CEANN III.
NEO-CHOMAS AN DUINE GU H-IOMLAN AIR E
FEIN A LEIGHEAS.
(Continued from page 509.)
San àite mu dheireadh, Is éiginn di a bhi buan-mhaireannach, mar bha umhlachd an duine Criosd; a rinn do ghnath na nithe a bha taitneach leis an Athair: Oir is iad briathra an lagha,
“Is malluichte esan nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgríobhta anns an lagh, chum an deanamh.” Uaith so, ged bha umhlachd Adhaimh, car aimsir, uile iomlan; gidheadh a chionn mu dheireadh gu’n do thuislich e ann an aon phuine, eadhon, ann an itheadh do’n mheas thoirmisgte, thuit e fuidh mhallaichd an lagha. Ged a bhithheadh duine ‘sa iochdaran dleasdanach d’a righ, gu deireadh a laithean, agus an sin gu’n eireadh e an ceannaire ‘na aghaidh; is éiginn da basachadh air son a cheannaire. Eadhon mar sin, ged a chaitheadh tusa uile laithean do bheatha, ann an umhlachd iomlan do lagh Dhé; agus a mhain aig uair do bhais, gu’n tugadh tu àite do aon smuain dhiomhain, no gu’n labhradh tu aon fhocal faoin, dhubhadh am focal faoin, no an smuain dhiomhain sin a mach t’ uile roimh-flíreantachd, agus sgríosadh iad thu; sin ri radh, anns an rathad so ‘s am bheil thu ag iarraidh thu féin a leigheas. A nis, is i a leithid so a dh’ umhlachd is éiginn duit a choimhlionadh, nam b’ àill leat thu féin a shaoradh ann an rathad an lagha. Ach ge do bheireadh tu umhlachd mar so, tha’n lagh ‘g ad bhualadh a sios fuidh fheirg, gus am bi iarritus eile air a riarachadh, eadhon.
San dara àite, ‘S eiginn duit na tha dh’fliacha ort iocadh. Cha’n fheudar àicheadh nach ‘eil thu a’ d’ pheacach; agus ciod air bith a bhitheas tu ‘san àm ri teachd, is éiginn do cheartas, a bhi air a riarachadh air son do pheacaiddh, a chuireadh a cheana an gniomh. ‘S éiginn do dh’ onoir an lagha bhi air a cumail suas, le thu bhi fulang na feirge chaidh a bagradh. Theagamh, gu’n d’ atharraich thusa do chaithe-beatha, no gu bheil a rùn ort sin an dheanamh a nis, agus gu tòiseachadh air aitheanta Dhé a choimhead; ach ciod a rinn thu, no ciod a ni thu ris na sean fhiacha? Tha t’umhlachd do Dhia, ge do bhiodh i iomlan, ‘na fiach a bhuneas dasan, air son an àm ‘sam bheil, i air a coimhlionadh: agus cha mhó is urrainn dhi riarachadh air son peacaiddh a rinneadh cheana, na’s urrainn tuathanach a mhaigh-stir a riarachadh le mál na bliadhna a ta làthair a dhioladh air son nam bliadhna cha chaidh seachad. An urrainn dioladh féich ùr, duine shaoradh o shean chunntais? Cha’n urrainn,
na meallaibh sibh féin; gheibh sibh na eunntais sin air an tasgaidh suas aig Dia, “agus air an seulachadh am measg ‘ionnlasan,” Deut. xxxii. 34. Is éiginn air an aobhar sin, gu’n giúlan thu an fhearg sin d’ am bheil thu buailteach le d’ pheacadh, a reir an lagha; no is éiginn duit aideachadh nach ‘eil thu comasach air giúlan, agus air an aobhar sin feum chuir air an urras ‘an Tighearn Iosa Críosd. Feoraicheadh a nis dhiot, am bheil thu comasach air ceartas Dhé a riarachadh? An urrainn thu t’ fhiacha féin iocadh? ‘S eimteach nach urrainn, oir do bhrigh gur Dia neo-chriochnach d’ an d’ thug thu oibheum, is éiginn, air do’n pheanas bhi freagarach ri nadur an oibheim, gu’m bi e neo-chriochnach. Ach is ann mar sin a tha e, cha’n urrainn do d’ pheanas no do d’fhulangais air son peacaidh, a bhi neo-chriochnach ann an luach, do bhrigh gur creutair eriochnaichte thu; uime sin is éiginn doibh buanachadh no mairsinn gu siorruidh. Agus mar sin, cha’n ‘eil ann ad fhulangais gu leir ‘san t-saoghal so, ach earlais air na’s éiginn duit fhulang anns an t-saoghal ri teachd! A nis a pheacaicé, ma’s urrainn thu na h-agartais sin uile fhreagradh, feudaidh tu thu féin a leigheas an rathad an lagha; ach nach ‘eil thu féin-fhiosrach air do neo-chomas air aon de na nithibh sin a dheanamh, ni’s mó gu mor air an iomlan a dheanamh? Gidheadh, mur dean thu ‘n t-iomlan, cha dean thu ni ‘sam bith. Tionndaidh uime sin, a dh’ ionnsuidh aon rathad caithe-beatha a’s ail leat, tha thu fathast ann an staid feirge. Meudaich t’ umhlachd gus a’ cheum a’s airde a’s urrainn dhuit; fuiling na leagas Dia ort; seadh, meudaich an eallach, ma’s ail leat, agus siubhail fuidh ‘n iomlan, gun a mhi-fhoighidin is lugha; gidheadh cha riarach ‘sa uile agartais an lagha; agus uime sin, tha thu fathast a’ d’ chreutair caillte. Och a pheacaich! eiod a tha thu deanamh, ‘nuair a ta thu strì ri thu féin a chuideachadh; ach nach ‘eil thu gabhail Iosa Críosd, agus ga d’ dhlùth-cheangal féin ris? Tha thu a’ saoithreachadh anns an teine, ga d’ sgitheachadh féin air son fior-dhiomhanas: a’ saoithreachadh gu dol do neamh tre ‘n dorus a ghlais peacaidh Adhaimh, air chor as nach urrainn e féin no a h-aon d’ a
shlìochd eailte dol gu brath a steach troimhe. Nach ‘eil thu faicinn claidheamh lasarach a’ cheartais ‘g ad chumail air falbh o chraoibh na beatha? Nach ‘eil thu cluinntinn an lagha eur an ceill mallachd ort, air son gach ni tha thu ‘deanamh, eadhon air son t’ umhlachd, t’ urnuighean, do dheoir agus t’ath-leasachadh-beatha, do bhrigh air dhuit a bhi fuidh uachdranaichd an lagha, nach ‘eil t’oibre is fearr cho maith ‘sa tha e ag iarraidh iad a bhi, fuidh phein a’ mhallachd? Creidibh e dhaoine, mu chaitheas sibh bhur beatha, agus ma bhàsaicheas sibh a mach á Criosd, gun a bhi da rireadh air bhur dlùth-cheangal ri-san mar an dara Adhamh an Spiorad tha tabhairt beatha, agus mur tig sibh fuidh dhion fhola-san a reiticheas: ged a dheanadh sibh a chuid a’s fhaide a’s urrainn duine ‘sam bith air thalamh a dheanamh ann an àitheanta Dhé a choimhead, nach faic sibh gu bràth aghaidh Dhé ann an sith. Ged a ghabhadh sibh o’n àm so cead gu siorruidh a dh’ aoibhneas an t-saoghail so, agus d’ a uile ghnothuiche; agus ged nach biodh sibh o’n àm so mach a’ deanamh ni ‘sam bith ach a’ saoithreachadh mu shlainte bhur n-anama: ge do rachadh sibh do fhasach eiginn, ‘san tigeadh sibh beo air feur na machrach, ‘sam biodh sibh ‘n ur companaich de na dragonaibh agus de na cumhachagaibh: Ged rachadh sibh a thaobh gu slochd eiginn dhorchà de’n talamh, agus ged ghuileadh sibh an sin air son bhur peacaidh, gus an caiteadh sibh ‘ur sùlean, seadh, gus an sileadh sibh a mach uile bhrigh bhur cuirp; ged dh’ aidicheadh sibh le ‘r teanga, gus an leanadh i ri ‘r giall; ged dheanadh sibh urnuigh gus am fasadh bhur gluinean cruaidh mar adhaircean; ged thrasgadh sibh gus am biodh bhur euirp mar chnamha gun fheoil; agus, an deigh so uile, a thoirt gu bhi air a losgadh! Chaidh am focal a mach o bheul an Tighearn ann am fireantaichd, agus cha’n urrainn dha pilleadh air ais, bhiodh sibh air bhur sgrios gu bràth an deigh so uile, do bhrigh nach ‘eil sibh ann an Criosd. Eoin xiv. 6. “Cha tig aon neach chum an Athar ach tromham-sa.” Gniomh. iv. 12. “Cha’n ‘eil slainte ann an neach air bith eile.” Marc. xvi. 16. “Ge b’ e nach creid, dìtear e.”
Rì leantuinm.