CEANN III.
NEO-CHOMAS AN DUINE GU H-IOMLAN AIR E
FEIN A LEIGHEAS.
(Continued from page 234.)
Air an aobhar sin, co-dhuinidh mi, gu bheil thu neo-chomasach air thu féin a leigheas, le rathad nan oibre, no an lagha: O gu ‘n co-dhuineadh tusa an ni ceudna mu d’ thimchioll féin.
II. Feuchamaid ‘san áite is faisge, ciod is urrainn am peacach a dheanamh gu e féin a leigheas ann an rathad an t-soisgeil.
Theagamh gu bheil thu smuaineachadh, ged nach urrainn thu ‘n t-iomlan a dheanamh leat féin a’ d’ aonar; gidheadh, air do Iosa Criosd a bhi taigse cobhair dhuit, gur urrainn thu dhiot féin gabhail ris agus feum a dheanamh dheth gu d’ leigheas: Ach a pheacaidh! bi dearbhta mu t’ fheum mór air gráis Chriosd; oir gu cinnteach tha cobhair air a taigse, ach cha’n urrainn thusa gabhail rithe: tha cord air a thilgeadh a mach, a tharruing pheacach long-bhriste gu tir; ach, mo thruaighe! cha’n ‘eil lamhan aca dheanamh greim dheth: Tha sibh mar naoidheana air am fágail s’a mhachair fhosgailte, d’ an eiginn báisachadh ged tha ‘m biadh ‘na luidhe laimh riu, mur cuir neach ‘nam beoil e. Gu dearbhadh a thabhairt do dhaoine nadurra uime so, Thugaibh fa’near,
Air tús, Ged tha Criosd air a thairgse ‘san t-soisgeul, gidheadh cha’n urrainn dhoibh creidsinn ann.
Is e creidimh shlainteil, creidimh muinntir thaghta Dhé; tioclac araid Dhé dhoibh, air oibreachadh annta le a Spiorad. Tha slainte air a taigse dhoibhsan a chreideas ann an Criosd; ach cionnus a dh’fhendas sibhse creidsinn? Eoin vi. 44. Tha i air a taigse dhoibhsan a thig a dh’ionnsuidh Chriosd; ach, Cha’n urrainn neach air bith teachd d’a ionnsuidh-san, mar tarruing an t-Athair e. Tha i air a taigse dhoibhsan a dh’ amhaireas ris, mar air a thogail suas air crann an t-soisgeil: (Isa. xiv. 22.) Ach tha ‘n duine
nadurra gu spioradail dall; Taishb. iii. 17, agus a thaoibh nithe Spioraid Dhé, cha ‘n ‘eil e ‘n comas da eolas a ghabhail orra, do bhrigh gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad, 1 Cor. ii. 14. Ni h-eadh, Ge b’ e neach leis an àill, ‘s e bheatha, thigeadh e: (Taishb. xxii. 17.) Ach is eiginn gu ‘n tig latha cumhachd air a’ pheacaich, mu’m bi an toil umhal: Salm. cx. 3.
‘San dara àite, Cha ‘n ‘eil ni’sam bith aig an duine, gu nadurra, leis an dean e feum, chum a leighis, do’n chuideachadh a ta air a thabhairt a steach anns an t-soisgeul.
Tha e air a thilgeadh air falbh ann an staid feirge; ach tha e air a cheangal eadar làmh agus chos, air chor as nach urrainn da greim a dheanamh air cuird a ghràidh, a tha air an tilgeadh a mach dha ‘san t-soisgeul. Cha ‘n urrainn am fear-ceird as seolta oibreachadh gun inneil; ‘s cha mhó is urrainn do ‘n fhear-chiuil as seolta cluich gu ceart air inneal-ciuil a ta á ordugh: Cionnus as urrainn neach creidsinn, cionnus is urrainn neach aithreachas a dheanamh, aig am bheil a tuigse ‘na dorchadas, (Eph. v. 8.) aig am bheil a chridhe cloiche, do-lubaidh, neo-mhothaichail, (Esec. xxxvi. 26.) aig am bheil aignidhean gu h-iomlan as an ordugh, agus mi-riaghailteach; aig am bheil eas-aonta do mhaith, agus aomadh gu olc? Tha gairdeine chomasan naduir ro ghoirid gu ruigheachd gu comhnadh tha os ceann naduir; uaithe so, is iadsan, a ‘s mo aig am bheil do bharrachd ann an comasan nadurra, gu tric coigrich is mo do nithibh spioradail, Mat. xi. 25. “Dh’fholaich thu na nithe sin o dhaoine eagnaidh agus tuigseach.
‘San treas àite, Cha ‘n urrainn duine atharrachadh slainteil oibreachadh air féin:
Ach is eiginn da bhi mar sin air atharrachadh, no cha ‘n urrainn dha creidsinn, no aithreachas a dheanamh, no gu bràth nèamh fhaicinn. Cha’n urrainn gniomh ‘sam bith a bhi gun ghnè naduir freagarach ris: Is iad creidimh, aithreachas, agus an leithide sin, toradh an nàduir nuaidh; agus cha’n urrainn iad gu brath a bhi air an toirt a mach leis an t-sean naduir thruailidh. A nis, ciod is urrainn an duine nadurra ‘dheanamh anns a’ ghnothuch so? ‘S eiginn da bhi air ath-nuadhachadh, air ath-ghineamhuinn a ris gu
beo-dhochas: Ach, mar nach urrainn leanaban bhi le neart an gniomh ‘na ghineamhuinn féin, mar sin cha’n urrainn duine bhi le neart an gniomh ‘na ath-ghineamhuinn; ach ‘s ann tha neart air a chur an gniomh air. Tha’n cridhe duinte an aghaidh Chriosd! cha’n urrainn duine fhosgladh; ‘s e Dia a mhain a ni sin, le ‘ghras, Gniomh. xvi. 14. Tha e marbh ann am peacadh; ‘s eiginn da bhi air ath-bheothachadh, ‘sa bhi air a thogail á uaigh: Có ‘s urrainn so a dheanamh ach Dia féin? Eph. ii. 1, 5. Ni h-eadh ‘s eiginn da “bhi air a chruthachadh ann an Iosa Criosd chum deadh oibre.” Eph. ii. 10. Is oibre uile-chumhachdach iad sin, agus cha ‘n urrainn iad a bhi air an deanamh le cumhachd is lugha.
‘Sa’ cheathramh àite, Tha ‘n duine ‘na staid thruaillidh fuidh neo-chomas iomlan air ni ‘sam bith a ta da rireadh maith a dheanamh, mar a rinneadh soilleir gu farsuinn roimhe:
Cionnus air an aobhar sin is urrainn da umhlachd a thabhairt do ‘n t-soisgeul? Tha ‘n nàdur calg-dhìreach an aghaidh an t-soisgeil: Cionnus is urrainn dha uaithe féin, a bhi reidh ri iomleachd na slainte, agus gabhail ris an leigheas a ta air a thairgse? Tha truaillidheachd naduir an duine a’ dearbhadh, gu ro chinnteach, a neo-chomas air e féin a leigheas air sheol ‘sam bith: Agus có ‘sam bith aig am bheil mothachadh air an dara aon diubh sin, ‘s eiginn da gabhail ris an aon eile; oir seasaidh agus tuitidh iad le cheile. Ged bhitheadh na h-uile ni a choisinn Criosd air a thairgse do ‘n duine neo-iompaichte air son aon smuain mhaith, cha’n urrainn dha sin féin a bhi aige, 2 Cor. iii. 5. “Cha ‘n e gu bheil sinn comasach uainn féin chum ni ‘sam bith a smuaineachadh uainn féin”: Ged bhitheadh e air a thairgse air son aon fhocal mhaith, gidheadh, cionnus a dh’fheudas sibh nithe maithe a labhairt, a a ta sibh féin olc? Mat. xii. 34. Ni h-eadh ge do rachadh fhàgail duibh féin, chum roghainn a dheanamh do ‘n ni sin diubh as urras; tha Criosd féin ag innseadh dhuibh, Eoin vi. 5. “As m’ eugmhais-sa cha’n urrainn sibh aon ni a dheanamh.”
‘San àite mu dheireadh, Cha ‘n urrainn an duine nadurra gun a bhi eur an aghaidh an Tighearn a ta cuideachaidh
dha; gidheadh tha buaidh air fhaotainn air sin, anns na daoine taghta, le gràs an iompachaidh. An urrainn an cridhe cloiche gun chur an aghaidh a’ bhalla? Cha ‘n e mhain gu bheil neo-chomas, ach tha naimhdeas agus ragaireachd ann an toil an duine, a thaobh naduir. Tha fios aig Dia, a dhuine nadurra, co dhiubh a tha no nach ‘eil fios agadsa air, “Gu bheil thu reasgach, agus gu ‘n robh do mhuineil mar sleith iarruinn, agus d’ eudan ‘na umha,” Isa. xlviii. 4. agus cha ‘n fhaighear buaidh air, ach leis-san, a bhris na geatan umha, agus a ghearr sios na croinn iarruinn. Is ann uath so a ta leithid do chruaidh obair ann am peacach iompachadh. Tha air uairibh coslas air a bhi air a ghlaeadh ann an lion an t-soisgeil; gidheadh tha e gu h-ealamh a’ sleamhnachadh air ais a ris. Tha ‘n dubhan a’ glacadh greim air; ach tha e ri strì, gus air dha faotainn saor dheth, gu bheil e dol air falbh le lot fùilteach. ‘Nuair tha deadh-dhochas mu thimchioll aig a’ mhuinntir sin, a ta saoithreachadh chum gu ‘n dealbhar Crìosd ann; cha ‘n ‘eil gu tric ni ‘sam bith air a thoirt a mach ach gaoth. Tha’n cridhe cealgach a’ deanamh iomadh dìchioll gu Slanuighear a sheachnadh, agus gus an duine a mhealladh d’ a shonas siorruidh. Mar so tha ‘n duine nadurra ‘na luidhe gu domhain ann an staid pheacaidh agus fèirge, gu h-uile neo-chomasach air e féin a leigheas.
(Ri leantwinn.)