CEANN III.
NEO-CHOMAS AN DUINE GU H-IOMLAN AIR E FEIN A LEIGHEAS.
(Continued from page 314.)
Ceist (3.)
Ach tha so uile neo-fheumail, a chionn gu bheil sinn gu h-iomlan neo-chomasach air sinn féin a chumail a mach á staid a’ pheacaidh agus na feirge.
Freagradh,
Na tugaibh aite do ‘n mhealladh sin, a ta cur o cheile na nithe a cheangail Dia ri cheile; eadhon, gnàthachadh nam meadhonna, agus mothachadh a bhi againn air ar neo-chomas féin. Ma thig Spiorad Dhé gu brath a dh’ oibreachadh le cumhachd grasmhór ann bhur n-anama, bithidh an sin lan-mhothachadh agaibh air bhur n-uile neo-chomas, agus gidheadh theid sibh a ghnàthachadh nam meadhonna gu beothail. Ni sibh air bhur son féin, mar gu ‘n deanamh sibh an t-iomlan; agus measaidh sibh gach ni a ni sibh, mar nach deanadh sibh ni ‘sam bith. Nach dean sibh ni ‘sam bith air bhur son féin, a chionn nach urrainn sibh an t-iomlan a dheanamh? Na deanaibh co-dhunadh cho chruaidh as sin an aghaidh bhur n-anama féin: Deanaibh na ‘s urrainn dhuibh, agus theagamh am feadh a ta sibh a’ deanamh na ‘s urrainn dhuibh air bhur son féin, gu’n dean Dia air bhur son sin nach urrainn sibhse dheanamh. “Am bheil thu tuigsinn na nithe a ta thu leughadh?” ars’ Philip ris a’ Chaillteanach: “Agus thubhairt esan, Cionnus is urrainn mi, mur seol neach éigin mi?” Gniomh. viii. 30, 31. Cha b’ urrainn dha ‘n sgríobtur a thuigsinn a bha e leughadh, gidheadh b’ urrainn dha leughadh: rinn e na b’ urrainn dha, leugh e; agus am feadh a bha e leughadh, chuir Dia fear-míneachaidh d’ a ionnsuidh. Bha na h-Israelich ann an teanntachd mhór aig an fhaírge ruaidh; agus cionnus a b’ urrainn doibh iad féin a chuideachadh, an uair a bha beannta air an dara laimh; agus freiceadan nan naimhde air an laimh eile? An uair a bha Pharaoh agus a shluagh air an culaobh, agus an fhaírge ruadh rompa; ciod a’ chrìoch air son an rachadh iad air an aghaidh? An urrainn dhoibh slighe reidh a dheanamh dhoibh féin troimh ‘n fhaírge? Cha ‘n urrainn: ach rachadh iad air an aghaidh, a deir an Tighearn; ged nach urrainn doibh fairge a thionndadh gu talamh tioram, gidheadh is urrainn dhoibh dol air an aghaidh gus a’ chladaich, agus mar sin rinn iad; agus an uair a rinn iad na dh’fheudadh iad, rinn Dia air an son an ni nach b’ urrainn dhoibhsan a dheanamh. Ecsod. xiv. 15.
Ceist.
An do gheall Dia gu ‘n iompaicheadh agus gu’n tearnadh e iadsan, a ta ann an gnàthachadh nam meadhonna, a’ deanamh na dh’fheudas iad a chum iad féin a shaoradh?
Freagradh,
Cha’n fheud sinn labhairt gu h-eancorach mu Dhia: Air do dhaoine nadurra bhi ‘nan coigrioch do choimhcheangal a’ gheallaidh, (Eph. ii. 12.) chan ‘eil a leithid sin de ghealladh air a dheanamh dhoibh. Gidheadh chan ‘eil iad a’ deanamh gu reusanta, mur ‘eil iad a’ deanamh feum de na h-uile comas a th’ aca, agus mur dean iad na dh’fheudas iad. Oir, (1.) Tha e so-dheanta gu ‘m feud iad soirbheachadh ‘san t-slighe so. Ma ni sibh na dh’fheudas sibh, theagamh gu ‘n dean Dia air bhur son ni nach urrainn sibh a dheanamh air bhur son féin. Is leoir so a thoirt air duine roghainn a dheanamh ann an gnothuch cho chudthromach as so, Gniomh. viii. 22. “Guidh air Dia, ma dh’fheudar gu maithear dhuit smuaintean de chridhe.” Joel ii. 14. “Cò aig am bheil fios nach pill e?” Ma dh’fheudar duil a bhi ri soirbheachadh, bu chòir an oidhirp a thabhairt, Ma ’s e, ann an long-bhriseadh aig fairge, gu ’n gabhadh gach fear de na maraichean agus do ’n luchd-siubhail, bord briste chum e féin a thearnadh, agus gu ’m faiceadh aon diubh iad uile ’gan call, an deigh an uile dhichioll gu iad féin a thearnadh; gidheadh bheireadh an dochas air tearnadh air an doigh so, airsan na dh’fheudadh e dheanamh le mhir briste. C’ arson uime sin, nach ’eil sibh a’ reusonachadh ribh féin, mar a rinn a’ cheathrar lobhar, a shuidh aig geatachan Shamaria, 2 Righ vii. 3, 4. C’ arson nach ’eil sibh ag ràdh, “Ma dh’fhanas sinn an so, gun a bhi deanamh na ’s urrainn dhuinn, bàsaichidh sinn; thugamaid an oidhirp, ma bhios sinn air ar saoradh bithidh sinn beo: mur bi, cha ’n fhaigh sinn ach am bàs. (2.) Feudaidh e bhi gu ’n soirbhich an rathad so: tha Dia maith agus trocaireach; is toigh leis iongantas a chur air daoine le ’ghràs, agus tha e gu tric “air fhaotainn leosan nach robh ga iarraidh,” Isa. lxv. 1. Ma ni sibh so, tha sibh an fhad so an rathad bhur dleasdanais; agus tha sibh a’ deanamh feum de na meadhonna, leis an gnathach leis an Tighearna daoine bheannachadh, air son leigheis spioradail: tha sibh ’gur cur féin ann an rathad an Leigh mhòir; agus mar sin feudaidh gu ’m bi sibh air bhur leigheas. Chaidh Lidia le muinntir eile “do’n àite far am b’ àbhaist urnuigh a dheanamh, agus dh’fhosgail an Tighearn a cridhe,” Gniomh. xvi. 13, 14. Tha sibh a’ treabhadh agus a’ cur, ged nach urrainn neach sam bith innseadh dhuibh gu cinnteach, gu ’m faigh sibh urrad as bhur siol a ris. Tha sibh a’ gnàthachadh meadhonna chum bhur slainte, ged nach ’eil sibh cinnteach gu ’n soirbhich iad. Anns na nithibh sin tha dochas gu ’r cur thuinge; agus c’ arson nach deanadh sibh sin sa’ chuis so mar an ceudna? Tha sinn a’ faicinn, gu faigh dian athchuinge mor-bhuaidh am measg dhaoine; air an aobhar sin bithibh ag urnuigh, a’ beachd-smuaineachadh, agus ag iarraidh comhnadh o Dhia; bithibh tric aig aite nan gràs a guidhe air son gràis; agus na failnichibh. Ged nach ‘eil suim aig Dia dhibhse, a ta ‘san staid ‘sam bheil sibh, ‘nur n-aon mheall peacaidh; gu h-uile graineil agus air bhur truailleadh, ann an uile bhuadhaibh bhur n-anama; feudaidh esan, gidheadh, meas a chur air ‘ordugh féin. Ged nach ‘eil suim aige do ‘ur n-urnuighean no do ‘ur beachd-smuaineachadh, gidheadh feudaidh meas a bhi aige do urnuigh, do bheachd-smuaineachadh, agus an leithide sin de mheadhonna a ta air an òrduchadh leis féin, agus mar sin am beannachadh dhuibhse. Uime sin, 4 mur dean sibh na dh’ fheudas sibh; cha ‘n e mhain gu bheil sibh marbh, ach tha sibh a’ toirt breith oirbh féin nach faigh sibh a bheatha mhaireannach.
Gu co-dhunadh, Gabhadh na naoimh iongantas ri saorsa agus cumhachd grais, a thainig d’ an ionnsuidh ‘nan staid uireasbhuich, a thug air an cuibhrichean tuiteam dhiubh, air a’ gheata iarunn fosgladh dhoibh, a thog an creutair caillte, agus a thug a mach iad o staid a’ pheacaidh agus na feirge, san luidheadh iad, agus san rachadh iad a dhith, mur bitheadh iad gu trocaireach air am fiosrachadh. Biodh mothachadh aig an duine nadurra air a neo-chomas gu e féin a leigheas. Biodh fios agad gu bheil thu gun neart, agus nach urrainn duit teachd a dh’ionnsuidh Chriosd, gus am bi thu air do tharruing. Tha thu caillte, agus cha ‘n urrainn dhuit thu féin a chobhair. Feudaidh so steidh do dhochais a chrathadh, thusa nach fhaca riamh t’ fhiór-fheum air Criosd agus air a ghras; ach a ta ‘m barail gu ‘n dean thu solar air do shon féin, le d’ mhothalaichd, le d’ dheadhbheusan, le d’ iarrais agus le d’ dhleasdanais mharbh; agus le creidimh agus aithreachas, a dh’ fhàs suas a’ d’ bhuadhan nadurra, as eugnais cumhachd agus eifeachd grais Chriosd. O biodh mothachadh agad air t’fhiór-fheum air Criosd, agus air a ghrasa buadhachsa: creid do neo-chomas gu h-iomlan air thu féin a leigheas! agus mar sin feudaidh tu bhi air t’ irioslachadh, air do chrathadh á t’fhein-earbsa, agus luidhe sios an duslach agus luaithre, ag osnaich a mach do chor truagh an lathair an Tighearna. Bhiodh sealladh iriosal do d’ laigse nadurra; laigse an naduir thruaillidh, ‘na cheum a chum fuasglaidh.—An fhad so mu staid nadurra ‘n duine, staid truaighe iomlan.
Ri leantuin.