Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1933 » November 1933 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

CEANN III.

NEO-CHOMAS AN DUINE GU H-IOMLAN AIR E FEIN A LEIGHEAS.

(Continued from page 272.)

Ceist (1.)

Ma tha sinn gu h-uile neo-chomasach air maith ‘sam bith a dheanamh, eionnus a dh’fheudas Dia bhi ag iarraidh oirnn a dheanamh?

Freagradh,

Air do Dhia an duine ‘dheanamh direach, (Ecles. vii. 29.) thug e comas dha na h-uile ni a dh’ iarradh e air a dheanamh: chaill an duine an comas so, le choire féin. Bha e mar fhiacha oirnn seirbhís a dheanamh do Dhia, agus gach ni a dh’áithneadh e dhuinn a dheanamh, mar a chreutairean; agus mar an ceudna, bha sinn, thuilleadh air sin, fuidh cheangal cumnanta, a chum na crìche sin. A nis, air dhùinn, le’r coire féin, ar comas a chall, an caill Dia a chòir air obair iarraidh uainn, a chionn gu ‘n do thilg sinn uainn an neart a thug e dhùinn, gu choimhlionadh? Nach ‘eil còir aig an Fhear-fheiche air dioladh iarraidh air son airgid, ge do struidh am fear a ta fuidh na fiachaibh air falbh e, agus ged nach ‘eil e comasach air a phaigheadh dha? Gu deimhin, mur feud Dia iarraidh oirne ach na tha sinn comasach air a dheanamh; cha ‘n ‘eil feum againn air tuilleadh ‘g ar tearnadh o fheirg, ach sinn féin a dheanamh neo-chomasach air son gach uile dleasdanas, agus sinn féin fhàgail gun neart a chum seirbhis a dheanamh do Dhia, air sheol ‘sam bith, mar tha daoine mi-naomha gu tric a deanamh: Agus mar sin, mar is doimhne tha neach air a bhathadh ann am peacadh, ‘s ann is mó a dhion o fheirg; oir, far nach fheud Dia dleasdnais iarraidh uainne, cha ‘n ‘eil sinn a’ peacachadh ann an dearmaid a dheanamh air; agus far nach ‘eil peacadh, cha ‘n fheud fearg a bhi. (A thaobh na dh’fheudar a radh leis an anam neo-irioslaichte, an aghaidh ar stoc a bhi air a chur ann an lamha Adhaimh; bha ceartas an t-suidheachaidh sin air a shoilleireachadh roimhe.) Ach os barr, tha’n duine neo-nuadhaichte gach la a’ tilgeadh air falbh ceart-fhuigheall chomasan nadurra; an solus agus an neart sin, a ta r’ am faotainn am measg fuigheall na tuiteam anns a’ chinne-daoine. Ni h-eadh, a thuilleadh air so, cha chreid e a neo-chomas air e féin a chomhnadh; air chor as gu’m bi e air a dhìteadh a mach as a bheul féin. Tha eadhon iad sin a ta deanamh an neo-chomas nadurra gu maith a dheanamh, na comhdach d’ an leisg, a’ eur dail, eo maith ri muinntir eile, ann an tionndadh gu Dia o àm gu h-àm; fuidh mhothachadh, tha iad a’ deanamh geallanna mor air ath-leasachadh, ni, an deigh sin do nach ‘eil suim aca; agus tha iad a’ eur dail ‘nan aithreachas gu leaba bàis, mur gu’m b’ urrainn iad iad féin a chuideachadh ann am mionaid: ni a ta nochdadh gu bheil iad fada o mhothachadh ceart air an neo-chomas nadurra, ciod sam bith a tha iad a’ gabhail orra.

A nis, Ma dh’fheudas Dia an dleasdanas iarraidh air daoine, nach ‘eil iad comasach air a dheanamh; feudaidh e, ann an ceartas, peanas a dheanamh orra air son nach ‘eil iad ‘ga dheanamh, ged nach ‘eil comas aca. Ma tha cumhachd aige facha umhlachd agar; tha cumhachd aige mar an ceudna am fear a ta fuidh fhiach gun chomas a phaigheadh a thilgeadh am priosan, a chionn nach d’ rinn e paigheadh. A thuilleadh air so, ged nach ‘eil comasan gràsmhor aig daoine neo-iompaichte, chan ‘eil iad a dh’ easbhuidh comasan nadurra; gidheadh chan àill leo feum ceart a dheanamh dhiubh. Tha moran de nithibh is urrainn dhoibh a dheanamh, nach ‘eil iad a’ deanamh; chan àill leo an deanamh, agus air an aobhar sin bithidh an diteadh ‘na ni ceart. Ni h-eadh, tha ‘n neo-chomas gu h-uile gu maith a dheanamh o’n saor-thoil féin; “cha’n àill leo teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd,” Eoin v. 40. Chan àill leo aithreachas a dheanamh, ‘s àill leo basachadh, Esec. xviii. 51. Mar sin bithidh iad gu ceart air an diteadh; a chionn nach b’ aill leo pilleadh gu Dia, no teachd a dh’ionnsuidh Chriosd, ach gu’n do ghradhaich iad an cuibhrichean ni ‘s mó na ‘n saorsa, agus an dorchadas ni ‘s mó na ‘n solus, Eph. iii. 19.

Ceist (2.)

C’arson ma seadh a ta thu searmonachadh Chriosd duinn, a’ gairm oirnn teachd d’ a ionnsuidh, creidsinn ann, aithreachas a ghabhail, agus meadhonna na slainte a ghnathachadh?

Freagrath,

A chionn gur e do dhleasdanas sin a dheanamh. Is e do dhleasdanas gabhail ri Criosd, mar tha e air a thairgse ‘san t-soisgeul; aithreachas a dheanamh air son do pheacaidh, agus a bhi naomh anns gach uile ghnè chaithe-beatha: tha na nithe sin air an àithne dhuit le Dia; agus is e àithne-san, is chan e do chomas-sa, tomhas do dhleasdanais. Os barr, is iad na gairme agus na h-earailean so na meadhonna a thoillich Dia a ghnathachadh, a chum a mhuintir thaghta iompachadh, agus a dh’oibreachadh grais ‘nan eridhibh; d’ an ionnsuidhsan tha “creidimh a’ teachd tre eisdeachd,” Rom. x. 17. an uair a ta iad co neo-chomasach air iad féin a chobhair ‘s tha chuid eile de ‘n chinne-daoine. Tha deadh aobhar againn air àithne Dhé a dhùisgeas na mairbh, dol a dh’ ionnsuidh an uaighean agus glaothaich ‘na ainmsan, “Mosgail thusa a tha d’ chodail! agus eirich o na marbhaibh, agus bheir Criosd solus duit,” Ephes. v. 14. Agus, do bhrìgh nach ‘eil eadar-dhealachadh ri bhi air aithneachadh eadar na daoine taghta agus muinntir eile, mu’m bheil iad air an iompachadh; mar tha ghrian a’ dealradh air aghaidh an duine dhoill, agus a tha’n t-uigse tuiteam air na creagaibh cho maith as air a’ mhachair thoraich; mar sin tha sinne a’ searmonachadh Chriosd do na h-uile, agus tilgeadh an t-saigheadh air thuairmeas, a threoraicheas Dia féin mar a chi e iomhuidh. Os barr, chan ‘eil na gairmean agus na h-earailean so gu h-uile an diomhain, eadhon dhoibhsan nach ‘eil air an iompachadh leo. Feudaidh an leithide sin de mhuinntir mothachadh fhaotainn, ged nach ‘eil iad air an iompachadh: ged nach bi iad air an naomhachadh leis na meadhonna sin, feudaidh iad gidheadh a bhi air am bacadh leo, o ruith gus an neo-mheasarrachd sin de aingidheachd, gus an ruitheadh iad mur bhi iad so. Tha meadhonna nan gràs mar gu b’ ann, a’ eur ola chùbhraidh air iomadh anam marbh, nach ‘eil a chaoidh air an ath-bheothach leo; ged nach ‘eil iad ‘g an aiseag gu beatha, tha iad gidheadh, ‘g an cumail o aileadh breun a bhi dhiubh cho laidir as a bhitheadh dhiubh air dhoigh eile. Fadheoidh, Ged nach urrainn dhuibh sibh féin a leigheas no greim a dheanamh air a chuideachadh a ta air a thairgse dhuibh anns an t-soisgeul, gidheadh, eadhon le cumhachd naduir, feudaidh sibh feum a dheanamh de na meadhonna follaiseach agus gnathaichte, leis am bheil Criisd a’ co-pairteachadh sochaire na saorsa do pheacaich chaillte, a ta tur neo-chomasach air iad féin a shaoradh o staid a’ pheacaidh agus na feirge. Feudaidh, agus is urrainn sibh, ma ‘s aill leibh, iomadh ni a dheanamh, a chuireadh sibh ann an rathad maith air son cobhair fhaotainn o’n Tighearn Iosa Criisd. Feudaidh sibh dol cho fad air bhrùn-aghaidh, as “nach bi sibh fada o rioghachd Dhé,” mar a tinn an sgriobhach tuigseach, (Mare. xii. 34.) ged bha e a reir coslais, as eugmhais comasan os ceann naduir. Ged nach urrainn duibh sibh féin a leigheas, gidheadh feudaidh sibh teachd a dh’ionnsuidh an lochain far an robh moran d’ ur leithidse de dhaoine euslainteachd air an leigheas. Chan ‘eil neach agaibh gu ‘r eur ann, gidheadh feudaidh sibh luidhe aig a thaobh; agus, “Cò aig am bheil fios nach pill an Tighearn, agus nach fàg e beannachd ‘na dheigh?” Mar ann an cor an duine euslan, a ta air ainmeachadh, Eoin v. 5—8. Tha mi ‘n dochas nach ‘eil Satan ‘g ur eumail le slabhraidhean ri ‘r tighibh, na ‘gur ceangal le cuibhreach air bhur raontaibh air la an Tighearna; ach gu bheil sibh aig saorsa, agus gu ‘m feud sibh feitheamh aig dorsa a’ Ghliocais ma’s àill leibh. Agus an uair a tha sibh a’ teachd an sin, chan ‘eil e bualadh dhrumachan ‘nur cluasaibh, air chor as nach cluinn sibh ciod a tha air a ràdh: chan ‘eil ainneart air a dheanamh, a thoirt oirbh gach ni a chluinneas sibh a chàradh ri muinntir eile: feudaidh sibh gach ni a ta freagarach d’ ur staid agus cor a chàradh ribh féin: agus an uair a theid sibh dhachaidh, chan ‘eil sibh air bhur ceangal ‘nur tighibh, far as maith a dh’ fheudta nach ‘eil comhluadar diadhdh ri chluinntinn, ach feudaidh sibh dol a thaoibh gu aite diomhair, far am feud sibh beachd-smuaineachadh, agus ceistean iomchuidh a chur ri ‘ur coguis, mu na chuala sibh. Chan ‘eil sibh air bhur sealbhachadh le diabhul balbh, air chor as nach urrainn sibh bhur beoil fhosgladh ann an urnuigh ri Dia. Chan ‘eil sibh air bhur fuadachadh as bhur leapaichibh g’ur gnothuiche saoghalta, agus o bhur gnothuiche saoghalta g’ur leapaichibh a ris, as nach feud sibh, nam b’ àill leibh, ùin’ a bhuleachadh ann an urnuigh ri Dia, mu staid bhur n-anama a ta dol a dhìth. Feudaidh sibh sibh féin a cheasnachadh mu staid bhur n-anama, air sheol cudthromach mar ann an lathair Dhé. Feudaidh sibh a bhreithneachadh nach ‘eil gràs agaibh; agus gu bheil sibh caillte agus air bhur sgrios as eugmhais, agus gu ‘m feud sibh eigheach ri Dia air a shon: Tha na nithe sin ann an comas bhur naduir, agus feudar an cleachdamh far nach ‘eil gràs. ‘S éiginn gu ‘n tromaicheadh e bhur cionta, nach ‘eil sibh aig urrad de shaothair mu thimchioll staid agus cor bhur n-anama luachmhoir. Agus mur dean sibh na ‘s urrainn dhuibh a dheanamh, bithidh sibh air bhur diteadh, chan ann a mhàin ais son bhur n-uireasbhuidh gràis, ach air son bhur dimeas air.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice