uile, agus cha do ghabh e fear comh-pairt; ach a nis an uair a tha iad ‘nan seirbhisich do Chriosd am bheil iad saor o’n pheacadh? Cha’n ‘eil, tha fathast euid do ghniomharan an t-sean duine maillle riù, a’ nochdadh nach ‘eil e ach a’ bâsachadh annta. Agus uaithe sin, tha’n eridheachan gu trie ‘gam mealladh, agus tha iad a’ sleamhnachadh a thaoibh gu ole, “an uair a b’ àill leo maith a dheanamh,” Rom. vii. 21. Tha feum aca air faire, agus air an eridheachan a ghleidheadh leis gach uile dhìchioll: agus tha’m fiosrachadh brònach a’ teagasg dhoibh, “An ti a dh’ earbas as a chridhe féin is amadan e,” Gnath-fhocail xxviii. 26. Mu’s ann mar so a ta e sa’ ehrann ur, cionnus a bhios e anns a’ chrionnaich?
Sa’ cheathramh àite, Tha ann an toil an duine eas-uamhlachd fior-eusaonta, agus naimhdeas do Dhia féin, agus d’a thoil naomh, Rom. viii. 7. “Tha’n inntinn fheolmhor ‘na naimhdeas an aghaidh Dhé: oir cha’n ‘eil i umhal do lagh Dhé is cha mhò a tha’n comas di bhi.” Bha’n toil aon uair an àite Dhé anns an anam, air a’ cur an sin a riaghladh air a shon; ach tha i a nis, air a’ cur suas ‘na aghaidh. Nam b’ àill leat a coslas fhaicinn, ‘na staid nàdurra, chi thu i an aghaidh toil Dhé. Ma tha ‘m meas a ta air a chur mu choinneamh shùilean neach, ach air a thoirmeasg, is leòir sin a tharruing a chridhe as a dhéigh. Bheir mi eisimpleir uime so, mu pheacadh mionnachaidh agus mallachaidh mi-naomh; d’ am bheil euid air an toirt thairis co mòr as gu’m bheil iad a’ deanamh uaill annta: a’ bruchdadh a mach mionnan agus mallachadh uamhasach, mar gu’m biodh ifrinn a’ fosgladh le fosgladh am beoil, no ag atadh an cainnte le mionnaibh ioganach, mar air m’ anam, mo chreidimh, agus an leithide sin; agus so uile, gun bhrosnachadh sam bith, ged nach ‘eil eadhon sin ‘na leithsgeul. Innis dhomh, guidheam ort,
(1.) Ciod a’ bhuanachd a ta’n so? Gheibh am mearlach ni-eigin ‘na laimh air son a shaothair; gheibh am misgeir làn a bhronn: ach ciod a gheibh sibhse? Tha muinntir eile a’ deanamh seirbhis do’n diabhuil air son duais; ach tha sibhe ‘nur saighdaraibh saor dha, gun dùil ri duais sam bith, ach bhrur n-obair féin, ann bhrur masladh a chur air neamh; agus mur dean sibh aithreachas, gheibh sibh bhrur duais ann an làn tomhais; an uair a theid sibh do ifrinn, leanaidh bhrur n-obair sibh. Cha bhi aig a’ mhisgeir ann an sin boinne uisge, a dh’fhuarachadh a theangaidh; agus cha mhò a leanas saoibhreas an duine shanntaich e do’n t-saoghal eile; ach leanaidh sibh an sin bhrur sean cheird; agus bithidh an t-siorruidheachd fada gu leòir, a thabhairt dùibh làn bhrur eridhe dheth!
(2.) Ciod an toil-inntinn a tha’n so, ach na tha sruthadh o bhrur saltairt air an lagh naomh? Ciod a’ bhuaidh do’r corp tha mionnachadh no mallachadh a’ riarachadh? Ma tha iad a’ sàsuchadh bhrur clusan, cha’n urrainn iad ach a mhàin a dheanamh leis an fluaim a tha iad a’ deanamh an aghaidh nan nèamh! Ged a bheireadh sibh thairis sibh féin do na h-uile seorsa mi-naomhachd agus féolmhoireachd, tha co beag toil-inntinn ri fhàsgadh uatha sin, is gur eigin duinn fhaicinn, gu bheil bhrur gràdh dhoibh air an son féin; gràdh diabhluidh, gun tuarasdal, gun dùil ri buannachd no toil-inntinn uapa air sheol sam bith eile. Ma their neach sam bith, gur ainmhidhean na daoine sin; biodh e mar sin; gidheadh, mo thruaighe! tha pailteas do na h-ainmhidhean sin anns an t-saoghal: gheibhear sna h-uile àite iad. Agus fuilingibh dhomh a radh, gur eigin am meas mar bheul an t-saoghail neo-iompaichte uile, an aghaidh neimh, Rom. iii. 14. “Aig am bheil am beul lan do mhallachadh agus do sheirbhe.” Rann 19, “A nis tha flios againn, ge b’e nithe ta’n lagh a’ labhairt, gur ann riu-san a ta fuidh’n lagh a tha e ‘gan labhaint; chum gu druidear gach uile bheul, agus gu’m bi an saoghal uile buailteach do dhiteadh Dhé.”
Tha casaid agam an aghaidh gach uile duine agus bean neo-iompaichte, sean no òg, ri bhi air a dhearbhadh le teisteas Seriobtuir na firinn, agus le teisteas an cogaisean féin; sin ri radh, co dhiubh a tha iad ag aidmheil no nach ‘eil; co air bith iad, do bhrigh nach ‘eil iad air am breith a ris, tha iad ‘nan naimhdibh ‘nan eridhe do Dhia; do Mhac Dhé do Spiorad Dhé, agus do lagh Dhé. Eisidibh so, anama neo-churamaich, a tha beò gu socraich ‘nur staid naduir!
Air tús, Tha sibh ‘nur naimhdibh do Dhia ann bhur n-intinn, Col. i. 21.
Cha’n ‘eil sibh fathast réidh ris: cha’n ‘eil an naimhdeas nadurra fathast air a mharbhadh, ged a dh’ fheudas e bhi’ na luidhe folaichte, agus nach ‘eil sibh ga mhothachadh.
(1.) Tha sibh ‘nur naimhdibh do dhearbh-bhith Dhé, Salm xiv. 1. “Thubhaint an t-amadan ‘na chridhe, cha’n ‘eil Dia ann.” Bu mhaith leis an duine uaibhreach nach biodh neach os a cheann féin; bu mhaith leis a’ cheannairceach, nach biodh righ ann; agus leis an duine neo-iompaichte, a ta ‘na mheall do uabhar agus do cheannaire, nach biodh Dia ann; tha e ag ràdh ‘na chridhe, bu mhaith leis gu’m biodh e mar sin, ged a tha uair agus eagal air a labhaint a mach. Agus gu bheil na h-uile dhaoine nàdurra ‘nan leithide sin do amadain, tha e soilleir mar tha’n Abstol ag ainmeachadh o chuid do’n t-Sailm so; “Chum gu druidear gach uile bheul,” Rom. iii. 10—12, 19. ‘Tha mi ‘g aideachadh, gun amharus co-fhad ‘sa tha duine nàdurra ag amharc air Dia mar Chruithhear agus mar Fhear-coimhid an t-saoghail, a chionn gu bheil-gràdh aige dha féin, uime sin, cha’n ‘eil a chridhe ag éiridh suas an aghaidh an Ti a bhuilich gach maitheas air; ach taisbeinidh an naimhdeas so gu luath, an uair a dh’ amhairceas e air Dia mar Fhear-riaghlaidh agus mar Bhreitheamh an t-saoghail, ga cheangal gu fior naomhaechd, fuidh phian a mhallachd; agus ga theannachadh le cuibbriichibh a’ bhais, air son a pheacaidh! Eisid anns a’ chor so, ri guth a chridhe, agus chi thu gur e their e, Nach ‘eil Dia ann!
(2.) Tha sibh ‘nur naimhdidh do nadur Dhé, Iob xxi. 14. “Their iad ri Dia, Imich uainn; oir cha’n àill leinn eolas do shlighean.” Cuiridh daoine suas doibh féin, iodhol a reir am barail féin an àite Dhé; agus an sin tuitidh iad a sìos agus ni iad aoradh dhi. Cha’n ‘eil gràdh dha air dhoigh eile, ach mar bha gràdh Iacoib do Leah, fhad ‘sa ghabh e i an àite Racheil. Tha na h-uile duine nadurra ‘na namhaid do Dhia, mar tha è air fhoillseachadh ‘na fhoical. Cha’n e a’ Bhith neo-chriochnach naomh, eheart, chumhachdach agus fhor, an Dia a ta esan a’ gràdhachadh, ach an Dia d’ am bheil gràin aige. Tha daoine d’a rireadh a thaobh naduir ‘nan luehd fuath air Dia, (Rom. i. 30.) agus, nam b’ urrainn dhoibh, dheanadh iad e an ni nach ‘eil e. Oir thugaibh fa’near, gur firinn chinnteach; ciod sam bith a tha Dia ann féin, is e sin Dia; agus, uime sin, cha’n ‘eil a bhuaghan no ‘iomlaineachd air dhoigh sam bith dealaichte uaithe féin. Mur iad buaghan Dhé e féin, is bith choimeasgta e, agus mar sin cha’n e a’ cheud bhith e (ni ri labhairt is e toibheum) oir tha na h-earrannan a ta air an coimeasgadh roimh an choimeasg féin: ach is esan Alpha agus Omega, an tìs agus a’ chrioich.
A nis air a’ cheann so chum mothachadh a thoirt duibh, thairginn cuid do cheistean, d’ur cogaisean, (1.) Cionnus a tha deadh-ghean ‘ur eridheachan do gloinne neo-chriochnach agus naomhachd Dhé?
Bleir a’ chogais freagrath do’n cheist so, nach labhair am beul a mach. Mur ‘eil sibh ‘nur luehd co-pairt d’a naomhachd, cha’n urrainn sibh a bhi reidh ris an ni so. Air do na Paganich fhacinn nach b’urrainn iad a bhi cosmhuil ri Dia ann an naomhachd, rinn iad diathan cosmhuil riu féin ann am mi-naomhachd, le sin leig iad fhaicinn ciod an seorsa dée a b’ aill leis an duine nàdurra bhi aige. Tha Dia naomh; an urrainn creutair mi-naomh gràdh a thabbhairt d’a naomhachd neo-sealach-san? Cha’n urrainn, is iad na fireana a mhàin is urrainn “buidheachas a thabbhairt ri cuimhneachadh air a naomhachd, Salm xcvii. 12. Is solus Dia; an urrainn creutairean an dorchadais gairdeachas a dheanamh anns an t-solus? Cha’n urrainn, “Gach neach a ta deanamh uile, tha e toirt fuath do’n t-solus,” Eoin iii. 20. “Oir, ciod e comunn an t-soluis ris an dorchadas? 2 Cor. vi. 14,
(2.) Ciod an spéis a thug ‘ur eridheachan do cheartas Dhé?
Cha’n ‘eil duine a ta air a thoirt suas d’a ana-miannaibh (mar tha na daoine neo-iompaichte uile) nach biodh toileach le fuil a chuirp an litir sin a dhubhadh a mach o ainm Dhé. An urrainn am fear-ceannaire gràdh a thoirt d’a bhreitheamh-dìtidh? No peacach neo-fhireanaichte, do’n Dia a ta firneach? Cha’n urrainn Lueas vii. 47. “Ge b’e neach d’am maithear beagan, bithidh a ghràdh beag. Uaithe so, do bhrigh nach urrainn daoine teagasg a’ cheartais a dhubhadh a mach as a’ Bhiobul; gidheadh tha e na shealladh eo goirt doibh, as gu’n dean iad strì ri dhubhadh a mach as an intinnibh: Agus tha iad ‘gan sgrìos féin, le dànadas air a throcair; an uair nach ‘eil iad curamach gu fireantachd fhaotainn anns an seas iad an làthair a cheartais; ach, “A ta ‘g radh ‘nan eridhe, cha dean an Tighearn maith, ni mo ni é ole,” Seph. i. 12.
(3.) Ciod an speis a th’ agaibh do uile-fhiosrachadh agus uile-làthaireachd Dhé?
B’fhearr le daoine gu nàdurrà, iodhoil dhall a bhi aca, no Dia uile-fhaicsinneach, agus uime sin, tha iad a’ deanamh no dh’ fheudas iad, gu iad féin fholach, mar a rinn Adhamh a ghnùis an Tighearna Cha mhò tha do ghràdh aca do Dhia uile-fhaicsinneach, uile-lathaireach, no th’ aig a’ ghaduiche gu’n biodh am breitheamh ‘na fhiannuis air a dhroch ghniomhara. ‘Nan cuirte gu’n roghainn-san e, bheireadh iad an guth gu’n cuirte Dia as an t-saoghal, agus gu’m biodh e air a dhruideadh a stigh ann an neamh; oir is i eainnt a’ chridhe fheolmhoir “Cha’n ‘eil an Tighearn ‘g ar faicinn: Threig an Tighearn an talamh,” Esec. viii. 12.
(4.) Ciod an speis a th’ agaibh do fhirinn Dhé, ann féin, agus anns an fhocal?
Cha’n ‘eil iad ach ro theare anns an t-saoghal a chuireadh o’n eridhe an lamh-sgriobhaidh ri briathraibh an Abstoil Rom. iii. 4. “Biodh Dia fior, ach gach duine ‘na bhreugaire,” ni h-eadh tha gu eisnteach moran ann, aig am bheil dochas nach bi Dia firinneach d’a fhocal. Tha mìltean ann a ta ‘g eisdeachd an t-soisgeil, aig am bheil dòchas a bhi air an sabhaladh, agus a’ smuaineachadh, gu bheil na h-uile ni ceart leo air son siorruidheachd, aig nach robh riamh fiosrachadh mu’n nuadh-bhreith, no nach eil idir a gabhail curam mu’n cheist sin, Am bheil iad air am breith a ris no nach ‘eil? Ceist a ta coslach ri dhol as an t-sealladh ‘nar measg-ne san làso. Tha briathran ar Tighearna soilleir agus dearbhta, Mur beirear duine a ris, cha’n urrainn e rioghachd Dhé fhaicinn. Ciod iad an leithide sin do dhochais, mata, ach fior-dhòchais (leis an urram is mo biodh e air a labhairt) gu’n toir Dia air ais fhoal, agus gu’m bi Criosd ‘na fhaidh mealltaich? Ciod eile tha’m peacach a’ ciallachadh, An uair a chluinneas e briatharan a mhallaichaidh, an sin gu’m beannaich se e féin ‘na’ chridhe, ag ràdh bithibh sìth agam, ge do ghluais mi ann an ana-miam mo chridhe.
San àite mu dheireadh, Ciod an speis a t’ agaibh do chumhachd Dhé?
Cha ghradhaich neach sam bith e air son (a chumhachd) le beachd ceart air, ach an creutair nuadh; ge do dh’fheudas eagal tràileil a bhi air muinntir eile air son (a chumhachd so.) Cha’n ‘eil duine nadurra, nach d’ thugadh na tha ‘na chomas, gu tür eile Bhabeil a thogail, gus (an cumhachd) so a chumail a stigh. Air na h-aobharaibh sin, tha mi a’ dearbh-innseadh gu’m bheil na h-uile duine neo-iompaichte ‘na namhaid do Dhia.
San dara àite, Tha sibh ‘nur naimhdibh do Mhae Dhé.
Tha’n naimhdeas sin ‘nur eridhe do Chriosd, a bheireadh oirbh eur leis na treabhaiche a mharbh an toighre, agus a thilg a mach e as an fhlion-lios; nam biodh sibh air bhrur cuairteachadh le ‘m buairdhean-san, agus fuidh eo beag ceannsachaidh ‘sa bha iadsan. An eù mi, a deir thu, gu’n deanainnse sin do m’ Slànuighear taitneach? Mar sin thubhairt Hasael ann an eùis eile; ach an uair a thainig am buaireadh air, bha è ‘na chù gu dheanamh! Is lionmhor iad a their mu Chriosd gur e’n Slànuighear taitneach e, aig am bheil an cogaisean ag innseadh dhoibh, nach do dheothail iad riama urrad mhillseachd uaithe, as a fhuair iad o’n ana-miannaibh millis féin, a ta deich cuairt ni’s milse leo n’ an Slànuighear. Cha’n ‘eil e air dhoigh sam bith eile taitneach, dhoibh, ach mar tha iad a’ mi-ghnathachadh a bhàis agus fhlungais, a chum an anamianna a mhealtuinn ann an sìth; a chum as gu’n caith-eamh iad am beatha mar is àill leo anns an t-saoghal, agus an uair a bhàsaicheas iad, gu’m bi iad air an cumail a mach o ifrinn! Mo thruaighe! is Criosd meallta ta taitneach leibhse, aig am bheil bhrur n-anama gabhail gràin do’n Chriosd sin, “neach is e dealradh glòir an Athar, agus fior-iomhaigh a phearsaidh.” Tha sibhse mar a bha na h-Iudhaich fheolmhor aig an robh tlachd ann, mu’n do thuig iad a ghnothuch do’n t-saoghal; ann am baraig’um biodh e ’na fhear-saoraiddh ainsireil dhoibh, Mal. iii. 1. Ach an uair a thainig e, agus a shuidh e mar fhearleaghaidh agus glanaiddh airgid, (rann 2, 3.) agus a thlig e mach iad mar airgiod nach fu, iadsan a shaoil gu’m biodh urram mor aca an rioghachd a’ Mhesiah; bhior a theagasg an cogaisean, agus cha do stad iad gus an do thum iad an làmhan ’na fhuil! Chum bhur sùilean fhosgladh air an ni so, cuirdh mi fa’r comhair naimhdeas bhur eridheachan an aghaidh Chriosd, agus ’oifgean uile.
Rì leantruinn.