Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » February 1934 » Nollaig Nam Pàpanach

Nollaig Nam Pàpanach

*This was held over from last month.—Editor.

THA an t-àm a nis a tarruing dlùth oirnn ris an abair na Pàpanaich an Nollaig, an t-am anns am bheil moran de aifriomhan (masses), air an toirt suas air altairean iodhol-aoraiddh eaglais na Ròimhe. ‘Se e so aon de na h-amannan àraiddh anns am bheil eaglais na Ròimhe a toirt a stigh moran airgid, ann an ainm a bhi cuideachadh ann a bhi toirt anaman dhaoine á “Purgadair,” no as àite-glanaidh anaman o thruaillaidheadh a’ pheacaiddh mar a their am Pàp agus a’ chuid sagart ris an t-sluagh neo-iompaichte agus dhorchá, a tha leantuinn an teagasgan agus an cleachdaidhean ain-diadhaidh.

‘N uair a thug Dia ‘na throeair daoine a dh’ ionnsuidh eòlais na fhrinn mar tha sin ann an Criosd, aig àm an Ath-leasachaidh, agus a chunnaic iad tre ‘n solus a chuir an Spiorad Naomh ‘nan anaman, cho toibheumach agus cho mallaichte agus cho sgrìosal do anaman dhaoine agus a bha a leithid so de theagasg agus de chleachdaidhean, ghairm iad gu dìleas, treibhdhireach air luchd-àiteachaidh an domhain, ‘nan ginealach, iad a thighinn a mach á eaglais na Ròimhe agus iad a dhealachadh ri h-iodhal-aoraidh agus ri cleachdaidhean ain-diadhaidh. ‘Nuair a thuig agus a bhreithnich an sluagh a lean Fir an Ath-leasachaidh, an dorchadas agus an iodhal-aoraidh gus an robh iad air an toirt, tre chuilbheirtean agus innleachdan na striopaich mhór Bàbiloín—eaglais na Ròimhe, cha b’ e ‘mhàin gu’n do chuir iad eul ris na cleachdaidhean ain-diadhaidh sin mar chleachdaidhean, nach robh ùghdarras no barantas air an son o fhocal Dhé, ach ‘sann a bhris iad sios altairean eaglais na Ròimhe air an robh i ag iobradh a h-aifrionn, an agus a dealbhan snaidhte agus leaghta agus thug mìltean sàr-fhacal le mionnan, a sheulaich iad le fuil ann am moran àitean ‘san Roinn-Eòrpa, nach biodh cuid no gnothach acasan no aig an slioichd as an déidh ri ni ‘sam bith a bhuineadh do Nollaig eaglais na Ròimhe.

B ‘e toradh priseil a thug so a mach am measg an t-sluaigh aig an àm sin, agus a lean fad eadan bhliadhnaich as a dhéidh, agus ann an tomhas gu ruig an là anns am bheil sinn beò, gidheadh tha e dulich ri aithris gu bheil Pròstanaich na Roinn-Eòrpa, agus ni tha ro-èrtaiteach buileach agus dulich dhuinn-ne r ‘a luaidh, gu bheil Pròstanaich na h-Alba ann an tomhas do-labhairt eunnartach, air an slaodadh ‘s air an slugadh gu seòlta, cuilbheirteach agus innleachdach air an tarruing a ris a stigh as déidh cleachdaidhean ain-dligheach bhi a’ tabhairt tiodhlacan a dh’ ionnsuidh aoin a’ chéile agus a bhi toirt làithean féille do na sgoiltean air son a’ chloinne a bhi saor bho uallaichean foghlhuim anns an àm anns am bheil eaglais na Ròimhe a’ gleidheadh an Nollaig. Tha an t-àm féille so air a chuir air leth agus air a dhaingneachadh le reachd Tigh nan Cumannan. Tha sinn ag guidhe agus a’ sparradh air sluagh ar n-eaglais agus gu h-àraidh air na parantan, iad a theagasg na h-òigridh agus gu h-àraidh a’ chlann mhaoth, gu dé cho peacach agus cho toibheumach ‘s a tha e bhi toirt gnuis ‘sam bith ann an seadh ‘sam bith do Nollaig nam Pàpanach. Tha na Pàpanach a’ ciallachadh leis an aifrionn nach robh an iobairt a thug Mac Dhé suas aon uair a mhàin, iomlan agus gur ann a dh’ fheumas an sagart le ùghdarras a’ Phàp a bhi toirt suas na h-aifrinn air son a bhi deanamh suas call nan anaman a chaidh do ‘n t-siorruidheachd, ‘s a b’ éiginn a bhi air an cuir do’ n àite ris an abair iadsan Purgadair, do bhrigh, a réir am beachd agus an teagasg, nach robh éifeachd no luach gu leòir ann am fuil Chrìosd air son peacaich chaillte bhi air an glanadh ri Dia, agus air an glanadh o ‘n uile pheacaidean. Tha sinn anns a’ chunnart as motha a thaobh mar tha sinn air ar iomartachadh le tuiltcan eagalaich an iodhal-aoraidh, mur bi a’ chlann òg a tha ag éirigh suas air an teagasg gu mionaideach, gu faicilleach agus gu gràdhach a réir an Sgriobtuir Naomha, nach fhada an ùine gus nach cuir na ginealaichean a dh’ éireas suas an t-eadar-dhealachadh as lugha eadar aifrionn nam Pàpanach agus òrduighean naomha an Tiomnaidh Nuaidh.

Tha e soilleir bho chleachdaidhean dhaoine, mar tha sin air aithris gu neo-thuiteamaich ann am focal Dhé, gu bheil e farasda gu leòir do dhaoine a dhol a stigh agus air ais an comhair an cinn do ‘n iodhal-aoraidh as an robh iad gu miorbhuileach air an toirt a mach, ach chan’ eil e ann an duine, no ann an daoine, iad féin a philleadh a mach o’n iodhal-aoraidh, dealaichte ri cumhachd neo-chrìochnach gairdean deas an Tighearna bhi pilleadh dhaoine air an ais o leithid a dh’ uamhas agus a bhreitheanasan eagalaich. Bha an salmadair ag radh a thaobh diathan luchd an iodhal-aoraidh “air an ainmean ann am bheul, cha toir mi luaidh am feasd.”

Mo chàirdean ionmhainn, ann a bhi toirt na comhairle so gu dìrachdach agus gu gràdhach, tha mi ‘cur fo ar comhair gu sòlaimte mar neach a dh’ fheumas cunntas a thoirt Dhàsan a tha rannsachadh chridheachan agus a sgrùdadh àirnean, gu’ m buin e dhuibhse agus dhòmhsa, bhi toirt fianuis dhìleas agus fhìrinneach, gu h-uaigneach agus gu follaiseach, air Sàbaid agus air seachduin, ann an aghaidh na h-uile gné iodhal-aoraidh agus gu h-àraidh ann an aghaidh an iodhal-aoraidh eagalaich sin a tha eaglais na Ròimhe a taomadh a mach á bolg ain-diadhaidh air sluagh Alba, a ghearradh air falbh bhuainn dochas an t-soisgeil agus rathad teàrnaidh Dhé ann an Iosa Criosd. Tha e mar an ceudna soilleir nach fhaigh sibhse móran a thogas an guth air ar taobh anns an tìr so an diugh. Tha àrd luchd-riaghlaidh an fhearainn, na daoine as àird ann an cathraichean-foghluim agus móran de mhinisteirean a tha ann an ainm Phròstanaich tha ag ràdh gur iad seirbhisich Chriosda, ag oibreachadh anns an tomhas as eagal-aiche làmh air làmh ri iodhal-aoraidh eaglais na Ròimhe. Tha fios a’ chuid as mò agaibh gu bheil cuid anns an eaglais ris an abrar Eaglais na h-Alba ag iarraidh co-aonadh ri Eaglais Easbuigeach nan Sasunnach, agus tha aireamh mhór, mur ‘eil an aireamh as mótha, ann an Eaglais Shasunn ann an comh-bhuinn ri eaglais na Ròimhe. Tha so a’ ciallachadh, mur cuir Dia ‘na thròcair bacadh agus stad air an tuil eagalaich so, gur ann a bhios a h-uile ni a bha maiseach, feumail agus a reir nan Sgriobtuir o àm an Ath-leasachaidh, air an sguabadh mach agus air an giùlan air falbh le tuil an iodhal-aoraidh á caithe-beatha sluagh an fhearainn. Tha feum air caithris aig cathair gràis, ann a bhi tagradh ris an Tì aig am bheil a h-uile cumhachd ‘na làmh air neamh agus air talamh, nam biodh e a réir a ghloir, gu ‘n togadh E fathast bratach ann an Alba, agus anns an rioghachd airfad, ann an aghaidh an namhaid tha tighinn a stigh mar thuil.—Seumas MacLeod.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice