(Continued from page 355.)
STAID III. EADHON, STAID GRAIS; NO SAORSA AIR TÓISEACHADH.
CEANN I. ATH-GHINEAMHUIIN.
“Air dhuibh bhi air bhur n-ath-ghineamhuiin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.
THEID sinn a nis air ar n-aghaidh gu staid a’ ghrais, staid toiseachaidh leigheis nàduir an duine, gus am bheil na h-uile a bhios ‘nan luchd comhpairt de shonas siorruidh air an atharrachadh, luath no mall anns an t-saoghal so. Is ni e a ta sruthadh o atharrachadh gràsmhor air a dheanamh orrasan a shealbhaicheas a’ bheatha mhaireannach; feudar an t-atharrachadh so bheachdachadh anns an dà ni so: (1.) A thaobh fior staid an naduir, staid na truaillidheachd, tha caochladh air a dheanamh orra ann an ath-ghineamhuin, leis am bheil an nadur air atharrachadh. (2.) Do thaobh an staid mar fuidh ‘n lagh, staid feirge, tha atharrachadh air a dheanamh orra, le iad a bhi air an aonadh ris an Tighearna Iosa Criosd; leis am bheil iad air an eur an taobh a mach do dhìteadh. Tha rùn orm, air an aobhar sin, iad sin a lainmhseachadh, eadhon, Ath-ghineamhuin, agus Aonadh ri Criosd, mar na h-ath-arrachaidhean mòr agus farsuinn a ta air an deanamh air peacach leis am bheil e air a shuidheachadh ann an staid a’ ghràis.
Tha cheud aon diubh sin againn anns a’ bhonn-teagaig, maille ris na meadhonna gnathaichte o ‘n taobh a mach, leis am bheil e air thoirt mu ‘n cuairt. Tha ‘n t-Abstol ann an so, chum na naomh a bhrosnachadh gu dleasdanas na naomh-achd a leantuinn, agus gu h-araid gu gràdh brathaireil, ‘g an eur an cuimhne mu ‘n ghineamhuin spioradail: Tha e ‘g innseadh dhoibh gu ‘n robh iad air am breith a ris; agus sin leis an t-siol neo-thruaillidh, le focal Dhé. Tha so a’ taisbeanadh gu ‘n robh iad ‘nam braithrean, ‘nan luchd comh-pairt do ‘n nadur nuadh cheudna, an ni is e ‘n ffreumh o ‘m bheil naomhachd, agus gu h-araid o’m bheil gradh brathaireil a’ sruthadh. Tha sinn aon uair air ar breith ‘nar peacaich, is eiginn duinn a bhi air ar breith a ris, chum gu biodhamaid ‘nar naomh. Tha’m focal féin a’ ciallachadh a bhi air ar gineamhuin; agus is ann mar sin a dh’fheadar a leughadh, Mat. xi. 11. a bhi air ar gineadh, Mat. i. 20. agus a bhi air ar breith, Mat. ii. 1. A reir sin, feudar am focal so anns a’ bhonn-teagaig a ta air a tharruing o ‘n fhoical eile, a ghabhail anns an t-seadh is farsuinne, agus mar so am beachd mu dheireadh a filleadh a steach anns an dà bheachd eile; agus mar sin, tha ath-ghineamhuin ‘na fior-atharrachadh os ceann naduir air an duine gu h-iomlan, gu h-iomchuidh air a coimeas ri gineamhuin nadurra no corporra, mar a chithear an deigh so. Meadhonna gnathaichte na h-athghineamhuin, d’ an goirear an siol, o’m bheil an nuadh chreutair air a dhealbh, cha siol truaillidh e: do shiol truaillidh; tha an cuirp gun anharus air an gineamhuin: Ach tha’n siol spioradail, o’m bheil an creutair nuadh air a gineamhuin, neo-thruaillidh; eadhon, Focal an Dé bheò, agus a mhaireas gu siorruidh. Tha fuaim focial Dé a’ dol thairis eadhon mar ni fuaim eile; ach mairidh am focal, bithidh e beò, agus fanaidh e, do thaobh a bluaidh shiorruidh air na h-uile air am bheil e ag oibreachadh, ‘Se ‘m focal, “a ta air a shearmonachadh dhuibhse anns an t-soisgeul,” rann 25. ‘s a ta air a choimeasgadh le Spiorad Dhé, meadhon na h-ath-ghineamhuin; agus is ann leis a ta peacaich mharbh air an togail gu beatha.
Teagasg.
Tha na h-uile duine a ta ann an staid grais air a bhreith a ris. Tha na h-uile neach grasmhor, ‘se sin ri radh, iadsan a tha ‘n staid fabhoir ri Dia, agus aig am bheil nadur agus buaghan grasmhor, ‘nan daoine iompaithe. Ann an labhairt mu ‘n teagasg so, Nochdaidh mi, ciod i ath-ghineamhuin: A ris, c’ uime a goirear sin dhi: agus an sin ni mi cleachdamh do ‘n teagasg.
MU NADUR NA H-ATH-GHINEAMHUIN.
I. A chum nàdur na h-ath-ghineamhuin a thuisinn gu ceart, thoir fa’near, sa’ cheud àite: Mar a tha toirreachas mealltaich ann na nàdur, gu bheil e mar an ceudna ann an gràs. Agus leo sin tha moran air am mealladh; a’ gabhail cuid de atharrachaidhean a rinneadh orra an àit’ an atharrachaidh mhór agus iomlan so. A chum na mearachdan sin a thoirt as an rathad, biodh na nithe so a leanas air an tabhairt fainear:
- Their moran am mathair ris an eaglais, nach aidich Dia a bhi ‘nan cloinn da féin (Dàn Sholaimh i. 6). Bha mic mo mhathar (braithrean breige) am fearg rium. Chan ‘eil na h-uile a ta air am baisteadh air am breith a ris: Bha Simon air a bhaistedh, gidheadh fathast “ann an domblas na seirbhe,
agus fuidh chuibhreach na li-eucorach” (Gniomh, viii. 13, 23). Far an e an creidimh Criosduidh aidmheil na dûtheha, bithidh moran air an ainmeachadh air Criosd, aig nach ‘eil ni’sam bith ni’s mó dheth no ‘n t-ainm: Agus cha’n ioghnadh sin, do bhrigh gu’n robh aig an diabhul a ghabhair am measg chaorach Chriosd, ‘sna h-aitibh sin anns nach robh ach teare a bha ‘g aidmheil a’ ebreidimh Chriosduidh (1 Eoin ii. 19). “Chaidh iad a mach uainne, ach cha robh iad dhinn.”
- Cha’n e foghlum fallain ath-ghineamhuin. Feudaidh foghlum ana-mianna dhaoine chuibhreachadh, ach cha’n urrainn e ‘n cridheachan atharrachadh. Tha’m madadh-alluidh ‘na chreutair millteach fathast, ged tha e an geimhlíbh. Bha Ios gle dhiadhaidh fhad ‘sa bha dheadh fhear teagaig Iehoiada beò; ach ‘na dheigh sin nochd e gu h-ealamh ciod an spiorad d’ an robh e le tuiteam obainn o’n ebreidimh (2 Eachd. xxiv. 2, 17, 18). Tha deadh eisimpleir gle neartmhór, ann an atharrachadh an duine o’n taobh a mach, ach tha ‘n t-atharrachadh sin gu tric a’ dol dheth, ‘nuair a tha neach ag atharrachadh a chuideachd; air am bheil iomadh dearbhadh air a thabhairt anns an t-soaghal.
Ri teantuinm.