Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » February 1934 » Yeddie

Yeddie

BHA amadan bochd anns a’ Ghàidhealtachd air a chumail suas leis an sgìreachd anns an robh e, agus chaith e a thìm o thigh gu tigh. Bha e sàmhach, siochail, agus choisinn sin dhà cridheachan blàtha a cho-chreutairean. Cha robh móran comas aige ri comhradh a dheanamh riù, ach bha e mar gu’m biodh e an comhradh, agus ann an co-chomunn ‘gràdhach an Tì a dh’amhaireas air daoine ann an staid ìosal ged is E an Tì àrd agus uasal. Is e “Yeddie” a theirteadh ris. Bha e ‘na chleachdadh aige a bhi bruidhinn ris fhéin ‘n uair a bhiodh e a’ coiseachd air an rathad mhór, no bhi bruidhinn ris féin ‘n uair a bhiodh e ag obair do charaid ‘sam bith. Air àm àraidh, an uair a chuala gille òg, aotrom e gu dùrachdach a’ tagradh ann an ùrnuigh, dh’ fheòraich e dheth, (agus faodaidh sinn ag ràdh gu ladurna,) “Gu dé an tannasg no am faileas uamhasach air am bheil thu ag iarraidh fàbhar an dràsd, a Yeddie? “Chan e aon chuid de ‘n dà chuid a bhalaichain,” arsa Yeddie. “Bha mi ðireach ag ràdh beagan fhaclan ris an Tì nach urrainn thusa no mise fhaicinn, ach gidheadh chi Esan sinne le chéile.”

Air là àraidh, ‘s ann a chaidh Yeddie le aodach duaichnidh agus le bhroghan tacaideach far an robh am ministear, agus dh’ ùmhlach e e féin, glé chosmhuil ri bogha ‘n uair a bhiodh e air a tharruing le iall, agus thuirte e:” Gu ur cead a’ mhinisteir, an leig sibh le Yeddie bochd ithe de ‘n t-suipeir air an là màireach maille ris an Tighearna Iosa?” Bha am ministear ag ullachadh airson òrdugh Suipeir an Tighearna, a bha air a ghleidheadh anns an àite sin an ceann a h-uile ràidhe, agus a bha air a choimhead ann an iomadach coimhthional còmhla, agus a thaobh na bhiodh ann a’ shluagh, dh’ fheumadh na seirbhisean an cumail anns an achadh fhosgailte. Bha am ministear anabarrach trang aig an àm, agus dh’ fheuch e ris an truaghan fhaoin a chuir air falbh air mhodh eò-seimh ‘s a b’urrainn e. Ach ‘s ann a bha Yeddie a’ tagradh, “O, a mhinisteir, nam biodh fios agaibh—’se an gràdh a th’ agamsa Dhà, (an Tighearna Iosa), leigeadh sibh dhòmhsa a dhol do’ n àite aig a bhòrd far am bi Esan. Bhean so ri cridhe a’ mhinisteir air a leithid a dhòigh, agus gu’n tug e cead do Yeddie suidhe aig a’ bhòrd maille ri càch. Agus ma’ a bha an t-seirbhis a’ dol air adhart, bha na deòir a’ sileadh gu frasach o shùilean a’ chreutair gun ghò, agus an uair a chluinneadh e an t-ainm Iosa, chrathadh e a cheann gu brònach agus chanadh e ris fhéin “Ach chan ‘eil mi ‘g a fhaicinn.” Ach mu dheireadh, an déigh dha gabhail de’ n aran agus de’ n fhion, thog e suas a cheann agus thiormaich e na deòir o shùilean, agus a’ sealltuinn air a mhinisteir ‘s an aodann, chrom e cheann le fiamh gaire. An déigh so chuir e a dhà làmh mu aodann agus a cheann eadar a ghluinean agus dh’ fhan e anns an t-suidheachadh so, gus an robh am beannachadh air a chuartachadh, agus an do thòisich an sluagh air sgapadh. An déidh sin, agus aghaidh a’ lasadh le aoibhneas, agus sólaimte ri fhaicinn, lean e càch. Labhair neach an déidh neach ris anns an sgìre d’ am buineadh e, ach cha tug e freagrachd ‘sam bith do h-aon dhiubh, gus an robh e air a cho-éigneachadh le cuid de na gillean. An sin thuirt e: “A bhalaicha, na iarraibh air Yeddie bruidhinn an diugh! Chunnaic e aghaidh an Tighearna Iosa am measg a shluaigh féin: sheall E orm le sùil bhlàth, agus labhair e facal rium le ‘bheul, agus tha eagal orm labhairt air eagal gu’ n dìochuimhnich mi sin, oir chan ‘eil agam ach droch chuimhne ‘nuair as fheàrr i. O ‘illean! ‘illean! chunnaic mise E air an là diugh, mar nach fhaca mi riamh roimhe E; leis na sùilean dorcha so chunnaic mise an cuspair àluinn. Na bruidhnibh—se rium, ach leigibh le Yeddie bochd a bhi ‘na cho-chomunn-san.” An uair a ràinig Yeddie bochd an t-àite ris an abradh esan “a dhachaidh,” cha b’ urrainn e labhairt ri Granny, a bha toirt aoidheachd dhà, air eagal, mar a chanadh e féin, “gu’n cailleadh e a aghaidh mhaiseach.” Dh’ fhàg e am brochan agus an treacail gun bheantainn dà, agus le fiamh a’ ghàire fathast air aodann, thoisich e air sliobadh gruaidh na seana mhnatha, gu bhi foillseachadh dhi nach robh dad ceàrr air, dhirich e am fàradh do ‘n lobhta far an robh seid fhodair air am biodh e laighe, gus am faigheadh e sealladh eile agus facal eile, o ‘n neach fhlathail a chunnaic e.

Chluinnte fuaim a ghutha gu h-iosal, ged nach robh e bruidhinn àrd: “A Thighearn, is mise an creutair bochd a bha ùine mhór ‘gad shireadh, agus a nis, fanaidh sinn cuideachd agus cha dealaich sinn ni’s mó! O ‘s ann an so tha an lobhta bhreagha; tha e uile ‘na òir agus ‘na neamhnuidean luachmhor. ‘Se àite bochd a th’ ann an talla a’ chaisteil
ann an coimeas ri mo lobhta-sa air an oidheche mhaiseach so!”
Bha an sin a ghuth a’ dol na bu laige agus na bu laige
gus mu dheireadh nach cluinnte tuilleadh e.

Bha an t-seann bhean ’na suidhe os ceann an teine le
h-uilnean air a glùinean ag innse do bhan-nàbaidh naigheachd
nan gillean a thàinig air thoiseach air Yeddie o ’n t-seirbhis,
agus a bhriathran agus a’ choltas iongantach féin! “Agus
a thuilleadh air a so,” arsa an t-seana bhean, “dhùilt e blasad
air a shuipeir, ni nach d’ rinn e riamh roimhe, oir bha càil
anabarrach aige, ach ’n uair a thàinig e stigh an nochd, sgith
agus fann mar a bha e, an déidh a leithid a choiseachd, thuir
e “Cha ghabh mise biadh an nochd a’ ‘Granny;’ oir fhuair
mise féisd tha mi faireachadh an taobh a stigh dhiom, agus
nach dealaich rium fhad agus a bhios mi beò. Oir ghabh
mise mo shuipeir maille ris an Tighearna Iosa, agus a nis
feumaidh mi dhol thun an lobhta, agus cadal maille Ris.”
’N uair a dh’ éirich a’ ghrian air an là màireach, cha robh
“Granny” air son dragh a chuir air “Yeddie” a bha sgith
agus chaidh ise timchioll air a h-obair mar a b’ àbhaist.
Thug i mòine as a’ chruaich agus uisge as an tobar.
Dh’ ullaich i am bòrd agus sgaoil i am bòrd agus
chuimhnich i an sin gu ’n deach esan an leabaidh gun sui-peir,
agus ghairm i air o bhonn an fhàraidh, ach cha d’ fhuair i
freagairt. Ghairm i a ris agus a ris, ach cha robh gluasad
air bith r’ a chluinntinn gu h àrd, na bu mhótha na ghaoth
a bha séideadh o na tuill a bha anns an tugha. Cha deach
ise suas an t-fhàradh crìonach air son iomadh là,
ach thug a ro-chùram neart d’ a casan, agus cha robh i fada
gus an robh i shuas anns an t-seòmar-mhullaich, a bha ’na
ionad còmhnuidh is fasgadh do ’n leth-amadan air son iomadh là.
Fa chomhair fùirn beag bha esan an sin ’na leth-shuidhe, agus air a leth-ghlùn; agus a cheann ’na laidhe air
a ghàirdeanan, sin an suidheachadh anns an d’ fhuair i “Yeddie.”
Leag i a làmh gu séimh air a cheann agus cha bu luaithe
a rinn i e na thug i air ais e le uamhas. Bha an crùn iarainn air a thogail dheth, agus an uair a bha ise ‘na cadal, bha crùn muinntir shaorta an Tighearna nach searg gu brath air falbh, air a chuir air a cheannsan. Fhuair “Yeddie” sealladh do Iosa agus cha b’ urrainn dha bhi beò ach na ann a cho-chomunn-san. Agus mar a ghabh e de ‘n t-Suipeir, mar sin chaidil e maille Ris.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice