CEANN II.
TRUAIGHE STAID NADUIR AN DUINE.
(Continued from page 235.)
-
Ann an so tha cuimhneachan, araon air son bochd agus beartach. (1.) Tha mhuintir is bochda a ta dol o dhorus gu dorus, agus aig nach ‘eil sgillin air fhàgail dhoibh le ‘m pàranta, air am breith gu h-oighreachd. Dh’fhàg an ceud athair Adhamh iad ‘nan cloinn feirge; agus a’ buanachadh ‘nan staid naduir, cha’n urrainn iad dol mearrachd oirre: “Oir is e so cuibhrionn an duine aingidh o Dhia, agus an oighreachd a dh’orduicheadh dha le Dia,” Iob xx. 29. Oighreachd a dheasaicheas ionad comhnuidh dhoibh-san aig nach ‘eil ionad san cuir iad an ceann: Tilgear iad do dhorchadas iomallach, (Mata xxvi: 30.) oir dhoibh-san tha duibhre an dorchadais gu siorruidh air a thasgaidh, (Tud. 13.) far am bi an leaba ‘na doilghios: “Luidhidh iad sios ann an doilghios,” Isa. L. 11. Bithidh an lòn ‘na bhreitheanais; oir “beathaichidh Dia iad le breitheanas,” Esec. xxxiv. 16. Agus bithidh an deoch ‘na fion dearg feirge Dhé, a dheasgainean faisgidh agus òlaidh uile dhaoine aingidh na talmhainn, Salm lxxv. 8. Tha fios agam gu’m bi iadsan a ta falamh do mhaoin shaoghalta, agus a ta dh’ easbhuidh air eolas agus air gràdh Dhé, muinntir, uime sin, ris am feudar a ràdh gur iad bochdan an diabhuil iad, ullamh air a ràdh ann an so, “Tha dochas againn gu’n toir Dia oirnn ar nuile thruaighe fhulang anns an t-saoghal so, agus gu ‘m bi sinn sona san ath-shaoghal:” Mur gu ‘n deanamh an staid through sa’ bheatha so, an sonas tearuinte ann an siorruidheadh. Mearachd mor agus millteach. Agus is i so oighreachd eile a th’aca, “breugan, diomhanas agus nithe gun tairbhe,” Ier. xvi. 16. Aeh, “sguabaoidh a’ chlach-mheallain air falbh an didein-bhreige,” Isa. xxviii. 17. Am bheil thu smuaineachadh, O pheacaich, gu ‘n dean Dia a tha toirt àithne do Bhreitheamhna air an talamh, “gu’n suim a bhi aca do ghnuis an duine bhochd, ann am breitheanas, (Lebh. xix. 15.) breitheanas fhiaradh air do shonsa? Cha dean, biodh fios agad gu cinnteach, ciod sam bith co truagh as a tha thu ann an so, gu’m bi thu gu siorruidh truagh an deigh so, ma chaitheas tu do bheatha agus mo bhasaicheas tu ann ad staid nàduir, (2.) Tha moran aig am bheil gu leoir anns an t-saoghal, aig am bheil ni ‘s mò na tha fios ac’. Bha agad, is maith a dh’ fheudta, O dhuine neo-iompaichte! staid, cuibhrionn mhaith, no stoc mor air fhàgail dhuit le d’ athair; rinn thu buil dheth, agus tha grian an t-soirbheachaidh a’ dealradh ort, air chor as gur urrainn thu ràdh le Esau, Gen. xxxiii. 9. “Tha agamsa pailteas.” Ach biodh fios agad, gu bheil tuilleadh na sin uile agad, oighreachd mu nach ‘eil thu a’ smuaineachadh; is leanabh feirge thu, oighre air ifrinn. Is oighreachd sin a mhaireas maillle riut, am meàsg na h-uile caochladh a ta anns an t-saoghal, co fada ‘sa mhaireas tu ann ad staid neo-iompaichte. An uair a dh’fhàgas tu do mhaoin do mhuinntir eile, theid an oighreachd so maillle riut féin gu saoghal eile. Cha ‘n ioghnadh ged tha damh air son marbhaidh air a bhiathadh gu reamhar, agus nach ‘eil e saoithreachaidh mar dhaimh eile, Iob xxi. 30. “Tha na h-aingidh air an gleidheadh chum là an sgrios: bheirear a nach iad chum là na feirge.” Air an aobhar sin, “Dean gairdeachas, agus deanadh do chridhe subhach thu, siubhail ann an slighibh do chridhe, agus ann an sealladh do shùl;” eath do bheatha os ceann achmhasain agus rabhainne o fhocal Dhé; nochd thu fèin a’ d’ duine aig am bheil spiorad treun le eagal Dhé a thileadh dhiot! dean fanoid air nithibbh spioradail; eaithe do bheatha cosmhuil riut féin, a’ d’ leanabh feirge, a’ d’ oighre air ifrinn. “Ach biodh fhios agad, air an son so uile gu’n toir Dia chum breitheanas thu,” Eccles. xi. 9. Bi cinnteach duit féin, gu ‘n tig do bhriseadh ullamh gu h-obann, an tiota. Isa. xxx. 13. “Oir mar fhuaim droighnich fuidh phoit, mar sin tha gàire an amadain,” Eccles. vii. 6. Tha’n lasair sgiamhach, agus an fhuaim mhòr a tha iad a’ deanamh, a’ dol thairis gu h-ealaìmh; mar sin bithidh do shubhachas! agus o an sin, ni ‘n fhearg sin a tha nis a’ dol a sios gu sàmhachd t’anam fuaim eagalach!
-
Is an-aoibhinn dasan, a ta cosmhuil ri Moab “ann an suaimhneas o ‘oige,” Ier. xlviij. 11. agus nach fhaca riamh neul dubh na feirge an crochadh os a cheann. Tha moran ann “air nach ‘eil atharrachadh, uime sin, cha’n ‘eil eagal Dé orra,” Salm lv. 19. Chaith iad am béatha ann an deadh chreidimh, mar a deir iad ris, fad an laithean uile; sin ri ràdh, cha robh riamh comas aca droch iomradh a chreidsinn mu staid an anama. Tha moran ann a thainig a dh’ ionnsuidh na diadhachd aca gu ro-fhurasda; agus mar thainig i gu h-eutrom d’ an ionnsuidh, mar sin falbhaidh i uatha, ‘nuair tha’n deuchainn a’ teachd. Am bheil sibh a’ smuaineachadh gu’n teich daoine o fheirg le bruadar maidinn? No ‘n teich iad o’n fheirg nach fhaca iad riamh g’ an ruagadh?
-
Na biodh iongantas oirbh, ma chi sibh neach ann an cruaidh-chàs mòr mu staid anama, leis am bu ghnà uair eigin bhi suilbhir, agus co beag curam mu shlainte, ri aon d’a choimbearnaich. An urrainn neach beachd ceart fhaotainn deth féin, mar ann an staid feirge, agus gun a bhi air a lot le cràdh, uamhasan agus mor-churam? ‘Nuair tha cudthrom os ceann neart neach ‘na luidh air, agus e ‘na aonar, cha’n urrainn e lamh no cas a ghlusad: Ach ‘nuair a thig aon ‘ga togail dheth, ni e strì gu faotainn saor uaipé. Ni fuaim tairneanaich feirge focail Dhé, air a thoirt a steach do’n anam le Spiorad an Tighearn an duine gu cinnteach a chumail ‘na dhusgadh.
San àite mu dheireadh,
Cha’n ionantach fearg a theachd air eaglaisibh agus air cinnich, agus oirnne anns an tir so; agus gu mothach no cìochrain agus a’ ehlann gun bhreith fathast, a buille Tha chuid is mò do ‘n ghinealach a ta lathair, fathas ‘nan cloinn feirge. Is teare iad a tha teicheadh uaipé, na’ gabhail rathaid gu bácaidh; ach tha gach inbhe do dhaoine ‘ga cuideachadh air a h-aghaidh! Chuir na h-Iudhaich eul ri Criosd, agus tha’n clann a’ fulang buillean na feirge na sè ceud deug bliadhna so chaidh seachad! gu’n deonaicheadh Dia nach bi an droch lùigheachd a ta air a tabhairt do Chriosd agus d’a shoisgeul leis a’ ghinealach so, air a leantuin le feirg air na linnibh a ta ri teachd.
Feum.
(2.) A chum earail. Agus an so, 1. Bheir mi focal aithghearr dhoibh-san a ta fathast ann an staid neo-iompaichte. 2. Dhoibh-san a ta air an tabhairt a mach aisde. 3. Do gach uile measg a cheile.
Ri leantuin.