Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1933 » June 1933 » Sermon: “Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tàbhail agus le cloich; agus bhuaile e am Philisteach, agus mharbh se e; ach cha robh claidheamh ann an laimh Dhaibhidh” (I. Sam. xvii. 50). le C. H. Spurgeon

Sermon: “Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tàbhail agus le cloich; agus bhuaile e am Philisteach, agus mharbh se e; ach cha robh claidheamh ann an laimh Dhaibhidh” (I. Sam. xvii. 50). le C. H. Spurgeon

(Continued from page 30.)

“Tha mise teachd a d’ionnsuidh-sa ann an ainm Tighearna nan sluagh.” Dh’ fhaodadh na briathran sin a bhi mar shuaicheantas dhaibhsan uile tha air an cur le Criosd, agus air a shon-san a tha seasamh anns a’ bhatail uamhasach airson anaman prìseil. B’ e so briathar gnàthaichte Chriosd air ar sgàth-ne agus air ar son-ne. Thàinig e ghleac ri peacadh, a ghiulain fearg Dhé agus dhubhadh as bàs agus ifrinn! Thàinig e ann an ainm Dhé. Gabh thusa sàr-bheachd air gu’n do bhuaile Daibhidh Goliath, agus bhuaile e gu h-eifeachdach e—cha b’ann na leasraibh, no air a làmh no air a chas—ach an ionad marbhbtach thug e dhà a’ bluille a leag òsal e. Bhuail e air mala ladarnais, air clàr aodainn uamhar. Saolaidh mi gu’n do thog e a chlogad chum agus gu’n tugadh e suil air a nàmhaid shuarach. ’Nuair a thuit a’ chlach a stigh a leig a mach gu bràth tuilleadh anam bòsdail. Mar sin, an uair a sheas ar Tighearna gu gleachd ri peacadh, chuir e air leth iobairt-réitich mar chlach a bhuaile am peacadh agus a cumhachd gu h-iomlan, ann an clàr an aodainn. Mar so, glòir a bhi do Dhia, tha am peacadh air a sgrios. Chan ann mar gu’m biodh e air a lot ach air a “mharbhadh” le cumhachd Iosa Criosd.

Agus cuimhnich air a so gu’n do gheàrr Daibhidh a cheann de Goliath le chlaidheimh féin. Tha Augustine, ann a bhi a’ toirt a bheachd air an earrainn so, a’ toirt a mach a’ smuain a tha an so, gu robh a’ bhuaileadh a thug ar Slànughear Iosa Criosda air a comharrachadh a mach ann an eachdraidh Dhaibhidh. “Esan, tre’n bhàs thug e bnaidh airs an aig an robh cumhachd a’ bhàis, ’s e sin an diabhlul.” “Le a’ bhàs sgrios e am bàs—gheàrr e ceann an fhamhair dheth le chlaidheamh féin. B’ e an crann-ceusaidh a bha ciallachadh bàs do’n t-Slanughear, a bha ’na bhàs do’n pheacadh. B’ e ceusadh Chriosd a bha air a shaociltinn gu bhi na bhuaidh do’n t-Shàtan, a bha ‘na lân-choimhlonadh air a ‘bhuaidh san thairis air Sàtan. Feuch, an diugh, tha mi faicinn ann an làmh bhuadhach ar gaisgeach, claigeann greannach an uile-bhéist am peacadh, agus e sileadh sìos le fuil a’ bhàis. Amhaircibh air, sìbhse a bha uaireigin o ain-tighearnas. Seallaibh air closnach oillteil an fhamhair fhuileachdach. Chuir ar Tighearna as dha ar nàmhaid. Tha ar peacadhean marbh; sgrios esan iad. Rinn a’ ghairedean féin, gun neach ‘g a chuideachadh ach ‘na aonar, cur as do’n fhamhair mhór ar nàmhaid. “Is e gath a’ pheacaidh am bàs agus is e neart a’ pheacaidh an lagh; ach buidheachas do Dhia, tha toirt dhuinne na buaidh tré ar Tighearna Iosa Crìosd.” Glòir agus urram gu robh dha ainm naomha. Agus ‘n uair a thug Daibhidh mu’n cuairt bàs Ghòliath, bha e air a choinneachadh le maighdeanannan Israeil, a thàinig a mach ‘na chòmhdhail a’ seinn am fonn freagarrach agus air a leantuinn le luchd-ciùl a’ eliuch air tiompan gu h-aobhneach anns an dannsa, “mharbh Saul a mhìltean ach Daibhidh a dheich mhìltean,” agus mar sin bha bhuaidh aige-san. Aig an àm so, bha armaitl Israeil ‘n uair a chunnaic iad gu robh famhair nam Philisteach marbh, ghabh iad misneachd agus leum iad air an nàimhdean. Ghabh na Philistich an t-eagal agus theich iad, agus thàinig a h-uile Israeilach gu bhi ‘na fhear buaidh air an latha sin tre’ n bhuaidh a thug Daibhidh. Bha iad ‘nan tuille agus luchd-buaidh tre-san a ghràdhaich iad agus a chosainn a bhuaidh air an son. Mar sin smuaineachamaid oirnn fhéin mar luchd-buaidh. Oir thug ar Tighearna a’ bhuaidh anns a’ chatth. Tha esan an déidh dhol a dh’ ionnsuidh a’ ghòlòir. Choinnich na h-ainglean e air an t-slighe agus thuirt iad, “Togaibh suas ar cinn o gheataichean, seadh togaibh suas iad, a dhorsan siorruidh; gus an tig Rìgh na Gloir a steach.” Agus iadsan a bha maille ris thuirt iad ann am freagairt nan ceisd, “có e so Righ na Gloir?” agus thuirt iadsan, “An Tighearna laidir agus treun, an Tighearna treun anns a’ chatth. Tighearna nan sluagh, ‘s esan Rìgh na Gloir.” Agus air an latha ‘n diugh, tha an creidmheach as annluinne toirt buaidh tre Chriosd. Ged bhitheamaid air an cath a chall, gun dòchas ‘sam bith ris a’ bhuaidh a thoirt, gidheadh a nis tre Iosa Criosd ar Tighearna, cuiridh sinn an ruaig air ar nàimhdean; agus cuiridh sinn am peacadh fo ar casan agus théid sinn o neart gu neart, tre’n bhuaidh iomlan a thug esan. Tha àite farsuinn an so dhuibhse airson beachdachaidh air. An amhaire sibh thairis air an ni so air ar son féin? Tha e na’s fheàrr dhòmhlsa gu’n smuaineachadh air na h-uile ni air bhur son-se agus gheibh sibh gu bheil na samhlaichaidhean tha an so comasach air móran de mhìneachadh a thoirt uapa. Cha tug mi direach dhuibh aich mar gu’m b’ eadh striochan dorcha air an tarruing le teàrr-ghuail—an t-iomall a mach. Deanaibh dealbh dheth so ann bhur n’ intean féin air ar soeair agus faodaidh e bhi ‘na ni math agus buanachdail dhuibh a bhi beachd-smuaineachadh air.

II. Ann an rathaid aithghearr tionndaidh sinn a nis a dh’ionnsuidh Dhaibhidh mar eisimpleir do na h-uile creidmheach ann an Criosd.

Os eionn nan uile nithean tha e iomchuidh dhuinne a bhràithrean agus a pheathraichean gràdhaich, ma ni sinn gu bràth ni ‘sam bith airson Dhé agus eaglais, feumaidh sinn a bhi air ar ‘n ungaadh leis an ola naomha. O! gu dé cho dionhain agus a bhiadh e dhuinn fàs eudmhor le scòrsa de chràbhadh àineolach feòlhmhor a’ chreutair, agus feuchainn ri nithean móra a dheanadh, ann an cleachdaidhean peacadh dànadais a dh’ fheumas a mhàin croichnachadh ann an call iomlan.

Mar bi Spiorad an Tighearna oirnn chan ‘eil neart againn o’n taobh a stigh, agus chan ‘eil meadhoin ‘sam bith o’n taobh a mach air an urrainn dhuinn soerachadh. Feithibh air an Tighearna, mo luchd-gràidh, agus iarraibh neart uaithesan a’ mhàin. Ach chan urrainn tighinn a mach asaibh-se ni nach deach a steach annaibh. Feumaidh sibh faotainn agus an déidh sin toirt uaibh. Cuimhnichibh mar tha an Tighearna Iosa ‘g a chur an eáill, “an t-uigsge bheir mise dha, bi e ‘na thobar uisg’ ann, a’ sruthadh suas chum na beatha maireannaich.” Agus a ris, ann an àite eile, “An tì a chreideas annamsa, mar tha an Sgriòbtur ràdh, sruthaidh as a bhronn aibhnichean de dh’ uisge beò.”

Chan urrainn dhuibh obair Dhaibhidh a dheanamh mur bi ungaidh Dhaibhidh oirbh. ‘Nuair a chuimhnicheas sibh air mar a dh’ fheith ar Maighstir neamhaidh airson an ungaidh neamhaidh, cha’n urrainn sibhse dùil a bhi agaibh gu’n dean sibh an gnothaich as eugmhais. Na bithibh cho amaideach. Cha deach Criosd a mach a dh’ ionnsuidh a’ mhinstirealaichd fhollaiseach gus an d’ thàinig Spiorad Dhé gu bhi socrachadh airsan. Dh’ fhuirich na h-abstoil ann an Ierusalem ‘s eha deach iad a mach a’ shearmonachadh, gus an robh cumhachd air a thoirt dhaibh o’n àirde. ‘Se a’ phuing a tha do-sheachainte agus a ‘ni nach urrainn dhuinn deanamh as eugmhais an cumhachd so a bhi againn. O! gu searmonachadh anns a’ chumhachd—gu urnuigh anns a’ chumhachd—agus gu bhi sealltainn as déidh anaman seachranach anns a’ chumhachd! Feumaidh an sgoil shàbaid, feumaidh an obair anns an dùthaich, feumaidh na h-uile seirbhis a ni sibh do Chrìosda, a bhi air a dheanamh anns a’ chumhachd uà. Rachaibh a dh’ ionnsuidh bhur ghllìnean. Rachaibh a dh’ ionnsuidh a’ chrùinn-cheusaidh. Rachaibh a dh’ ionnsuidh stol-chas bhur Maighstir. Féithibh ann an creidimh agus dòchas, gus an toir e dhuibh neart a ni freagarrach sibh airson seirbhis ur Maighstir, ann an slighe ur Maighstir, chum clù ur Maighstir.

Ri leantuinm.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice