CEANN III.
NEO-CHOMAS AN DUINE GU H-IOMLAN AIR E
FEIN A LEIGHEAS.
(Continued from page 474.)
- A’ pheacaich, ghuidhinn ort, gu’n creideadh tu, nach dean t’ oibreachadh an gnothuech. Oibrich, agus dean na’s urrainn dhuit, cha bhi thu comasach gu brath air thu féin oibreachadh a mach á staid na truaillidheachd agus na feirge so. Is eigin duit Criosd a bhi agad, no bithidh tu air do sgrios gu siorruidh. Is e mhàin Criosd annadsa is urrainn bhi na dhochas na gloire. Ach ma’s eigin duit deuchuinn a’ dheanamh air; an sin as eigin dhomh a’ leigeadh fhaicinn duit o’ fhocal neo-chaochlaideach an Dhé bheò, dà ni is eigin duit a’ dheanamh air do shon féin: Agus ma’s urrainn dhuit an deanamh; is eigin aideachadh, gu bheil thu comasach air thu féin a’ leigheas; ach, mur urrainn, an sin cha’n ‘eil thu comasach air ni ‘sam bith a’ dheanamh air an rathad so air son do leigheis.
Air tìs, “Ma’s àill leat dol a’ steach chum na beatha, coimhíd na h-aithenta,” Mat. xix. 17. Is e sin ri radh, ma’s àill leat, le deanadas, dol a’ steach chum na beatha, an sin coimhíd gu coimhionta na deich aithenta. Oir is e crioch nam briathra,
uabhar eridhe an duine thoirt a nuas; agus a nochdadh dha am feum mor a ta aige air Slanuighear, o a neo-chomas air an lagh a choimhead. Tha’m freagradh air a thabhairt co-fhreagarach do’n earail. Thug ar Tighearn achmhasan da air son a mhiodail, “A mhaignstir mhaith,” rann 16. ag innseadh dha, “Nach ‘eil aon neach maith, ach a h-aon, eadhon Dia,” rann 17. Mar gu’n abradh’ e, tha thu’m barail gu bheil thu féin a’ d’ dhuine maith, agus mise a’ m’ dhuine maithe eile: Ach, far am bheil iomradh air maitheas, feudaidd aingle agus daoine sgail a chur air an aghaidhean an lathair an Dia mhaith. Agus, do thaobh a cheiste, anns am bheil e taisbeanadh aomadh gus an lagh, cha’n ‘eil Criosd a’ toirt freagradh dha, ag radh, Creid agus bithidh tu air do thearnadh; cha bhiodh sin eo iomchuidh, ann an cor aon a shaol gu’m b’urrainn dha deanamh gu maith gu leoir air a shon féin, nam b’e ‘s gu’m b’aithne dha eiod na nithe maith bu choir dha dheanamh: Ach freagarach do’n ghne inntinn san robh an duine dh’iarrr e air na h-aitheanta a choimhead; coimhid iad gu mìn, agus gu diongalta, cosmhuil riusan a ta faire air luchd droch-ghniomh ann am priosan, air eagal gu teid a h-aon diubh as, agus gu’n teid am beatha air son am beatha-san. Faic air an aobhar sin, O dhuine neo-iompaichte! eiod as urrainn tha dheanamh anns a’ chuis so? Oir, ma’s aill leat thu féin a thearnadh air an doigh so, is eigin duit aitheanta Dhé an choimhead gu foirdidh. Agus, (1.) Is eigin do t-umhlachd a bhi iomlan do thaobh gnè an naduir o’m bheil i ‘g eirigh. ‘Se sin, is eigin do t’anam, an tobar o’m bheil do gniomhara, a’ sruthadh, a bhi fior-ghlan agus gu h-iomlan as eugmhaís peacaidd. Oir tha’n lagh ag agradh gach dleasnas a bhi iomlan: cha’n ann a mhain ann an gniomh, ach ann an nadur agus mar sin tha e diteadh peacaidd gin; neo-ghloine naduir, co maith as neo-ghloine gniomhara. A nis, ma’s urrainn thu so a thoirt gu crich; bithidh tu comasach air ceist sin Sholaimh a fhreagairt ann an rathad nach robh a h-aon do chloinn Adhaimh riamh comasach air a freagairt, Gnath-fhoe. xx. 9. “Cò a dh’ fheudas a radh, Ghlán mi mo chridhe?” Ach mur
urrainn thu sin a dheanamh, tha eadhon easbhuidh na li-
iomlaineachd so ‘na pheacadh; agus mar sin ‘g ad fhàgail
fosgailte do’n mhallachd, agus ‘gad ghearradh as o bheatha.
Seadh, tha e deanamh, t’ uile ghniomhara, eadhon do ghniomhara
is fearr peacach: “Oir eo a bheir glan á neo-ghlan?” Iob xiv. 4.
Agus am bheil thusa am barail, gur urrainn thu le peacadh
thu féin a chuideachadh o pheacadh agus truaighe?
-
‘S eigin do t’umhlachd a bhi mar an ceudna iomlan anns
gach earrann dhi: ‘S eigin di a bhi cho leathan ri uile laghe
Dhé. Ma bhios tu dh’ uireasbhuidh aon ni, tha thu caillte!
Oir tha’n lagh a’ bagradh a mhallachd airs an nach buanaich anns
na h-uile nithibh a ta sgrìobhta ann! Gal. iii. 10. ‘S eiginn duit
umhlachd o’n taobh a stigh agus o’n taobh a mae, a thoirt do’n
lagh uile; na h-àitheanta uile a choimhead, ann an cridhe agus
beatha. Ma bhriseas tu aon air bith dhiubh, ni sin do sgrìos
einnteach. Druididh smuain dhionhain no focal faoin a suas
thu fuidh ‘n mhallaichd! -
Is eiginn di bhi iomlan a thaobh tomhais; mar bha umhlachd
Adhaimh, fhad ‘sa mhair e ‘na neo-chiontaichd. So tha’n lagh
ag iarraidh, agus cha ghabh e ri ni as lugha, Mat. xxi. 37.
“Gradhaichidh tu an Tighearn do Dhia le d’ uile chridhe, agus
le d’ nile anam, agus le d’ uil’ inntinn.” Ma bhios aon cheum
do’n ghradh sin a ta air iarraidh leis an lagh, air eall; mur bi
gach earrann do t’umhlachd co-shìnte ris an airde as mó a ta air
an lagh, agus mar sin tha e fathasd ‘gad fhàgail fuidh’n
mhallaichd. Feudaidh neach urrad do shaitheiche uisge thabbhàirt
a dh’ionnsuidh tighe ri theine, ‘s is urrainn dha ghiulan; agus
gidheadh feudaidh e bhi air a losgadh, agus bithidh e air a
losgadh mur toir e urrad leis as a mhuchas an teine. Eadhon
mar sin, ged a dheanadh tusa na’s urrainn dhuit, ann an coimhead
nan àitheanta; ma dh’ fhailnicheas tu anns an tomhas is lugha
do’n umhlachd a tha’n lagh ag iarraidh, tha thu gu einnteach
air do sgrìos gu brath; mur gabh thu greim do Chriosd, a’ eur cu
ri t’flirteantachd féin, mar luideig shalaich. Faic Rom. x. 5.,
Gal. 111. 10.
Ri leantuin.