Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1933 » March 1933 » Searmon

Searmon

le C. H. SPURGEON.

[R OIMH-RADH.—Bha an searmon a leanas air a sgriobhadh leis an Urramach C. H. Spurgeon. Tha ainm agus oibrichean an Urr. C. H. Spurgeon ainmeil air feadh an domhainn uile far am bheil Criosduidhean ag gabhail còmhnuidh. Ged nach ‘eil sinne ag gabhail ris na beachdan a bh’aig Maighstir Spurgeon a thaobh baistidh, agus mar an ceudna a thaobh riaghladh na h-eaglais fhaicsinnich, agus mar an ceudna ri cuid de na cleachdaidhean a bh’ aige anns an aoradh fhollaiseach, ‘se sin ri ràdh, ged nach robh e gnàthachadh inneal-cùil anns an aoradh, agus tha e soilleir gu robh e fada an aghaidh gu’m biodh iad air an gnàthachadh, aig àm ‘sam bith no an àite ‘sam bith ann an aoradh an Tiomnaidh Nuaidh; gidheadh bha e gnàthachadh hymns (laoidhean), chan e gu’n d’ fhiach e riamh ri fhireanachadh gu robh e ceart a bhi ag gnàthachadh hymns (laoidhean), ‘se aon leithsgeul a breithnich sinn riamh a b’urtainn e ‘ghabhail airson hymns a bhi aige ‘san aoradh, gur ann ris an ni a bha an sin a bha iadsan air an togail bho laithean an leanabanachd, ach mar a bha e fhèin ag ràdh, anns an t-searmon a leanas, a bhi toirt a’ mholl bho’n a’ chruthneachd, faodaidh sinne a’ ràdh ann a bhi a’ leigeil a’ chuid a chaidh ainmeachadh de ‘n a’ mholl leis a’ ghaoith gu robh an cruithneachd aig Maighstir Spurgeon cho glan an an tomhas mór ann an searmonachadh an t-soisgeil shiorruidh do dh’arraman dhaoine, ‘s a bha e air a chuir an céill anns an Roinn-Eórpa bho àm an Ath-leasachaidh. Cha cheisd ‘sam bith nach robh e air a theagasg gu soilleir, tuigse ghlán air a thoirt dhà agus breithneachadh fallain leis an Spiorad Naomha ann an Sgriobtuirean an t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh, agus ann an cleachdáidhean gràis ann an anaman sluagh Dhé—gu robh a shaothair air a h-aideachadh, ‘s air a beannachadh gu soilleir, cha ghabh e, ‘s cha’n fhaod e, bhi air àicheadh le neach ‘sam bith a dh’fhòghlum a’ ni a’s lugha de obair éifeachdach gràis Dhé ‘na anam féin. Bu ghaiseach treun e air taobh Chriosda. Bha e dìleas do dh’ anaman dhaoine ann a bhi cronachadh ‘s ag earaileachadh nan aingidh, a’ misneachadh, a’ treòrachadh ‘s a’ teagasg pobull an Tighearna; bha e deas fo àrmachd, gun eagal, gun fhiamh anns a’ chath, ann a bhi ‘cur dion ann an teagasg agus an cleachdadh air sgriobtuirean an t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh ‘nan iomlanachd naomha. Cha robh puine no earann, caibdeal no leabhar, a bha e smuaineachadh riamh, no thuirte nach bu chòir iad a bhi anns a’ Bhiobull. Cha do thog e teagamhan ann an inntinn a’ chomh-phéacaich gu robh earainnean anns a’ Bhiobull nach robh còir a bhi ann. Cha b’urrainn e bhi air a ràdh mu dheighinn-san gur e duine cumhang ‘na bheachdan, neo-fhòghlumte, agus gun bhreithneachadh, a bha ann. Chuir e cath math a’ chreidimh, ‘s cha cheisd nach d’ fhuair e crùn na beatha bho làmh a’ Bhreitheimh mhóir, ‘nuair a dhealaicheadh an t-anam prìseil ri tigh-talmhaidh a’ phalluinn so, aig latha a’ bhàis.—Seumas Macleoid, Grianraig.]

This Sermon was translated into Gaelic by the Rev. James Macleod, Greenock, and is printed by permission of the publishers, Marshall, Morgan & Scott, London.—Editor.

“Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tàbhail agus le cloich; agus bhuaile e am Philisteach, agus mharbh se e; ach cha robh claidheamh ann an làmh Dhaibhidh” (I. Sam. xvii. 50).

Paidhidh e do neach sealltuinn seachad air a’ chaibdeal so le faicill agus le aire. Thagh mi an earrainn a th’ann so airson feumalaichd, ach feumaidh mi an roimh-ràdh uile airson a’ chinn teagaig. Ma tha sibh nion-eòlach anns an eachdraidh, cha bhi feum ‘sam bith againn air roimh-ràdh no tòiseachadh aig an toiseach. Tòisichidh sinn air ball ann a bhi ag gabhail beachd air Daibhidh, agus a’ chomhstrì a bha eadar e féin agus Goliath agus a bhuaidh thairis air. Anns a’ cheud àite—mar shamhladh air an Tighearna Iosa Criosd, agus, anns an dara h-àite mar eisimpleir dhuinn féin, oir an ni tha ‘na shamhladh air a’ Cheann tha e do ghnàth an dhì-dhaimh ris na buill, Mar a tha na buill ann an corp diamhair Chriosda a nis, agus ann an iomlanachd na’s moth a dèidh so cosmhuil ris féin. Chan’eil ann ach smuain, as dèidh na h-uile, a bhios sinn a’ leantuinn a mach ann an beachd-smuaineachadh air na nithean a tha fo ar comhair.

1. Tha sinn a’ gairm bhrur n’aire a dh’ ionnsuidh an t-sar-bheachd gu’n robh Daibhidh anns a’ chuis so ‘na shamhladh air an Tighearna Iosa Criosd.

Bha na priomh-aithrichean anns an eaglais an toiseach glé mhór air an toirt thairis ann a bhi coimeasg samhladh nàdurra ri nithean spioradail. Bha iad gu dearbh eho làn de’n ni so ‘nam minichidhean agus chomionaideach a’ dol gu criochan chùisean, gur ann mu dheireadh thall a chaidh iad ro fhada agus thuit iad ann am faoineasan nearachdach. Tha Origen, mar shamhladh a chaidh anabarrach uile gu léir fada, ‘s nach gabh a bhi air altrum mar ni glic, a’ toirt eadar-mhineachadh spioradail de nithean a bha litireil. Agus muintir eile a chaidh na b’ fhaide na am maighstir mór aca (Origen) am beachdan dorchà, agus ann an ùine glé ghoirid a rinn call mór do eaglais Dhé, ann a bhi toirt fùrinnean luachmhor a dh’ ionnsuidh a bhi air an cur ann an teagamh. Ann a bhi a’ beachdachadh air samhlaichean an t-Seann Tiomnaidh cha d’ fluair iad an t-àite a bhuineas dhaibh o laithean nan daoinne sin le’n eud neo-ghlic ann a bhi a’ deanamh mi-fheum de na samhlaichean. Chan ‘urrainn dhuinne sinn fhéin a thoirt gu bhi smuaineachadh gu bheil ni math a stad a bhi na ni math airson a bhi air a thionndadh aig àmannan àraidh gu mi-fhèum. Tha sinn a’ smuaineachadh gu faod e bhi air a ghnàthachadh gu dleasail agus feumail taobh a stigh a chriochan àraidh, criochan, tha sinn ag ràdh, anns nach ‘eil eagal gu’m bi sinn a’ tuisleachadh anns na h-àmnan anns am bheil na h-uile ni ‘dol air aghaidh gu foirmeil agus neo-chéolmhor.

Tha samhlaichean, agus a’ chainnt shamhlachail a tha air an gnàthachadh anns na Sgriobtuirean Naomha feumail a chum ar teagasg agus a bhi ghnàth maille ruinn mar theagasg fallain. Le aonta ghnàthaichte nan Criosduidhean soisgeulaich, tha Daibhidh ‘na shamhladh soilleir air an Tighearna Iosa Criosda. Faodaidh sinn a bhi beachdachadh air an ni àraidh so anns an dol a mach ma’s do chuir e an cath ri Goliath gu robh Daibhidh air ungadh le Dia. Chaidh Samueil sìos do Bhetheleim agus dhòirt e adharc ola air a cheann. Chì sibh gu h-ealamh dé tha sin a’ ciallachadh. Bha an Tigheana an so a’ faotainn a mach air a shon féin aon a thagh e mach á measg an t-sluaigh agus le ola naomha dh’ ung se e. Cha robh air a dhortadh air ceann Shauil ach gloine bheng de dh’ ola, ach air ceann Dhaibhidh adharc làn de dh’ ola. Faodaidh so a bhi a’ comharrachadh a mach an ùine ghoirid neo-chliùteach a rìghich Saul agus an ùine agus an cùmhaehd agus an t-urram mór anns an do rioghaich Daibhidh. Ann a bhi toirt mineachadh spioradail dha faodaidh e bhi comharrachadh a mach an lagh air an robh Saul ‘na shàmhladh—’s e sin eachdraidh nan Iudhach—aig nach robh ach tomhas àraidh de’n bheannachadh, ach tha Daibhidh a’ samhlachadh a mach lànachd iomlan an t-soisgeil. Ach tha Iosa air an robh Daibhidh ‘na shamhladh air ungadh le ola aoibhneis os cionn a chompanaich. Thàinig gràs agus firinn le Iosa Criosda. Cha robh an Spiorad air a thoirt dha a réir tomhais. Bha Daibhidh air ungadh caochladh uairean; bha e air ungadh, mar gheibh sibh anns a’ chaibdeal air thoiseach air so, “ann am meadhoin a bhràithrean;” —air ungadh, mar a gheibh sibh II. Sam. xi. 4 le bhràithrean, fir Iudah;—bha e air ungadh a ris mar a dh’ fhaodas sibh fhaicinn II. Sam. v. 3 le seanairean Israeil. Cha téid sinn a steach anns a’ chùis so an dràsda, ‘s leoir leinn beachdachadh air gu robh ar Tighearna air ungadh le Dia, air ungadh leis na naoimhe, agus gu’m bi e air ungadh leis an eaglais gu h-iomlan.

Bha Spiorad an Tighearna airs an agus ‘s ann an eumhachd an Spioraid sin leis an robh e air ungadh leis an Athair, tre’n deach e mach a chogadh nam blar as leith na h-eaglais. Aig a bhaisteadh, an uair a thàinig e nìos á Jordan bha e air ungadh leis an Spiorad ‘nuair a thuirling e air, a’ tighinn a nuas bho neamh an riochd ealmain, agus chaidh e mach air dha bhi air iomain do’n fhàsach agus a bha e ann an eruaidh-ghleac ris an namhaid Uile-Bhèisteich, namhaid mhór anaman. Chuir e na cathan ann an Spiorad agus an neart an Ti a’s Airde oir bha eumhachd agus mòralachd an Spioraid Shiorruidh ‘nan laighe Airsan.

Ri leantwinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice