ROIMH-RADH.—Tha na h-earrannan a leanas air an tarruing bho ‘n riaghailt-aoraidh a tha air a chur sios co-cheangailte ri Leabhar Aidmheil creidimh Eaglais na h-Alba. Airson a bhi daingneachadh imtinn an leughadair, faodaidh sinn an roimh-ràdh a mhìneachadh mar an ceudna.
“Leabhar-Seolaidh airson aoradh follaiseach Dhé; a chaidh a shuidheachadh le Ard-Sheanadh nan diadhairean aig Westminster, le cuideachadh fir-ùghdarrais bho Eaglais na h-Alba, mar chuid de riaghailt co-cheangailte ann an aidmheil eadar eaglaisean Chrìosda ann an rioghachdan Albann, Shasunn, agus Eireann:” Faic I. Cor. xiv. 40 agus rann 26.
Mu Naomhachadh latha Dhé.
Bu chòir latha an Tighearna bhi air a chuimhneachadh roimh laimh air a leithid a’ dhòigh, ‘s gu’m biodh ar cùisean freasdaill air an cur an òrdugh, agus air an cur an dara taobh ann an àm iomchuidh, chum agus nach biodh ar gnothaichean saoghalta ag cur bacadh air a bhi naomhachadh, mar bu chòir, là na Sàbaid ‘n uair a thig e.
Tha an là gu h-iomlan gu bhi air a choimhead naomha do’n Tighearna, araon anns an fhollais agus anns an uaigneas, mar is e Sàbaid nan Crìosduidhean. Air a shon sin tha e do-sheachainte, gu’m biodh fois naomha air an latha sin bho na h-uile gniomh air nach ‘eil aobhar; agus a’ seachnad, chan e a mhàin chluichean no fearas-chuideachd, ach mar an ceudna briathran agus smuaintean talmhaidh.
Gu’m biodh biadh an là sin air a chur an leithid de òrdugh agus nach biodh seirbhisich air am bacadh, gu neo-iomchuidh, bho aoradh follaiseach Dhé, no neach ‘sam bith eile air a bhacadh bho bhi naomhachadh là na Sàbaid.
Gu’m biodh ullachadh uaigneach air a dheanamh leis a h-uile neach agus teaghlach, ann a bhi ag ùrnuigh air an son féin agus airson cuideachadh Dhé leis a’ mhinisteir, agus airson beannachd air a mhinistrealachd, agus le cleachdaidhean naomha eile, mar a dh’ fhaodas sin an cuideachadh airson an tuilleadh comhfhurtachd agus co-chomunn ri Dia anns na seirbhisean follaiseach.
Gu’n cruinnich an sluagh uile ann an tide iomchuidh airson an aoraidh fhollaisich, agus gu’m bi an comhthional uile an lâthair aig an toiseach, agus gu’m bi iad gu sólaimte ceangailte mar aon anns a h-uile pàirt de’n aoradh fhollaiseach, agus nach fágadh iad gus an déidh a’ bheannachaidh.
Agus ge h’e úine tha air fhàgail eadar no an déidh coinneamhan sólaimte a’ comhthional anns an fhollais, bhi air a ghnàthachadh ann a bhi a’ leughadh, a’ beachd-smuaineachadh, no bhi ‘dol thairis air na searmoinean, agus gu h-àraidh ‘ann a bhi ag gairm an teaghlaichean gu cunntas a thoirt air na nithean a chuala iad, agus a bhi ‘g an ceasnachadh, ann an còmhraidhean naomha, ann a bhi ag ùrnuigh airson beannachd air na seirbhisean follaiseach, a’ seinn shalm, a’ fiosrachadh luchd an tinneis, a’ furtachadh air na bochdan agus dleasdanasan cràbhach, gràdhach, agus trocaireach, mar sin a’ cunntas là na Sàbaid ‘na thoil-inntinn.
Mu thiodhlacadh nam marbh.
An uair a dhealaicheas neach ‘sam bith ris a’ bheatha so, biodh an corp, air latha an adhlaicidh, gu stuma air a ghiùlain bho’n tigh a dh’ionnsuidh an àite a tha air a chur air leth mar àite adhlaicidh, agus air ball air adhlaicadh gun deas-ghnàth ‘sam bith.
Agus a chionn gur e saobh-chràbhadh a tha anns a chleachdadh a bhi lùbadh nan glùn agus ag ùrnuigh ri taobh no le an aghaidh air a’ chorp, agus a’ shamhail sin de chleachdaidhean anns an àite anns am bheil an corp ‘na laighe, ma’s ‘eil e air a ghiùlain a dh’ionnsuidh an àit’ adhlaicidh, agus a chionn gu robh ùrnuigh, leughadh agus seinn, araon ann a bhi ‘dol a dh’ionnsuidh agus aig an uaigh gu ro-mhór air am mi-ghnàthachadh, chan ‘eil iad air aon rathad buannachdail do’n mharbh, agus dhearbh iad am móran rathadan a bhi cronail do ‘n bheò; uime sin biodh a h-uile ni de na nithean sin air an cur an dara taobh.
Ach gidheadh tha sinne meas ro-fheumail gu’m biodh na càirdean Criosdail a tha leantuin a’ chuirp a dh’ ionnsuidh an àite adhlaicidh a’ leagail an intinn ann a bhi a’ beachd-smuaineachadh agus a’ còmhradh mu nithean freagarrach airson a leithid a dh’ àm; agus gu’n dean am ministeir, mar aig amannan eile, mar an ceudna aig an àm so, ma tha e làthair, an cur ann an cuimhne air an dleasnas.
Ach cha chuir so bacadh (‘s e sin na nithean tha air an toirmeasg anns na h-earrannan a tha dol air thoiseach air a so) air an àite no an urram aig an adhlaeadh, a bhuineas do inbhe agus suidheachadh an neach a chaochail.