Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1931 » December 1931 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.

(Continued from page 313.)

San àite mu dheireadh, Tha’n toil neo-nuadhaichte gu h-iomlan fiar a thaobh crìch mhoir agus àraidh an duine.

Cha’n i erioch araidh an duine nadurra a Dhia, ach e féin. Tha’n duine ‘na bhith a ta a mhain ann an crochadh agus ann an daimh ri bith eile: cha’n ‘eil bith no maiteas a thaobh naduir aige, uaithe féin: ach gach ni a th’ aige, is ann o Dhia a ta e, mar cheud aobhar, agus tobar gach uile iomlaineachd, nadurra no spioradail; tha e air fhilleadh ‘na cheart nadur a bhi an crochadh ri bith eile, air chor as nan tarruingeadh Dia air ais uaithe, gu’n seargadh e gu neo-ni. A dh’ fhaicinn, uime sin, eiod sam bith a ta ann an duine, gur ann uaithe-san a ta e; ‘s cinnteach gu’m bu choir dha bhi air a shon-san anns gach ni a ta e deanamh mar tha na h-uigheachan a ta teachd o’n fhairege, a’ deanamh, tha iad a’ tionndadh gu nadurra d’ a h-ionnsuidh a ris. Agus mar so bha’n duine air a chruthachadh, ag amhare ri Dia, mar ‘ard-chrioch: ach air dha tuiteam gu peacadh, thuit e air falbh o Dhia, agus thionndadh e d’a ionnsuidh féin; agus cosmhuil ri fear-brathaidh a’ glacadh na righ-chaitreach, tha e eruinneachadh m’ail, a chrùin d’a ionnsuidh féin. A nis tha so a’ nochdadh làn chlaonadh, agus truaillidheachd iomlan anns an duine; oir far am bheil a’ chrioch àraidh agus dheireannach air an atharrachadh cha’n fheud maiteas a bhi ‘n sin. ‘Se so cor nan uile a dhaoine, ‘nan staid maiteas a bhi ‘n sin. ‘Se so cor nan uile a dhaoine, ‘nan staid naduir, Salm xiv. 2, 3. “Dh’ amhaire an Tighearn a nuas a dh’ fheuchainn an robh neach ann a bha ‘g iarraidh Dhé. Chlaon iad uile; (sin ri ràdh, o Dhia; cha’n ‘eil iad ag iarraidh Dhé, ach iad féin: agus ged tha iomadh fuigheall maith do dheadh bheusan ri fhaotainn ‘nam meag, gidheadh,) Cha’n ‘eil neach ann a ni maith, cha’n ‘eil eadhon aon.” Oir, ged tha cuid diubh a’ ruith gu maith, tha iad fathast bharr na slighe; cha’n ‘eil iad ag a cuimeachadh ris a’ chomhara cheart: “Tha iad féin-speiseil,” (2 Tim. iii. 2,) tuilleadh graidh aca dhoibh féin “na ta aca do Dhia,” rann 4. Uime sin, air do Iosa Criosd teachd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, a thabhairt dhaoine air an ais a ris a dh’ ionnsuidh Dhé, thainig e gan toirt a mach asda féin sa’ cheud àit, Mata xvi. 25. Tha na daoine diadhaidh ag osnaich fuidh fhugheall gne oillteil so-a’ chridhe; tha iad ‘ga aideachadh, agus ‘gan eur féin ‘na aghaidh, ‘na uile mhealltaireachd agus earthachd chunnartach. Tha na daoine neo-iompaichte, ged tha iad ro neo-mhothachail uime, fuidh a chumbachd; agus ciod sam bith taobh a tha iad ‘gan tionndadh féin, cha’n urrainn iad dol a mach á euairt na féin: tha iad ‘gan iarraidh féin tha iad ag oibreachadh air an son féin; tha’n gniomhara nadurra, saoghalta agus beusach, ciod air bith tobar o’m bheil iad a’ sruthadh, a’ ruith a dh’ ionnsuidh, agus a’ coinneachadh, ann an cuan marbh na féin.

Tha chuid a’s mò do dhaoine eo fada o bhi a’ deanamh Dhia na árd-ehrioch dhoibh, ‘nan gniomharaibh nadurra agus beusach, is nach ‘eil Dia idir ‘nan smuaintibh. Tha’n ithe agus an òl, agus an leithide sin do gniomhara nadurra, air an son féin, gun suil ri erioch a’s àirde. Sech. vii. 6. “Nach d’ith sibh air bhrur son féin?” Cha’n ‘eil suil aca ri gloir Dhé anns na nithibh sin mar bu choir dhoibh, 1 Cor. x. 31. Cha’n ‘eil iad ag itheadh agus ag òl, a chumail suas an euirp air son seirbhís an Tighearna, cha’n ‘eil iad ‘gan deanamh a chionn gu’n dubhairt an Tighearna na dean mortadh. Cha mhò a ta na boinnean sin do mhilseachd a tha’n Tighearna a’ eur sa’ chreutair, a’ togail an anama a dh’ ionnsuidh a’ chuaín sin do thoilinntinn a ta anns a’ Chruithear, ged tha iad mar chomhara air a chur suas aig dorus nèimh, a dh’ innseadh do dhaoine mu’n lanachd maitheis a ta ann an Dia féin. Gniomh. xiv. 17. Ach is e féin, agus cha’n e Dia, a ta air iarraidh le daoine nadurra annta. Agus ciod iad gniomhara beusach an duine neo-iompaichte, ann an ceannachd, ann an reic, no ann an obair, ach toradh dha féin? Hos. x. 1. Mar sin bha pòsadh, agus tabhairt ann an pòsadh, air a mheas am meag pheacanna an t-sean saoghail, (Mat. xxiv. 38.) oir cha robh sùil aca ri Dia annta sin, gu esan a thoileachadh, ach ‘se na bh’ aca ‘nam beachd, iad féin a thoileachadh, Gen. vi. 3. Fadheoidh, is e féin erioch mhor dhaoine nadurra, ‘nan gniomharaibh erabhaidh: féin erioch mhor dhaoine nadurra, ‘nan gniomharaibh erabhaidh: tha iad a’ deanamh dhleasdanais air son ainme, (Mata vi. 1, 2,) no air son buannachd eigin shaoghalta, Eoin vi. 26. No, ma tha iad ni’s suairee, is e’n sith, agus air a’ chuid is mò, iad a bhi air an saoradh o ifrinn agus fearg, no an sonas siorruidh féin, a’ chrioch is mò agus is àirde th’aea, Mata xix. 16—22. Tha’n suilean air an cumail, air chor as nach ‘eil iad a’ faicinn gloir Dhé. Tha iad gun teagamh ag iarraidh Dhé, ach cha’n ann air a shon-san, ach air an son féin. Cha’n ‘eil iad idir ‘ga iarraidh ach air son am maith féin; mar sin tha’m beatha uile air fhiogheadh ann an aon deilbh do ghnath-thoibheum; a’ deanamh Dhia ‘na mheadhon, agus féin mar chrioch, seadh, mar árd-chrioch dhoibh.

Agus mar so thug mi dhuibh sealladh ann an tomhas air toil an duine, ‘na staid naduir, air a tharruing o’n Sgriobtur agus o fhiosrachadh dhaoiné féin. Na h-abair ris á so suas Naomí, ach Marah; oir is search e, agus is freumh searbhlaichd e. Na h-abair ris ni’s mò, saor-thoil, ach ana-miann traileil; saor gu ole, ach saor o mhaith, gus an dean gràs an ath-nuadhachaidh cuibhrichean na h-aingidheachd fhuasgladh. A nis, a chionn gu bheil gach ni cli, agus nach urrainn ni bhi ceart, far am bheil an tuigse agus an toil co truailidh, bithidh mi aithghearr anns na nithibh a leanas, a ta ann an ordugh a’ co-leantuin truailidheachd ard-bhuaghan so an anama.

Truailidheachd nan Aignidhean, na coguis, agus na Cuimhne an corp na fhear co-pairt do’n truailidheachd so.

III. Tha na h-aignidhean air an truailleadh. Tha aignidhean an duine neo-iompaichte gu h-uile as an ordugh agus as an riaghailt: Tha iad mar an t-each neo-cheannsaichte, an dara cuid nach gabh r’a mharcaich, no a ruitheas gu teann air falbh leis. Mar so tha eridhe an duine, gu nadurra, ‘na mhathair do ghraineileachd, Marc. viii. 21, 22. “Oir is ann o’n taobh a stigh, á eridhe dhaoiné, a thig a mach droch smuaintean, adhaltrannas, striopachas, mortadh, goid, sannt.” Tha aignidhean an duine nadurra gu truagh as an riaghailt: Is uillbeist spioradail e! Tha ‘chridhe far am bu choir d’a chosan a bhi suidhichte air an talamh! Tha ‘shailtean air an togail suas an aghaidh neimh, an t’ àite am bu choir d’a chridhe a bhi air a shoerachadh! Gniomh. ix. 5. Tha aghaidh ri ifrinn, tha chul ri neamh! agus, uime sin, tha Dia a’ gairm air tionndadh. Tha e gràdhachadh an ni bu choir dha fhuathachadh, agus a’ fuathachadh an ni bu choir dha ghràdhachadh! a’ deanamh aoibhneis anns an ni bu choir bròn a chur air, agus ri bron air son an ni bu choir aoibhneas a chur air! a’ deanamh uaill ‘na naire, agus fo naire d’a aobhar uaill; a gràineachadh an ni bu choir dha iarraidh, agus ag iarraidh an ni bu choir dha ghraineachadh! Gnath-fhocal ii. 13—15. Tha iad gun amharus ag amas a’ chomhara, (mar a rinn Caiaphas ann an cuis eile) a ghlaodh a mach ris na h-Abstoil mar dhaoine “a thionndaidh an saoghal bun os ceann,” (Gniomh. xvii. 6.) oir is i sin an obair a th’ aig an t-soisgeul anns an t-saoghal, far an do chuir peacadh na h-uile ni as a riaghailt, air chor as gu bheil neamh a’ luidhe gu h-iosal agus an talamh os a cheanns. Ma tha aignidhean an duine nadurra dol an deigh euspairean laghail, an sin tha iad an dara cuid ro-làidir no ro-lag. Tha aig toilintinne laghail an t-saoghal, air uairibh, tuilleadh is beag, ach air a’ chuid mhoir tuilleadh ‘sa choir dhiubh; an dara cuid, cha’n fhaigh iad an coir, no ma gheibh, is tomhas e, a ta air a gheinneadh, agus a’ cur thairis! Tha aig nithe spioradail do ghnath ro bheag dhiubh. Ann an aon fhocal, tha iad do ghnàth beag no mor: cha’n ‘eil iad idir ceart, tha iad a mhain ole! A nis, tha ann an so cord tri-filte an aghaidh neimh, agus naomhachd, nach ‘eil furasd a bhriseadh; “duine dall, toil cheannaireeach, agus aignidhean mi-riaghailteach neo-shuidhichte.” Tha’n inntinn air a h-at le féin speis, ag radh, nach bu choir do’n duine stroichdadh; air do’n toil a bhi an aghaidh toil Dhé, tha i ag radh nach aill leis a dheanamh; agus tha na h-aignidhean truaillich ag eirigh an aghaidh an Tighearn, a dhion na toill thruaillich ag radh, cha dean se e. Mar so tha’n creutair bochd a’ seasamh a mach an aghaidh Dhé agus maithéis; gus am bheil là do chumhachd ag teachd, anns am bheil e air a dheanamh ‘na chreutair nuadh.

IV. Tha ‘choguis air o truailleadh agus air a salachadh.

Tit. i. 15. Is droch shuil i, a ta lionadh caithe-beatha neach le moran dorchadais, agus aimbreite, air dhi bhi gu nadurra neo-chomasach air a h-obair a dheanamh, gus am bheil an Tighearna le solus nuadh a leigeadh a stigh air anam, a’ dugadh na coguis, tha i mairsinn codaltaich agus neo-gluinomhach. Cha’n urrainn a’ choguis gu bràth a h-obair a dheanamh, ach a reir an t-soluis a ta aice gu oibreachadh leis. Uime sin, do bhrigh nach urrainn an duine nàdurra nithe spioradail a thuigsinn, air mhodh spioradail, (1 Cor. ii. 14.) tha ‘choguis gu nadurra, gun fheum anns a’ phuine sin; air dhi bhi air a eur na leithid do throm-chodal, as nach ‘eil ni sam bith, ach soillseachadh slàinteil o’n Tighearna, is urrainn a eur gu oibreachadh anns an ni sin. Tha solus na coguis nadurra ann am maith agus ann an ole, ann am peacadh agus ann an dleasdanais, ro dhorch: Uime sin ged a dh’ fheudas i aehmhasan a thoirt air son pheacanna garbh, gidheadh, do thaobh oibreachaidh diomhair a’ pheacaidh, cha’n urrainn i aehmhasan a thabhairt, do bhrigh nach ‘eil i ‘g an tuigsinn. Mar so leumaidh coguis an aghaidh moran, ma blitheas iad aig àm sam bith air mhisg, ri mionnachadh, a’ dichuimhneachadh urnuigh, no ma bhios iad eiontaich ann am peacadh garbh sam bith; muintir aig am bheil, air dhoigh eile, sith shocrach, ged a tha iad a’ eaitheadh am beatha an am peacadh a mhi-chreidimh, ‘nan coigrich do aoradh spioradail, agus do bheatha a’ chreidimh. Agus air do’n t-solus nadurra a bhi ach fànn agus lag, ann am moran do nithibh gus am bheil e a’ ruigheachd, tha ‘choguis, anns a’ chor sin a bualadh mar ghreim ann am eliadaich neach, a ta gu h-ealamh a’ dol air falbh; tha a brosnachadh gu dleasdanas, agus a h-aehmhasan air son peacaidh, agus a strì ‘na aghaidh ro fhann, ni a ta’n duine nadurra a’ faighinn gu furasda thairis. Ach do bhrìgh gu bheil solus mearachdach anns an inntinn dhorch, air do’n choguis nadurra bhi leantuinn an t-soluis sin, their i “ole ri maith, agus maith ri ole,” Isa. v. 20. Agus mar sin tha i gu trie cosmhuil ri each dall anmeineach, a tha gu dian ga thilgeadh féin agus a mhareach sios agus gach ni a tha teachd ‘na rathad! Eoin xvi. 2. “Ge b’e neach a mharbhaig sibh, saoilidh e gu bheil e deanamh seirbhis do Dhia.” An uair a tha ‘choguis nadurra air a dusgadh le Spiorad a’ mhothachaidh, tha i gun amharus buaireasach agus beucach agus cuiridh i an duine gu iomgain eagalaich! tha i gu h-umhasach a’ gairm uile chumhachdan an anama g’ a cuideachadh ‘na teinn! a’ thoirt air a chridhe rag criothmachadh, agus air na gluinibh lubadh! a eur nan sul a ghul, an, teangadh a dh’ aidmheil; agus a’ toirt air an duine a mhaoin a thildheadh a mach do’n fhairge, nithe a tha esan a’ meas a tha cur long an anama fodha, ged tha’n cridhe fathast a’ dol ‘nan deigh. Ach, gidheadh, is droch coguis i, a ta gu nadurra a’ treòrachadh gu an-dochas; agus ni i sin gu h-eifeachdach, mar ann an eor Iudais; mur ‘eil aon chuid ana-mianna a’ buadhachadh orra, g’a eur ‘na codal, mar’ ann an eor Fhelies, (Gniomh. xxiv. 25.) no fuil Chriosd a’ buadhachadh g’a crath-ghlanadh o oibribh marbha, mar ann an eor gach uile ata air fhiar-iompachadh, Eabh. ix. 14. agus x. 22.

San àite mhu dheireadh, Tha eadhon a’ chuimhne a’ giulan comharan soilleir air an truaillidheadh so.

Ni a ta maith agus luachmhor a bhi air a chuimhneachadh, mar nach ‘eil e ach a’ gabhail greim lag, tha e gu h-ullamh a’ falbh; tha a chuimhne mar shoitheach eu-dionach a’ leigeadh leis ruith a mach, Eabh. ii. 1. Mar chriathar a tha làn, ‘nuair a tha e san uisge, a leigeas na h-uile ni as an uair a ta e air a thoirt a mach; mar sin tha chuimhne, do thaobh nithe spioradail. Ach cia co-ullamh ‘sa ghleidheas i an ni bu chor dhi a dhichuimhneachadh? Tha nithe ole a’ teachd o stigh orra air chor as ged bu mhaith le daoine an cumail as an inntinn, gidheadh gu bheil iad a’ dlùth-leantuinnt rilhe mar ghlaodh! Ciod air bith co dì-chuimhneach as a tha daoine ann an nithibh eile, is cruaidh leo an eucoir a dheanadh neach orr’ a dhì-chuimhneachadh. Mar sin tha chuimhne gu tric a’ fadadh teine ùr ri seana mhiannaibh; tha i tabhairt air daoine ‘nan sean aois, a bhi ag ath-dheanamh peacaidh an òige, am feadh a ta i a ris g’ an eur fa chomhair na h-inntinn le tlaichd, leis am bheil iad ag imlich a suas an sean sgeith. Agus mar so’ tha i cosmhuil ris an ridail, a leigeas troimpe an siol fallain, agus a chumas na siolainnean. An thad so mu thruailidheadh an anama.

Tha’n corp féin, mar an ceudna, na fhear co-pairt do’n truailidheadh agus do’n t-salachar so, co fhad as a tha e an comas do. Time sin, tha’n Sgriobtur a’ gairm dheth feoil pheacach, Rom. viii. 3. Feudaidh sinn so a thoirt fa’near ann an dà ni. (1.) Tha gne-nadurra, no mar is fearr a dh’ fheudar a radh, mi-ghnè cuirp chloinn Adhaimh, mar is gnè i a dh’ fhàg am peacadh gin ann, mar sin tha aomadh duchasach anns a’ chorp gu peacadh, tha e brosnachadh, gu peacadh, a’ treòrachadh an anama gu ribeachan, seadh, tha e féin ‘na ribe do’n anam. Tha’n corp ‘na chreutair fiadhaich, ‘na leithid do mhiotailte, is mur bi e air a phronnadh sios, air a chumail fuidh smachd, agus air a throm-bhualadh, gu’n tilg e ann t-anam gu moran peacaidh agus truaighe, 1 Cor. ix. 27. Tha graineileachd anns a’ chorp. (Philip. iii. 21.) nach bi air atharrachadh a thaobh na naoimh, gus an leaghar sios ann an uaigh e, agus gus am bi e air a chur gu cumadh ùr, aig an aiseirigh gu teachd a mach ‘na chorp Spioradail; agus cha bhi e gu bràth air a thoirt air falbh o chuirp ‘na muinntir sin nach ‘eil ‘nan luchd co-pairt do aiseirigh na beatha. (2.) Tha’n corp a’ seirbhiseachadh an anama ann am moran pheacanna. Tha ‘bhuill ‘nan airm-chogaidh, no nan inneil eucoir, leis am bheil daoine a’ cogadh an aghaidh Dhé, Rom. vi. 1. Tha na suilean agus na clusan ‘nan dorsan fosgailte, tre am bheil miannan neo-ghlan agus iarrituis pheacach a’ teachd a steach do’n anam: “Is saoghal do aingidheadh an teanga,” Seum. iii. 6. “Is ole do-chasgaidh i, lan, do nimh marbhtach,” rann 9. Leis an teangaidh, tha’n eridhe neo-ghlan a’ brùchdadh a mach mòran d’a shalachar. Is “uaigh fhosgailte an scornach,” Rom. iii. 19. Tha na cosan a’ ruith air gnothaichean an diabhuil, rann 15. Tha ‘blru air a deanamh ‘na dia, (Philip. iii. 19.) cha’n ann a mhain le misgeirean agus luchd ana-caithidh, ach leis na h-uile duine nadurra, Sech. vii. 6. Mar sin tha’n corp, gu nadurra, ‘na fhear-oibre do’n diabhul; agus ‘na thigh-stoir-aim an aghaidh an Tighearna!

Gu co-dhunadh, Tha’n duine, a thaobh naduir, gu h-uile air a thruailleadh: “O bhonn na coise, eadhon gu ruig an ceann, cha’n ‘eil fallaineachd ann.” Agus, mar anns an otrach, tha na h-uile ni a ta ann a’ cuideachadh gus an iomlaa a thruailleadh; mar sin tha’n duine nadurra, fhad ‘sa tha e san staid sin, a’ fàs do ghnath ni’s miosa agus ni’s miosa. Tha’n t-anam air a dheanamh ni’s miosa leis a’ chorp, agus an corp leis an anam; agus tha uile bhuaghan an anama a’ cuideachadh gu aon a cheile a thruailleadh ni’s mò agus ni’s mò. An urrad so mu’n dara ceann choitchionn.

San treas àite, Nochdaidh mi mar a tha nadur an duine air teachd mar so gu bhi air a thruailleadh.

Dh’ aithnich na cinnich, gu’n robh nadur an duine air a thruailleadh; ach cha b’urrainn iad innseadh cionnus a thainig am peacadh a steach. Ach tha’n Sgriobtur ro shoilleir’ air a’ cheann sin, Rom. v. 12. “Tre aon duine, thainig peacadh a steach do’n t-saoghal,” rann 19. “Trid eas-umhlachd aoin duine, rinneadh moran ‘nam peacaiich.” Thruail peacadh Adhaimeh nadur an duine, agus ghoirtich e am meall do’n chinne-daoine uile. Lobh sinn uile ann an Adhamh, mar ar freumh. Thainig an nimhe steach do’n ffreumh, agus mar sin dh’fhàs na geugan nimheil. Dh’ fhàs an fhionain ‘na fionain Shodoim, agus dh’ fhàs ‘na fion-dhearecan ‘nan domblas. Rinneadh Adhamh, le ‘pheacadh, cha’n e mhain ciontach, ach truailidh; agus mar sin thug e nuas cionta agus truaillidheachd d’a shlioichd, Gen. v. 3.; Iob xiv. 4. Lè ‘pheacadh, ruisg se e féin d’a cheud fhireantachd, agus thruail se e féin; bha sinn annsan, uar ar ceann coimheangail, air dha bhi ‘na cheann-umhlachd air arson ann an coimheangail, ‘nan oibrih; bha sinn annsan mar shiol, mar ar ceann nadurra; uime sin thuit sinn ann, agus le eas-umhlachd-san rinneadh sinne ‘nar peacaich, mar Lobhi ann an leasraibh Abrahaimeh a dh’ ioc an deachamh, Eabh. vii. 9, 10. Tha a’ cheud pheacadh-san air a mheas dhuinne; uime sin tha sinne gu ceart air ar fagail fuidh easbhuidh a cheud-fhireantachdsan, ni air dhi a bhi air a tabhairt dhasan mar ar ceann coitchionn, a thilgeadh dheth le pheacadh; agus uaithe so, tha tsuaillidheachd naduir an duine gu h-iomlan annsan agus annainne a’ seruthadh; air do fhireantachd agus truaillidheachd a bhi ‘nan dà ni a ta’n aghaidh a cheile, is eigin gu’m bi aon diubh so do ghnath anns ann duine, mar chuspair iomehuidh air a shon. Agus air do Adhamh ar n-athair coitchionn a bhi truailidh, tha sinne mar sin mar an ceudna; oir, “Co is urrainn ni glan a thabhairt á neo-ghlan?”

Ged is leoir a dhearbhadh, ceartais an fhrithealaidh so, gur ann e ‘n Tighearn a bha e; a ta deanamh gach uile ni ceart; gidheadh gu tosd a chur air gearan an naduir naibhriech, thugamaid fa’near ni’s faide na nithe a leanas. (1.) Anns a’ choimheangal anns an robh Adhamh ‘na fhear-ionaid air ar soin-ne, bha sonas siorruidh air a ghealltuinn dhasan agus d’a shlioehd, nam b’e as gu’n d’ thugadh e (‘se sin Adhamh) umhlachd iomlan, mar fhear-ionaid a’ chinne-daoine uile: Oir, mur bitheadh coimheangal ann, cha b’ urrainn iad beatha shiorruidh a thagar leis an umhlachd a b’ iomlaine bheireadh iad; ach dh’ fheudadh iad, an deigh sin uile bhi air am pilleadh gu neo-ni, gidheadh a reir ceartais naduir bhitheadh iad buailteach do fhearg shiorruidh Dhé, air son peacaidh. Co anns a’ chor sin, nach aontaicheadh ri esan a bhi ‘na fhear-ionaid? (2.) Bha cumhachd gu seasamh air a thabhairt do Adhamh, air dha bhi air a dheanamh direach. Bha e co comasach air seasamh air a’ shon féin, agus air son a shlioehd, as a b’ urrainn neach ‘na dheigh a bhi gu seasamh air an son féin, agus air son a shlioehd, as a b’ urrainn neach ‘na dheigh a bhi gu seasamh air an son féin. Bhiodh deuchainn so a’ chinne-daoine, ann am fear-ionaid gu luath thairis, agus bhiodh an crun air a chosnadh dhoibh uile, nan seasadh esan; oir, nam bitheadh a shlioehd neo-cheangailte ris, agus na h-uile h-aon air fhlagail gu deanamh air a shon féin, bhiodh an deuchainn do ghnath a’ dol air a h-aghaidh, mar a thigeadh daoine do’n t-saoghal. (3.) Bha’n daimh nadurra, bu laidire aige, gu cheangal, air dha bhi ‘na athair coitchionn dhuiinn. (4.) Bha ‘mhaoin féin anns an luing, bha chuidsan uile ann an cunnart co maith r’ar cuid-ne. Cha robh seillbh air leth aige eadar-dhealichte uainne, ach nan dichuimhnicheadh e ar leas-ne, b’ eigin da a leis féin a dhìchuimhneachadh. (3.) Nan seasadh esan, bhiobh againne solus inntinn-san, fireantachd a thoile, agus naomhachd aignidhean, le fior-ghloinne iomlan air a cur a nuas d’ar n-ionnsuidh; cha b’ urrainn sinn tuiteam; bhitheadh crun na gloire tre umhlachd-san gu brath air a dheanamh cinnteach dha féin agus d’a shlioehd. Tha so soilleir o nadur fear-ionaid a’ choimheangail; agus air dhuine a bhí eailte tre pheacadh Adhaimh, cha’n fheudar reusan a thabhairt nach bitheamaid air ar sabhaladh tre ‘umhlachdsan. Air an laimh eile, is reusanta, air dhasan tuiteam, gu giulaineadh sinne maille ris an call. San áite mu dheireadh, ‘S eigin doibhsan a ta eur an aghaidh an t-suidheachaidh so, eul a chur r’ an coir ann an Criosd; oir cha’n ‘eil sinn air dhoigh sam bith eile air ar deanamh ‘nar peacaich tre Chriosd, o’m bheil againn araon fireantachd air a meas duinn, agus fireantachd air a gin annainn. Cho mhò rinn sinn roghainn do’n dara Adhamh mar ar eann agus fear-ionaid anns an dara coimheangal, no rinn sinn do’n cheud Adhamh anns a cheud chiomheangal.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice