Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1931 » November 1931 » Giving

Giving

It is not without significance that Christ contrasts the Scribes with their love of display, and the poor widow with her unostentatious farthing collection. There is no place where we are more likely to copy the Scribes than in our giving. It would be interesting, though perhaps unprofitable, to know how much is given for the glory of God, and how much for the glory of the giver. Christ therefore backs up His warning against the spirit of display, as seen in the Scribes, by presenting to us the example of the widow who gave all that she had.

Notice a few points concerning the collection—1. Christ keeps His eye on the collection plate. He “sat over against the Treasury.” 2. The world judges by quantity. God weighs our motives. 3. Liberality is not a matter of the amount we give, but of the proportion of our income. 4. God does not expect large givings from those who have little to give. “If there be first a willing mind, it is accepted according to that a man hath, and not according to that he hath not.” 5. Let us never be ashamed of the smallness of our gift, provided it is all we can give. God measures the heart, not the coins. 6. Let us not glory in the greatness of our gifts. If God has richly endowed us with material wealth, we are only stewards. Let us give Him cheerfully what is His Own.—J. McL. in The Covenanter (Lisburn).

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte.

MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.

(Continued from page 275.)

  1. Tha aomadh nadurra eridhe an duine do shlighe an lagha an aghaidh Chriosd, co mor is a thionndas an soitheach salach, an stuth is gloine a chuirear ann gu ‘bblas foin; mar sin tha’n duine nadurra a’ tionndadh an dearbh shoiseul gu lagh, agus a’ tionndadh coimheangal nan gràs gu coimheangal gniomh! Bha lagh nan iobairte do no h-Iudhaich, ‘na fhiar-shoiseul; a bha cumail a mach fola, bàs, agus meas cionta do’n neo-chiontach no ghnath fa chomhair an sùl, mar an aon rathad slainte: Gidheadh bha ceart bhord, (‘se sin, an altair leis na h-orduighean fa leth a bhuineadh dhi, Mal. 12.) ‘na ribe dhoibh, Rom. xi. 9, co fhad ‘sa rinn iad feum dheth, ann bhi deanamh suas nan nithe san robh iad a’ teachd gearr ann an umhlaichd do lagh nam modhanna; agus dhlùth-lean iad ris air chor as gu’n d’rinn iad di-meas air-san, a bha’n altair agus na h-iobairtean a’ comharachadh a mach dhoibh mar am brìgh aca uile: Eadhon mar Hagar, d’ am buineadh a mhàin a bhi deanamh seirbhis, air a tabhairt le’n athair gu leabaiddh a ban-mhaighstir; cha b’ ann gun a bhi samhlaichadh a mach diomhaireachd ann an rùn Dhé, “Oir is iad so an dà choimheangal,” Gal. iv. 24. ‘S ann mar so tha teagasg an t-soisgeil air a thruailleadh le Papanaiach, agus le naimhdibh eile do theagasg saor-ghràis. Agus gun amharus, eiod sam bith mar a blitheas cinn dhaoine nadurra air an eur ceart anns a’ phune so; co eimteach is a tha iad a mach á Chriosd, tha’n creidimh, an aithreachas, agus an umhlaichd (leithid ‘sa tha iad) air an eur leo-san an àite Chriosd agus ‘fhireantachd; agus tha leithid do dhochas aca ‘s mar gu’n deanadh iad leo sin lagh nuadh a choimhlionadh.

  2. Is mor an cruadal le mie Adhaimeh dealachadh ris an lagh, mar choimheangal oibre. Cha dealaich a h-aon ris air an doigh sin, ach iadsan a tá eumhachd Spioraid nan gràs a’ sgarrachdainn uaithe. ‘Se’n lagh ar ceud fhear posda, agus tha

e faotainn ceud ghaol gach neach. An uair a ta Criosd a’ teachd a dh’ ionnsuidh an anama, tha e ga fhaotainn pòsda ris an lagh; air ehor is nach mò as urrainn no’s àill leis bhi pòsda ri aon eile, gus an eigin da dealachadh ris a’ cheud fhear-posda, mar tha’n t-Abstol a’ teagasg, Rom. vii. 1—4. A nis chum gu’m faiceadh sibh siod an scorsa, dealachaidh a tha’n so, thugaibh fanear.

(1) Is bàs e, Rom. vii. 4. Gal. iii. 19. Cha bluadhaich earailean air an anam anns an ni so: their e ris a’ cheud fhear-pòsda, mar a thubhairt Rut ri Naomi, “Gu’n deanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuille mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa.” Agus an so, tha peacaich firinneach d’ am focal: bàsaichidh iad do’n lagh, mu’m pòs iad ri Criosd. Tha’m bàs cruaidh leis gach neach: ach eia cruadalach a shaoileas s’bh le mnaoi ghràdhaich air leabaidh a bàis dealachadh r’a companach pòsda, companach a h-òige, agus ris a’ chloinn ghràdhaich a rug i dha! Se’n Lagh am fear-posda sin; agus is iad na h-uile dhleasdanais a rinneadh leis an duine nadurra, a’ ehlann sin. Ciod a’ ghleachd, mar gu’m b’ aon air son beatha, blitheas anns a’ chridhe mu’m faighear an dealachadh o cheile! Feudaidh cothrom a bhi agam labhairt air sin an deigh so. Air an àm so, gabhaidh briathra goirid (ach laidir) an Abstoil uime, Rom. x. 3. “Oir air dhoibh a bhi aineolach air fireantachd Dhé, agus ag iarraidh am fireantachd féin a chur air ehois, cha do stroichd iad do fhireantachd Dhé.” Tha iad a’ dol mu’n euairt a dhaigneachadh am fireantachd féin, cosmhuil ri fear-deasboireachd dian ann an sgoillibh, ag iarraidh a’ cheist mu’m bheil e deasboireachd, a dhaigneachadh: no cosmhuil ri erochadair a ta fàsgadh aidhmeil o neach a ta fo phian an inneil bhàis. Tha iad a’ dol mu’n euairt ga dhaigneachadh, a thabhairt air a thogail air a’ ghaineamh, cha’n urrainn e seasamh, ach is àill leo gu’n toicrear air seasamh: tha e tuiteam; tha iad ‘ga chur suas a ris. Ach fathast tha e tuiteam sios orra; gidheadh, cha’n ‘eil iad a sgru do dhòl mu’n euairt a thoirt air seasamh. Ach e’ arson a tha’n t-saothtiar so uile mu thimchioll fireantachd ehlanta? A chionn, a leithid ‘sa ta i, gur i ‘n cuid féin i. Ciod a’ choire a th’ aca do fhireantachd Chriosd? Ciod

ach a chionn gu’n cuireadh sin iad fuidh fhiachaibh do shaor-ghràs air son na h-uile ni; agus is e sin an ni do nach stroichd an eiridhe àrdanaich air chor air bith. Is ann an so a tha cudthrom na cuise a’ luidhe, Salm. x. 4. “Cha’n iarr an t-aingidh ann an uabhar a’ chridhe, ‘Se sin (am briathraibh eile) cha’n urrainn e ruamhar a’ dheanamh, agus is nàir leis deire iarraidh.” Is ann mar sin a tha’n stri mu’m bàsaich an t-anam do’n Lagh. Ach an ni a ta leigeadh fhaicinn fathast tuille do ghnè oillteil so a’ chridhe; tha nadur gu tric a’ faotainn na h-uachdranachd air a’ ghalar; air chor is an t-anam a bha a’ reir coslais marbh do’n Lagh, fhad ‘sa bha mhothachaidhean geur agus goirt, tha e nis gu a thruaighe, a faghail saorsa o’n tinneas mu’n robh dochas, agus ni (a ta ro nadurra) tha e leantuinn ni’s dluithe na rinn e riamh ris an Lagh, eadhon mar a dhlùthaicheadh bean air a tabhairt air a h-ais a gheatachan a bhàis, r’a fear-pòsda. ‘Si so is erioch do shaothair mhoran, mu chor an anama: tha iad gun amharus air an tabhairt gu leantuinn ni’s dluithe ri cleasdanais; ach tha iad co fada o Chriosd ‘sa bha iad riamh mur ‘eil ni’s faide.

(2.) Is bàs ainneartach e, Rom. vii. 4. “Tha sibh marbh do’n Lagh;” air dha bhith air a mharbhadh, air a mhortadh, no air a chur gu bàs, mar tha’m focal a’ ciallachadh. Tha làmh mhor aig an Lagh féin ann an so; tha’m fear-pòsda a’ lit, Gal. ii. 19. “Tha mise, tre’n lagh marbh do’n lagh.” Tha’n t-anam a bhàsaicheas am bàs so, cosmhuil ri bean ghradhaich, pòsda ri fear an-iochd-mhor; ni i na’s urrainn i, ga thoileachadh, gidheadh cha’n ‘eil e idir toilichte, ach tha e ‘ga sàruchadh, ‘ga sgitheachadh, agus ga bualadh, gus am bheil i a’ briseadh a’ eiridhe, agus gus am bheil am bàs ‘ga eur saor; mar a chithear ni’s soilleire an deigh so. Mar so rinneadh soilleir gu bheil eridheachan dhaoine gu nadurra ag aomadh gu slighe an Lagha, agus gu bheil iad an aghaidh deilbh an t-soisgeil: agus tha’n dara pune a th’ air a thabhairt ‘nur n-aghaidh-sa ta neo-iompaichte air a dhearbhadh, eadhon gu bheil sibh ‘nur naimhdibh no Mhae Dhé.

  1. Tha sibh nur naimhdibh do Spiorad Dhé. Is esan Spiorad na naomhaichd: Tha’n duine nadurra mi-naomh, agus is taitneach leis a bhi mar sin; agus uime sin, “tha e eur an aghaidh an

Spioraid naoimh,” Gniomh. vii. 51. Is e obair an Spioraid, “ dearbh-shoilleireachd a thabhairt do’n t-saoghal mu pheacadh, mu fhíreantachd, agus mu bhreitheanas, Eoin xvi. 8. Ach Oh! cionnus a tha daoine ri strí gus na mothachaidhean sin a chumail uapa; tha iad co díchiollach gu sin a dheanamh as a b’urrainn iad a bhi gu buille chumail diubh, a bhiodh a’ bagradh call sùla deis, no làimhe deis! Ma ehuireas Spiorad an Tighearn a shaighdean an sathadh annta, air chor as nach urrainn iad an seachnad; tha’n eridhe ag ràdh, mar a thubbairt Ahab ri Elijah, neach a dh’ fhuathaich e, agus roimh an robh eagal aige, “ An d’ fhuair thu mi, O mo namhaid!” Agus, tha iad d’ a rireadh, a’ buntainn ris mar namhaid, a’ deanamh an uile dhichioll gu am mothachaidhean a mhuchadh, agus gus an roimh-theachdaircean sin a ta teachd a dh’ ulluchadh slighe don’ Tighearna san anam a mhort. Tha cuid a’ lionadh an lamh le gnothuichean an t-saoghail, a chur am mothachaidhean as an cinn, mar Chain, a thòisich air baile thogail; tha cuid ’gan eur dhiubh le dàil agus geallaidhean sgiamhach mar a rinn Felies: cuiridh cuid air falbh iad le cluiche ann an euideachd; agus tha cuid ’g an eur dhiubh le codal. ’Se ’n Spiorad naomh Spiorad an naomhachaidh; d’ an obair, ana-mianna a chlaoidh, agus truaillidheachd a losgadh suas; cionnus air an aobhar sin, as urrainn an duine nadurra, d’am bheil ana-mianna mar bhuill a chuirp, seadh mar a bheatha, gun bhi ’na namhaid dha.

San àite mu dheireadh, Tha sibh ’nur naimhdibh do Lagh Dhé. Ged tha’n duine nadurra ag iarraidh a bhi fuidh ’n Lagh, mar choimheangal oibre, a’ roghnachadh na slighe sin air son slàinte, an aghaidh diomhaireachd Chriosd, gidheadh, mar a tha e’ ’na riaghait air son beatha ag iarraidh naomhachd iomlan, agus a’ diteadh gach uile sheorsa neo-ghloine, tha e na namhaid dha: “ cha’n ’eil i umhal do lagh Dhé, is cha mhò tha’n comas di bhi,” Rom. viii. 7. Oir, (1.) Cha’n ’eil duine neo-iompaichte ann, nach ’eil ann an dàimh-posadh ri ana-miann araídh, ris nach dealaich a chridhe air chor sam bith. A nis, mar nach urrainn e ’iarrtuis a thogail suas gus an lagh naomh, bu mhaith leis an lagh a fhoirt a nuas gu iarrtuis-san: dearbhaechd soilleir air naimhdeas

a chridhe ‘na aghaidh. Agus, uime sin, tha tlaichd ann an lagh Dhé, reir an duine an taobh a stigh, air a chur sios anns an Fhocal, mar chomhara air anam grasmhor, Rom. vii. 22.; Salm i. 2. Is ann o’n naimhdeas nadurra so a’ chridhe an aghaidh an lagha, a dh’ eirich na h-uile mineachadh Pharasachail a rinneadh uime; leis am bheil an aithne, a ta innte féin ro-fharsuinn, air a deanamh ni’s taitniche do iarrtus nadurra a’ chridhe.

(2). An uair a tha’n lagh ‘na spioradalaichd, air a chur dhachaidh a dh’ ionnsuidh na coguis nadurra, tha e brosnuchadh suas truaillidheachd. Mar is dluithe a tha e teachd, is ann is airde tha nadur ag éirigh ‘na aghaidh. Anns a’ chor sin, tha e mar oladh do’n teine, ta an aite bli ga mhuchadh, a deanamh na lasair ni’s mò: “An uair a thainig an aithne, dh’ ath-bheothaich am peacadh,” ars’ an t-Abstol, Rom. vii 9. Ciod an reusan a bheirear uime so, ach naimhdeas nadurra a’ chridhe an aghaidh an lagha naoimh? Mar is mò a chuirear an aghaidh truaillidheachd neo-chlaoidhte, is ann is mò a dh’ atas i. Co-dhunamaid, air an aobhar sin, gu bheil na daoinne neo-iompaichte, ‘nan naimhdibh ‘nan eridhe do Dhia, d’ a Mhac, d’a Spiorad, agus d’a Lagh, gu bheil eas-umhlachd nadurra, eusaontas agus naimhdeas ann an toil an duine, do Dhia féin, agus d’a thoil naomh.

Sa’ chuideadh àite. Tha ann an toil an duine, ceannaire an aghaidh an Tighearna. Tha toil an duine gu nadurra ceann-laidir ann an slighe an uile. Bithidh a thoil féin aige, ge do sgriosadh i e. Tha e leis-san, mar leis an Lebhiatan, (Iob xli. 29.) “Measaidh e mar chomlaich gathan; agus ni e gaire ri crathadh sleagha.” Tha’n Tighearn a’ gairm air le ‘fhocal, agus ag radh ris, mar a thubhairt Paul ri fear-coimhead a’ phriosain, ‘nuair a bha e gu e féin a mharbhadh, “Na dean cron sam bith ort féin: ” A pheacaich, “C’ arson a bhasaicheas sibh,” Esee. xxviii. 31. Ach cha’n eisd iad. “Tha gach aon a’ pilleadh gu ‘shlighe, mar a dhian-ruiteas an t-each a chum a’ chomhraig.” Tha gealladh air beatha againn, ann an eruth aithne, Gnath-fhocail iv. 4. “Coimhid m’ àitheanta agus mair beò.” Tha sin a’ leigeadh fhaicimn gu bheil peacaichd neo-aithreachail ‘nan luchd

féin-sgrios, ‘nam féin-nhortairean d’an deoin. Tha iad a’ ciontachadh an aghaidh na h-àithne, a bhi beò; mar gu’n cuireadh seirbhiseach duine gu toileach e féin gu bàs do’n ghort, no gu’n òladh e gu gionach copan nimhe, a dh’ aithn a mhaighstir dha a sheachnad: Eadhon mar sin tha iadsan a’ deanamh; cha’n àill leo bhi beò, ‘s àill leo bàsachadh, Gnath-fhoical viii. 36. “Iadsan uile a dh’ fhuathaicheas mi gràdhaichidh iad am bàs.” O ciod an eridhe tha’n so! Is eridhe dloich e, Esec. xxxvi. 26. eruaidh agus do-lubaidh, mar chloich: Cha leagh trocairean e, cha bhris breitheanais e; gidheadh brisidh e mu’n lub e. Is eridhe neomhothachail e: ged tha cudthrom peacaidd air a’ pheacach a ta toirt air an talamh criothnachadh; ged tha cudthrom feirge air a ta toirt air na diabhlul criothnachadh, gidheadh tha e siubhal gu h-eutrom fuidh’n callach; cha’n ‘eil e a’ mothachadh a chudthrom ni’s mò na tha clach, gus am bheil Spiorad an Tighhearna ‘ga bheothachadh gu fhaireachdain!

Rì leantuin.

“Remember thy Creator in the days of thy youth.”—Remember now thy Creator in the days of thy youth; he doth not say in the time of thy youth, but in the days of thy youth; to note, that our life is but a few days; it is but a vapour, a span, a flower, a shadow, a dream; and, therefore, Seneca saith well, that though death be before the old man’s face, yet he may be as near the young man’s back, &c. Man’s life is the shadow of smoke, the dream of a shadow; one doubteth whether to call it a dying life, or a living death. Ah, young men! God commands you to be good betimes. Remember, young men, that it is a dangerous thing to neglect one of his commands, who, by another is able to command you into nothing or into hell. To act or run cross to God’s express command, though, under pretence of revelation from God, is as much as a man’s life is worth.—Brooks.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice