NEO-CHOMAS AN DUINE GU H-IOMLAN AIR E
FEIN A LEIGHEAS.
(Continued from page 73.)
Cunnuil, Ach tha Dia ‘na Dhia trocaireach, agus tha fios aige nach urrainn sinne uile iarrtuis a ffreagradh; tha dochas againn, air an aobhar sin, a bhi air ar tearnadh, ma ni sinn cho maith ‘s a’s urrainn dhuinn, agus ma choimhideas sinn na h-aitheanta cho maith ‘s a dh’ fheudas sinn.
Freagradh, 1. Ged tha thu comasach air moran de nithibh a dheanamh, cha’n ‘eil thu comasach air aon ni a dheanamh gu ceart: Cha’n urrainn thu ni ‘sam bith a dheanamh taitneach do Dhia, air dhuit a bhi mach á Criosd, Eoin xv. 5. “As m’ eugmhais-se cha ‘n urrainn sibh aon ni a dheanamh.” Cha ‘n urrainn duine neo-nuadhaichte, mar a tha thusa, ni ‘sam bith a dheanamh ach peacadh; mar a dhearbh sinn cheana. Tha do ghniomhara a’s fearr ‘nam peacadh, agus tha iad mar sin a’ meudachadh t’fhiacha do cheartas: Cionnus ma ta a dh’fheudar a smuaineachadh gun lughdaicheadh siad iad? 2. Ged thairgeadh Dia daoine shabhaladh air chumba gu’n deanadh iad gach ni a b’ urrainn dhoibh, ann an umhlachd d’ a aitheantaibh; tha deadh aobhar againn a smuaineachadh, nach biodh iadsan a rachadh a dh’ionnsuidh an rathaid sin, gu bràth air an tearnadh: Oir, e’ ait’ am bheil an duine ta deanamh cho maith ‘s a’s urrainn dha. Cò nach ‘eil a’ faicinn iomadh ceum eil a thug e, a dh’fheudadh e sheachnadadh? Tha liuthad ni ri dheanaml, a liuthad buaireadh gu’r tabhairt a thaobh a rathad ar dleasdanais, agus tha ar nàdur cho ro-ullamh gu bhi air a lasadh o ifrimn, as gu ‘m failnicheamaid gu cimteach, eadhon ann am ponne araiddh, a ta ‘n taobh a stigh d’ ar comas nàdurra. Ach, 3. Ged dheanadh tu gach ni a’s urrainn dhuit a dheanamh, ‘s ann an diomhain a tha thu ‘n dochas bhi air ‘do shabhaladh air an rathad sin. Ciod am focal o Dhia air am bheil an dochas so air a steidheachadh? Cha’n ‘eil e air a steidheachadh air lagh no air soisgeul, agus uime sin, cha’n ‘eil ann ach mealladh. Cha’n ‘eil e air a steidlíeachadh air an t-soisgeul; oir tha’n soisgeul a’ treòrachadh an anama as féin, gu Iosa Críosd air son gach uile, agus tha e “daingneachadh an lagha,” Rom. iii. 31. Air an laimh eile, cha’n urrainn an dochas so agaibhse a bhi air a dhaingneachadh ach air sgríos an lagha, a dh’árdaicheas Dia agus a ni e urramach. Agus uaith so chithear, nach ‘eil e air a steidheachadh air an lagh. ‘Nuair a chuir Dia Adhamh a dh’obreachadh air son sonais da féin agus d’ a shliochd, b’e umhlachd iomlan an cumha bh’ air iarraidd air, agus bha mallachd air a chur an céill air son easumhlachd. Air do’n lagh a bhi air a bhriseadh leis-san, thainig e féin agus a shliochd fo pheanas a’ pheacaidh a chuireadh an gniomh; agus, leis sin uile, do ghnath ceangailte gu umhlachd iomlan : Oir is mi-reusanta bhi smuaineachadh, gu’n dean peacadh duine, agus fulang air son a pheacaidh a shaoradh a dhleasdanas umhlachd d’ a Chruthhear. ‘Nuair a thainig Críosd ann an àite nan daoine taghta, a cheannach an slainte, b’ iad na cumhachan an ni ceudna. Bha na daoine taghta an sàs aig ceartas; ma tha run airsan an saoradh, tha na cumhachan air an deanamh aithnichte : ‘s eiginn da dioladh air son am peacaidh, leis a pheanas a thoill e fhulang, ‘s eiginn da’n ni sin a dheanamh nach urrainn iadsan a dheanamh, eadhon, umhlachd iomlan a thabbhairt do’n lagh, agus mar sin gach uile fhireantachd a choimhlonadh. A reir sin, rinn e so gu h-uile, agus mar sin b’esan croich an lagha, chum fireantachd do gach neach a chreideas, Rom. x. 4. Agus a nis am bheil thu smuaineachadh gu’n lughdaich Dia na cumhachan sin duitse, ‘nuair nach d’fhuair a Mhac féin lughdachadh dhiubh? Na biodh duil agad gu’n lughdaich ged iarradh tu e le deoir fhola; oir nam buadhacheadh iad, b’fheudar dhoibh buadhachadh an aghaidh firinn, ceartais agus onoir Dhé, Gal. iii. 10. “Is malluichte gach uile neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgríobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh.” Rann 12. “Agus cha’n ‘eil an lagh o chreidimh; ach an duine a ni iad gheibh e beatha annsa.” Is fior, gu bheil Dia trocaireach : Cha’n urrainn e gun a bhi trocaireach, mur sabbhail e thusa ann an rathad nach ‘eil aon chuid freagarach r’a lagh no r’a shoisgeul. Nach d’fhoillsiheadh a mhaitheas agus a throcair gu leoir, ann an cur Mie a ghràidh a dheanamh an ni nach robh an comas do’n lagh a dheanamh, do bhrigh gu robh e amhunn tre ‘n fheoil? Dh’ulllich Día cobhair air an sonsan nach urrainn iad féin a chobhair : Ach is àill leatsa, air bhi dhuit neo-mhòthachail air do laigse féin thu féin a leigheas le t’oire féin; am feadh nach ‘eil thu nì’s comasaiche air e dheanamh, no tha thu comasach air beanntaibh umha atharachadh as an àite.
Ri leantuin.