Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1933 » February 1933 » II

II

“Mar sin thusa, a Mhic an duine, chuir mi thu mar fhear-faire chum tigh Israël: uime sin eisdidh tu am focal o mo bheul-sa, agus bheir thu dhaibh rabhadh uamsa” (Esee. xxxiii. 7).

CHUR Eaglais Shaor na h-Alba leis an Achd-mhìneachaidh, focal an Tighearna an darna taobh anns a’ bhliadhna 1892. Rinn Eaglais Stéidhichte na h-Alba an dearbh cheum a ghabhail ann a bhi a’ dealachadh agus ag eur uaipe Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh, a bha ‘na puincean, ‘s na theagasgan air a bhonntachadh air Sgriobtuirean an t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh. Air an aobhar sin, cha b’urrainn i ladarnas a ghabhail orra a ràdh gur e Sgriobtuirean an t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh an aon riaghailt a tha aice gu seòladh ann an aoradh Dhé. Co-cheangailte ris an nì tha sinn ag ràdh tha na briathran a tha ann so bho chionn ùine, ann am faidhaidaireachd an fhàidh Hosea ag eirigh suas an dràsda agus a ris ri aghaidh ar n-inntinn ‘n uair a bhios sinn a’ gabhail beachd air cho fada agus a dh’ fhalbh sluagh Alba bho Sgriobtuirean an t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh a thaobh creud ‘s cleachdaidhean. Tha na briathran anns an dara caibdeil agus an darra rann agus an treas rann. “Tagraibh ri ar mathair, tagraibh; oir chan i mo bhean-sa, nì-mo is mise a fear-sa: cuireadh i air falbh uime sin a striopachas as a sealladh agus a h-adhaltranas o h-uchd; air eagal gu ruig mise i lomnochd, agus gu’n cuir mi i mar anns an latha anns an d’ rugadh i, agus gu’n dean mi i mar fhàsach agus gu fàg mi i mar fhearann tioram, agus gu marbh mi i le tart.” Tha e soilleir gu leòir dha’n a h-uile fear-faire a chaidh a chur a mach ann an Alba anns a’ ghinealach a tha ann so, gu bheil Eaglais na h-Alba anns an dearbh shuidheachadh anns an robh an Eaglais an làithean Hosea am fàidh, agus sin do bhrigh gu’n do thréig i reachdan Dhé. Cha’n éisd sluagh an fhearainn so an diugh ri focal an-Tighearna, aon chuid am bagradh, an cuireadh, no gealladh agus is nì ro-bhrònach agus cràiteach sin ri ‘uaidh. Tha e air a ràdh le cuid mhinistarean nach do threig iadsan nì ‘sam bith dhe na bh’aig na h-athraichean, thaobh creud, aidmheil teagasg, no cleachdadh. Tha sluagh air an dalladh ‘s air am mealladh air chor as gur h-ann ri mac-meannhainn nan daoine tha an sin ris an éisd iad. Chan ‘urrainn dhuinne a gabhail a stigh gu bheil aon mhinisteir dileas nam measg air am bheil eagal Dhé, ‘s aig am bheil suim da ghloir, ‘fhocal, agus anaman dhaoine. Ma tha a leithid de neach ann, chan ‘eil e r’a chluinntinn gu follaiseach a’ togail fianuis an aghaidh an striopachais uamhsaich air an deach an eaglais a bha sin air seacharan. ‘S ann a tha i ag ràdh, “théid mi an déidh mo luchdgaol, eumaidh mi co-chomunn ri Eaglais Easbuigheach nan Sasunnach, a tha an comh-bhuinn ris an t striopaich mhór Bàbiloìn, Eaglais na Ròimh.

Tha ministearan Eaglais Alba ann an Gaidhealtaichd na h-Alba agus an Eileanan na h-Iar na h-Alba, a’ seirm an cluasan an t-sluagh a tha ‘gan leantuin gu bheil acasan Biobull nan athraichean, beachdan, creud, teagasgan agus cleachdaidhean nan daoine diadhaidh a bha air thoiseach orra. Tha iad mar sin, le sodal agus teagasgan mealltach, an déidh an sluagh a dhalladh ‘s a mhealladh air a leithid a’ dhòigh ‘s na’n cluinneadh an sluagh sin an diugh, teagasgan firinneach, fallain neo-thimchioll-ghearrta, neo-mhearachdach focal Dhé gu’m biodh e buailteach dhaibh a ràdh gur ann a bha fear-faire, an tomhas mór, an déidh a chiall reusonta a chall.

Tha e air aithris gu minic fhathast ‘nam measg, gu bheil Eaglais na h-Alba cho stéidhichte ‘s cho do-ghluasaichte agus a bha i, mar a bha i air a suidheachadh ann an 1690, agus a ris ann an 1707 mar Eaglais Stéidhichte na h-Alba, le Biobull iomlan, le leabhar Aidmheil a’ Chreidimh agus Leabhar Mór is Aithghearra nan Ceisd. Ach ‘s e tha sin aon de chuilbheirtean an diabhuil airson a bhi mealladh an t-sluagh agus airson a bhi ‘gan daigneachadh ann an ceuman dorcha an iodhal-aoraidh na ‘s mó agus na ‘s mó. Tha an suidheachadh gu bheil sinn air teachd cho ìosal agus nach ‘eil fhios aig an t-sluagh an diugh co ris a dh’ éisdeas iad. Tha Focal an Tighearna mar leabhar air a sheulaich. Tha Spiorad Naomha air a bhrosnachadh agus campar air a chur air—tha sin ag aobhrachadh dorchadas intinnean dhaoine a bhi fàs na’s truime agus na ‘s truime. ‘S ann a gheibhear a ris am ministear ‘s an t-eildear ‘nam piòpairean ‘s ‘nan dannsairean, air ceann nan comunnan a ‘s diomhaire, chum a bhi eur air adhart, agus a’ cumail suas rioghachd an dorchadais ‘na cleachdaidhean aindiadhaidh. Ach ‘nuair a chuireas Dia a mach luchd-faire, éisdidh iad ri focal an Tighearna, agus ‘nuair a chì iad an claidheamh a’ tighinn air dùthaich, bheir iad rabhadh do ‘n t-sluagh bho bheul an Tighearna, agus abraidh iad ris an aingidh: “O dhàine aingidh, gheibh thu gu deimhin bàs, mar a pill thu o t’ shlighe aingidh.” Mar faigh an t-aingidh truagh rabhadh, bàsaichidh e ‘na aingidheachd, ach iarraidh Dia aig latha a’ Bhreitheanais, fuil an aingidh ann an sgiortan an fear-fhaire nach toir rabhadh do’n aingidh chum pilltinn o dhroch shlighe, chum agus gu mairiceadh e beò, agus mar a pill e, agus gu’n téid e air adhart ‘na aingidheachd, cha bhi ‘fhuil air iarraidh air an fhear-fhaire. Tha an duine gu nàdurra ag iarraidh fois agus fasgadh bho sgéith mholaichte na feòla. Chan’ eil e airson gu’n cluinn e teagasg no gu’m faigh e rabhadh ‘sam bith a chuireadh an gluasad as lugha air a chogais-nàdurra. Ach chan fhaod focal an Tighearna bhi air a chumail air ais airson dé an dragh a dheanadh e, na chuireadh e, air cogais duine neo-iompaichte, oir ‘s ann a tha e sgrìobhte, “gur mallaichte an neach a chumadh a chlaidheamh air ais o fhuil.”

Bha e bitheanta tachairt gur e na rabhaidhean, na cronaichean, agus na h-earailean bu ghéire bha air an gràthachadh le Spiorad Dhé chum peacaich chaillte bhioradh ‘nan cridhe, a bha toirt orra a bhi glaodhaich, “Fheara agus a bhraithrean, ciod a nì sinn chum agus gu’m bi sinn air ar teàrnadh.” Feumaidh sinne sinn fhéin bhi air ar grad-fhaiceall nach tig sinn gu bhi toirt cluas, no àite, do bhriathran sodalaich, neo-thimchioll-ghearrta dhaoine, “teagaisg dhuine nithean mìne,” oir ‘s e sin a tha an fheòil ag iarraidh agus chan ‘e naomhachd, ni as eugmhais nach fhaic neach air bith an Tighearna.

Tha feum aig an luchd-faire air claidheamh Spioraid Dhé, ni ‘s e focal Dhé, a bhi rùisgte air leisraibh an anam mar tha sinn a’ leughadh bha fior mu fir, threuna Sholaimh airson gàbhadh na h-oidheche.

Tha an t-Abstol Eoin ag ràdh, thug e tuigse dhuinn, agus tha sinn a’ breithneachadh bho’n sin gu bheil a bhi ag eisdeachd ri focal an Tighearna air a ghabhail a stigh anns an tuigse thug e dhaibh. Mur eil tuigse aig an fhear-fhaire air inntinn Dhé anns an fhocal, chan ‘urrainn e eisdeachd, oir chan ‘eil eisdeachd agus tuigse, dealaichte ri chéile anns a’ chuis tha so idir.

Anns a’ cheathramh àite dh’ fheumadh am fear-faire rabhadh a thoirt daibh a réir focal an Tighearna. Tha e air aithris gu minic ann am measg dhaoine, gu bheil pairt de dh’ fhirinn choitchionn a bhi air a labhairt mu dhéidhinn ni ‘sam bith na ‘s calltaich e agus na ‘s millte do chliù agus do ghniomharan dhaoine, na breug a bhi air a h-aithris, gun chòmhdach ‘sam bith a bhi orra, ach lom-rùisgte thaobh a gné ‘sa cleachdadh. ‘S e a’ bheachd blitheanta tha measg dhaoine, agus a chluinnear air a luaidh, nach ‘eil còir daoine a bhi air an cronachadh no air an earailachadh, agus an eunnartan a bhi air an toirt fo’n comhair ach a’ fàgail gu h-iomlan ‘nam beachdan ‘s ‘nan cleachdaidhean féin. Ach chan fhaod teachdairean Chriosda cluas no éisdeachd a thabhairt do chainnt ‘s do bheachdan cho neo-thimchioll-ghearrta, co dhìù dh’ eisdeas an sluagh riutha gus nach eisd.

Tha am fear-faire ri rabhadh a thoirt do’n t-sluagh ‘nuair a chì e an claidheamh a’ tighinn air an dùthaich, agus mur dean e sin bi fuil an t-sluagh air iarraidh air làmhan an fhear-fhaire aig latha mór a’ bhreitheanais. Nach eagalach e r’a smuaineachadh agus nach ‘eil e soilleir gu leòir a réir focal an Tighearna, gu’m bi e fior a thaobh moran dhaoine, a chaidh a mach ann an ainm Chriosda, gur ann a bhios e ag iarraidh aig an làmhan, fuil anaman nan daoine am measg an robh iad a’ teagasg air an talamh, agus sin airson nach do chuir iad an céill daibh uile chomhairle Dhé. Tha e mar fhiachan air seirbhisich Chriosd lagh naomha Dhé a shearmonachadh, toirmichean coimheangal nan gniomh, rinn Dia ris an duine anns an latha anns an do chruthich se e, a rannsachadh, a mhìneachadh agus a theagasg, aobharan tuiteam Adhaimh agus a shliochd ‘na leasraibh mar an ceudna a chur an céill ann an solus nan Sgriobtuirean Naomha. Tha peacaidhean gin, nàduir, agus gniomh ri bhi air an comharrachadh a mach, peacaidhean follaiseach ri bhi air an cronachadh gu geur gun chlaon-bhàigh ri neach seach a’ chéile, oir chan fhaod am fear-faire àite a thabhairt do fhuil no do fheòil gun ghnuis-bhreth bhi air a cleachdadh thaobh an Rìgh air an righ-chathair, daoine saoibhir, agus fòghlumte nan talmhainn, thaobh càirdean no daimhean, na thaobh an fheadhainn a’s isle am measg an t-sluagh. Tha sinn ag ràdh, mur searmaich am fear-faire eunnartan uamhasach do ‘n t-sluagh a bhuanaicheas anns a’ pheachadh, ‘s mur e cuir e uamhasan mallachdan lagh naomha Dhé a bhi ‘na laighe air anam an duine, fearg shiorruidh, corruich naomha Dhé ann an aghaidh peacaidh, bhi laisgte agus uallamh gu bhi air a taomadh air a h-uile anam a bhuanaicheas ‘na aingidheachd fad na linntean bith-bhuan ann an dorchadas iomallaich, ni a’s e an dara bàs. Am fear-faire nach fhaca agus nach ‘eil a’ faicinn claidheamh ceartais crochta os cionn dhaoine neo-iompaichte, chan ‘eil barrantas ‘sam bith aig an fhear-fhaire sin o fhocal an Tighearna gu’n do chuir Criosd riamh air leth e no mach e gu bhi ‘na fhear-faire dhasan. Tha, air an laimh eile, aig an fhear-fhaire ris an t-soisgeul shiorruidh a shearmonachadh a réir an fhoillseachaidh thug Dia air fhéin ‘na Mhac Iosa Criosda agus esan air a cheusadh ann am Focal firinn an t-soisgeil. Chan ‘e soisgeul fhaireachdainn fhéin, no bheachdan fhéin, a dh’ fheumas am fear-faire a chuir an céill do dh’ anaman dhaoine idir, ach soisgeul Dhé a mhàin, agus gach puing teagaisg bhi air an stéidheachadh air focal deachdte Dhé, air eagal gur ann a bhiodh am fear-faire toirt seachad do’n t-sluagh, a mac-meanmhainn féin an àite teagasgan neo-thuiteamach neo-mhearachdach focal Dhé. Agus a ris ‘s e obair an fhear-fhaire a bhi a’ cronachadh, ag earalachadh agus a’ beathachadh oighreachd bhochd Dhé, a cheannaich Criosd le ‘fhuil. Mur eil am fear-faire comasach ‘s mur aithne dha e, araon bainne fior-ghlan an fhocail dha uain an treud agus na biadhan a tha na ‘s treise airson bhi beathachadh treud Dhé, chan ‘eil aobhar no ùghdarras ‘sam bith aige tighinn a dh’ ionnsuidh comh-dhùnadh idir a réir focal an Tighearna, gu’n do chuir Criosda riamh a mach e. Ann an aon fhocal mur aithne dhà lagh no soisgeul a’ shearmonachadh do anaman dhaoine chan aoghaire do Chriosd e. Chan ‘eil e fior mu aoghairean Chriosd, ‘s cha robh ‘s cha bhi, a thaobh a h-uile teachdaire agus aoghaire a chuir e mach, gu’n b’ aithne dhaibh agus gur aithne dhaibh a réir an tomhas anns an do bhuiilich Criosd na tiodhlaicean orra, uile chomhairle Dhé chur an céill araon do ‘n aingidh agus do ‘n fhìrean.

Tha so a’ deanamh eadar-dhealachadh soilleir anns na h-uile linn is ginealach eadar aoghairean Chriosda agus daoine a ruith nach do chuir Chriosd riamh a mach. Bha fàidhean breuga am measg an t-sluagh, dh’ éirich mar an ceudna abstolan breugach, agus tha e soilleir gu leòir gu’n d’ éirich moran de mhinistearan breugach, agus de luchd-teagasg meallta, agus an àite rabhaidh a thoirt do ‘n t-sluagh, ‘nuair a chitheadh iad claidheamh a’ tighinn air dùthaich, ‘s ann a gheibhte iad aig altaran na h-aindiadhachd, aig a’ bhlàr dannsa ‘s aig a’ bhord-òil, aig an òran dhiamhain, agus a’ sanntachadh cuid an co-oinhearsnach. Tha aon de sheirbhisich Dhé ag ràdh nach ‘eil aon “ni nuadh fo’n ghréin.” O! cho soilleir agus a tha e an diugh, cho fior ghann ‘s tha fior theachdairean Chriosda an Alba, agus mar a dh’ fhaodas sinn a’ ràdh, air feadh an t-saoghail uile. Ach tha aobhar againn a bhi moladh Dhé gu’n do thog ‘s gu’n do chuir Criosda mach teachdairean ann an Alba anns na ginealaichean a dh’ fhalbh ‘bha toirt rabhaidh do ‘n t-sluagh o bheul an Tighearna, agus a bha comharrachadh a mach gu soilleir agus dìleas ‘nuair a chitheadh iad an claidheamh a’ tighinn air an dùthaich. Thug An t-Urramach Maighstir Mac Farlaine nach maireann rabhaidh shoilleir, dhìleas bho bheul an Tighearna do ‘n t-sluagh ‘nuair a chunnaic e claidheamh namhaid glòir Dhé, ‘fhocail, is anaman dhaoine bhi tighinn a stigh air an fhearann chum a bhi tionndadh na nithean bu ghlòirmhoire a bha am measg dhaoine a dh’ ionnsuidh luaithre. Bha e cho soilleir sin, gu’m b’ e Criosd chuir air leth agus a chuir a mach An t-Urramach Niall Camshron. Bha na daoine sin, ‘nan dreuchd, tré ghràs Dhé, dìleas a dh’ ionnsuidh a bhàis, ag eur an cèill uile chomhairle Dhé dha ‘n t-sluagh. O! cia cho tric agus a ghlaodh Maighstir Camshron urramach an claidheamh a bhi tighinn air an dùthaich, iodhal-aoraidh a bhi taomadh a stigh mar thuil, daoine a bhi treigsinn a’ chreidimh a chaidh a thoirt aon uair dha na naoimh, breugan, cùil-sleamhrachaidh, agus diomhanas mac-meanmhainn dhaoine, bhi air a chuir suas an àite focal Dhé. Tha aobhar againn a bhi taingeil, agus a bhi moladh Dhé gu robh a leithid de ghràdhach, dìleas, onarach dha ‘n dreuchd ‘s do anaman dhaoine. Tha e ‘na aobhar taingealachd is gàirdeachas gu bheil iad fathast ‘n ar measg mar Eaglais, tha leantuin ann an cas-cheumaibh an aoghairean a chaidh dhachaidh, mar a bha iadsan a’ leantuin Chriosda ‘na fhocal deachdte féin. Cumamaid gréim daingean air an ni sin a tha againn ann a bhi a’ guidhe agus ag aslaeachadh a ghràis gus an tig e ris ann an cumhachd ‘s an glòir an Spiorad Naomha ann am focal na firinn, a thogail suas aobhar a tha air tuiteam ro ìosal, anns an linn anns a bheil sinn air an talamh. ‘S eagalach an cunntas a bhios aig “Free Presbyterians” ri thoirt aig latha a’ bhreitheanais, ma ‘s e agus gu’n tréig iad aobhar Chriosda, agus gu falbh iad a dh’ ionnsuidh eaglaisean, ministearan, is coimhthionalan, a thréig an creidimh agus a tha ag eur cùl araon an cainnt ‘s an deachdaidhean ri focal neo-thuiteamach, neo-mhearachdach Dhé. AMEN.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice