Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1932 » November 1932 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

CEANN II.

TRUAIGHE STAID NADUIR AN DUINE.

(Continued from page 274.)

  1. Dhuibh-sa a ta fathast ann an staid neo-iompaichte sheir-minn a’ chaismeachd; agus bheirinn rabhadh dhuibh gu sealltainn ribh féin, am feadh fathast a ta earbsa ann! sibhs’ a’ chlann feirge! na gabhaidh fois ann an staid thruaigh so; ach teichibh a chum Iosa Criosd, an aon didein. Deanaibh cabbag agus teichibh d’a ionnsuidh! Tha staid na feirge ‘na h-aite comhnuidh ro theith gu mairsinn innte, Micah ii. 10. “Eiribh agus imichibh, oir cha’n i so ‘ur comhnuidh.” O pheacaich! am bheil fhis agad e’ ait am bheil thu? Am bheil thu faicinn do chunnart? Chaidh am mallachd a stigh gu t’anam. Is i farg do thrusgan. Tha na neamha a’ fàs ni’s dhuibhe ‘s ni’s duibhe os do cheann. Tha’n talamh sgìth dhiot. Tha’n slochd a’ fosgladh a beoil air do shon! agus nam biodh snathain do bheatha air a ghearradh air an àm so, tha thu gu ‘n dochas o so a nach gu siorruidh. A chuideachd, nam faiceamaid sibh a’ eur eupain do phuinnsein ri ‘r beul, nach ruitheamaid agus nach spionamaid as ‘ur lamhan e. Nam faiceamaid an tigh r’a theine nu’n cuairt duibh, ‘nuair a bha sibh ‘nur trom-chadal a stigh, ruitheamaid d’ ur n-ionnsuidh agus spionamaid a mach sibh as. Ach, mo thruaighe tha sibh deich mìle uair ann an tuilleadh cunnairt. Gidheadh cha’n urrainn sinne tuilleadh a dheanamh ach ‘ur cunnart innseadh dhuibh; cuireadh a thabhairt, earail, tagar, agus guidhe oirbhe, gu’n amhairceadh sibh ribh féin; agus bròn a dheanamh air son ‘ur dìth-mothachaidh agus rag-mhuinealais, ‘nuair nach urrainn sinn a thoirt oirbh rabhdh a ghabhail. Mur biodh dochas air son ‘ur leigheis, bhiodhmaid ‘nur tosd, agus cha phiannadh sinn sibh roimh an àm. Ach ged a tha sibh caillte agus ar ‘ur ditheachadh, tha dochas ann an Israel do thaobh an ni so. Uime sin, eigheam ribhse, ann an ainm an Tighearn, agus ann am briathraibh an Fhàidh Sech. ix. 12. “Pillibh gu Iosa Criosd, a mach á staid so ‘ur naduir.

Brosnuachadh. 1. Am feadh ‘sa tha sibh anns an staid so, is eigin duibh seasamh no tuiteam a reir an lagha, no coimhcheangal nan oibre. Nan tuigeadh sibh so gu ceart, rachadh e tre ‘ur eridheachan mar mhiltibh do shaighdean. B’ fhearr do neach a bhi ‘na thraill do na Turaich, fuidh bhinn a bhi air a chur do shoithichean ramhach, no fuidh dhaorsa do na h-Eiptich, na bhi fuidh choimhcheangal nan oibre a nis. Bha’n cinne-daonna uile air an tabhairt fuidhe ann an Adhamh, mar a chuala sinn roimhe: agus tha thusa, a’ d’ staid neo-iompaichte, fathast far an d’ fhàg Adhamh thu. Is fior, gu bheil coimhcheangal eile air a thoirt a stigh; ach ciod sin duitse, nach ‘eil fathast air do thabhairt d’ a ionnsuidh? Is eiginn duit a bhi fuidh aon de ‘n dà choimhcheangal sin; an dara cuid fuidh ‘n lagh, no fuidh ghràs. Tha ‘n uachdranaechd a th’ aig do pheacadh os do cheann, a’ taisbeanadh gu soilleir nach ‘eil thu fuidh ghràs; tha thu uime sin, fuidh an lagh, Rom. vi. 14. Na bi smuaineachadh gu ‘n do chuir Dia a thaobh an ceud choimhcheangal, (Mat. v. 17. 18.; Gal. iii. 10.) Cha do chuir, “Ardaichidh e an lagh, agus cuiridh e urram air.” Tha e air a bhriseadh gun amharus air do thaobhsa; ach is amaideach a bhi smuaineachadh, gu bheil thu uime sin air d’fhuasgladh uaithe: Cha’n ‘eil, is eiginn duit seasamh no tuiteam leis, gus an urrainn thu do shaorsa a thaisbeanadh o Dhia féin, an Ti as fear-tagraidh anns a’ choimhcheangal sin; agus so cha’n urrainn thu’ dheanamh, a chionn nach ‘eil thu ann an Criosd.

A nis, a chum beachd a thoirt duibh air ‘ur truaighe, anns a’ chor so, thugaibh fa’near na nithe so a leanas; (1.) Le so tha sibh air ‘ur ceangal thairis do bhàis, a thaobh bagraidh a’ bhàis anns a’ choimhcheangal sin, Gen. ii. 17. Air do ‘n chumha bhi air a bhriseadh, tha sibh buailteach do ‘n pheanas. Mar sin tha e ‘gur fàgail fuidh fheirg. (2.) Cha’n ‘eil slàint air son fuidh’n choimhcheangal so, ach air chumha a ta neo-chomasach dhuibhse choimhlionadh. Is eigin do cheartas Dhé dioladh fhaotainn air son na h-eucoir a rinn sibh cheana. Sgrìobh Dia an fhirinn so ann an litrichean mòra fola a Mhic féin. Seadh, agus is eigin duibh umhlachd iomlan a thabhairt do ‘n lagh ‘san àm ri teachd. Mar sin a deir an lagh, Gal. iii. 12. “An duine a ni iad gheibh e beatha annta.” Thig ma ta, O pheacaich! feuch an dean thu fàradh leis an ruig thu gu righ-chaithir Dhé. Sin a mach do ghairean, agus feuch ma ‘s urrainn dhuit itealaich air sgiathaibh na gaoithe, greim a ghabhail air na neoil, agus dol a steach troimh na neamha faicsinneach sin! agus an deigh sin gu ‘n streap sibh, no gu ‘m bris sibh troimh bhallachan iaspeir na caitheach a’s àirde: Ni thu na nithe sin cho luath ‘s a ruigeas tu neamh ann ad staid nàdurra, no fuidh ‘n choimhcheangal so. (3.) Cha’n ‘eil maitheanas fuidh ‘n choimhcheangal so. Is e maitheanas sochair a bhuineas do choimhcheangal eile, ris nach ‘eil gnothuch ‘sam bith agadsa; Gniomh. xiii. 39. “Agus trid-san a ta gach neach a chreideas air a shaoradh o na h-uile nithibh o nach ‘eil e ‘n comas duibh bhi air fhìreanachadh le lagh Mhaois.” Air do shonsa, tha thu ann an làmha fir-féich an-iochdmhor, a bheireas air scornan ort, ag ràdh, “Ioc dhomh na bheil agam ort!” agus tilgidh e ann am priosan thu, gu fantuinn an sin gus an ioc thu an fheòirling dheireannach; mur bi thu co glice as gu ‘m faigh thu urras ann an àm a ta comasach air freagradh air son t’ uile fhiacha, agus air saorsa thabhairt dhuit. Is e Iosa Criosd a mhàin as urrainn so a dheanamh. Tha thu fantuinn fuidh ‘n choimhcheangal so, agus tha thu tagradh: Ach ciod an steidh air am bheil thu tagradh? Cha’n ‘eil aon ghealladh air tròcair no air maitheanas anns a’ choimhcheangal sin. Am bheil thu tagradh tròcair air sgàth tròcair? Thig ceartas a steach eadar thusa agus tròcair; agus tagraidh e bagradh bristidh coimhcheangail Dhé, nach fheudar aicheadh, (4.) Cha’n ‘eil àite air son aithreachais anns a’ choimhcheangal so, as urrainn còmhnaidh a dheanamh ris a’ pheacach. Oir co luath ‘sa pheacaicheas tu, tha ‘n lagh a’ leagail a mhallaichd ort, a tha mar chudthrom marbh nach urrainn thu air sheòl sam bith a thilgeadh dhiot; cha ‘n urrainn, ged a bhiodh do cheann ‘na uisgeachan, agus do shùilean ‘nan tobraichean deòir, a’ gul a là agus a dh’ oidche air son do pheacaidh. Is e sin “an ni nach robh an comas do ‘n lagh a dheanamh do bhrìgh gu robh e anfhann tre ‘n fheòil, Rom. viii. 3. A nis tha thu a’ d’ Esau mi-naomha eile, a reic am beannachd; agus cha’n ‘eil àit aithreachais ged dh’iarra tu e gu dùrachdach le deuraibh, am feadh ‘sa ta thu fuidh ‘n choimhcheangal sin. (5.) Cha ghabhar an toil an àit a’ ghniomh fuidh ‘n choimhcheangal so; ni nach d’ rinneadh air son deadh-thoil, ach deadh oibre, tha ‘m mearachd air a cheann so a’ sgrios mòran. Cha’n ‘eil iad ann an Criosd, ach tha iad a’ seasamh fuidh ‘n cheud choimhcheangal: agus gidheadh tagraidh iad an t-sochair so. Tha so dìreach mar gu’n deanadh aon feisd d’a theaghlach féin, agus an deigh dhoibh suidhe aig a’ bhòrd, gu’n tigeadh seirbhiseach duine eile a ruith air falbh o mhaighstir, gu h-an-dàna air aghaidh, agus gu’n suidheadh e ‘nam measg: Nach d’ thugadh maighstir na feisde achmhasan do ‘n choigreach sin, “a charaid, cionnus a thainig thusa steach an so?” Agus, a chionn nach buin e do ‘n teaghlach, àithnidh e dha falbh air ball. Ged a ghabhas maighstir ri deadh-thoil a leinibh féin air son a’ ghniomh, am feud seirbhiseach tuarasdail duil a bhi aige ris an t-sochair sin? (6.) Cha ‘n ‘eil gnòthuch agaibh ri Criosd, am feadh ‘sa tha sibh fuidh ‘n choimhcheangal so. Le lagh Dhé, cha’n urrainn bean a bhi pòsda ri dà fhear aig an aon àm: ‘s eigin an dara cuid gu’n dean bàs no litir-sgarachaidh an ceud phòsadh a sgaoileadh, mu’n urrainn dhi neach eile a phòsadh. Mar sin is eigin duinn a bhi air tús marbh do ‘n lagh, mu ‘n urrainn dhuinn a bhi air ar pòsadh ri Criosd, Rom. vii. 4. ‘Se ‘n lagh an ceud fhear-pòsda. Tha Iosa Criosd, an neach a thogas na mairbh, a’ pòsadh na bantraich, a bha ‘n deigh a cridhe bhriseadh agus a bhi air a marbhadh leis a’ cheud fhear-pòsda. Ach am feadh ‘sa tha’n t-anam anns an tigh maille ris a’ cheud fhear-pòsda, cha ‘n urrainn e dàimh-phòsaidh a thagradh ri Criosd; no sochairean coimhcheangail-pòsaidh, anns nach ‘eil e fathast air tionnsgnadh. Gal. v. 4: “Cha ‘n ‘eil tairbhe ‘sam bith ann an Criosd dhuibhse, a ta air bhur fìreanachadh tre ‘n lagh, thuit sibh o ghràs.” Is iad sìth, maitheanas, agus an leithide sin de shochairean, sochairean coimhcheangail nan gràs. Agus cha’n fheud sibh smuaineachadh air a bhi a’ seasamh a mach o Criosd agus o choimhcheangal a’ phòsaidh ris, agus a bhi fathast a’ tagradh nan sochairean sin; ni’s mò na dh’ fheudas bean aon duine a bhi tagradh sochair ceangal-pòsaidh a chaidh a dheanamh eadar duine eile agus a bhean féin. ‘San àite mu dheireadh, Faic an litir-sgarachaidh, a thugadh mach ann an cùirt nan nèamh, an aghaidh nan uile a ta fuidh choimhcheangal nan gnìomh, Gal. iv. 30. Cha bhi mac na banoglaich ‘na oighre maille ri mac na mnà saora. Coimeas ris a so rann 24. Cha ‘n fheud oighreachan na feirge a bhi ‘nan oighreachan glòire. Iadsan air am bheil cumhachd aig a’ cheud choimhcheangal gu am fògradh a mach á nèamh, cha ‘n urrainn an dara coimhcheangal an toirt a steach ann.

Cunntas. Cha ‘n ‘eil e air an aobhar sin comasach dhuinn a bhi air ar tèarnadh. Freagradh, Cha ‘n ‘eil, fhad ‘sa tha sibh anns an staid sin: Ach, nam b’ aill leibh a bhi mach as a’ chor uamhasach sin, greasaibh a mach as an staid sin. Ma bhios mort-fhear fuidh bhinne bàis, eadhon an taobh a stigh de ‘n rìoghachd, ruigidh an lagh air a bheatha; ach ma ‘s urrainn dha teicheadh, agus faotainn thar chuantaibh gu rìoghachd uachdaran eile cha’n urrainn ar lagh-ne ruigheachd air an sin. Is e so bu mhath leinn sibhse dheanamh: Teichibh a mach á rìoghachd an dorchadais, “gu rìoghachd Mhic a ghràidh-san; a mach á uachdaranachd an lagha, gu uachdaranachd a’ ghràis: an sin cha bhi uile mhallaichdean an lagha, no coimhcheangail nan gnìomh, comasach gu bràth air ruigheachd oirbh.

Brosnachadh 2. O sibhse chlann na feirge! Tha ‘ur staid truagh; oir chaill sibh Dia, agus is call do-labhairt sin! “Tha sibh as eugmhais Dhia anns an t-saoghal,” Eph. ii. 12. Ciod sam bith a dh’ fheudas sibh a ràdh as leibh féin, cha’n urrainn sibh a ràdh gur leibh Dia. Ma dh’ amhairceas sinn air an talamh, theagamh gur urrainn sibh innseadh dhuinn, gur leibh am fearann, an tigh, no an treud sprèidhe sin. Ach amhairceamaid suas ri nèamh, an leat an Dia, an gràs, agus a’ ghlòir sin? Gu cinnteach, cha’n ‘eil cuid no crannchur agad ‘s a’ chùis sin. ‘Nuair a tha Nebuchadnesar a’ labhairt mu bhailtibh agus mu rìoghachdaibh, O cia mòr-chuiseach a tha e labhairt. Babilon mhòr, a thog mise! mo chumhachd! mo mhòrachd. Ach tha e ‘g innseadh sgeula bochd, ‘n uair a tha e labhairt mu Dhia, ag ràdh, ‘ur Dia-sa! Dan. ii. 47. agus iv. 30. Mo thruaighe; a pheacaich, ciod ‘sam bith a th’ agad, dh’ imich Dia uait. Och thruaighe an anama a ta gun Dia. An do chaill thu Dia! Mu chaill, (1.) Dh’ fhalbh sùgh agus brìgh gach ni a th’ agad anns an t-saoghal! an duine gun Dia, ciod ‘sam bith a th’ aige, is aon e a ta falamh, Mat. xxv. 29. Bheir mi dùbhlan do’n duine neo-iompaichte, teachd gu sàsuchadh ‘anama, ciod ‘sam bith a ta e sealbhachadh, a chionn nach e Dia a Dhia-san. Fad uile làithean a bheatha, tha e ‘g itheadh ann an dorchadas: Anns na h-uile staid tha mi-thaitneas uaigneach a’ leantuinn a chridhe mar thanasg. Tha ni eiginn a dh’ easbhuidh air an anam, ged is math a dh’ fhaodadh, nach ‘eil fhios aige ciod e, agus mar sin bithidh e gu bràth, gus am pill an t-anam gu Dia, tobar an t-sòlais. (2.) Cha’n urrainn thu ni ceart ‘sam bith a dheanamh air do shon féin, oir dh’ imich Dia uait. “Dhealaich m’ anam uait,” Ier. vi. 8. cosmhuil ri cnàimh as an alt, do nach eil feum aig duine, mar a tha ‘m focal ann an sin a’ ciallachadh. Air dhuit Dia a chall, chaill thu tobar gach maith; agus le sin, gach uile ghràs, gach uile mhaitheas, agus uile fheartan tèarnadh an Spioraid. Ciod uime sin is urrainn thu ‘dheanamh? Ciod an toradh is urrainn dhuit a thoirt a mach ni’s mò na’s urrainn a’ gheug a ta air a gearradh o’n fhrèamh? Eoin xv. 5. “Dh’fhàs thu mi-tharbhach.” (Rom. iii. 13) mar ni salach breun, a mhàin ion-chuidh air son an òtraich. (3.) Thàinig am bàs an àird gu t’ uinneagan; seadh, agus shoirbhich e air t’ aghaidh. Oir tha Dia, “aig am bheil beatha ‘n a deadh-ghean,” (Salm xxx. 5.) air imeachd uait; agus mar sin dh’ imich anam t’ anama air falbh. Nach meall-bhreun an corp ‘n uair tha ‘n t-anam air falbh! Ni’s breine gu mòr na sin, tha t’ anam anns a’ chor so. Tha thu marbh am feadh a ta thu beò. Na h-aidich e, do bhrìgh gu bheil do chainnt air stad, gu bheil do shùilean air dùnadh, agus gach gluasad spioradail annad air sgur. Tha t’ fhìor-chàirdean a tha faicinn do staid ri bròn, a chionn gu’n d’ imich thu gus an fhearann thosdach. (4.) Cha’n ‘eil fìor-charaid agad am measg uile chreutairean Dhé; oir a nis air dhuit deadh-ghean a’ Mhaighstir a chall, tha’n teaghlach uile air èirigh a’ d’ aghaidh! Tha chogais ‘na namhaid dhuit: Cha labhair am focal gu bràth gu maith umad: Tha luchd-muinntir Dhé a’ gabhail gràin diot cho fhad ‘sa tha iad a’ faicinn an staid ‘sam bheil thu, (Salm xv. 22.). Tha fiadh-bheathaichean agus clachan na macharach ann an coimhcheangal a’ t’ aghaidh, Iob v. 23.; Hos. ii. 18. Tha do bhiadh, do dheoch, agus t’eudach a’ gearan air bhi seirbhiseachadh an tuathanaich a chaill Dia, agus a ta ‘g am mì-ghnàthachadh gu eas-onair a thoirt dha. Tha’n talamh ag osnaich fodhad; seadh, tha’n cruthachadh uile ag osnaich agus am pian a’ saothrachadh le chèile air do shonsa, agus air son do leithid, Rom. viii. 22. Cha bhi gnothuch ‘sam bith aig nèamh riut; oir, “Cha tèid air chor ‘sam bith a steach innte ni air bith a shalaicheas,” Taisbean. xxi. 27. “Tha mhàin ionad nam marbh air gluasad shios air do shon,” gu do choinneachadh aig do theachd, Isa. xiv. 9. ‘San àite mu dheireadh, Tha’n t-ifrinn air toiseachadh cheana. Ciod a ta deanamh ifrinn, ach a bhi air ar druideadh a mach o làthair Dhé? Imichibh uam a shluagh malluichte! A nis dh’ imich sibh o Dhia cheana, leis a’ mhallaichd oirbh! An ni sin a ta sibh a’ ròghnachadh a nis, is e a bhios ‘na pheanas duibh an deigh so mur pill sibh. Mar is i staid gràis, staid glòire ‘na ceud-thòiseach; mar sin is i staid gun ghràs, ifrinn ‘na ceud-thòiseach; ni, ma mhaireas i, a thig gu foirfeachd air a cheann mu dheireadh.

Ri leantuinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice