CEANN II.
TRUAIGHE STAID NADUIR AN DUINE.
(Continued from Page 508.)
EPHESIANAICH ii. 3.
“Bha sinn a thaobh, naduir ‘nar cloinn na feirge, eadhon mar chach.” San dara àite, Tha fearg ann am focal Dhé ‘na aghaidh. An uair a ta fearg anns a’ chridhe, tha i ‘g iarradh bhi air a leigeadh a mach air na bilibh: Mar sin tha Dia a’ cogadh ris an duine nadurra “le claidheamh a bheoil,” Tais. ii. 16. Cha’n ‘eil focal an Tighearn aig àm sam bith a’ labhairt maith uime, ach tha e do ghnath ‘ga mhallachadh no ‘ga dhìteadh! ‘S ann uath so a tha e tachairt, an uair a tha e air a dhusgadh, gu bheil am focal air a leughadh, no air a shearmonaechadh, gu tric a’ meudachadh uamhais! 1. Tha e titeadh a ghniomhara uile, co maith r’a nadur truailidh. Cha’n ‘eil ni a ta a deanamh, ach ni tha’n lagh a’ dearbhadh a bhi ‘na pheacadh. Is raighailt umhlachd iomlan e; o am bheil esan a ghnath, anns na h-uile nithibh ag claonadh: agus mar sin tha e tilgeadh na h-uile ni a ta e deanamh, mar pheacadh. 2. Tha e cur an ceill a bhinne, agus a’ seinn mallachd Dhé ‘na aghaidh, Gal. iii. 10. “Oir a mheud ‘s a ta do oibrbh an lagha, tha iad fuidh ‘n mhallachadh: oir a ta e sgrìobhta, Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta ann an leabhar an lagha chum an d anamh.” Ciod sam bith e maith sa shoirbhicheas an saoghal leis, tha’n lagh a’ cur an ceill truagh a neamh ‘na aghaidh, Isa. iii. 11. Tha’m Biobul ‘na bhalg-saighead air a lionadh le saighdibh feirge ‘na aghaidh, ullamh gu bhi air an tomadh a stigh air anam. Tha bagraidhean Dhé ‘na fhocal, an crochadh os a cheann mar neul dorcha, ullamh gu frasadh a nuas air na h-uile mionaid. ‘Se ‘m focal gun amharus barantas an duine dhiadhaidh an aghaidh feirge, ach tha e a’ ceangal peacadh agus fearg an duine nadurra ri cheile, mar gheall cinnteach air a sgrios, mu mhaireas e anns ann staid sin! Mar sin, air do’n choguis a bhi air a dusgadh, agus a’ breithneachadh a cheangail so air a dheanamh leis an lagh, tha’n duine air a lionadh le h-uamhasan ‘na anam. San treas àite, Tha fearg ann an laimh Dhé, an aghaidh an duine nadurra: Tha e fuidh bhuillibh mor feirge cheana, agus tha e buailteach do thuilleadh! 1. Tha fearg air a chorpa. Is mìr do chreadh mhalluichte e, air am bheil ferg a’ taomadh a steach a reir bagradh a’ cheud choimheangail, Gen. ii. 17. “Anns an la dh’ itheas tu dhi, gu eimteach basaichidh tu!” Cha’n ‘eil galar, no pian, no guin a tha teachd air, nach ‘eil a teachd air, nach ‘eil a teachd (air) le gath corruich Dhé ann! Tha iad uile ‘nan cordaibh bàis air an cur riomh laimh a cheangal a’ phriosanaich! 2. Tha ferg ‘na luidhe air ‘anam. (1) Cha’n urrainn co-chomunn a bhi aige ri Dia: Tha e “amaideach, agus cha seas e an lathair Dhia,” Salm v. 5. ‘Nuair a pheacaich Adhamh, thionndaidh Dhia a mach á Phàras e: agus tha daoiné nadurra mar a dh’ fhàg Adhamh iad, air am fogradh o lathair ghrasmhor an Tighearna; agus cha’n urrainn iad teachd dluth dha anns an staid sin. Tha cogadh eadar neamh agus iadsan; agus mar sin tha na h-uile co-chomunn air a ghearradh as. “Tha iad as eugmhais Dhia anns an t-saoghal,” Eph. ii. 12. Tha ghrian air dol fodha orra, agus cha’n ‘eil an dealradh is lugha do dheadh-ghean o neamh dhoibhsan. (2.) Uaithe sin, tha’n t-anam air fhàgail gu seargadh as ‘na aingidheachd. Tha’n dorchadas nadurra a ta ‘nan inntinnibh, an eusaonta do mhaith a tha ‘nan toil, mi-rìaghailt an aignidhean, agus neo-ghloine an coguisean, agus am plàighean nadurra uile, air am fàgail orra ann an rathad peanais; agus air dhoibh a bhi air am fàgail mar sin, tha iad a’ meudachadh gach là! Tha Dia a’ tilgeadh cuibhrionn do nithe maith an t-saoghail d’ an ionnsuidh, ann an tomhas mor no beag, mar tha cnaimh air a thilgeadh a dh’ ionnsuidh a’ choin; ach mo thruaighe, tha ‘fhearg ‘nan aghaidh air a taisbeanadh anns nach ‘eil iad a’ faotainn grais sam bith. Tha Leigh an anama a’ teachd mu’n cuairt dhoibh, agus a’ dol seachad orra, agus a’ leigheas dream eile ri ‘n taobh; an uair a tha iadsan a’ seargadh as ‘nan euceartaibh, agus ag abachadh gach la air son leir-sgrios! (3.) Tha iad fosgailte do thuilleadh phlaighean eagalach air an anama, eadhon anns a’ bheatha so. 1. Tha iad air uairibh a’ faotainn buillean marbhtach; buillean uaigneach o laimh Dhia ann an corruich! Saighdean feirge, a tha dol a stigh ‘nan anamaibh gun fhuaim, Isa. vi. 10. “Dean eridhe an t-sluaigh so reamhar; agus dean an cluasan trom, agus druid an suilean, mu’m faic iad le ‘n suilibh.” Tha Dia a’ strì riu ear tamuill, agus tha mothachadh a’ teachd a steach air an coguisibh; ach tha iad ri ceannaire an aghaidh an t-soluis agus tha iad, le breitheanas uaigneach, air am bualadh sa’ cheann, air chor as o’n uair sin gu bheil iad, mar gu b’ ann, a’ eaitheamh am beatha agus a’ lobhadh air aghaidh an fhearainn. Tha’n eridheachan air am marbhadh, tha’n aignidhean air seargadh, an coguisean neo-mhothachail; agus tha’n anama gu h-iomlan air erionadh!” Air an tilgeadh a mach mar gheig, agus air erionadh,” Eoin xv. 6. Tha iad air am bualadh le doille ann an ceart bhreitheanas. Tha iad a’ druideadh an suilean an aghaidh an t-soluis, agus tha iad air an tabhairt thairis do’n diabhul, iad an t-saoghail so, gu bhi ni’s mo air an dalladh, 2 Cor. iv. 4. “Seadh tha Dia a’ eur treun oibreachadh meallaidh d’ an ionnsuidh, ionnus gu’n creid iad a’ bhreug,” 2 Tes. ii. 11. Tha eadhon a’ choguis, cosmhuil ri solus mealltaich air a’ chladach ‘gan treorachadh air creagan, leis am bheil iad air am briseadh ‘nam bloighdibh. Tha iad ‘gan tabhairt thairis, agus ‘gan fàgail do Shatan agus d’ an eridheachan féin, leis am bheil iad air an cruadhachadh ni ‘s mò agus ni’s mò. Tha iad gu tric air an “toirt thairis do ana-miannaibh graineil,” Rom. i. 26. Tha’n srein air a leigeadh fuasgailte air am muineil; agus tha iad air am fàgail gu ruith gus na h-uile neo-mheasarrachd gun tomhas, mar tha’n ana-mianna garg ‘gan tarruing. 2. Tha iad air uairibh a’ faotainn bhuillean, beothail, leis am bheil air uairibh a’ faotainn bhuillean, beothail, leis am bheil an anama a’ fàs cosmhuil ri Sliabh Shinai, far nach ‘eil ni ri fhaicinn ach teine agus deatach! anns nach ‘eil ni ri chluintinn ach tairneanach feirge Dhé, agus fuaim trompaid an lagha bhriste a’ fàs ni’s treise agus ni’s treise! a ta ‘gan deanamh, cosmhuil ri Pasur, Ier. xx. 4. “Nan uamhas doibh féin!” Tha Dia a’ gabhail trusgain salach am peacanna, anns am bu ghnath leo codal gu muinghinneach, ‘ga comhdachadh thairis le pronnuse, agus ‘ga cur ri theine mu’n cluasaibh! Mar sin tha ifrinn aca an taobh a stigh dhoibh! 3. Tha fearg anns na h-uile ni tha’n duine nadurra a’ mealltuinn. Ciod sam bith a tha dh’uireasbhuidh ‘na thigh, tha aon ni nach ‘eil uair sam bith a dh’uireasbhuidh an sin, Sean. iii. 33. “Tha mallachd an Tighearna ann an tigh an aingidh!” Tha fearg ‘na luidhe air na h-uile ni a th’ aige; air an aran a tha e ‘g itheadh, an deoch a tha e ‘g òl, agus an t-eudach a tha e caitheamh! Tha bhascaid agus a cuibhrionn malluichte, Deut. xxviii. 17. Tha cuid do nithe a’ dol air aimhreite air; agus tha sin ag eirigh o’n fheirg so: Tha-nithe eile a’ dol leis a reir iarrtuis, agus tha fearg ann an sin mar an ceudna oir tha e na’ ribe d’a anam! Sean. i. 32. “Sgriosaidh soirbh-eachadh nan amadan iad féin.” Tha’n fhearg so a’ tionndadh a bheannachdan gu mallachdan, Mal. ii. 2. “Mallaichidh mi ‘ur beannachdan! seadh, mhalluich mi iad cheana.” Tha’n Lagh Naomh ‘na litir-mharbhaidh dhoibh, 2 Cor. iii. 6. Tha ministreileachd an t-soisgeil ‘na bholtreach bàis chum bàis, caib. ii. 16. Ann an Sacramaid Suipeir an Tighearna tha e ag itheadh agus ag òl breitheanais d’a féin, 1 Cor. xi. 29. Ni h-eadh, a thuilleadh air sin uile, tha Criosd féin dha, “‘na chlach thuisliudh, agus ‘na charraig oiblheim!” 1 Pead. ii. 8. Mar so, tha fearg a’ leantuin an duine nadurra, mar tha ‘fhaileas a’ leantuin a’ chuirp. 4. Tha e fuidh chumbachd Shatain! Gniomh. xxvi. 18. Thug an diabhul buaidh air, mar sin buinidh e dha le buaidh; ‘s e a chobhartach dhligheach e, Isa. lxxix. 24. Tha’n duine nadurra air a dhìteadh cheana, Eoin iii. 18. agus uime sin, fuidh laimh throm an ti aig am bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin, an diabhul! Agus tha e cumail a’ phriosanaich ann am priosan staid naduir, ceangailte eadar lamha agus chosa, Isa. lxi. 1. “Air uallachadh le iomadh gne ana-mianna,” mar shlabhruidhean leis am bheil e ‘gan cumail daingean. Cha ruig thu leas, mar tha moran a’ deanamh, a bhi gairm air an diabhul do ghabhail; oir tha greim daingean aige dhiot cheana, mar leanabh feirge. San àite mu dheireadh, Cha’n ‘eil barrantas aig an duine nadurra air aon mhionaid do thearuinteachd o fheirg Dhé, a theachd air gus a chuid is faide! Rinn mallachd an lagh a ta air a’ cur an ceill ‘na aghaidh a cheangal cheana ris a’ chrann; air chor as gu feud saighde ceartais dol troimh ‘anam, agus annsan gu’m feud na h-uile truaighe agus na h-uile plaigh coinneachadh, a ta sruthadh o fhearg dhioghaltach Dhé! Faic mar a tha e air a chur suas mar chomhara mu choinneamh saighde na feirge, Salm vii. 11, 12, 13. “Tha Dia am feirg ris a’ chiontach gach là. Mur pill e, geuraichidh e ‘chlaidheamh: chuir e ‘bhogha air lagh, agus dheasaich se e! Dh’ ulluich e air a shon innl bàis!” Am bheil e luidhe sios a chodal? Cha’n ‘eil gealladh as aithne dha, no air an urrainn da aithne bhi aige, g’a chumail á ifrinn mu’n duisg e! Tha ceartas a’ dian-ruagadh, agus ag eigheach dioghaltais air a pheacach! Tha’n lagh a’ tilgeadh saighdean teinnteach a mhallaechdan do ghnàth air! ‘Si foighidinn a ta air a caitheadh agus fad air a d’ fheuchainn a tha ‘ga chumail beò! Tha e ag siubhal am measg naimhdean, fo airm ‘na aghaidh! Feudar Magor-Misabib a thoirt mar ainn air; is e sin, “Uamhas mu’n cuairt!” Ier. xx. 3. Tha aingil, diabhla, daoine, beathaichean, clachan, neamh, agus talamh, a’ feitheamh air focal an orduigh o’n Tighearna, gu a sgrìos! Mar so tha’n duine nadurra beò, ach is eigin da basachadh mar an ceudna; agus tha’m bàs ‘na theachdair uamhasach dha! Tha e teachd d’a ionnsuidh armaichte le feirg, agus a’ cur tri àitheantan cràiteach ‘na laimh. (1.) Tha’m bàs ag àithne dha cead gu siorruidh a ghabhail do na h-uile nithe san t-saoghal so! e ga fhàgail, agus imeachd gu saoghal eile! Och! nach uamhasach an àithne so do leanabh na feirge! Cha’n urrainn dha comhflurtachd a bhi aige o neamh; oir is e Dia a namhaid! Agus air son nithe an t-saoghail, agus asachadh ana-mianna, na nithe a mhàin o’n robh a shòlas a’ sruthadh, tha iad sin ann an aon mhionaid air an tiormachadh suas uaithe gu brath! Cha’n ‘eil e ullamh air son saoghail eile; cha robh e smuaineachadh dol air falbh eo luath: no, mu bha, fathast cha’n ‘eil cuibhrionn air a deanamh cinnteach dha ann an saoghal eile, ach an oighreachd gus an robh e air a bhreith, agus a bha meudachadh gach là, eadhon ionnhas feirge! Ach is eigin da falbh; is eigin da dealachadh r’a dhia creadha, an saoghal, agus ciod tuilleadh à th’ aige? Cha robh riamh an dearsadh bu lugha do sholus no do dheadh-ghean o neamh d’a anam; agus a nis, tha’n flearg a bha’n crochadh anns a’ bhagradh mar neul cosmhuil ri laimh duine, a’ dorchachadh aghaidh neimh uile os a cheann! Agus ma sheallas e air an talamh (o’m bu ghnath le’ sholus uile sruthadh,) “feuch teanntachd agus doilleireachd dubhar an amhghear! Agus ruaigear e chum dorchadais!” Isa. viii. 22. (2.) Tha’m bàs a’ tabhairt àithne do’n anam agus do’n chorp ‘dealachadh o cheile gus an là mhòr! Tha ‘anam air iarraidh uait. Luc. xii. 20. O eia truagh a bhios an dealachadh sin do leanabh na feirge! Bha euram gun amharus air, mu nithe feumail na beatha so ulluchadh air son a chuirp, ach mo thruaighe, cha’n ‘eil ni sam bith air a thasgadh air son beatha eile dha; cha’n ‘eil ni sam bith gu bhi ‘na shiol do aiseirigh ghlormhoir! Mar a chaith e ‘bheatha, mar sin bàsaichidh e; agus éiridh e a ris ‘na fheoil pheacach, na chonnadh air son teine feirge Dhé! Air son an anama, cha robh e riamh euramaich gu ulluchadh a dheanamh air a shon: Bha e ‘na luidhe anns a’ chorp, marbh, do Dhia, agus do gach ni a bha da rireadh maith; agus mar sin as eigin da bhi air a ghiulan a mach do’n t-slochd, ann an eudach-mairbh a staid naduir; oir air do’n bhàs a nis teachd, is eigin do na companaich sa’ pheacadh dealachadh. (3.) Tha’m bàs a’ toirt àithne do’n anam taisbeanadh an lathair caithir bhreitheanais Dhé, am feadh a ta’n corp ‘na luidhe, gu bhi air a ghiulan do’n uaigh! Eccles. xii. 7. “Pillidh an spiorad chum Dhé a thug uait e.” Eabh. ix. 27. “Tha e air orduchadh do dhaoinibh bàs fhaotainn, ach ‘na dheigh so breitheanas!” Bu mhaith do’n anam pheacach, nam feudadh e bhi air adhlaeadh maille ris a’ chorp: ach cha ‘n urrainn sin tachairt, is eigin dha dhol a dh’ fhaotainn a bhinne! agus bithidh e air a ghlasadha suas ann am priosan ifrinn, am feadh ‘s a ta an corp malluichte ‘na luidhe am priosan na h-uaghe gu là mor a’ bhreitheanais!
Ri leantuin.