Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1933 » January 1933 » Searmon: “Mar sin thusa, a Mhic an duine, chuir mi thu mar fhear-faire chum tigh Israeil: uime sin eisdidh tu am focal o mo bheul-sa, agus bheir thu dhaibh rabhadh uamsa.” (Esec. xxxiii. 7), leis an Urr. Seumas MacLeod, Grianaiig

Searmon: “Mar sin thusa, a Mhic an duine, chuir mi thu mar fhear-faire chum tigh Israeil: uime sin eisdidh tu am focal o mo bheul-sa, agus bheir thu dhaibh rabhadh uamsa.” (Esec. xxxiii. 7), leis an Urr. Seumas MacLeod, Grianaiig

AIG an àm a chaidh Eseciel a thogail suas gu bhi ‘na fhàidh o Dhia dha eaglais, bha aobhar an Tighearna ro ìosal air an talamh. Bha cumhachdan an dorchadais cho soilleir an am beò-ehleachdadh, agus gur ann a dh’ fhaodadh e bhi air a ràdh gu robh an saoghal uile ‘na laighe ‘san ole. Gidheadh cha d’ fhàg an Tì a’s ro àirde e fhèin gun fhanuis, a bha mar shalann agus mar sholus do’n ghinealach anns an robh iad beò. Tha e soilleir gu leòir gur ann tha sùil Dhé air a shluagh mar a chì sinn an eachdraidh Lot, ged bha e air a chuartachadh le muintir Shodoim agus Ghomòrrah. Chi sinn o eachdraidh an duine bheannaichte a bh’ann sin nach gabhadh Sodom agus Gomòrrah fhèin a bhi air an sgrios gus an robh leanabh Dhé air a ghiùlain a mach bho’n léir-sgrios a thàinig orrasan. Tha na déileigean ceudna againn ri fhaicinn an làithean Noah ann an sgrios an t-seann t-saoghail.

An déidh do’n eaglais a bhi air a suidheachadh ann an reachdan, orduighean, agus riaghailt aoraidh Dhé do’n eaglais ann an tìr Chànaain, tha sinn a’ leughadh gu’n do bhagair Dia tre òglach Maois, agus seirbhisich dhileas eile a bha air an togail as a dhéidh, nan dealaicheadh iadsan ris na laghannan agus na reachdan matha a thug e dhaibh, gur ann a bhiodh iad air an atharrachadh le làmh an naimhdean as an tìr féin, a dh’ ionnsuidh tìr choimhich, mar a thachair gu soilleir, ‘s a chaidh a choimhlionadh cho iomlan, ‘nuair a bha iad air an toirt am braighdeanas gu ruige tìr Bhàbiloim.

Gidheadh mar a chaidh a ràdh cheana cha do dh’ flàg E E féin gun fhiannuis. Bha a chuid Dhàniel, Shadraich, Mhesech agus Abed-nego aige anns an linn ro-cheannairceach agus dhorchà anns an robh iad air an giùlan gu ruige a’ bhraighdeanas.

Bidh sinn airson teare bheag de dh’ùine a’ gabhail beachd.

I. Air an fhear-fhaire.
II. Am fear-faire a bhi air a chuir gu tigh Israeil.
III. Dh’ fheumadh am fear-faire eisdeachd ris an fhocal o bheul an Tighearna.
IV. Agus rabhadh a thoirt dhaibh a réir focal an Tighearna.

I. Am fear-faire.

Tha am focal so fear-faire a’ gabhail a stigh ‘na innibh féin, gur e tha an so neach a tha ‘na dhùisg. Chan’e nach fhaod daoinn a bhi ‘nan dùisg gu litireil, sùilean an cinn a bhi làn-fhosgailte agus suilean an inntinn a bhi mar an ceudna fosgailte, agus a bhi luaineach gu leòir, agus gidheadh an spioradan a bhi cho marbh, thaobh nithean Dhé, ri aon de ainmhidhean an t-sléibhe. Feumaidh so a bhi fior a thaobh fear-faire a bhi an suidheachadh ‘sam bith no anns an tomhas a’s lugha, cosmhuil ris mar a bha seirbhisach Dhé, Eseciel, am fàidh. Gu’m bi an neach a bhios mar so anns a’ cheud àite, air a ghairm gu h-eifeachdach leis an Spiorad Naomha, air a shaoradh o chumbachd an dorchadais, air fhireanachadh gu saor tre ghràs Dhé, agus air uehd-mhacachadh a stigh gu ruige teaghlach Dhé. Tha so fior a thaobh a h-uile duine de teaghlach Dhé, ach chan’ eil sinn a’ tuigsinn bho’n sin gu bheil a h-uile duine de chlann Dhé air an cur air leth gu bhi ‘nan luchd-faire thairis air treud Dhé mar a bha Eseciel agus feadhainn eile.

Ach tha e ri thuigsinn agus ri chreidsinn nach b’urrainn neach ‘sam bith bhi ‘na fhear-faire thairis air eaglais Dhé mur d’ ràinig a’ ghairm eifeachdach agus uehd-mhacachd clann Dhé air féin an toiseach. Cha robh na daoine a bh’ann sin a’ ruith gus an robh iad air an cur a mach le Dia, mar a leughas sinn gu soilleir ann an eachdraidh beatha Mhaois, Isaias, agus Ieremiah. ‘S ann a chì sinn iad a’ gabhail leithsguelan ann an làthair Dhé airson nach biodh iadsan air an deanamh ‘nan luchd-faire a rachadh a mach “mar ghabharaibh firionn air toiseach nan treudan.” Tha sinn a’ tighinn a dh’ ionnsuidh a’ chomh-dhùnaidh, mar sin, gur e Dia tha eur air leth an luchd-faire. Tha e soilleir mar an ceudna gu femmadh am fear-faire tomhasan àraidh dhe’n Spiorad Naomha agus de chleachdaidhean gràs Dhé, ma’s b’urrainn neach ‘sam bith bhi ‘na fhàidh no ‘na abstol, ‘no ‘na aodhaire ann an eaglais Dhé air thalamh.

Tha aig an fhear fhaire bhi mach a latha agus a dh’ oidheche le ‘shuil fhosgailte air cuilbheartan agus innleachdan an t-Shàtain, agus an saoghal a tha ‘na laighe anns an ole. Chane obair fhrasda a tha ann, ach ni tha anabarrach uile gu léir duilich a tha ag agradh eruadail, gliocais, disleachd agus treibhdhireis diadhaidh air taobh gloir Dhé agus mar an ceudna air taobh anaman prìseil neo-bhàsmhor. Mar am faiceadh am fear-faire an luach neo-chriochnach a tha ann an gloir a’ Chruithfhir anns an fhoillseachadh a thug e air fhéin ‘na lagh naomha agus anns an t-soisgeul shiorruidh, ciamar a b’urrainn cùram a bhi air a thaobh glòir an Tighearna; agus a ris; mar a faiceadh am fear-faire an luach a bh’ann an anaman neo-bhàsmhor cha b’urrainn dha suim na gràdh a bhi aige dhaibh, agus ‘s ann a bhiodh e coma dè dh eireadh do dh’ anaman priseil ann an tìm no airson siorruidheachd mhór.

Tha an t Abstal Pòl ag ràdh ri Timoteus, a chuid a bhi aige de dh’ àmhgharaibh an t-soisgeil, ach mur a biodh Timoteus dìleas dha’n t-soisgeul, do ghloir Dhé, ‘s do anaman dhaoine, chan ‘urrainn dhuinn a’ gabhail a’ stigh gu’m biodh a’ chuid aige de dh’amhgharaibh an t-soisgeil.

II. Am fear-faire a bhi air a chuir gu tigh Israeil.

Tha tigh Israeil ann an so, a’ gabhail a stigh eaglais Dhé air thalamh. Mar a biodh sluagh aig Dia air thalamh, cha bhiodh aobhar ‘sam bith air fear-faire a bhi ann nì’s mó. ‘S ann airson beathachadh treud Dhé a cheannaich Criosda le ‘fhuil a tha fear-faire ann. Bha Israeil ri tilleadh a mach ás a’ bhraighdeanas a’ dh’ionnsuidh an robh iad air an giùlain air falbh, tre’n ceannaire agus an iodhal-aoraiddh ain-diadhaidh an aghaidh reachdan naomha tigh Dhé.

‘Nuair a thàinig àm Dhé gu iad a bli air am pilleadh “mar shruth ‘san àirde deas” bha fear-faire air ullachadh le Dia agus air a chur d’an ionnsuidh, chum ‘s gu labhradh e riutha o bheul an Tighearna. Chan urrainn sinn a ràdh robh fàidhean bréige lionmhor aig an àm so, ach mar an robh bha iad aig àmannan eile, mar a tha iad anns an latha anns an d’ fhuair sinn fhéin ar cuibhrionn air an talamh.

III. Dh’ fheumadh am fear-faire éisdeachd ris an fhocal o bheul an Tighearna.

Tha so a’ deanamh eadar-dhealachadh soilleir eadar luchd-faire Dhé air ballachan nighean Shioin, agus an dream a tha ag aideachadh a bhi ‘nan luchd-faire, ach a tha dearbhadh gu soilleir, nach e focal Dhé tha ‘na riaghailt dha’n teagasg no dha’n cleachdaidhean anns an t-saoighal. Thubhairt Ceann na h-Eaglaise ‘gur ann air an toradh a bhiodh iad air a f’aithreachadh. Tha moran eheudan de mhinistearan ann an Alba aig am bheil an aidmheil, a thaobh an dreuchd, gur iad fhéin seirbhisich Chriosda, ach a tha dearbhadh gu soilleir nach ‘eil iad ag éisdeachd ri focal an Tighearna, oir ‘s ann a tha iad a ‘meas gur e am beachdan ‘s am briathran agus an gníomharan féin, an riaghailt a’s áirde agus an t-úghdarras as mothá as urrainn a bhi aca.

Ri leantuinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice