Le SEUMAS MACNEACAIL, Bruach a’ Chluaidh.
Tha Eaglais Iude ‘si fo bhròn ‘s fo thûirse;
Tha fath an ionndruinn ‘na laigh’ fo ‘n fhôid;
‘Na leabaidd chûbhraidh a’ chaoidd cha duisg e
Gu’n seid an trompaid air la a’ mhôid.
Tha ‘m beul ‘bha dileas air taobh na firinn,
Is nach do dhiobair sinn riamh ‘na là,
A nis ‘na shineadh ‘an leabaidd ìseal,
‘S cha chluinnear caoidh as a bheul gu bràth.
Ged tha iarrtus ann am iuntinn
Chum cliu an fhirean a chur an ceil,
Trid gairne bhuaadhan is doille smuaintean,
Cha’n fhaigh mi suas e le snuadh no sgéimh.
Bho’n latha a chuala mi brigh do chômhradh
‘Sa bhliadna bhrònach sin (ninety-three),
Cheangaile m’ aignidhean ruit’s an uair sin
Le snaim nach na fuasglair gu brath an tim.
Oh! ‘s tu bha laidir air balla Dhaibh idh
‘S tu faicinn namhaid a’ tighinn do ‘n tir,
‘N a do dheas laimh bha claidheamh Chriosda
Is reing na raighalt ‘nad laimh chli.
Bho’n thog thu suaicheantas air do ghuaillean
A’ bhratach luachmhor sin fôcal Dhé,
Bha thu foghantach riamh ga giulain
‘S do Guth mar thrômbaid air roghadh gleus.
Bu mhath am buachaill air tòir nan uan e,
Is e ‘gan cuallach air chuaitean reidh
A’ tarruing bidh dhoibh bho bhroilleach Chriosda
Is bainne fiorghlan bho bhriathran Dhé.
Ag iomain spréidh a bhitheann trom a’ ‘giulan
An ail, bu churamach e ‘nan déidh
A chum nach bristeadh e aon chuilc bhruite
Is lion eol smuide nach mûchadh e.
Gu’n d’ fhuar ‘n t-ungadh le sâbh na sùla sin
Thug fradharc dûbhailte dhuit nad’ dhreuchd.
A’ deanamh faire air mullach thûraibh
‘S a thuigeadh lûbaireachd dhubh mhi-fhial.
Aig bord na sacramaid ‘s ann gu h-àraidh,
O’s ceann nam braithrean, a thug thu buaidh;
‘S e cliu an t-Slànughir, ‘s meud A ghraidd-san
Do pheacaich bhasmhoir a’ bhiodh tu luaidh.
Cha b’e luchd marcaichd nan eacha arda
A’ chaoiddh bu ghnath leat a bhi ‘ad chòir,
Ach muinntir bhreoite nan easan leointe—
‘S e Mephiboset ‘bhiodh aig do bhord.
Ged bhiodh luchd ardain nam bogha stàilinn
Gu trie ‘g ad chaineadh ‘s ‘g ad chuir fo ghruaim,
Dh’ fhan d’bhògha laidir ‘an cuis Imanueil,
‘S le laimh an fhaidh gu’n d’thug thu ‘bhuaidh.
‘S ged bha luchd treabhaidh le mòran mi-ruin
‘S iad air do dhruim ‘tarruing sgrioban fad’,
Bu cheart Iehobhah a rinn do chomhnadh,
‘S ‘bhris uile chòrdaibh nan daoì gu grad.
Ach tha thu ‘nis an taobh thall do Iordain,
Gun deur a’ bhròin air do shuil a chaoidh:—
Tha sinn ‘n ar fòg’raich ‘am fearann Mhoaib,
Is eneadhan ‘s leointibh an déidh ar claoidh.
Tha sinne ‘dh’fhag thu ‘an oir an fhasaich,
Le ‘r suil a mhain air an amhainn fhuar,
Ag ionndruinn dilseachd do chomhairl’ phriseil,
‘S do theagasg bhrìoghmhòr ‘bha tric ‘n ar cluais.
Ach ‘s fheudar strìochdadh do thoil an Tighearna—
‘S e ‘rùn neo-chriochnach ‘bha ann g’ ad thaobh;
Bu mhath a choir ort le ‘fhuil a dhortadh,
‘Thug saorsa ghlormhòir do chloinn nan daoin’.
Ach O mo Chairdean ‘tha dubhaich, craiteach,
‘Dol troimh ghleann Baca a’ sileadh dhéur,
Tha ‘n t-am ‘bhi ‘g iarraidh bho Chumhachd Shiorruidh
Na sluichd a’ lionadh gu ruig am béul.
A chum gu ‘n gluais sinn’ an déidh a’ bhuaichaill’,
‘An lorg an t-sluaigh sin ‘rinn imeachd cheart,
‘S tre mheud a throcair gu ‘m faigh sinn comhnuidh
‘An Sion ghlormhòr le Dia nam feart.