CEANN II.
TRUAIGHE STAID NADUIR AN DUINE.
(Continued from page 473.)
EPHESIANAICH ii. 3.
“Bha sinn a thaobh, naduir ‘nar cloinn na feirge,
eadhon mar chach.”
AIR dhomh “peacadh staid naduir an duine” a nochdadh dhuibh, tha mi a nis air teachd gu truaighe na staid sin fheuchainn duibh. Cha’n urrainn staid pheacach a bhi ach ‘na staid thruaigh. Ma theid peacadh air thoiseach, leanaidh truaighe gu nadurra ‘na dheigh. Tha truaillidheadh agus sgrios co ceangailte r’a cheile, as gu bheil an Spiorad naomh ag radh ri truaillidheadh, sgrios, eadhon sgrios siorruidh. Gal. vi. 8. “An ti a chuireas d’an fheoil, buainidh e o’n fheoil truaillidheadh.” Is e sin, sgrios siorruidh; mar a tha e soilleir ann e bhi air a chur ri aghaidh beatha shiorruidh, san earrainn ‘na dheigh sin. Agus mar sin, air do’n Abstol a nochdadh do na h-Ephesianaich am fior staid a thaobh naduir, eadhon, gu’n robh iad marbh ann an euccartaibh, gu li-uile truaillidh; tha e ag innseadh dhoibh ann am briathraibh an teagaig, an staid a leanadh i, eadhon gu’n robh an slochd air a chladhach air an son, am feadh a bha iad ann an staid sin na truaillidheadh: Air dhoibh “a bhi marbh ann am peaceaibh, bha iad a thaobh naduir, ‘nan cloinn na feirge, eadhon mar chach.”
Tha ceithir nithe againn anns na briathraibh so.
1. Truaighe staid naduir.
Is staid feirg i, eo maith ri staid pheacach. Bha sinn, ars’ an t-Abstol, ‘nar cloinn feirge; ceangailte thairis, agus buailteach do fheirg Dhé! fuidh fheirg, ann an tomhas àraidh; agus ann am farg, ceangailte thairis gu tuilleadh feirge, eadhon gu lan thomhas dhí, ann an ifrinn, far am bheil a tuitlean a’ dol thar nam priosanach gu siorruidh! Mar so Saul ‘na fheirg, a thug breitheanas air Daibhidh gu chur gu bàs, (1 Sam. xx. 31.) agus Daibhidh, ‘na fheirg, a’ toirt binne bàis a mach an aghaidh an duine ‘sa chosamlachd, (2 Sam. xii. 5.) thuirteach gach fear dhiubh, mu an neach a mheas e bhi ciontaich, gu cinnteach bàsichidh e; no, mar tha na focail ‘sa cheud chainnt, “Is mae bàis e.” Mar sin tha’n duine nadurra ‘na leanabh feirge, ‘na mhae bàis. Tha e ‘na fheor drochbheirt marbh san lagh, ‘na luidhe ann an cuibhrichibh cionta; ciontaich, fuidh dhiteadh, air a chumail daingean ‘na gheimhlíbh, gu là eur an gniomh na binne; là o nach teid e as, mur faigh e maitheanas o Dhia an ti as breitheamh, agus mar an ceudna, as fear-toireachd air. Air an doigh sin, gun amharus, feudaidh clann na feirge fàs ‘nan cloinn na rioghachd. Ciod sam bith eo coitchionn ‘sa tha’m focal sa’ bhonn-teagaig air ainmeachadh anns na sgriobtuiribh naomha, is focal eudthromach e, mar tha soilleir, ‘nuair tha’n t-Abstol ag ràdh mu dhaoine nadurra, “clann na h-eas-umhlachd, (rann 2.) gu bheil e ciallaichadh tuilleadh, na gu’n robh iad ‘nan cloinn eas-umhal; oir feudaidh clann an Tighearn iad féin a bhi eas-umhal: Mar sin, tha tuilleadh ann a bhi ‘nan cloinn feirge, na bhi buailteach do fhearg, no fuidh fheirg. Bha Iosa Criosd buailteach do fheirg, agus fuidh fheirg; ach tha mi an amharus nach ‘eil barantas againn a ràdh, gu’m bu leanabh feirg e. Tha’m focal a’ ciallachadh, ciod sam bith an eor anns am bheil daoine ‘nan staid naduir, gu bheil iad fuidh fheirg Dhé! gu bheil iad gu h-iomlan fuidh fheirg; tha farg, mar gu’m b’ann air a filleadh a stigh ‘nan ceart nadur, agus air a choimeasga san duine gu h-iomlan; a ta (ma dh’ fheudas mi labhairt mar sin) ‘na mheall feirge féin, ‘na leanabh ifrinn, mar tha’n t-iarunn a ta san teine uile ‘na theine! Oir tha daoine a thaobh naduir, ‘nan cloinn feirge; a teachd a mach, (mar a dh’ fheudas sinn a ràdh) á broinn na feirge. Bha luibh sgàile Ionah ‘na mhae oidheche, (ris an abair sinn “a thaining a nios ann an oidheche,” Ionah iv. 10.) mar gu’n tigeadh i á bolg ‘na h-oidheche, (mar tha sinn a’ leughadh mu bholg na maidne, Salm cxo. 3.) agus mar sin, air do’n bhreith a bhi leantuin na broinn o’n d’ thàinig e, chaidh e seachad ann an cabhaig. Theirear ri sradan teine, “mie an teine loisgich,” Iob v. 7.; Isa. xxi. 10. “Och mo bhualadh, agus arbhar (no mae) m’ urlair!” Air a bhualadh ann an urlar na feirge; agus mar gu b’ ann air a thoirt a mach leis: Mar so tha’n duine nadurra ‘na leanabh feirge: “tha e teachd a steach mar uisge ‘na chòm, agus mar oladh ‘na cnamhaibh,” Salm cix. 18. Oir ge do b’e Iudas an aon mhae sgrios am measg nan Abstol; gidheadh, tha na h-uile dhaoine, a thaobh naduir, do’n aon teaghlaich cheudna.
2. Tha againn an so sin o’n d’ eirich suas an truaighe so.
Tha i aig daoine thaobh naduir: ‘S ann o’n naduir a fhuair iad i, is cha’n ann o ‘m brìgh, no o bhith an naduir, oir cha’n e sin, ‘s cha b’ e sin, peacadh, agus air an aobhar sin, cha’n urrainn e an deanamh ‘nan cloinn feirge, ged air son peacaidh a dh’ fheudas i a bhith fuidh fheirg. Cha ann o’n nadur mar air a cumadh leis a’ Chruithfhéar ag eruthachadh an duine, ach o’n nadur mar a ta e air a shalachadh agus air a thruailleadh leis an leagadh; o ghne pheacach no o thruaillidheachd an naduir, (mu’n do labhair sin roimhe) an gnè o’m bheil gach gniomh a’ sruthadh, agus (ged sguireadh daoine do na ghniomh,) an gnè a mhàin a tha ri fhaotainn ann an staid neo-iompaithe. A nis, leis an nadur so, tha daoine ‘nan cloinn feirge; mar ann an àm plaigh bhuailltich tha neach a’ tarruing a stigh bàs maille ris a’ ghalar a ta riaghladh. Uime sin do bhrigh ar ceud bhith, gu bheil sinn mar chloinn Adhaimh, ‘nar cloinn thruailidh, air ar dealbh ann an euceart, air ar gineamhuin ann an peacadh; tha sinn mar an ceudna, o ‘n mhionaid sin, ‘nar cloinn feirge!
3. Farsuinneachd na truaighe so.
Tha na h-uile a thaobh naduir ‘nan eolinn feirge. Sinne, ars’an t-Abstol, eadhon mar chach; Iudhaich eo maith ri Cinnich. Iadsan a ta nis, tre ghràis ‘nan eolinn do Dhia, cha robh a thaobh naduir, ann an staid a b’fhearr no iadsan a ta fathast ‘nan staid naduir.
San àite mu dheireadh, Tha fios air a thabhairt duinn anns na briathraibh air atharrachadh glormhor agus sona! Bha sinn ‘nar eolinn feirge, ach cha’n ‘eil sinn mar sin a nis: Thug gràs a mach sinn as an staid eagal-aich sin! So tha’n t-Abstol ag radh uime féin agus mu chreidmhich eile: Agus mar so is maith a thig e do phobull Dé, a bhi ‘nan seasamh gu trie air an traigh, a dh’ amhare air an ais air fairge ruaidh na staid feirge, san robh iad aon uair ‘gan aoirneagan, eadhon mar mhuinntir eile.
Bonn-teagaisg.
“Tha staid an naduir, ‘na staid feirge.” Tha na h-uile neach a ta ann an staid naduir neo-iompachte, ann an staid feirge. Tha sinn air ar breith ‘nar eolinn feirge; agus tha sinn a’ mairsinn mar sin, gus am bheil sinn air ar breith a ris. Seadh, eo luath ‘sa bha sinn ‘nar eolinn do Adhamh, bha sinn ‘nar eolinn na feirge!
Bheir mi steach na th’ agam ri radh air a’ cheann so le cuid do nithibh a thabhairt fa’near, mu thimchoill farsuinneachd staid na feirge so. a dh’ fheudas a bhi feumail gu slighe an fhosgladh gu’r coguisean.
Chaidh fearg eo farsuinn as a chaidh peacadh. An uair a pheacaich aingil bhris ferg Dhé a steach orra mar thuil! “Cha do chaomhain Dia na h-aingil a pheacaich, ach thilg e sois do ifrinn iad!” 2 Pead. ii. 4. Agus leis a sin bha e air a dheanamh soilleir, nach dean iordheareas nadurra sam bith anns a’chreutair peacadh. Mu bhitheas iomhaigh a Chruithfhear air a tabhairt aon uair o’n mhír is maisiche agus is finealta do obair neimh, le peacadh, is urrainn Dia a bhriseadh, agus ni e bhriseadh ‘na bhloighdibh ‘na fheirg; mur bi dioladh air a thabhairt d’ a cheartas, agus an iomhaigh sin air a deanamh suas; aon chuid diubh sin cha’n urrainn am peacadh e féin a dheanamh. Pheacaich Adhamh; agus bha meall uile chinne-daoine air a ghoirteachadh, agus bha air a cheangal thairis do amhuinn theinntich feirge Dhé! Agus o’n bhonn-teagaig feudaidh sibh fhoghlum, (1.) Nach urrainn aineolas mu’n staid sin, daoine shaoradh uaípe: Bha na Cinnich do nach b’ aithne Dia, “a thaobh naduir, ‘nan cloinn feirge, eadhon mar chaich.” Feudaidh tigh duine bhi ri theine, feudaidh a bhean agus a chlann bäsachadh anns na lasraichibh; ‘nuair nach ‘eil fios aige-san air, agus, uime sin, nach ‘eil curam aige mu thimchioll: ‘S ann mar sin a tha bhur staid-sa, O sibhse a ta aineolach mu na nithe sin! Tha fearg gu tosdach a’ dol domhain ‘nur n-anama, ‘nuair a ta sibh ‘g ‘ur beannachadh féin, ag radh, bithidh sith agaibh! Cha ruig sibh a leas comhar as einntiche iarraidh air a bhi ‘nur cloinn feirge, no nach fhaca sibh riamh sibh féin mar sin. Cha’n urrainn sibh a bhi ‘nur cloinn do Dhia, nach fhaca riamh sibh féin ‘nur cloinn do ‘n diabhul. Cha’n urrainn sibh a bhi air an t-slighe do neamh, nach fhaca riamh sibh féin a thaobh naduir, air an rathad-mhor gu h-ifrinn. Tha sibh tur aineolach air bhur staid a thaobh naduir; agus mar sin aineolach air Dia, agus air Criosd, agus air bhur feum air: Agus ged tha sibh a’ meas gu dean bhur n-aineolas bhur dion o fheirg; gidheadh, gabhaidh e o bheul Dhé féin, gu’n sgr’os e sibh, mur bi e air a ghluasad air falbh, Isa. xxvii. 11. “Is sluagh gun tuigse iad; uime sin, cha ghabh an ti a rinn iad truas diubh,” faic 2 Tes. i. 8.; Hos. iv. 6. (2.) Cha saor sochairean o’n taobh a mach daoine o staid na feirge so: Oir, bha na h-Iudhaich, clann na rioghachd, sluagh sònraichte Dhé, ‘nan cloinn na feirge, eadhon mar chaich. Ged tha sibh ‘nur buill-eaglais, ‘nur luchd comh-pairt do uile shochaireabh-eaglais; ge do thainig sibh nuas o pharantaibh diadhuidh, o theaghlaichibh mor agus urramach; bithibh an ni is aill leibh, tha sibh, a thaobh naduir, ‘nur n-oighreachan air ifrinn, ‘nur cloinn feirge. (3.) Cha’n urrainn aidmheil, no airde gus am feudar ruigheachd ann an aidmheil na diadhachd, duine shaoradh o staid so na feirge. Bha Paul ‘na aon bu teinne do luchd comh-bharail a chreidimh Iudhaich, (Gniomh. xxvi. 5.) gidheadh na leanabh na feirge, eadhon mar chaich, gus an robh e air iompachadh. Tha’n cealgair diomhair agus an neach mi-naomha cosmhuil ri cheile, a thaobh an staid, ciod air bith eadar dhealachadh a tha ‘nan eaithe-beatha; agus bithidh iad cosmhuil ri cheile ‘nan erich bhronaich, Salm exxv. 5. “Iadsan a theid a thaobh d’an slighibh eaoan, iomainidh an Tighearn a mach le luchd-deanamh an uile.”
(4.) Cha’n ‘eil aig a’ chloinn òg nach ‘eil fathast ach a’ dol a mach a chum an t-saoghail ri iad féin a dheanamh ‘nan cloinn feirge, le bhi leantuinn na euideachd mhi-naomha.
Tha iad ‘nan cloinn na feirge a thaobh naduir; mar sin tha e deanta cheana: Bha iad air am breith ‘nan oighreachan air ifrinn; ni iad gun amharus, iad féin ni’s mo mar sin, mur teich iad, ‘nuair thaiad òg, o’n fheirg sin gus an robh iad air am breith, gu Iosa Criosd.
San àite mu dheireadh, Ciod sam bith a tha daoine a nis tre ghras, bha iad eadhon mar chach tre nadur: Agus bhuiineadh. dhoibhsan a bha ann am fois o’n òige air nach d’bhainig atharrachadh sam bith, smuaineachadh gu tric air an fhirinn bhronaich so. A nis, air do na nithe sin a bhi air am filleadh anns na briathraibh, nochdaidh mi, anns a’ cheud aite, ciod i staid so na feirge. San dara aite, daingueichidh mi am bonn-teagaig: Agus an deigh sin, ni mi cleachdamh dheth.
1. Tha mi ri nochdadh, Ciod i staid so na feirge.
Ach eo as urrainn corruich Dhé ann am feirg a lan eur an ceill! Cha’n urrainn neach. Gidheadh feudar urrad dhi fhaicinn, as a dh’ fhoghnas gu dearbh-shoilleireachd a thabhairt do dhaoine mu’n fheum mhor a ta air teicheadh gu Iosa Criosd o staid na feirge sin. ‘Se fearg ann an daoine, buaireas spioraid air son eucoir a rinneadh oirnn, le iarntus gu dioladh a ghabhail air son na h-eucoir: ‘nuair a tha i teachd gu h-airde, agus a ta i air a daingneachadh air spiorad neach, a deicrear corruich rithe. A nis, cha’n ‘eil aignidhean buaireasach ann an Dia, gu bhi labhairt gu ceart; tha iad sin neo-fhreagarach ri n.o.-chaochlaideachd agus iomlaineachd a bhith: Agus air an aobhar sin, tha Paul agus Barnabas (a chum gu euireadh iad an aghaidh mearachd nan Licaoinianach, a shaoil gu’m bu dee iad) ág innseadh dhoibh, gu’m bu daoine “cosmhuil riu féin iad thaobh fulangais,” Gniomh. xiv. 25. Tha fearg, uime sin, air a eur á leth Dhé cha’n ann a thaobh buadh bhuaireasach na feirge, ach a thaobh a toradh. Tha fearg ‘na teine an còm duine, a ta pianadh an duine féin: Ach cha’n ‘eil buaireas ann an Dia; cha’n ‘eil ‘fhearg air chor sam bith, a’ milleadh na fois agus an t-sonais neo-chriochnach a ta aige ann féin. Is gniomh fior-ghlan siochainteach a thoile i; a ta toirt a mach nithe uamhasach an aghaidh a pheacaich! Is beag is aithne dhuinn mu Dhia neochriochnach; ach tha e ‘ga irioslachadh féin ri ‘r n-anmhuineachd, a’ labhairt uime féin doruinn a reir gnáth dhaoine. Thugamaid, uime sin, fa’near do fheirg duine, ach cuireamaid uainn gach ni ‘nar smuaintibh mu fheirg Dhé, a ta taisbeanadh neo-iomlaineachd ann-san, agus mar sin feudaidh sinn teachd gu tomhas do bheachd orra ciod air bith cho beag. Air an doigh so, tha sinn air ar treorachadh gu beachd a ghabhail do fhearg Dhé an aghaidh an duine nadurra, anns na tri nithibh so a leanas.
Air tús, Tha fearg ann an eridhe Dhé ‘na aghaidh. Cha’n ‘eil an Tighearn a’ gabhail ris, ach tha e ‘n corruich ris. Tha na h-uile duine nadurra ‘na luidhe fuidh choruich Dhé; agus tha sin ni’s truime na beannta umha! Ged tha e toilichte leis féin, a’us ged tha daoine eile toilichte leis mar an ceudna; gidheadh tha Dia ag amharc a nuas air mar ann am feirg ris. 1. Tha ‘phearsa fuidh choruich Dhé: “Is fuath leat uile luchd-deanamh an uile,” Salm v. 5. Tha peacadh an duine dhiadhaidh a’ eur corruich air an Tighearn; gidheadh tha ‘phearsa “taitneach ann a Mhac gradhach,” Eph. i. 6. “Ach, tha Dia am feirg ris a’ chiontach gach la,” Salm vii. 11. Tha teine feirge a’ lasadh a ghnath ‘na aghaidh, ann an eridhe Dhé! Tha iad ‘nan coin agus ‘nam muan, ‘nan creutairèan ro-ghraineil ann an sealladh Dhé! Ged tha’n staid-naduir air a sgeadaachadh le aidmheil dhealrach, gidheadh tha iad ‘nan grain do Dhia! Tha iad dha-san, mar dheataich ‘na shroin, (Isa. lxxv. 5.) agus mar uisge meagh-bhlath, gu bhi air a sgeith a mach as a bheul, (Taisb. iii. 16.) uaignibh gealuichte, (Mat. xxiii. 27.) slioichd nathraiche nimhe, Mat. xii. 33, agus “sluagh a choruich,” Isa. x 6. Tha e neo-thoilichte leis gach ni a ta iad a’ deanamh: tha e neo-chomasach dhiobh a thoileachadh, air dhoibh a bhi ‘nan anacreidmheich, Eabh. xi. 6. Tha fuath aige d’ am pearsaidh, agus mar sin cha’n ‘eil tlaichd aige ‘nan oibre as fearr, ach tha mi-thlachd aige annta, Isa. lxvi. 3. “Tha esan a dh’ iobras uan, mar gu’n cuireadh e an ceann do mhadadh. Tha’n dleasdanas, mar air a dheanamh leo san, ‘na ghràineileachd do’n Tighearn, Sean. xv. 8. Agus, mar a thionndas daoine an cul orrasan ris am bheil corruich aca; mar sin tha’n Tighearn, an uair a tha e diultadh co-chomunn ris an duine nadurra ‘na dleasdanais, a’ taisbeauadh dearbhadh soilleir air a choruich.
Rì leantuinm.