MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.
(Continued from page 353.)
Na biodh iongantas air neach, gu’m b’ urrainn a leithid do atharrachadh uamhasach a bhi air a dheanamh le aon pheacadh ar ceud pharanta; oir leis a’ pheacadh sin thionndaidh iad air falbh o Dhia mar an ard-chrioch, a ta ann féin a’ nochdadh truaillidheachd iomlan. Bha moran uile air falbh o Dhia! Bhris iad an lagh gu h-iomlan! Leis a’ pheacadh sin bhris iad na deich aitheanta an aon uair. (1.) Roghnaich iad diathan ùr. Rinn iad an dia d’ am broinn, le’m feolmhoireachd: Rinn iad an dia do fhein-speis le’n gloir-mhiann; seadh, agus rinn iad an dia do’n diabhl le esan a chreidsinn, agus le mi-chreideas a thoirt d’ an Cruithear. (2.) Ge d’ fhuair iad aithne Dhé, mu’n mheas thoirmisgte, gidheadh cha do choimhead iad i. Rinn iad tareuis air an ordugh sin a bha eo soilleir air a h-aithne dhoibh agus dh’ fheuch iad ri rathad a chumadh dhoibh féin, gu seirbhis a dheanamh do’n Tighearna. (3.) Thug iad ainm an Tighearn an Dia an diomhanas; a’ deanamh dimeas air a bhuaghaibh air a cheartas, air ‘fhirinn, agus air a chumhachd, &c. Thruail iad a’ chraobh naomh sin; mhi-ghnathaich iad ‘fhocal, anns nach do chreid iad e; mhi-ghnathaich iad an ni sin d’ a chruthachadh-sa ris nach bu choir dhoibh beanntuinn, agus ghabh iad beachd mearaichdach air a fhreasdal; mar gu’m biodh Dia a’ seasamh an aghaidh an sonais; leis a’ chraobh sin a thoirmseag dhoibh; agus, air an aobhar sin, cha d’fhuiling e dhoibh dol as o cheart bhreitheanas. (4.) Cha do chuimhnich iad an t-Sabaid, a choimhead naomh; ach chuir siad iad féin á riaghailt gu seirbhis cheart a thoirt do Dhia air a là féin. Cha mhò a chum iad staid na fois naomh sin anns an do shuidhich Dia iad. (5.) Thìlg iad dh’ubh an dleasdanais d’a cheile; dhì-chuimhnich Eubha i féin, agus rinn i an gniomh gun a combairle chur r’ a fear is thug sin sgrìos orra le cheile: ann an àite do Adhamh a combairleachadh gu aithreachas, is ann a stroichd e do’n bhuaireadh, agus a dhaingnich e i ‘na droch gniomh. Dhìchumhnich iad na h-uile
dleasdanas d’an slioehd. Cha d’ thug iad onoir d’ an Athair air neamh; agus, air an aobhar sin, cha robh an laithean fada anns ann fhearann a thug an Tighearn an Dia dhoibh. (6.) Thug iad grios orra féin agus air an slioehd uile. (7.) Thug siad iad féin thairis do ana-miann agus do fheolmhoireachd. (8.) Thug iad air falbh an ni nach bu leo féin, an aghaidh toil shoilleir an Ti mhoir d’ am buineadh e. (9.) Thog iad fianuis mhealltach, agus rinn iad breug an aghaidh an Tighearn, am fianuis aingle, dhiabhla, agus aon a cheile: mar gu’m biodh iad a’ nochdadh gu’n do bhuiineadh gu cruaidh riu, agus gu’n robh neamh a’ diultadh an sonais! (10.) Bha iad neo-thoilichte le’n crannchur, agus shanntaich iad droch shannt d’ an tigh féin; ni a thug sgrios orra féin agus air an slioehd. Mar so bha iomhaigh Dhé air an duine air a dubhadh a mach gu h-uile ann an aon uair.
TEAGASG TRUAILLIDHEACHD AN NADUIR AIR A CHO-CHUR.
Feum I. A chum foghlum. Am bheil nadur an duine gu h-iomlan air a thruailleadh? Mu tha.
-
Cha’n iongantach ge do dh’fhosglas an uaigh a bheul leir-sgriosach air arson, do luath ‘sa tha bhrú ‘g ar tilgeadh a mach; agus gu’m biodh a’ eheadhal air a tionndadh gu bhi ‘na ciste-mhairbh, a ghabhail a steach a’ mhill thruailidh: oir tha sinn gu leir, ann’an seadh spioradail, air ar breth marbh; seadh, agus salach (Salm xiv. 3.) ole, breun, agus boltrach mar ni thruailidh, mar a tha’m focal a’ ciallachadh, Na bitheamaid a’ gearan air na truaighibh d’ am bheil sinn buailteach, ‘nar teachd do’n t-saoghal, no ann iad a bhi marsuinn, am feadh a ta sinn anns an t-saoghal. An so tha ‘n nimh a phuinnseanaich na h-uile sruthan do chomhfhurtachd talmhaidh a ta againn r’a òl. Is e truaillidheachd naduir an duine, a ta toirt gach uile thruaighe na beatha so, air eaglaisibh, air rioghachdaibh, air teaghlaichibh, air anamaibh agus air cuirp dhaoine.
-
Faic an so, mar ann an sgathan, tobar gach aingidh-eachd, mi-naomhachd, agus faileas diadhachd a ta san t-saoghal; an tobar o’m bheil na h-uile mi-riaghailt ann ad chridhe agus
ann ad bheatha a’ sruthadh. Oibrichidh na h-uile ni cosmhuil ris féin, freagarach d’a naduir féin; agus mar sin tha’n duine truaillidh ag oibreachadh gu truaillidh. Cha ruig thu leas iongantas a ghabhail mu pheacanna do chridhe agus do bheatha féin, na mu pheacanna agus ceannaireeas dhaoine eile: ma tha fiaradh ann an corp is eigin da bhi bacach ‘na cheum; agus ma tha’n t-uairaideir air a chur mearachd, cionnus is urrainn e an uair a nochdadh gu ceart?
-
Faic an so, an t-aobhar mu’m bheil peacadh eo taitneach, agus diadhachd ‘na h-eallaich do spioradaibh feolmhor: tha peacadh ‘na ni nadurra, cha’n ‘eil naomhachd mar sin. Cha’n urrainn daimh ionaltradh anns an fhairege, no iasga anns na machraichibh tarbhaich. Rachadh mue a bheirte gu luchairt, air falbh a ris, a dh’ aornagain sa’ chlàbar. Tha nadur truaillidh eadhon a’ claonadh gu neo-ghloine.
-
Foghlum uaithe so, nadur agus feum na h-ath-ghineamhui. Air tús, tha so a’ nochdadh nadur na h-ath-ghineamhui anns an dà ni so: (1.) Cha’n atharrachadh ann an cuid, ach anns an iomlan e, ged tha e neo fhoirfidh anns a’ bheatha so. Tha’n nadur gu h-uile air a thruilleadh, agus air an aobhar sin, ‘s fheudar do’n leigheas dol troimh na h-uile h-earrann deth. Cha’n e mhain gu bheil ath-ghineamhui a’ deanamh ceann nuadh, ann an eolas, ach cridhe nuadh, agus aignidhean nuadh ann an naomhachd. Tha na h-uile nithe a’ fàs nuadh, 2 Cor. v. 17. Ged bhiodh neach, a gheibheadh mòran lotan, air leigheas dhiubh uile, ach aon lot a mhain; dh’fheudadh e ‘fhuil a chall gus am basaicheadh e leis an aon sin, co maith agus le mile. Mar sin, mur teid an t-atharrachadh troimh an duine gu h-iomlan, tha e gun fheum. (2.) Cha’n atharrachadh e a ta air a dheanamh le dichioll dhaoine, ach le treun-neart eumhachd Spioraid Dhé. Is eigin do dhuine a bhi air a bhreth o’n Spiorad, Eoin iii. 5. Feudar galaran nach ‘eil ceangailte ri nadur a leigheas le daoine, ach cha’n fheudar iadsan a ta nadurra a leigheas ach le miorbhui, Eoin ix. 32. Ged dh’fheudas an t-atharrachadh a bheicrear le daoine, le deadh fhoghluim, no tha air an sparradh orra le coguis nadurra, a bhi air a mheas am
measg dhaoine mar atharrachadh slainteil, cha’n ‘eil e mar sin; oir tha ar nadur truaillidh, agus cha’n urrainn neach sam bith ach Dia an naduir atharrachadh. Ged dh’fheudas garadair, le geug pheur a phlanndachadh ann an craoibh-ubhall, a thoirt air a chraoibh-ubhall peuran o ghiulan; gidheadh cha’n urrainn innleachd duine nadur na craoibh-ubhaill atharrachadh: Mar sin, feudaidh neach beatha nuadh a charadh r’a shean chridhe, ach cha’n urrainn e gu brath an cridhe atharrachadh. San dara àite, Tha so mar an ceudna a’ nochdadh gur eigin iompachadh a bhi; tha e gu h-iomlan feumail a chum slainte, Eoin iii. 3. “Mar beirear duine a ris, cha’n fheud e rioghachd Dhé fhaicinn. Cha’n urrainn ni neo-ghlan dol a steach do’n nuadh Jerusalem: ach tha thu gu h-uile neo-ghlan, fhad ‘sa tha thu ann ad staid naduir. Nam biodh uile bhuill do chuirp as an altaibh, b’ eigin gach alta bhi air fhuasgladh mu’m bitheadh na buill air an cur ceart a ris: ‘Si so staid t’ anama-sa, mar a chual’ thu: agus air an aobhar sin, is eigin duit a bhi air do bhreth a ris, no cha’n fhaic thu neamh a chaoidh, mar faic thu i fad as mur a chunnaic an duine saoibhir ann an ifrinn. Na meall thu féin; cha toir tròcair Dhé, cha toir fuil Chriosd do neamh thu ann ad staid neo-iompaichte; oir cha’n fhosgail Dia gu brath tobar trocair, a nigheadh air falbh a naomhachd agus ‘flirinn féin; cha mhò a dhoirt Chriosd ‘fhuil luachmhor, a dhubhadh a mach firinnean Dhé, na a thilgeadh shlighean Dhé mu shlainte pheacairean bun os ceann. Ann an Neamh! Ciod a dheanadh sibhse an sin, nach ‘eil air ‘ur breth a ris? Sibhse nach ‘eil air sheol sam bith iomchuidh air son Chriosd an ceann: Bu shealladh annasach sin: Ceann naomh, agus buill gu h-iomlan truaillidh! Ceann lan do ionmhasan grais; buill anns nach ‘eil ni sam bith ach ionmhasan aingidheadh! Ceann umhal do’n bhàs, agus sailltean a’ breabadh an aghaidh neimh! Cha mho tha sibh iomchuidh air son a chomuinn a tha shuas, na tha beathaichean air coluadar ri daoine. Tha fuath agad do fhor-naomhachd; agus aig ceud sealladh do naomh ann an neamh, dh’ eigheadh tu mach. “An d’ fhuair thu mi, O mo namhaid! Ni h-eadh, nam bitheadh e comasach gu’m faigheadh
an duine neo-iompaichte do neamh anns an staid sin, cha rachadh e ann air sheol sam bith eile, ach mar a theid e nis a dh’ ionnsuidh dleasdanais na naomhachd, is e sin, le bhi fàgail a chridhe ‘na dheigh.
Feum II. A chum bròin. Is maith a dh’ fheudas sinn bròn a dheanamh air son do staid o dhuine nadurra: oir is i staid as brònaiche sam feud neach a bhi, a mach a ifrinn? Is mithich bron a dheanamh air do shon; oir tha thu marbh cheana, marbh am feadh a tha thu beo! Tha thu giulan mu’n cuairt leat anam marbh ann an corp beò, agus a chionn gu bheil thu marbh, cha’n urrainn thu bron a dheanamh air son do staid féin. Tha thu graineil ann an sealladh Dhé, oir tha thu gu leir truailidh. Cha’n ‘eil agad maith sam bith annad: tha t’anam ‘na thorr do dhorchadas, do cheannaire, agus do shalachar, am fianuis an Tighearna? Theagamh, gu bheil rùn maith, agus iarrituis mhaith agad; ach tha fios aig Dia nach ‘eil ni maith annad, ach gu bheil uile bhreithneachadh do chridhe a mhàin ole. Cha’n urrainn thu maith a dheanamh; cha’n urrainn thu ni sam bith ach peacadh a dheanamh! Oir.
Air tìs, Tha thu “a’ d’ sheirbhiseach do’n pheacadh,” (Rom. vi. 17.) agus uime sin, “saor o fhireantachd, (rann 20.) Ciod sam bith a ta fireantachd a’ gabhail a steach innte, tha thusa, anam bhochd, saor uaithe; cha’n ‘eil thu, cha’n urrainn thu buntainn rithe: Tha thu fuidh chumbachd a’ pheacaoidh; cumhachd anns nach faigh fireantachd àite sam bith. Tha thu a’ d’ leanabh agus a’ d’ sheirbhiseach do’n diabhul ged nach fiosaiche no buidseach thu, do bhrigh gu bheil thu fathast ann an staid naduir, Eoin viii. 44. “Tha sibh o bhur n-athair an diabhul.” Agus, a chum mearachd a sheachnad, thugaibh fa’near, gu bheil aig peacadh agus aig Satan, dà sheorsa sheirbhiseach: (1.) Tha cuid an sàs mar gu b’ann ann an obair gharbh; tha iad sin a’ giulan còmhara an diabhuil ann an clàr an eudainn, aig nach ‘eil coslas na diadhachd, ach a ta mi-naomha, tur aineolach, modhail, gun urrad as a’ coimhlionadh dleasdanais na diadhachd o’n taobh a mach, ach a ta eitheamh am beatha, ann an sealladh an t-saoghail, mar dhaoine talmhaidh,
aig am bheil an aire a mhain air nithibh talmhaidh, Phil. iii. 19. (2.) Tha cuid ag oibreacadh ann an seirbhis as grinne do’n pheacadh, tha iad a’ giulan comhara an diabhuil ‘nan laimh dheis, ni is urrainn dhoibh, agus a ta iad a’ folach o shealladh an t-saoghail: Tha iad sin ‘nan cealgairean diomhair, is urrainn urrad iobradh do’n inntinn, as a ta mhuintir eile a’ tabhairt do’n fheoil, Eph. ii. 3. Tha iad sin air an sgrios le ceird as diomhaire anns a’ pheacadh, mar a ta uabhar, neo-chreidimh, fein-iarrtus agus an leithide sin, a ta taomadh a steach, agus a’ creachadh an anama thruailidh gu h-uile. Tha iad sin arao’n ‘nan seirbhisich do’n aon teaghlach; an dara aon eo fhada o fhireantachd ris on aon eile.
San dara àite, Cionnus a ta e comasach dhuitse ni maith sam bith a dheanamh, thusa aig am bheil do nadur gu h-uile air a thruailleadh? An urrainn meas fàs far nach ‘eil freumh? No, an urrainn ni sam bith a bhi gun mhathair-aobhair? “Am feud a’ chraobh fhige dearean oladh a thoirt uaipe? No a’ chraobh-fhiona, figean? Ma tha do nàdur gu h-iomlan truailidh, mar a tha gun amharus, tha gach ni a ta thu deanamh gu cinnteach mar sin mar an ceudna; oir cha’n urrainn ni sam bith dol os ceann a mhathair-aobhair: “An urrainn an droch chraobh toradh maith a thabhairt?”
Ah! Nach truagh an sealladh esan, nach urrainn ni sam bith a dheanamh ach peacadh? Is tusa an duine, eo air bith thu, a ta fathasd ann ad staid naduir. Eisd o pheacaich, ciod i do staid!
Air tìs, Tha peacanna gun àireamh ga d’ chuairteachadh! Tha beannatn do chionta ‘nan luidhe ort? Tha tuitean do neo-ghloine a’ dol tharad! Tha ana-mianna beo, do gach seorsa, air an iomain a sios agus a suas ann an euan marbh t-anama, far nach urrainn ni maith a bhi beo, do bhrigh na truailidheadh a tha’n sin! Tha do bhilean neo-ghlan! tha fosgladh do bheil mar fhosgladh uaigh an-abuich, lân do dhroch bholtrach agus do bhreine, Rom. iii. 13. “Is uaigh fhosgailte an scornach.” Tha do ghniomhara nàdurra ‘nam peacadh; oir, “An uair a dh’ ith sibh agus ‘nuair a dh’ òl sibh, nach d’ ith sibh air ‘ur
son féin, agus nach d’òl sibh air ‘ur son féin?” Sech vii.
6. Tha do ghniomhara saoghalta peacach, Gnath-fhocail
xxi. 4. “Tha treabhadh nan aingidh peacach.” Tha do
ghniomhara cràbhaidh peacach, Gnath-fhocail xv. 8. “Is
gràineileachd do’n Tighearn iobairt nan aingidh. Tha
smuaintean agus breithneachadh do chridhe a mhàin ole.
Feudaidh gniomh a bhi gu h-ealamh air a dheanamh, focal gu
luath air a labhairt, smuain ruith gu siubhlach tre’n chridhe;
ach cha’n ‘eil gach aon diubh so ach a’ cur ris a’ chunntas;
O an eunntas brònach! co lionmhor ‘s a ta do smuainte, briathran,
agus gniomhara; ‘s co lionmhor sin do pheacanna! Mar is
faide a bhitheas tu beo, is ann as àirde a dh’fhàsas do chunntais!
Nam bitheadh deur air a shileadh air son na h-uile peacadh,
dh’ fheumadh do cheann a bhi ‘na uisgeachan, agus do shuilean
‘nan tobair dheur; oir cha’n ‘eil ni ach peacadh a’ teachd uait!
Cha’n ‘eil do chridhe a’ deilbh ni sam bith ach droch smuainte?
Cha’n ‘eil ni ann ad bheatha, ach ni a ta air a dhealbh le d’
chridhe; agus, air an aobhar sin, cha’n ‘eil ni ann ad chridhe
no ann ad bheatha ach ole.
Ri leantuin.