Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » February 1934 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Continued from page 388.)

STAID III.

EADHON,

STAID GRAIS; NO SAORSA AIR TOISEACHADH.

CEANN I.
ATH-GHINEAMHUIIN.

“Air dhuibh bhi air bhuir n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truaillidh, ach neo-thruaillidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

  1. Tha bhi tionndadh o mhi-naomhaechd fholaiseach gu modhalach agus measarrachd a’ teachd gearr air an atharrachadh shlainteil so. Tha cuid, a ta car aimsir, glé fhuasgailte, gu h-áraid an laithibh an òige; ach tha iad an deigh sin ag ath-leasachadh, agus a’ fàgail an slighean mi-naomha. Ann an so tha caochladh, gidheadh is caochladh e a dh’fheudar fhaotainn ann an daoine a ta gu tur as eugmhais gràis Dhé, agus aig am bheil am fireantachd a’ teachd cho fada gearr, is nach ‘eil i teachd suas ri fireantachd nan Sgriobhaiche agus nam Phairiseach. 4. Feudaidh neach a bhi ‘n sàs ann an uile dhleasdanais na diadhachd o’n taobh a mach agus gidheadh gun a bhi air a bhreith a ris. Ged fheudar luaidhe a thilgeadh gu iomadh dealbh, gidheadh chan ‘eil innte fathast ach miotaile shuarach. Feudaidh daoine dol as o shalachar an t-saoghail, agus gun iad a bhi ach ‘nan coin agus ‘nam mucan (2 Pead. iii. 20, 21). Tha uile ghniomhara na diadhachd o ‘n taobh a mach, an taobh a stigh do chomasan nadurra. Seadh, feudaidh dealbh uile ghrasan an Spioraid a bhi aig cealgairean; oir tha sinn a leughadh mu fhiar-naomhachd (Eph. iv. 23) agus creidimh neo-chealgach (1 Tim. i. 5) a ta taisbeanadh gu bheil dealbh naomhaechd, agus creidimh cealgach ann. 5. Feudaidh daoine bhi glé theann anns an diadhaechd a th’ aca; agus gidheadh a bhi ‘nan coigrich do’n nuadh-bhreith (Gniomh. xxvi. 5). “Chaith mi mo bheatha a’ m’ Phairiseach, a reir an luchd chomh-bharail as teinne d’ ar creidimh-ne.” Tha a teannachd neo-naomhaichte féin aig nadur ann an creidimh. Bha urrad de’n teanntaechd so aig na Phairisich, as gu’n robh iad ag amharc air Criosd mar neach nach b’ fhearr no duine fuasgailte. Duine aig am bheil a choguis air a dusgadh, agus a ta beo fuidh chumbhaechd choimhcheangail nan oibre, ciod nach dean e, a ta ‘n taobh a stigh d’ a chomasan nadurra? B’ i ‘n fhirinn a bh’ ann, ge do thainig i mach o bheul ifrinneil, “croicinn air son croicinn, eadhon gach ni a ta aig duine, bheir a air son anama” (Job. ii. 4). Feudaidh geur shaothair-anama agus pianta a bhi aig neach, agus gidheadh bàsachadh anns an inbhe bhreith. Bha mòran ann am pian, nach d’thug a mach ach, mar gu b’ ann, gaoth. Feudaidh piantan goirte agus gearain coguis a bhi ann, a thig gu neo-ni mu dheireadh. Bha aig Pharaoh agus aig Simon Magus a leithid do mhothaechadh, as a thug orra urnuighean muinntir eile iarraidh air an son: ghabh Iudas aithreachas, agus fuidh uamhasan coguis, thug e air an ais a bhuinn airgid a fhuair e gu h-ana-ceart. Chan òr gach ni a dhearsas: Feudaidh craobhan teachd fuidh bhlàth ghealltanach ‘san earrach, air nach faighear toradh ‘sam bith san fhoghar; agus tha aig cuid de mhuinntir roimhbhlas-geur anama, nach ‘eil ach ‘nan roimhbhlas air ifrinn.

Feudaidh dochann a bhi air a dheanamh air an nuadh-bhreith, ciod ‘sam bith an deadh choslas a ta orra ‘na toiseach, air dà dhoigh. Air tús, Tha cuid cosmhuil ri Sarah (Gen. xxxviii. 28, 29) a’ teachd gus a’ bhreith ach a’ dol air an ais a ris. Tha mothachaidhean geur aca car tamuill; ach tha iad sin a’ dol air falbh, agus tha iad a’ fas cho neo-chùramach mu thimchioll slàinte, bha iad riamh; “bithidh an staid dheireannach ni’s miosa na cho ain-diadhaidh ‘sa bha iad riamh, agus gu tric ni’s miosa na an toiseach” (Mat. xii. 45). Tha iad a’ faotainn gràs dùsgaidh, ach chan ‘eil iad a’ faotainn gràs iompachaidh; agus tha sin a’ dol air falbh a lion, ceum is ceum, mar tha solus an fheasgair a’ dol air falbh, gus an crìochnaich e ann an dorchadas a’ mheadhon-oidhche.

‘San dara àite, Tha cuid a tha cosmhuil ri Ismael a’ teachd a mach tuilleadh is luath; tha iad air am breith roimh àm a’ gheallaidh (Gen. xvii. 2, coimeis Gal. iv. 22) agus na roinn a leanas. Tha iad air an togail le oibre lagha mhàin, agus chan ‘eil iad a’ fuireach gu àm geallaidh an t-soisgeil. Tha iad a’ glacadh do chomhfhurtachd an t-soisgeil, is chan ‘eil iad a’ feitheamh gus am bheil e air a thabhairt dhoibh; agus tha iad gu h’amaideach a’ tarruing an comhfhurtachd o’n lagh a lot iad. Tha iad a’ earachd an ioc-shlaint leigheas dhaibh féin, mu’m bheil an lot gu leoir air a rannsachadh. Tha’n lagh, am fear-pòsda an iochdmhor sin, ‘gam bualadh gu goirt, agus tha e tilgeadh mallachadan agus dioghaltais a steach air an anama! An sin tha iad a’ toiseachadh air ath-leasachadh, air urnuigh, air bròn, air geallaidhean agus air bòideachadh, gus am bi an spiorad so air a chur ‘na thosd; ‘nuair a tha sin air a dheanamh, tha iad a ris a’ tuiteam ‘nan codal ann an gairdeinibh an lagha: ach chan ‘eil iad idir an crathadh a mach asda féin, no as am fireantachd féin, no air an tabhairt air an aghaidh gu Iosa Criost. ‘San àite mu dheireadh, Feudaidh gluasad iongantach nan aignidhean a bhi ann an anama ris nach do bheanadh idir le gràs an iompachaidh. Far nach ‘eil gràs, feudaidh gidheadh gu’m bi tuiltean de dheòir, mar ann an Esau, nach d’ fhuair àite aithreachais, ge do dh’iarr se e gu durachdach le deuraibh (Eabh. xii. 17). Feudaidh lasaidhean mór de dh’aoibhneas a bhi! mar ann an luchd eisdeachd an fhocail, a ta air an cumail a mach “a ta gabhail ris air ball le gairdeachas. (Mat. xiii. 20). anns a’ chosamhlachd, leis an fhearann chlachaidh, muinntir Feudaidh mar an ceudna iarrais mhór a bhi ‘n deigh nithe maith agus mòr-thlachd annta mar an ceudna, mar anns na cealgairribh sin a ta air am ainmeachadh (Isa. lviii. 2). “Gidheadh o là gu là tha iad ‘gam iarraidh-sa; agus is toil leo eòlas a ghabhail air mo shlighibh.”—Is miann leo bhi teachd dluth do Dhia. Faic cho ard as a dh’ fheudas iadsan air uairibh seasamh, a ta fathast a’ tuiteam air falbh! Eabh. vi. 4, 5, 6. Feudaidh iad a bhi air an “soillseachadh, agus blasad air an tiodhlac neamhaidh, a bhi ‘nan luchd comh-pàirt de’n Spiorad naomh, agus blasad air deadh fhocal Dhé, agus cumhachdan an t-saoghail ri teachd.” Tha oibreachadh coitchionn spioraid Dhé, cosmhuil ri tuil air fearann, a’ deanamh tionndaidh iongantach air nithe ‘gan cur bun os ceann. Agus ‘nuair tha iad a’ dol seachad, tha na h-uile ni a’ ruith anns a’ chlais ghnathaichte a ris. Feudaidh na nithe sin uile bhi, far nach ‘eil spiorad naomhachaidh Chriosd aig àm ‘sam bith a’ tàmh anns an anam, ach tha’n cridhe cloiche fathast a’ mairsinn; agus anns a’ chor sin, cha’n urrainn na h-aignidhean sin gu’n seargadh, a chionn nach ‘eil freumh aca.

Ach tha ath-ghineamhuin ‘na h-atharrachadh fior, agus iomlan leis am bheil an duine air a dheanamh ‘na chreutair nuadh, 2 Cor. v. 17. Tha’n Tighearna Dia a’ deanamh a’ chreutair ‘na chreutair nuadh, mar tha’n t-ór-cheard a leaghadh sios soitheach na h-eas-onoir, agus ‘ga deanamh ‘na shoitheach a chum onoir. Tha’n duine, a thaobh a staid nàdurra, gu h-uile as a riaghailt leis an tuiteam; tha gach aon bhuaidh de’n anam, mar gu b’ ann air an cuir as an àite: Ann an ath-ghineamhuin, tha’n Tighearn a’ fuasgladh na h-uile alt, agus ‘ga chur ceart a ris. A nis, tha ‘n t-atharrachadh so a ta air a dheanamh ‘san ath-ghineamhuin.

Ri leantuinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice