Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1931 » October 1931 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.

(Continued from page 235.)

2. Dearbhadh.

Cia neo-thoileach a tha daoine gu nadurra, gu stroichdadh agus gu bhi air an cumail a stigh, le reachdan agus le teagasg a rioghachd! Mar Righ, is Fear-tabhairt lagha e, (Isa. xxxiii. 22.) agus shuidhich e uachdranachd fhaisinneach, riaghailt-smachdachaidh agus achmbasain, ‘na eaglais, a cheannsachadh nan daoine mi-riaghailteach, agus a chum iochdaranna a chumail ann an ordugh, agus sin uile le oifgich d’a shuidheachadh féin, Mata xviii. 17, 18. : 1 Cor. xii. 28. : 1 Tim. v. 17. : Eabh. xiii. 17. Ach tha iadsan ‘nan sealladh sùl goirt do’n t-saoghal fheolmhoir, aig am bheil gradh do shaorsa peacach. Agus uime sin, tha iad ag éigheach a mach, “Briseamaid o cheile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an cuing,” Salm ii. 3. Uaithe sin, gheibhear an obair so, air dhoigh àraid a’ gleachd an aghaidh sruth naduir thruailidh, a tha sa’ chuid mhoir a’ eur an aghaidh na h-eaglais, “mar nach biodh righ ann an Israel,” gach aon a’ deanamh an ni sin a tha ceart ‘na shùilibh féin.

3. Dearbhadh.

Ciod sam bith mar a dh’fheudar daoine nadurra thoirt gu bhi gabhail orra bhi fuidh umhlaichd do Righ nan naomh, gidheadh tha ana-mianna do ghnàth a’ gleidheadh na caithreach agus na h-uachdranachd ‘nan cridheachaibh, agus tha iad a’ deanamh seirbhis do iomadh gnè ana-mianna agus an toilean, Tit. iii. 3. Cha’n ‘eil a h-aon, ach iadsan anns am bheil Criosd air a dheilbh, a tha da rireadh a’ eur a’ chrùin air a cheann, agus a gabhail rioghachd Criosd an taobh a stigh dhiubh. Is e a chrùn-san,” an crun leis an do chrùn a mhathair e, air là a phòsaidh.” Cò do’n muinntir sin nach d’ irioslaicheadh le cumhachd gràis, a dh’ fhuilingeas dhasan eur suas agus a sios ‘nan anamaibh mar is àill leis? Ni h-eadh, air son muinntir eile, gheibh tighearna sam bith uachdranachd os an ceann roimh “Tighearna na gloire;” bheir iad aoidheachd chàirdeil d’a naimhdibh, agus cha toir iad gu brath iad fèin suas gu h-iomlan d’a uachdranachd-san, gus an toirear buaidh orra ann an là a chumhachd. Mar so chi sibh, gu bheil an duine nadurra ‘na namhaid do Iosa Criosd ‘na uile oifgibh.

Ach Oh! cia eruaidh iompaidh a chur air daoine anns a’ phuine so! Tha iad ro neo-thoileach gabhail ris. Agus, air dhoigh àraidh tha naimhdeas a’ chridhe an aghaidh Criosd, ‘na oifig sagairt, mar gu b’ann air fholach o shealladh a’ chuid is mò do luchd eisdeachd an t-soisgeil. Tha fathast mì-run àraidh air a thaisbeanadh anns an nadur thruailidh ‘na aghaidh anns an oifig sin. Feudar a thoirt fa’near gu bheil naimhdean sin ar Tighearna bheannaichte na Sosinianaich, a’ ceadachadh dha bhi ‘na Fhàidh agus ‘na Righ freagarach, ach tha iad ag aicheadh dha a bhi ‘na shagart freagarach; agus tha so taitneach gu leor do thruailidheachd ar nàduir, oir fuidh choimheangal nan oibre, bha aithne air an Tighearna mar Fhàidh no Fear-teagaig, agus mar an ceudna mar Righ no uachdaran: ach cha robh còlas idir air mar Shagart. Mar sin cha’n ‘eil aithne aig duine air a’ bheag sam bith do dhionhaireachd Criosd, mar an t-slighe chum an Athar, gus am bi e air fhoillseachadh dha: Agus an uair a ta e air fhoillseachadh, tha’n toil ag éirigh suas ‘na aghaidh, oir tha nadur truaillich calg-dhreach an aghaidh diomhreachd Chriosd, agus innleachd mór na slainte tre Shlànughear air a cheusadh, a ta air fhoillseachadh anns an t-Soisgeul. Chum an fhirinn chudthromach sin a shoilleireachadh, thugaibh fa’near na ceithir nithe so.

Air tús, Air do’n anam a bhi gabhail ri innleachd oirdheare na slainte tre Iosa Criosd, agus a bhi a’ cur gnothuichean na slainte air an steidh sin an lathair an Tighearna, tha sin air a chur an ceill le Sgriobtur na firinn ‘na chomhara cintteach air fior-naomh, a ta sona air so, agus a bhitheas sona ‘na dheigh so, Mata, xi. 6. “Agus is beannaichte an ti nach faigh oilbheum annam-sa.” 1 Cor. i. 23, 24. “Ach a ta sinne a’ searmonachadh Chriosd air a cheusadh, ‘na cheap-tuislich do no h-Iudhaich, agus do na Greugaich ‘na amaideachd; ach dhoibhsan a ta air an gairm, arao Iudhaich agus Greugaich, Criosd cumhaich Dhé, agus gliocas Dhé.” Phil. iii. 3. “Oir is sinne an timchioll-ghearrath, a ta deanamh aoraidh do Dhia san Spiorad, agus a’ deanamh gairdeachais ann an Iosa Criosd, agus nach ‘eil a’ cur muinghinn san fheoil.” A nis eionnus a dh’ fheudadh so a bhi, nam b’urrainn nadur co-aontachadh leis an ianleachd òirdheare sin.

San dara àite, ‘Se nadur truaillich an ni a ta cur an aghaidh deilbh an t-soisgeil. Anns an t-soisgeul tha Dia a’ gealltuinn Iosa Criosd mar am meadhon mor gu duine ath-cheangal ris féin: thug e mar ainm air, Eadar-mheadhonair, aon anns am bheil a mhor-thlachd; agus cha bhi a h-aon aige ach esan, xvii. 5. “Ach cha ghabh nadur ris,” Salm lxxxi. 11. Shuidhich Dia an t-aite-coinneamh air son na reite, eadhon feoil Chriosd; d’a reir sin, bha Dia ann an Criosd, (1 Cor. v. 29,) mar phàillinn na coinneamh a dheanamh suas na sithe ri peacaich: Ach daoine nadurra, ge do bhàsaicheadh iad gu bràth, cha tig iad d’a ionnsuidh. Eoin v. 40. “Agus cha’n àill leibh teachd a m’ ionnsuidh-sa, chum gu’m faigheadh sibh beatha.” Ann an slighe an t-soisgeil, is eigin do’n pheacach seasamh an lathair an Tighearna le freantachd air a meas dha; ach tha nadur truaillich air son féin-fhireantachd: agus, uime sin, co fhad ‘sa tha, daoine nadurra a’ leantuinn an deigh fireantachd, tha iad “a’ leantuinn an deigh lagh na fireantachd, (Rom. ix. 31, 32,) agus cha’n ann an deigh an Tighearn ar fireantachd. Tha nàdur do ghnàth ag iarraidh i féin a thogail suas, agus cuid aobhar uail a bhi aice: Ach is e gnothuch mor an t-soisgeil gras àrdachadh, nàdur irioslachadh, agus uail a dhruideadh a mach, Rom. iii. 27. Is e suim ar creidimh nàdurrea, maith a dheanamh uainn féin, agus air arson féin, Eoin v. 44. Is e suim creidimh an t-soisgeil, sinn féin àicheadh, agus maith a dheanamh o Chriosd, agus air son Chriosd, Phil. i. 21.

San treas àite, Tha na h-uile ni ann an nadur an aghaidh creidsinn ann an Iosa Criosd. Ciod a’ mhaise as urrainn an duine dall a thoirt fa’near ann an Slànuighear air a cheusadh gu’n iarradh se e? Cionnus as urrainn an toil a ta gu nadurra lag, seadh, a ta neo-thoileach gu maith a dheanamh Esan a roghnachadh? Is maith a dh’ fheudas an t-anam a ràdh ris ann an là an t-seisdibh spioradail, mar a thubhairt na Tebusaich ri Daibhidh ann an cuis eile, “Cha tig thu a steach an so, mur toir thu air falbh na doill agus na bacaich,” 2 Sam. v. 6. ‘Se rathad an naduir, dol a dh’ ionnsuidh neach féin air son gach uile ni; a reir riaghailt choitchionn steidh modhanna mi-naomhaichte, “Gu’m bu chòir do dhuine earbsa chur ann féin;” ni a ta a réir teagasg a’ chreidimh, a mhàin ‘na amaideachd: oir is ann mar sin a tha e’air ainmeachadh, Gnath-fhoc. xxviii. 23. “An ti a dh’ earbas as a chridhe féin is amadan e.” A’nis, is e creidimh, an t-anam a bhi dol a mach as féin air son gach uile ni: agus air an laimh eile, tha nadur a’ breithneachadh gur e sin amaideachd, 1 Cor. i. 18, 23. Air an aobhar sin tha feum air oibreachadh treun neart, a thoirt air peacaich creidsinn, Eph. i. 19. Isa. liii. 1. Tha sinn a’ faicinn geallanna failteach do pheacaich, ann an coimheangal an t-soisgeil, a ta mor, farsuinn, agus saor, gun chumha sam bith, Isa. iv. 1. Taisbean xxii. 17. Mur urrainn iad fhocal lom a chreidsinn thug e dhoibh a mhionnan air, Esec. xxxiii. 11. Agus, a chum an tuilleadh dearbhaidh a thoirt dhoibh, chur e seulachan ri choimheangal a bh’ air a dhaingneachadh le mionnan, eadhon na Sacrameinte naomha. Air eor as nach b’ urrainn tuilleah a bhi air iarraidh air an neach as neo-fhirinniche san t-saoghal a thabbairt oirnn a chreidsinn, no a rinn an Tighearn ‘na chaoimhneas dhuinne, gu thabbairt oirnn esan a chreidsinn. Tha so a’ dearbhadh gu soilleir gu bheil nadur an aghaidh creidsinn; agus gu bheil feum acasan “a theich gu Criosd chum didein, greim a dheanamh air comhfhurtachd laidir,” (Eabh. vi. 18,) a cumail cothrom riu an aghaidh an amharais laidir, agus an aomaidh gu neo-chreidimh. Ní’s fhaide, mar an ceudna, feudar a thoirt fa’near mar tha anus an fhoical air a chur gu ginealach mi-chùramach neo-ghràsmhor, gu bheil gach ni a ta aca ‘na aghaidh, air am freagrath roimh lainbh; agus gu bheil briathran grasmhor, air an eur ri cheile, mar a dh’ fheudas sibh a leughadh, Isa. lv. 7, 8, 9. Ieol. ii. 13. C’arson? Do bhrigh gu bheil fios aig an Tighearna, ‘nuair a tha peacaich air an làn dusgadh, gu’m bi amharusan, eagalan, agus reusonachaidh-ean feolmhor ag éirigh ‘nan uchd an aghaidh creidsinn, co tiugh ri duslach ann an tigh air a thogail le bhi sguabadh urlar tioram.

San àite mu dheireadh, Tha claonodh an naduir thruailidh a dh’ ionnsuidh an lagha, no coimheangal nan gniomh; agus tha na h-uile duine nadurra, co fhad ‘sa tha e ‘ga chur féin a dh’ iarraidh slainte ga chleachdadh féin san rathad sin: agus cha’n ‘eil e ga threigsinn, gus am bi e air a bhualadh as le eumhachd o Dhia. A nis, tha slighe na slainte tre oibre, agus an t-slighe a ta tre saor-ghràs, ann an Iosa Criosd neo-fhreagarach ri cheile, Rom. xi. 6. “Agus ma’s ann tre ghràs cha’n ann o oibríbh ni ‘s mò: no cha ghràs gràs ni’s mò. Ach ma’s ann o oibríbh, cha’n ann o ghràs á sin suas; no cha’n obair á sin suas obair.” Gal. iii. 13. Agus cha’n ‘eil an lagh o chreidimh: ach, an duine a ni iad gheibh e beatha annta.” Uime sin, ma tha toil an duine gu nadurra ag iarraidh slighe na slainte tre’n lagh; tha i a’ dol calg-dhireach an aghaidh deilbh an t-soiseil. Agus, chithear gur ann mar so, a tha claonadh nadurra ar eridheachan, ma bheirear fa’near na nithe a leanas.

1.

Be’n lagh coimhcheangal Adhaimh, agus cha b’ àithne dha aon eile; mar bha e ‘na cheann agus ‘na fhear-ionaid a chinne-daoine uile, a bha air an tabhairt do’n choimh-cheangal maille ris, agus air am fágail fuidh leis, ged tha iad as eugmhais neart gu choimhlionadh. Uaithe sin, tha’n coimheangal so air fhilleadh ‘nar nadur; agus ge do chaill sinn neart ar n-athar, tha sinn gidheadh, ag aomadh do ghnath a dh’ ionnsuidh an rathaid air an do chuireadh esan, mar an ceann agus fear-ionaid anns a’ choimheangal sin; is e sin le deanamh gu bitheamaid beò. ‘Se so ar creidimh nàdurra, agus an steidh a tha daoine gu nadurra a gabhail os lainmh a bhi ceart. Mata xix. 16. Ciod am maith a dheanamh chum gu faigh mi a’ bheatha mhaireannach?

2.

Thugaibh fa’near, mar a chuir an saoghal do ghnàth an aghaidh teagaig saor-ghràis ann an Iosa Criosd, le daoine bhi eur suas air son slighe nan oibre; leis a sin a’ taisbeanadh aomadh a chridhe. Tha e soilleir gur e erioch mhòr deilbh an t-soisgeil, a ghi ‘g àrdachadh saor-ghras Dé, ann an Iosa Criosd, Rom. iv. 16. “Uime sin is ann a chreidimh a ta’n oighreachd, ionnus, gu’m biodh i tre ghràs.” Faic Eph. i. 6, agus caib. ii. 7, 9. Tha uile fhìrinnean an t-soisgeil a’ comhlachadh ann an Criosd; air ehor as gur e’n fhìrinn fhoghhlum, “Chriosd fhoghhlum,” Eph. iv. 20. Agus is e fior-theagasg, a bhi air ar teagasg mar a ta’n fhirinn ann an Iosa, rann 21. Bha anns na h-uile frithealadh-gràis agus deadh-ghean o nèamh, co dhiubh a b’ann do chinnich no do dhaoine fa leth, ni-eigin mu’n cuairt doibh e bha eur an céill saorsa gràis; mar a bha anns a’ cheud dealachadh a rinneadh le deadh-ghean Dé, chuireadh eul ri Cain, am brathair bu shine, agus ghabhadh ri Abel, am brathair a b’ òige! Tha so a’ dealradh tre eachdraidh a’ Bhiobuil uile. Ach ‘s eo fior, gu bheil nadur truaillich gu h-araidh a’ eur an aghaidh na puine so. ‘S maith a dh’ fheudas neach a ràdh, do no h-uile mearachd ann an creidimh, o na bha Criosd, Slioichd na mna, air a shearmonachadh, gu’m b’e so mu oibrìbh an aghaidh saor-ghràis, annsan, am mearachd bu luaithe a bha beò; agus gu bheil e cosmhuil gur e’n aon mu dheireadh a bhàsaicheas. Bha aireamh mor do mhearachdan, a dh’ éirich suas an dèigh a cheile d’an do ghabh an saoghal mu dheireadh nàire, agus d’an d’ fhàs e sgith; air ehor as gu’n deachaidh iad as: Ach mhair am mearachd so o Chain, eud ughdar an t-saobh-ehreidimh so, gus an là ‘n diugh; agus cha robh riamh ám anns nach robh cuid a bha a’ dluth-leantuinn ris, eadhon anns na h-amannaibh sam bu mhò an solus. Cha’n ann gun aobhar a tha mi ‘g ràdh gur e Cain an t-ughdar aige; oir ‘nuair a thug Abel iobairt na réite, taigse-fola, do cheud-ghinibh a threud (cosmhuil ris a’ Chìs-mhaor, a’ bualadh air uechd, agus ag ràdh, “A Dhia dean trocair ormsa ta ‘m pheacach”) thàinig Cain air aghaidh le ‘thabbhartas buidheachais, do cheud thoradh an fhearainn, (Gen. iv. 3, 4.) cosmhuil ris an Phairiseach uaibhreach, ag ràdh, “A Dhé, tha mi toirt buidheachais duit.” Oir eiod an t-aobhar a bha aig Cain air a bhi feargach, agus e’arson a mhort e Abel? Nach b’ ann a chionn gu’n do ghabhadh ris le Dia air son ‘oibre? Gen. iv. 4, 5. Agus e’ arson a mharbh se e? Ach a chionn gu’n robh ‘oibre féin ole, agus oibre a bhràthar fireanta:” (1 Eoin iii. 12.) sin ri ràdh, air an deanamh ann an creidimh agus ghabhadh riu, an uair a bha oibre Chain air an deanamh as eugmhaibh creidimh, agus uime sin air an diultadh, mar tha’n t-Abstol a’ teagasg, Eabh. xi. 4. Agus mar sin, ann am fuil a bhrathar, sgriobh e sios a naimhdeas an aghaidh slighe fireanachaidh an duine, agus gabhail ris, am fianuis Dhé tre chreidimh, an aghaidh oibre, a chum a nochdadh do na ginealaich a thigeadh ‘na dhéigh. Agus, o’n àm sin, ‘s tric a shnàmh an iobart gun fluil ann am fuil na muintir a chuir eul rithe! Bha’n gealladh a rinneadh do Abraham, air an t-siol anns am bitheadh na h-uile chinnich air am beannachadh, eo mòr air a dhorchachadh am meag a shlioichd anns an Eiphit, as nach faca chuid mhor dliubh am feum air a bheannachadh anns an rathad sin, gus an do chuir Dia féin easg air am mearachd, le lagh teinnteach o shliabh Shinai, “Thugadh e air son eusaontais, gus an tigeadh an soil d’ an d’ rinneadh an gealladh;” Gal. iii. 16. Cha ruig mi leas inseadh dhuibh, mar a bha moran aig Maois agus aig na fàidhibh ri dheanamh ann an daoine a thabbairt o speis d’ am fireantachd féin; tha’n naothamh caibideil do leabhar Dheuteronomi gu h-iomlan air a chaitheadh air an ni sin. Bha na mearachdan co mhor·air a’ phuine sin ann an làithibh ar Slàmuighear. Ann an làithibh nan Abstol, ‘nuair o bha teagasg an t-saor-ghràis gu ro shoilleir air a shearmonaechadh, thog am mearachd sin suas a cheann an aghadh an t-soluis bu mhò; mar dhearbhadh air so faic an litir a chum nan Romanach agus nan Galatianach. Agus c’n àm sin cha robh am mearachd so air chall; air do’n Phapanachd a bhi ‘na sliochd coitichionn ann an gabhail a steach gach saobh-chreidimh a bha roimhe sin san t-saoghal, agus am mearachd so mar chridhe agus mar bheatha mheallaidh sin. Agus, fadheoidh, feudar a thoirt fa’near, mar a bha’n eaglais do ghnath a’ claonadh o a fior-ghloine, gu’n robh teagasg an t-saor-ghràis anns a’ cheart tomhas air a dhorchachadh.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice