MU THRAUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.
(Continued from page 433.)
III. Bheir mi cuid do reusain, air son am bu chòir dhuinn aire àraidh a thabbhairt do pheacadh ar nàdur.
-
A chionn, do na h-uile pheacadh, gur e is farsuinn agus is sgaoilteiche: Tha e dol troimh ‘n duine gu h-iomlan, agus a’ milleadh gach ni. Tha peacanna eile a’ milleadh carranna fa leth do iomhaigh Dhé; ach tha so, ann an aon uair, a’ dubhadh an iomlan! Tha galar a tha teachd air ball sam bith do’n chorp, ole; ach tha sin a tha air feadh nan buill uile ni’s miosa. ‘Se truaillidheachd an naduir, nimh na seann nathrach, a ta air a thilgeadh ann an tobar a ghniomh; agus a ta mar sin a’ salachadh gach uile ghniomh, uile anaileachadh an anama.
-
‘Se is aobhar do na h-uile ana-miannaibh fa leth agus do na peacannaibh gniomh, ‘nar cridheachaibh agus ‘nar caithe-beatha: Is e an siol a dh’ fhàg an Lebhiatan mor ann an anamaibh dhaoinne; o’n do ghineadh an sgaoth sin uile do pheacanna gniomh, agus do ghraineileachda: Marc. vii. 21. “Is ann o’n taobh a stigh, á cridhe dhaoinne, a thig a mach droch smuaintean, adhaltrannas,”—Is e’n tobar searbh e: Cha’n ‘eil ann an ana-miannaibh fa leth ach sruthain a ta ruith uaithe: a ta tabhairt a mach a dh’ ionnsuidh an caithe-beatha earrann a mhàin, ach nach ‘eil a’ tabhairt a mach an ionlan do na tha’n taobh a stigh. A nis tha’n tobar do ghnath os ceann nan sruthan: Mar sin, e’ aite sam bith am bheil an t-uisege maith, tha e ni ‘s fearr anns an tobar; agus e’ aite sam bith am bheil e ole, tha e ni ‘s miosa ann an sin. Air do thruaillidheachd an naduir a bhi an ni sin a ta salachadh nan uile, is eigin gur i féin an ni as ro-ghraimeile do na h-uile.
-
Is i, ann an seadh, gach uile pheacadh; oir is i siol nan uile pheacanna i, nach ‘eil ag iarraidh ach cothrom air an cinn a thogail suas; air do’n t-siol a bhi ann an truaillidheachd an naduir, mar a tha’n toradh anns a’ cheann-aobhair: Uaithe sin, theirear rithe, corp a’ bhàis, (Rom. vii. 24.) mar air a dheanamh suas do na buill fa leth a bhuineas d’ a leithid sin do chuirp pheacanna, (Col. ii. 11.) aig am bheil a bheatha a’ luidhe ann am bàs spioradail. Is e ‘m fonn malluichte e, a ta comasach air na h-uile dhroch luibh a thoirt a mach! Mar tha sgaoth do bheistean ninnheil ni’s uamhasaiche na aircamh bheag dhiubh a ta snàgadh a mach; mar sin is eigin gu bheil peacadh do naduir, mhathair sin nan graineileachda, ni’s miosa na ana-mianna sam bith fa leth, a ta air am faicim a’ gluasad ann ad chridhe agus caithe-beatha. Cha’n fhacas riabh na h-uile peacadh a’ briseadh mach ann an caithe-beatha an neach a b’ uamhasaich a bha beo; ach seall a steach ‘a d’ nadur truaillidh agus a sin feudaidh tu gach peacadh air leth fhaicinn, na shìol ‘sna ffreumh. Tha lânachd do na h-uile neofhireantachd an sin! Rom. i. 29. Ann an sin tha Dia-aicheadh, ìodhol-aoradh, toibheum, mortadh, adhaltrannas, agus gach ni a ta gràineil! Theagamh nach ‘eil thusa toirt fa’near aon sam bith dhiubh sin ann ad chridhe; ach tha tuilleadh anns an doimhne do-rannsuichte na h-aingidheachd sin, na ‘s aithne dhuitsa. Tha do chridhe truaillidh cosmhuil ri nead sheangan, fhad ‘s a ta chlach ‘na luidhe air, cha’n fhaicear a h-aon diubh; ach, thoir a’ chlach air falbh, gluais an àird iad, a mhàin le barr cuinnlein, agus chi thu ciod an sgaoth tha’n sin, agus cia co beothail ‘sa tha iad: Is ann direach mar sin a bhiadh sealladh do d’ chridhe dhuitsa, nan deanadh an Tighearn ach am bacadh a chuir e air, a thoirt air falbh, agus nam fuilingeadh e do Shatan, a bhrosnachadh an aird le buaireadh!
-
Is e peacadh air naduir do na h-uile peacadh e sin as daingean agus as marainniche. Ged d’ fheudas cionta agus sal pheacanna gniomh mairsinn, gidheadh, tha iad annta féin a’ dol thairis. Cha’n ‘eil am misgear do ghnàth aig a’ chupan, no an neach neo-ghlan do ghnath a’ cur neoghloine an gniomh : ach tha truaillidheachd an naduir ‘na pheacadh mairinneach ; tha e fantuinn le daoine, ‘na lân-neart a dh’oidheche agus a là, aig gach uile àm ; ecangailte riu mar le cuibhrichean iaruinn agus umha, gus am bi an naduir air atharrachadh le gràs an iompachaidh ; agus mairidh ‘fhuigheall anns na creidmhich, gu bàs a’ chuirp. Cha bhi uabhar, farmad, sannt agus an leithide sin, a ghnàth a gluasad annad : Ach tha’n nadur uaibhreach, samtaich, agus feolmhor do ghnàth maille riu. Eadhon mar an t-uaireadair a tha mearachdach, nach ‘eil a’ bualadh do ghnàth am mearachd : ach tha’n suidheachadh mearachdach a’ mairinn ann, gus mhor-atharrachadh.
-
Is e am peacadh mòr e a tha rioghachadh, Rom. vi. 12. “Na rioghaicheadh am peacadh uime sinn ann bhur corp basmhor, air chor as gu’n d’ thugadh sibh ùmhlachd dha ‘na ana-miannaibh.” Tha tri nithe a dh’fheudas sibh a thoirt fa’neart anns a’ chridhe thruailidh : (1.) Tha nàdur truaillich ann : Suidheachadh truaillich a’ chridhe, leis am bheil daoine neo-iomchuidh air son gach uile mhaith, agus iomchuidh air son gach uile uile. ‘Se so ris am bheil an t-Abstol ag radh, peacadh a ta rioghachadh. (2.) Tha ana-mianna fa leth no an-tograidhean an truaillidheachd naduir sin, ris am bheil an t-Abstol ag radh, na h-ana-mianna ; mar tha uabhar, sannt, agus mar sin sios. (3.) Tha aon pheacadh ‘nam measg sin, a ta cosmhuil ri Saul am measg an t-sluagh, ni ‘s àirde gu mor na cach, eadhon am peacadh a ta gu furas ag iadhadh umainn, Eabh. xii. 1. ‘Se so ris an abair sinn gu triec am peacadh a ta’n uachdar ; a chionn gu bheil e mar gu b’ ann a’ rioghachadh os ceann ana-mianna araid eile, air chor as gur eigin doibh striochdadh dha. Tha’n triuir sin cosmhuil ri ambainn a ta air a roinn gu moran shruthan aig am bheil aon sruthan a’s mò na each. ‘Si truaillidheachd an naduir ceann na h-aimhne, aig am bheil iomadh ana-miann araidh sam bheil i a’ ruith; ach tha euid mhor dhi ruith anns a’ pheacadh sin d’ an goirear àrd-pheacadh duine. A nis, air dhoibh sin uile a bhi air am beathachadh le peacadh ar naduir: tha e soilleir, gur e sin am peacadh mor a ta rioghachadh, nach ‘eil idir a’ call uachdranachd os ceann ana-mianna araidh a ta beò agus a’ básachadh maille ris agus leis. Ach, mar ann an euid do aimhnichean, nach ‘eil an t-ard-shruth a’ ruith do ghnath anns an aon chlais, mar sin, feudaidd peacanna araid aig am bheil an uachdranachd a bhi air an caochladh, mar a dh’ fhendas ana-miann ann an oige bhi air a chaochladh gu sannt ann an sean aois. A nis, eiod am feum a ta bhi deanamh ath-leasachadh ann am peacai bh eile, am feadh ‘s a ta ‘m peacadh mor aig am bheil an uachdranachd a’ mairsinn ‘na làn chumhachd? Ciod ge do bhitheadh ana-miann àraid air a bhriseadh, ma tha am peacadh sin, peacadh ar nàduir a’ gleidheadh na caithreach? Cuiridh e suas aon eile ‘na àite. Mar, an uair a ta slighe an uisge air a’ dunadh ann an aon àite, am feadh nach ‘eil an tobhar air a dhruideadh suas, sruthaidh e mach ràthad eile: Agus mar so tha euid a’ cur uatha an struithelaachd, ach tha sannt a’ teachd ‘na àite: Tha euid a’ tilgeadh air falbh an gniomhara mi-naomha, agus cha’n ‘eil truaillidheachd an nàduir a’ cur a h-àrd-shruth an ràthad sin, mar a rinn i roimhe; ach tha i ruith ann an clais eile, eadhon ann an spiorad làghail, féin-fhìreantachd, no an leithide sin. Air chor as gu bheil daoine air am millleadh le dìth seallaidh air peacadh an nàduir.
San àite mu dheireadh, Is ole a thainig a nuas mar oighreachd, Salm, li. 5. “Am am peacadh ghabh mo mhathair ‘na broinn mi.” Cha’n ‘eil peacanna fa leth mar sin, ach tha iad a’ sruthadh o’n ceann-aobhair: feudaidd mae erionna bhi aig athair struthach; ach tha’n galar so air a ghineamhain ann an nadur; agus uime sin, nì’s cruaidhe r’a leigheas. Gu cimteach, air an aobhar sin, bu choir am focal a bhi air a thoirt a mach an aghaidh a’ pheacaidh so, mar an aghaidh righ Israel, 1 Righ xxii. 31. “Na cogaibh ris a’ bheag no nis a’ mhòr, ach ri so ’na aonar.” Oir air do’n pheacadh so bhi air a bhriseadh, tha na h-uile peacadh eile air am briseadh maillte ris; agus am feadh a tha esan a’ seasamh iomlan, cha’n fhaighear buaidh.
IV. Chum gu faigh sibh beachd do thruallidheachd bhur nàduir, mholainn tri nithe dhuibh:
(1.) Gabhaibh curam gu eòlas fhaotainn air spioradalachd agus farsuinmeachd lagh Dhé; oir is e sin an sgathan ’s am feud sibh sibh féin fhaicinn. (2.) Thugaibh aire d’ ur cridheachaibh aig gach uile àm, ach gu h-àraidh aig àm buairidh. Tha buaireadh ’na theine a tha dusgadh sàl a’ chridhe ghràineil: Thugaibhse fa’ncar gu euramach ceud thoiseach na truallidheachd. San àite mu dheireadh, Rachaibh a dh’ ionnsuidh Dhé, tre Iosa Crìosd, gu bhi air ’ur soillseachadh le a spiorad. Doirtibh a mach ’ur n-anama am fianuis an Tighearn, mar muinntir a ta toileach eòlas fhaotainn air gràineileachd ’ur nàduir: Abraibh ris, “An ni nach aithne dhomh, teagasg thusa dhomh:” Agus bithibh toileach solus a ghabbail a steach o’n fhocal. Creidibh agus chi sibh: Is ann leis an fhocal a tha’n spiorad a’ teagasg; ach a dh’ easbhuidh teagasg an Spioraid, bithidh na h-uile teagasg eile air bheag buannachd. Ge do dhealruiicheadh an soisgeul mu’n cuairt duibh, mar a’ ghrian air mheadhon-là, agus ge do bhítheadh an fhirinn mhor so air a shearmonachadh air an doigh as soilleire; cha’n fhaic sibh gu brath sibh féin gu ceart, gus an soillsich spiorad an Tighearn a choinneal an taobh a stigh d’ ur cridhe. Cha’n e lanachd agus glòir Chrìosd, truallidheachd agus graineileachd ar naduir, air am foghlum gu ceart, ach far am bheil Spiorad Chrìosd ’na fhear-teagasg.
Ach a nis gus a’ phuine chudthromach so a cho-dhunadh, bìtheadh na chaidh a ràdh, a’ nochdadh dhuibh uile am feum a th’ agaibh air Crìosd. Sibhse a ta air bhur tabhairt a mach as ’ur staid thruallidh naduir gu Crìosd, bithibh iriosal; a’ teachd fathast a dh’ ionnsuidh Chrìosd, agus a’ deanamh, cleachdamh d’ur n-aonachd ris, a chum an tuilleadh lagachaidh do fluigheall na truallidheachd nadurra so. Am bheil bhur nadur air atharrachadh? Cha’n ’eil e mar sin, ach ann an euid: bha là ann, ‘s nach b’urraimn dhuibh cathrachadh; a nis tha sibh air bhur leigheas. Ach cuimhnichibh nach ‘eil an leigheas fathast iomlan, tha sibh fathast ag imeachd gu bacach: Agus ge do bhitheadh nithe a’ dol leibh ni ‘s fearr na a ta iad, bu chòir do chuimhneachan air mar a bha sibh, do thaobh naduir, bhur cumail iosal. Gabhaibhse a ta fathast ‘nur staid naduir ris: Creidibh truaillidheachd bhur naduir; agus bitheadh Criosd agus a ghràs, luachmhor ‘nur suilibh. O nach biodh sibh a nis fo churam mu thimchioll staid ‘ur n-anama! Ciod a tha sibh a’ runachadh a dheanamh? Is eigin duibh bàsachadh! Is eigin duibh a bhi air bhur taisbeanadh an lathair caithir breitheanais Dhé! An luidhe sibh sios agus an cadail sibh oidhche eile gu sochrach, anns an staid so? Na deanaibh e; oir, mu’n tig là eile, fendaiddh sibh a bhi air bhur eur ‘nur seasamh an lathair caithir breitheanais Dhé, ann an eudach mairbh bhur staid thruaillidh: agus bhur n-anama gràineil a bhi air an tilgeadh gu slochd an sgrios, mar mheall truaillidh, gu bhi gu brath air adhlacadh o lathair Dhé! Oir, tha mi a’ deanamh fianuis duibh uile, nach ‘eil sìth ri Dia, nach ‘eil maithneas no neamh air bhur sonsa, san staid so! Cha’n ‘eil ach ceum eadar sibh agus sgrios siorruidh, o lathair an Tighearna! Mu bhitheas snaithnean caol na beatha, a dh’ fheudas a bhi air a bhriseadh le buille (beag,) mu’m bheil sibh a’ mothachadh dha, da rireadh air a bhriseadh am feadh a ta sibh san staid so, tha sibh air bhur sgrios gu brath, agus sin gun leigheas! Ach imichibh gu luath a dh’ ionnsuidh Iosa Criosd; ghlàn e anama eo gràineil r’ ur n-anama-sa, agus “glanaidh e fathast am fuil-san nach do ghlàn e,” I Joel iii. 21. An fhad so, “Mu pheacadh staid naduir an duine.”
Ri leantuinm.