Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1932 » June 1932 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

CEANN II.

TRUAIGHE STAID NADUIR AN DUINE.

(Continued from page 34.)

An uair a thig crioch an t-saoghail, a chaidh orduchadh le Dia; seididh an trompaid, agus eiridh na mairbh. An sin air àithne a Bhreitheimh, tilgidh an talamh sgith a mach na cuirp, cuirp mhalluichte na muinntir sin a chaith am beatha agus a bhàsaich ‘nan staid naduir! Bheir an fhairge, am bàs, agus ifrinn, uapa am mairbh! Taibh. xx. 13. Bithidh an cuirp agus an anama truagh air an coimcheangal r’a cheile, agus air an cur ‘nan seasamh an làthair cathir-bhreitheapais Chriosd! An sin theid a’ bhinn eagalach sin a thoirt a mach orra, “Imichibh uam, a shluagh mailluichte, dh’ ionnsuidh an

teine shiorruidh, a’ dh’ulluicheadh do’n diabhul agus d’a ainglibh!” Mat. xxv. 41. Air lorg sin “imichidh iadsan chum peanais shiorruidh!” rann 46. Bithidh iad gu siorruidh air an druideadh suas ann an ifrinn, agus cha’n fhaigh iad gu brath am boinne is lugha do chomhfhurtaechd, no an fhios is lugha o am pianntaibh! Ann an sin bithidh iad air an sgrios le peanas calla; air dhoibh a bhi air an eur a mach gu siorruidh o chomunn Dhé, aingle agus naoimh! Bithidh uile mheadhona nan gràs agus gach uile dhochas mu shaorsa, gu siorruidh air an druideadh a mach o’n sùilibh! Cha bhi boinne do uisge ac’ a dh’ fhuarachadh an teanga! Luc. xvi. 24, 25. Bithidh iad air an sgrios le peanas geur-mhothachaidh air pian. Cha’n e mhain gur eigin doibh imeachd o Dhia, ach imeachd gu teine, gu teine siorruidh! Anns an àite sin, cha bhàsaich a’ chnuimh a bhitheas g’an cagnadh, gu brath! cha teid an teine bhitheas ga’n losgadh gu brath a mhuchadh. Leis an dara laimh cumaidh Dia suas iad, feadh na siorruidheachd, agus leis an laimh eile, bithidh e dordadh a lan shoothiche feirg’ orra! is i so staid sin na feirge, anns am bheil daoine nadurra a’ caitheadh am beatha; air dhoibh a bhi fuidh thomhas do fheirg Dhé, agus buailteach do thuilleadh. Ach, a chum beachd ni ‘s faide ghabhail dheth so, thugamaid fa’near buaghan na feirge sin. (1.) Cha’n fheudar cur ‘na h-aghaidh, cha’n ‘eil seasamh ‘na lathair! “Co sheasas a’ d’ lathair, an uair a bhios fearg ort?” Salm lxxvi. 7. An-urrainn a’ chnuimh no an leomann iad féin a dhion ‘na aghaidh-san a ta rùnachadh am bruthadh? ‘S eo beag as urrainn duine a ta ‘na chnuimh, seasamh an lathair Dhia ann an corruich. Tha’n duine amaideach, gun amharus, a’ toirt dùlan do neamh! Ach tha’n Tighearna gu tric eadhon anns an t-saoghail so, a’ fosgladh a leithid do thuilte feirge orra, as nach urrainn iad le’n uile neart an casg; ach tha iad air an iomain air falbh mar le tuil! Cia mò gu mor a bhios e ann an ifrinn? (2.) Tha e do-ghiulan! An ni nach urrainn neach cur ‘na aghaidh, ulluichidh se e féin gu ghiulan: ach, “Co a ghabhas comhnuidh maillle ri teine millteach? Co a ghabhas comhnuidh maillle ri lasraichibh

siorruidh?” Tha fearg Dhé na cudthrom a chuireas sios daoiné do’n ifrinn is iochdaraiche. Is uallaich i nach urrainn duine seasamh fuidhe: Co is urrainn spiorad briste ghiulan? Gnath-fhoc. xviii. 14. (3.) Is fearg i o nach urrainn iadsan dol as, a theid air an aghaidh gu neo-aithreachail ann an slighe a’ pheacaidh: “Am fear a chronaichear gu minic, gidheadh a chruaidhicheas a mhuineal, sgriosar e gu h-obann, agus sin gun leigheas.” Gnath-fhoc. xxix. 1. Feudaidh sinn a nis gun amharas, teicheadh uaipe, le teicheadh gu Iosa Críosd; ach iadsan a tha teicheadh o Chriosd, cha bhi e comasach dhoibh a seachndadh. C’ait an urrainn daoiné teicheadh o Dhia a ta gabhail dioghaltais? C’ait am faigh iad fasgadh? Cha’n eisd na enuic riu; bithidh na sleibhtean bodhar da’n árd-eighibh, ’nuair a ghlaodhas iad riu, am folach o fheirg an Uain. (4.) Is fearg chumhachdach agus dhian i. “Co d’ an aithne neart t’fheirge, agus a reir t’ eagail do choruich?” Tha sinn ullamh gu eagal a ghabhail roimh fhearg dhuine os ceann na bu choir dhun; ach cha’n urrainn neach sam bith fearg Dhé a mheas a bhi ni’s uamhasaiche na a ta i. Cha bhi a cumhachd gu bràth air aithneachadh gus a’ chuid is faide, do bhrigh gu bheil i neo-chriochnach, agus air an aobhar sin, cha’n ’eil crioch aice. Ciod air bith co garrg is a ta i, aon chuid air thalamh no ann an ifrinn, is urrainn Dia a toirt air a h-aghaidh ni ’s faide. Tha na h-uile ni ann an Dia, ro-iomlan ’na ghne; agus air an aobhar sin, cha’n ’eil fearg sam bith co dian r’a fheirg-san. O pheacaich, cionnus a bhios tusa comasach air an fheirg sin a ghiulan, “a reubas tu as a cheile!” Salm L. 22. “agus a phronnas gu luathre thu!” Lue. xx. 18. Is uamhasach eachdraidh an dà mhath-ghamhuinn bhoirionn, a reub clann Bhteil. 2 Righ ii. 23,24. Ach cha’n ’eil uile neart bheucaich nan leomhan, nan liopard, agus nam math-ghamhuinn bhoirionn o’n do bhuineadh cuileanan, comasach air gach beachd faoin a thabhairt dhun air cumhachd feirge Dhé. Hos. xiii. 7, 8. “Uime sin bithidh mise dhoibh mar leoman; mar liopard anns an t-slighe bheir mi fa’near iad. Coinnichidh mi iad mar mhath-ghamhuinn o’n do bhuineadh a cuileannan; agus reubaidh mi

sgairt an eridhe.” (5.) Is fearg ro-gheur agus phianntach i. Is fearg loisgeach i, farg theinnteach. Cha’n ’eil pian sam bith a’s doruinniche na i sin a ta air a deanamh le teine; agus cha’n ’eil teine sam bith eo garg ri teine feirge Dhé, “a loisgeas gus an ifrinn iochdrach!” Deut. xxxii. 22. Is urrainn saighdean feirge dhaoine dol troimh fheoil, fuil agus enamhan: ach cha’n urrainn iad ruigheachd gus an anam: Ach theid farg Dhé sios do’n anam, agus mar sin lotaidh i duine troimhe anns a’ chuid i an mhuinne dheth. Cosmhuil ri duine ’nuair a ta e air a bhualadh le tairneanach, cha’n fhaicear gu tric lot anns a’ chraicionn; gidheadh tha bheatha air falbh, agus tha na enamhan, mar gu b’ann air an leaghadh: Mar sin is urrainn farg Dhé dol a steach, agus anam neach a leaghadh an taobh a stigh dheth, an uair a ta chomhfhurtachd thalmhaidh iomlan mu’n euairt da, gun bhuntainn riu, mar ann an cor Bhelsasair, Dan. v. 6. (6.) Is farg bhuan i, a ta co-ruidh ri buanachadh an duine ann an staid neo-iompaichte; do ghnàth ann an co-chuideachd ris, o’n bhroinn gus an uaigh: Cha’n ’eil ach beag do làithibh doreha anns nach fhaicear a’ ghrian air uairibh a’ dealradh a mach o na neoil; ach is neul buan farg Dhé, orrasan air am bheil i, Eoin iii. 36. “Tha farg Dhé a’ gabhail comhnuidh airs an nach ’eil a’ creidsinn.” (7.) Is farg shoirruidh i. O anam thruaigh! Mur teich thu o’n fheirg so gu Iosa Criosd, bha toiseach aig do thruaighe, ach cha bhi erioch gu bràth aice. Nan deanadh bàs sgriosach do shlugadh gu h-iomlan suas, agus do chumail gu bràth daingean anns an uaigh, bu chaoinmhneas e; ach is eigin duit a bhi beò a ris, agus cha bhàsaich thu gu bràth, chum gu’m bi thu gu bràth a’ basachadh, ann an lamhaibh an Dé bheò. Mùchaidh am bàs fuar lasair duine a ta lasadh ’nar n-aghaidh, mur dean ni sam bith eile e: ach farg Dhé ’nuair a ta i air a’ pheacach mulliona do bhliadhnaibh, bithidh i do ghnath ’na feirg a ta ri teachd. Mal. iii. 7. 1 Tes. i. 10. mar uisg’ aimhne a ta do ghnàth a teachd, ciod sam bith eo mor as a chaidh seachad. Am feadh a mhaireas Dia, bithidhe e a dian-ruagadh na connspaid, San àite mu dheireadh, Ciod sam bith eo uamhasach is a ta i, agus ged tha i siorruidh, gidheadh is farg ro-cheart i. Is teine

dealrach i, anns nach ‘eil an deatach is lugha do ana-ceartas. Tha’n fhaireg do fheirg a ta beueach gú mor an aghaidh a’ pheacach, soilleir mar chroistal. Cha ‘u urrainn bhreitheamh na talmhainn uile eucoir a dheanamh: Cha’n ‘eil aignidhean gluasadach ann, oir tha iad sin neo-fhreagarach ri iomlaineachd a naduir. “Am bheil Dia eucorach a tha deanamh dioghaltais? (labthram mar dhuine) Nar leigeadh Dia: eo cionnus a bheir Dia breth air an t-saoghal?” Rom. iii. 5, 6.

TEAGASG STAID NA FEIRGE, AIR A DHAINGNEACH-ADH AGUS AIR A DHION.

II. Daingnichidh mi an teagasg. Thoir fa’near (air tús) Cia cho einnteach ‘sa tha bagradh a’ cheud choimheangail: “Anns an là dh’ itheas tu dhi, gu einnteach basaichidh tu!” Gen. ii. 17. Le so air da pheachadh agus do pheanas a bhi coimheangailte r’a cheile, tha fireantachd Dhé a’ daingneachadh coimhlionadh a bhagraidh. A nis, air do na h-uile dhaoine bhi a thaobh náduir fuidh ‘n choimheangal so, tha ‘m briseadh a rinneadh air ‘gam fágail fuidh ‘n mhallachd. (2.) Tha ceartas Dhé ag agradh gu’m bi mac a’ pheacaidh ‘na mhae feirge; chum, air do’n lagh a bhi air a bhriseadh, gu’m biodh a bhagradh air a chur an gnìomh. Cha’n urrainn Dia, mar Uachdaran agus mar Breitheamh an duine, gun cheartas a dheanamh. Gen. xviii. 25. A nis is ceart an ni do Dhia fearg iocadh air son peacaidh, 2 Tes. i. 6. Tha e do shùile ni’s gloine na gu’n seall e air ole, Hab. i 13. Agus is gràin leis uile luchd-deanamh na h-aingidheachd, Salm v. 6. (3.) Tha ditidhean na coguis nadurra a’ dearbhadh so. Tha coguis ann an ueidh dhaoine, is urrainn innseadh dhoibh, gu bheil iad ‘nam peacach; agus uime sin, buailteach do choruich Dhé. Labhradh daoine, aig uair sam bith gu ciallach riu féin, agus mothaichidh iad gu bheil an fhianuis a’ annta féin: “Muinntir d’ an aithne ceartas Dé, gu bheil iadsan a ni an leithide sin do nithibh toillteanach air bàs,” Rom. i. 32. (4.) Tha piantan na nuadh-bhreith, tha obair spior-aid na daorsa, air anama taghta, chum an iompachadh, a’ dearbhadh so. Leis a so tha’m peacanna agus an truaighean

nàdurra, mar a tha iad buailteach do choruich Dhé, gu soilleir air an teagasg dhoibh: a’ lionadh an eadhe le eagal roimh ‘n choruich sin. A nis, do bhrigh gur e spiorad so na daorsa, spiorad Dhé, d’ an obair, dearbh-shoilleuireachd a thabhairt “mu pheacadh, mu fhìreantachd, agus mu bhreitheanas,” Eoin xvi. 8. is eigin gu’m bi an teisteas so fior; oir cha’n urrainn Spiorad an firinn fianuis a thabhairt do bhreig. Aig an àm cheudna, air do fhiar-ehreidmheich a bhi air an saoradh o staid na feirge, cha’n ‘eil iad a’ faotainn Spiorad na daorsa a ris a chum eagail, ach tha iad a’ faotainn Spiorad na h-uehd-mhacachd, Rom. viii. 15. Agus, uime sin, ma tha eagalan do’n t-seòrsa sin ag éirigh, an deigh do’n anam a bhi air a dhluth-cheangal ri Criosd; ‘s ann o Spiorad nan naomh féin a ta iad, no o spiorad ni’s miosa. San àite mu dheireadh. Tha fulangais Chriosd gu soilleir a’ dearbhadh an teagaig so. C’arson a bha Mac Dhé ‘na Mhac fuidh fheirg, ach a chionn gu’n robh clann nan daoine ‘nan cloinn feirge? Dh’ fhuiling e fèarg Dhé, cha b’ ann air a shon féin, ach air an sonsan a bha buailteach dhi ‘nam pearsaibh féin. Cha’n e mhàin gu bheil so a’ dearbhadh gu’n robh sinn buailteach do fheirg; ach, mar an ceudna, gur eigin do’n fhearg sin a bhi air a leigeadh a mach, ann an dioladh a ghabhail air son a’ pheacaidh. Ma bha so air a dheanamh ris a’ chrann ùr, ciod a thig ris a’ chrionaich? Ciod an staid through anns an eigin do’n pheacach a bhi, a ta mach á Criosd, agus aig nach ‘eil comh-pairt, d’a Spiorad. Dia nach do chaomhain a Mhac féin, is cinnteach nach caomhain e a leithid sin do neach.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice