CEANN II. TRUAIGHE STAID NADUIR AN DUINE.
(Continued from page 317).
Sa’ cheathramh aite,
Bithibh iriosal, giulainibh siuil ional, imichibh gu foil uile bhliadhnaichan bhur bheatha. Na bithibh uaibhreach as bhur tiodhlacan, bhur gràsan, sochairean, no as na nithe gus an d’rainig sibh; ach cuimhnichibh gu’n robh sibh ‘nur cloinn feirge, eadhon mar chaeh. Tha pheueag ag imeachd gu mall a’ leagadh sios ‘iteagan lannaireach, an uair a ta e ‘g amharc air a chasan dubha. Seallaibhse ri slochd na h-uamha, o’n do ehladhaicheadh sibh, agus gluaisibh gu h-iriosal, mar a bhuneas do luchd-feiche saor-ghrais.
San aite mu dheireadh,
Bithibh gu h-iomlan air son bhur Tighearna. Tha e mar fhiachaibh air na h-uile mnaoi a bhi dleasdanach d’a fear; ach tha ise fo cheangal dubailte a thugadh o phriosan no o’n otrach. Mu shaor bhur Tighearna sibhse o fheirg, bu choir dhuibh air son a’ cheart aobhar sin, a bhi gu h-uile air a shonsan: a bhi ‘g oibreachadh air a shon, a bhi fulang air a shon, agus a bhi deanamh ciod air bith a ghaireas e sibh gu dheanamh. Cha’n ‘eil aobhar aig na naoimh a bhi gearan, mu’n erannehur anns an t-saoghail, ciod sam bith mar bhitheas e. ‘S maith a dh’ fheudas iad an crann-ceusaidh a ghiulan air a shonsan, leis an robh am mallachd air a thabhairt air falbh uapasan. Is maith a dh’fheudas iad feirg dhaoine a ghiulan, ‘na aobhar-san, a shaor iadsan o fheirg Dhé! agus dol gu misneachail do theine air a shonsan, leis am bheil teine ifrinn air a mhuchadh air an sonsan. Bha t’anam agus do chorp, agus gach ni bha agad san t-saoghail, uaireigin fo fheirg; thug e air falbh an fhearg sin: Nach bi na nithe sin uile chum a sheirbhis? Is ann air son Iosa Criosd, nach ‘eil t’anam air a chlaoidh le ferg Dhé; agus nach bi e air an aobhar sin, ‘na theampull d’a Spiorad? Is ann air a shonsan a mhàin, nach ‘eil do chridhe air a lionadh le h-uamhunn agus eu-dochas! Cò dha, air an aobhar sin, d’am bu enoir dha bhi air a thoirt suas, ach dhasan ‘na aonar? Is ann a mhàin air son Iosa Criosd, nach ‘eil do shùilean air an cuibhreachadh le geimhlibh, dorchadais, do theanga a’ losgadh ann an teine ifrinn, agus do chasan a’ seasamh anns an loch a ta losgadh le teine agus pronnusc. Agus nach be na sùilean sin air an gnathachadh air a shon, na lamhan sin ag oibreachadh air a shon, an teanga sin a’ labhairt air a shon, agus na casan sin a’ ruidh gu luath air a ghnothuchibh-se. Dhasan a ta creidsin gu’n robh e ‘na leanabh feirge, eadhon mar chach, ach a ta nis air a shaoradh leis an Iosa bheannaichte, cha bhi ni sam bith tuilleadh is mor, r’a dheanamh no r’a fhulang air son Fhear-saoraiddh, ‘nuair a bhios gairm shoilleir aige gu dheanamh.
III. Gu co-dhunadh, le fócal do gach uile:
Na smuainicheadh neach sam bith gu suarach mu’n pheacadh, a ta fàgail a’ pheacaich buailteach do fheirg Dhé. Na biodh peacadh ‘ur nàduir, a cheangail cuing feirge Dhé co moch mu’r muineil na ni beag ‘nur suilibh. Biodh eagal an Tighearn oirbh, do bhrìgh ‘fheirge uamhasaich. Criothnaichibh ri smuaineachadh air peacadh, an ni ris am bheil Dia ‘na leithid do fhearg-theinntich. Amh-aircibh air ‘fheirg, agus biodh eagal oirbh, agus na peacaichibh. Am bheil sibh a’ saoilsinn gur h-ann tha so gu’r tarruing gu eagal traileil? Nam biodh e mar sin, b’fhearr do neach a bhi ‘na thràill do Dhia le cridhe ball-chritheach, no bhi ‘na shaor dhuine do’n diabhal, le coguis loisgte agus cridhe Adameint: Ach cha’n ‘eil a’ chùis mar sin; feudaiddh sibh a ghradhachadh, agus mar so eagal a bhi oirbh mar an ceudna. Seadh, bu choir dhuibh e bhi oirbh, ged bu naoimh sibh do’n inbhe a’s airde. Faic Salm exix. Mat. x. 28. Luc. xli. 5. Eabh. xii. 28, 29. Ge do chaidh sibh thar doimhne mhor na feirge, air dhuibh a bhi ann an Iosa Criosed, gidheadh is reusanta gu’n eriothnaicheadh bhur eridheachan, ‘nuair a dh’ amhairceas sibh air bhur n-ais orra. Tha bhur peacadh fathast a’ toilltinn feirge, eadhon mar pheacanna chaich: agus b’ uamhasach a bhi ann an amhuinn theine, ged bha sinne le miorbhuil air ‘ur dion uaipe air a leithid do dhoig as nach b’ urrainn dhi dochann a dheanamh dhuinn.
Ri leantuin.