Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1931 » November 1931 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fhillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fhillte

MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.

(Continued from page 275.)

  1. Tha aomadh nadurra cridhe an duine do shlighé an lagha an aghaidh Chriosd, co mor is a thionndas an soitheadh salach, an stuth is gloine a chuirear ann gu ‘bblas foin; mar sin tha’n duine nadurra a’ tionndadh an dearbh shoiseul gu lagh, agus a’ tionndadh coimhcheangal nan gràs gu coimhcheangal gniomh! Bha lagh nan iobairte do no h-Iudhaich, ‘na fhiar-shoiseul; a bha cumail a mach fola, bàs, agus meas cionta do’n neo-chiontach no ghmath fa chomhair an sùl, mar an aon rathad slainte: Gidheadh bha ceart bhord, (‘se sin, an altair leis na h-orduighean fa leth a bhuineadh dhi, Mal. 12.) ‘na ribe dhoibh, Rom. xi. 9, co fhad ‘sa rinn iad feum dheth, ann bhi deanamh suas nan nithe san robh iad a’ teachd gearr ann an umhlaichd do lagh nam modhanna; agus dhlùth-lean iad ris air chor as gu’n d’rinn iad di-meas air-san, a bha’n altair agus na h-iobairtean a’ comharachadh a mach doibh mar am brìgh aca uile: Eadhon mar Hagar, d’ am buineadh a mhàin a bhi deanamh seirbhis, air a tabhairt le’n athair gu leabaidh a ban-mhaighstir; cha b’ ann gun a bhi samhlaichadh a mach diomhaireachd ann an rùn Dhé, “Oir is iad so an dà choimhcheangal,” Gal. iv. 24. ‘S ann mar so tha teagasg an t-soisgeil air a thruailleadh le Papanach, agus le naimhdibh eile do theagasg saor-ghràis. Agus gun amharus, ciod sam bith mar a bhitheas cinn dhaoiné nadurra air an eur ceart anns a’ phunc so; co cìmteach is a tha iad a mach á Chriosd, tha’n creidimh, an aithreachas, agus an umhlaichd (leithid ‘sa tha iad) air an eur leo-san an àite Chriosd agus ‘fhireantachd; agus tha leithid do dhochas aca ‘s mar gu’n deanadh iad leo sin lagh nuadh a choimhlionadh.

  2. Is mor an cruadal le mie Adhaimh dealachadh ris an lagh, mar choimhcheangal oibre. Cha dealaich a h-aon ris air an doigh sin, ach iadsan a tá cumhachd Spioraid nan gràs a’ sgarrachdainn uaithe. ‘Se’n lagh ar ceud fhear posda, agus tha e faotainn ceud ghaol gach neach. An uair a ta Criosd a’ teachd a dh’ ionnsuidh an anama, tha e ga fhaotainn pòsda ris an lagh; air chor is nach mò as urrainn no’s àill leis bhi pòsda ri aon eile, gus an eigin da dealachadh ris a’ cheud fhear-posda, mar tha’n t-Abstol a’ teagasg, Rom. vii. 1—4. A nis chum gu’m faiceadh sibh siod an scorsa dealachaidh a tha’n so, thugaibh fanear.

(1) Is bàs e, Rom. vii. 4. Gal. iii. 19. Cha bhuadhaich earrailean air an anam anns an ni so: their e ris a’ cheud fhear-pòsda, mar a thubhairt Rut ri Naomi, “Gu’n deanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuille mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa.” Agus an so, tha peacaich firinneach d’ am focal: bàsaichidh iad do’n lagh, mu’m pòs iad ri Criosd. Tha’m bàs cruaidh leis gach neach: ach cia cruadalaich a shaol eas s’bh le mnaoi ghràdhaich air leabaidh a bàis dealachadh r’a companach pòsda, companach a h-òige, agus ris a’ chloinn ghràdhaich a rug i dha! Se’n Lagh am fear-posda sin; agus is iad na h-uile dhleasdanais a rinneadh leis an duine nadurra, a’ chlamh sin. Ciod a’ ghleachd, mar gu’m b’ ann air son beatha, bliththeas anns a’ chridhe mu’m faighear an dealachadh o cheile! Feudaidh eothrom a bhi agam labhairt air sin an deigh so. Air an àm so, gabhaidh briathra goirid (ach laidir) an Abstoil uime, Rom. x. 3. “Oir air dhoibh a bhi aineolach air fireantachd Dhé, agus ag iarraidh am fireantachd féin a chur air chois, cha do striochd iad do fhìreantachd Dhé.” Tha iad a’ dol mu’n cuairt a dhaingneachadh am fireantachd féin, cosmhuil ri fear-deasboireachd dian ann an sgoilbh, ag iarraidh a’ cheist mu’m bheil e deasboireachd, a dhaingneachadh: no cosmhuil ri erochadair a ta fàsgadh aidmheil o neach a ta fo phian an imeil bhàis. Tha iad a’ dol mu’n cuairt ga dhaingneachadh, a thabhairt air a thogail air a’ ghaineamh, cha’n urrainn e seasamh, ach is àill leo gu’n toircar air seasamh: tha e tuiteam; tha iad ‘ga chur suas a ris. Ach fathast tha e tuiteam sios orra; gidheadh, cha’n ‘eil iad a sgur do dhol mu’n cuairt a thoirt air seasamh. Ach e’ arson a tha’n t-saothtiar so uile mu thimchioll fireantachd chlaonta? A chionn, a leithid ‘sa ta i, gur i ‘n cuid féin i. Ciod a’ choire a th’ aca do fhìreantachd Chriosd? Ciod ach a chionn gu’n cuireadh sin iad fuidh fhiachaibh do shaor-ghrás air son na h-uile ni; agus is e sin an ni do nach striocdh an eridhe àrdanach air chor air bith. Is ann an so a tha eudthrom na cuise a’ luidhe, Salm. x. 4. “Cha’n iarr an t-aingidh ann an uabhar a chridhe, ‘Se sin (am briathraibh eile) cha’n urrainn e ruamhar a dheanamh, agus is nàir leis deire iarnaidh.” Is ann mar sin a tha’n stri mu’m bàsaich an t-anam do’n Lagh. Ach an ni a ta leigeadh fhaicinn fathast tuille do ghmè oillteil so a’ chridhe; tha nadur gu tric a’ faotainn na h-uachdranachd air a’ ghalar; air chor is an t-anam a bha a reir coslais marbh do’n Lagh, fhad ‘sa bha mhothaichaidhean geur agus goirt, tha e nis gu a thruaighe, a faghail saorsa o’n tinneas mu’n robh dochas, agus ni (a ta ro nadurra) tha e leantuininn nì’s dluithe na rinn e riamh ris an Lagh, eadhon mar a dhlùthaicheadh bean air a tabhairt air a h-aig a gheatachan a bhàis, r’a fear-pòsda. ‘Si so is erioch do shaofhair mhoran, mu chor an anama: tha iad gun amharus air an tabhairt gu leantuininn nì’s dluithe ri dleasdanais; ach tha iad co fada o Chriosd ‘sa bha iad riamh mur ‘eil nì’s faide.

(2.) Is bàs ainneartaich e, Rom. vii. 4. “Tha sibh marbh do’n Lagh;” air dha bhith air a mharbhadh, air a mhortadh, no air a chur gu bàs, mar tha’m focal a’ eiallachadh. Tha làmh mhor aig an Lagh féin ann an so; tha’m fear-pòsda a’ lit, Gal. ii. 19. “Tha mise, tre’n lagh marbh do’n lagh.” Tha’n t-anam a bhàsaicheas am bàs so, cosmhuiil ri bean ghradhaich, pòsda ri feair an-ìochd-mhor; ni i na’s urrainn i, ga thoileachadh, gidheadh cha’n ‘eil e idir toilichte, ach tha e ‘ga sàruchadh, ‘ga sgìtheachadh, agus ga bualadh, gus am bheil i a’ briseadh a chridhe, agus gus am bheil am bàs ‘ga cur saor; mar a chithear nì’s soilleire an deigh so. Mar so rinneadh soilleir gu bheil eridheachan dhaoinne gu nàdurra ag aomadh gu slighe an Lagha, agus gu bheil iad an aghaidh deilbh an t-soisgeil: agus tha’n dara pune a th’ air a thabhairt ‘nur n-aghaidh-sa ta neo-ìompaichte air a dhearbhadh, eadhon gu bheil sibh ‘nur naimhdibh no Mhac Dhé.

  1. Tha sibh nur naimhdibh do Spiorad Dhé. Is esan Spiorad na naomhachd: Tha’n duine nadurra mi-naomh, agus is taitneach leis a bhi mar sin; agus uime sin, “tha e cur an aghaidh an Spioraid naoimh,” Gniomh. vii. 51. Is e obair an Spioraid, “ dearbh-shoilleireachd a thabhairt do’n t-saoghal mu pheacadh, mu fhireantachd, agus mu bhreitheanas, Eoin xvi. 8. Ach Oh! cionnus a tha daoine ri strì gus na mothachaidhean sin a chumail uapa; tha iad co dèichiollach gu sin a dheanamh as a b’urrainn iad a bhi gu buille chumail diubh, a bhiódh a’ bagradh call sùla deis, no làimhe deis! Ma chuireas Spiorad an Tighearn a shaighdean an sathadh annta, air chor as nach urrainn iad an seachnad; tha’n eridhe ag ràdh, mar a thubhairt Ahab ri Eliab, neach a dh’ fuathaich e, agus roimh an robh eagal aige, “ An d’ fhuaire thu mi, O mo namhaid!” Agus, tha iad d’ a rireadh, a’ buntainn ris mar namhaid, a’ deanamh an uile dhichioll gu am mothachaidhean a mhuchadh, agus gus an roimh-theachdairean sin a ta teachd a dh’ ulluchadh slighe don’ Tighearna san anam a mhort. Tha euid a’ lionadh an lamh le gnothuichean an t-saoghal, a chur am mothachaidhean as an cinn, mar Chain, a thoisich air baile thogail; tha euid ’gan eur dhiubh le dàil agus geallaidhean sgiarmhach mar a rinn Felics: cuiridh euid air falbh iad le cluiche ann an cuideachd; agus tha euid ’g an eur dhiubh le codal. ’Se ’n Spiorad naomh Spiorad an naombachaidh; d’ an obair, ana-mianna a chlaoidh, agus truaillidheachd a losgadh suas; cionnus air an aobhar sin, as urrainn an duine nadurra, d’am bheil ana-mianna mar bhuill a chuirp, seadh mar a bheatha, gun bhi ’na namhaid dha.

San àite mu dheireadh, Tha sibh ’nur naimhdibh do Lagh Dhé. Ged tha’n duine nadurra ag iarraidh a bhi fuidh ’n Lagh, mar choimhcheangal oibre, a’ roghnachadh na slighe sin air son slàinte, an aghaidh diomhaireachd Chriosd, gidheadh, mar a tha e’ ’na riaghaift air son beatha ag iarraidh naombachd iomlan, agus a’ diteadh gach uile sheorsa neo-ghloine, tha e na namhaid dha: “ cha’n ’eil i umhal do lagh Dhé, is cha mhò tha’n comas di bhi,” Rom. viii. 7. Oir, (1.) Cha’n ’eil duine neo-ìompaichte ann, nach ’eil ann an dàimh-posadh ri ana-miann araiddh, ris nach dealaich a chridhe air chor sam bith. A nis, mar nach urrainn e ’iarrtuis a thogail suas gus an lagh naomh, bu mhaith leis an lagh a thoirt a nuas gu iarrtuis-san: dearbhachd soilleir air naimhdeas a chridhe ‘na aghaidh. Agus, uime sin, tha tlachd ann an lagh Dhé, reir an duine an taobh a stigh, air a chur sios anns an Phocal, mar chomhara air anam grasmhór, Rom. vii. 22.; Salm i. 2. Is ann o’n naimhdeas nadurra so a’ chridhe an aghaidh an lagha, a dh’ eirich na h-uile mìneachadh Pharasaichail a rinneadh uime; leis am bheil an aithne, a ta innte féin ro-fharsuinn, air a deanamh ní’s taitneach do iarrtus nadurra a’ chridhe.

(2). An uair a tha’n lagh ‘na spioradalachd, air a chur dhachaoidh a dh’ ionnsuidh na coguis nadurra, tha e brosnuchadh suas truaillidheachd. Mar is dluithe a tha e teachd, is ann is àirde tha nadur ag éirigh ‘na aghaidh. Anns a’ chor sin, tha e mar oladh do’n teine, ta an aite bhi ga mhuchadh, a deanamh na lasair ní’s mò: “An uair a thainig an aithne, dh’ ath-bheothaich am peacadh,” ars’ an t-Abstol, Rom. vii 9. Ciod an reusan a bheirear uime so, ach naimhdeas nadurra a’ chridhe an aghaidh an lagha naoimh? Mar is mò a chuirear an aghaidh truaillidheachd neo-chlaoidhte, is ann is mò a dh’ atas i. Co-dhumamaid, air an aobhar sin, gu bheil na daoiné neoiompaichte, ‘nan naimhdibh ‘nan eridhe do Dhia, d’ a Mhac, d’a Spiorad, agus d’a Lagh, gu bheil eas-umhlachd nadurra, eusaontas agus naimhdeas ann an toil an duine, do Dhia féin, agus d’a thoil naomh.

Sa’ chuideadh àite. Tha ann an toil an duine, ceannaire an aghaidh an Tighearna. Tha toil an duine gu nadurra ceannlaidir ann an slighe an uile. Bithidh a thoil féin aige, ge do sgriosadh i e. Tha e leis-san, mar leis an Lebhriatan, (Iob xli. 29.) “Measaidh e mar chomlaich gathan; agus ni e gàire ri crathadh sleagha.” Tha’n Tighearn a’ gairm air le ‘fhocal, agus ag radh ris, mar a thubhaint Paul ri feur-coimhead a’ phriosain, ‘nuair a bha e gu e féin a mharbhadh, “Na dean cron sam bith ort féin:” A pheacaich, “C’ arson a bhasaicheas sibh,” Esec. xxviii. 31. Ach cha’n eisd iad. “Tha gach aon a’ pilleadh gu ‘shlighe, mar a dhian-ruitheas an t-each a chum a’ chomhraig.” Tha gealladh air beatha againn, ann an cruth aithne, Gnatfhocal iv. 4. “Coimhid m’ àitheadta agus mair beò.” Tha sin a’ leigeadh fhaicimn gu bheil peacadh neo-aithreadail ‘nan luchd féin-sgrios, ‘nam féin-mhortairean d’an deoin. Tha iad a’ ciontachadh an aghaidh na h-àithne, a bhi beò; mar gu’n cuireadh seirbhiseach duine gu toileach e féin gu bàs do’n ghort, no gu’n òladh e gu gionach copan nimhe, a dh’ aithn a mhaignstir dha a sheachmadh: Eadhon mar sin tha iadsan a’ deanamh; cha’n àill leo bhi beò, ‘s àill leo bàsachadh, Gnath-thocal viii. 36. “Iadsan uile a dh’ fhuathaicheas mi gràdhaichidh iad am bàs.” O eiod an eridhe tha’n so! Is eridhe cloich e, Esec. xxxvi. 26. cruaidh agus do-lubaidh, mar chloich: Cha leagh trocairean e, cha bhris breithheanais e; gidheadh brisidh e mu’n lub e. Is eridhe neomhthachail e: ged tha eudthrom peacaidh air a’ pheacach a ta toirt air an talamh criothnachadh; ged tha eudthrom feirge air a ta toirt air na diabhluil criothnachadh, gidheadh tha e siubhal gu h-entrom fuidh’n eallach; cha’n ‘eil e a’ mothachadh a chudthrom ni’s mò na tha clach, gus am bheil Spiorad an Tighhearna ‘ga bheothachadh gu fhaireachdain!

Ri leantuin.


“Remember thy Creator in the days of thy youth.”—Remember now thy Creator in the days of thy youth; he doth not say in the time of thy youth, but in the days of thy youth; to note, that our life is but a few days; it is but a vapour, a span, a flower, a shadow, a dream; and, therefore, Seneca saith well, that though death be before the old man’s face, yet he may be as near the young man’s back, &c. Man’s life is the shadow of smoke, the dream of a shadow; one doubteth whether to call it a dying life, or a living death. Ah, young men! God commands you to be good betimes. Remember, young men, that it is a dangerous thing to neglect one of his commands, who, by another is able to command you into nothing or into hell. To act or run cross to God’s express command, though, under pretence of revelation from God, is as much as a man’s life is worth.—Brooks.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice