Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » April 1934 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a leantuinn o t-d., 434.)

STAID III. EADHON, STAID GRAIS; NO SAORSA AIR TOISEACHADH.

CEANN I. ATH-GHINEAMHUIIN.

“Air dhuibh bhi air bhor n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

1.

‘Na atharrachadh air gneithibh agus an-tograigh an anama. Chan atharrachadh e air brigh, ach air gneithibh an anama. Tha na gneitheadh truailidh air an glusad air falbh, agus na gneithean a ta ‘nan aghaidh sin air an tabhairt ‘nan àite: “Tha’n seann duine air a chur deth” (Eph. iv. 22). “Tha’n nuadh-dhuine air a chuir uime,” rann 24. Cha do chaill an duine aon do bhuaghan reusanta anama leis a’ pheacadh: tha tuigse aige fathast, ach bha i air a dorchachadh; bha fathast toil aige, ach bha i an aghaidh toil Dhé. Mar sin, ann an ath-glineamh, chan ‘eil brigh nuadh air a cruthachadh, ach tha gneithean nuadh air an co-pairteachd; solus an aite dorchadais, freantachd an aite neofhireantachd.

2.

Is atharrachadh os ceann nàdur i. Tha esan a ta air a bhreith a ris, air a bhreith o’n Spiorad, Eoin iii. 5. Feudaidd atharrachaidhean mór a bhi air an deanamh le cumhaechd nàduir, gu h-araid ‘nuair a tha e air a chuideachadh le meadhonna nan gràs o’n taobh a mach: agus feudaidd nàdur a bhi air a thabhairt gu àirde cho mór le oibreachadh coitchionn an Spioraid, as gu’m feud neach leo sin a bhi air a thionndadh gu bhi ‘na dhuine eile, (mar bha Saul, 1 Sam. x. 6.) neach gidheadh nach d’ fhàs riamh fathast ‘na dhuine nuadh. Ach, ann an ath-glineamh, tha nàdur féin air atharrachadh, agus tha sinn air ar deanamh ‘nar luchd comhpairt de ‘n nàdur dhiadhaidh: agus is eiginn di so a bhi na h-atharrachadh os ceann nàduir. Cionnus is urrainn dhuine, a tha “marbh ann an euceartaibh agus ann am peacaibh,” sinn féin ath-nuadhachadh, ni ‘s mó na ‘s urrainn do dhuine marbh e féin a thogail as an uaigh? Cò, ach Spiorad naomhachaidh Chriosd, is urrainn Criosd a dhealbh anns an anam, a chum atharrachadh gus an iomhaigh cheudna? Cò ach Spioraid an naomhachaidh is urrainn eridhe nuadh a thabhairt? Is maith a dh’fheudas sinn a ràdh, ‘nuair a chi sinn duine mar so air atharrachadh, Is e so meur Dhé!

3.

Is atharrachadh e gu coslas Dhé, 2 Cor. iii. 18. “Air bhi dhuinne—ag amharc mar ann an sgathan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n-atharrachadh chum na h-iomhaigh ceudna.” Gach ni a ta gineamh, ginidh e a ghnè, féin. Tha ‘n leanabh a’ giulan iomhaigh a pharanta; agus tha iadsan a la air an gineadh o Dhia, a’ giulan iomhaigh Dhé. Air do ‘n duine bhi ag iarraidh e féin a dheanamh mar Dhia, rinn se e féin cosmhuil ris an diabhul. ‘Na staid nádur tha coslas an diabhul air, mar tha coslas athar air leanabh, Eoin viii. 44—“Tha sibhse o bhuir n-athair an diabhul.” Ach ‘nuair a tha’n t-atharrachadh sona so a’ teachd, tha iomhaigh Dhé air a h-aiseag. Is e Criosd féin, neach “as e dealradh glóir an Athar, an riaghailt a reir am bheil an creutair nuadh air a dhealbh, Rom. viii. 29.—“Oir an dream a roimh-aithnich e, roimh-orduich e iad mar an ceudna chum a bhi co-chosmhuil ri dealbh a Mhic.” Uaith so a deirear uime, gu bheil e air a dhealbh anns a’ mhuiintir ath-nuadhaichte, Gal. iv. 19.

4.

Is atharrachadh farsuinn e: “Rinneadh na h-uile nithe nuadh,” 2 Cor. v. 17. Is taois bheannaichte e, a gheuraicheas am meall uile, an spiorad uile, an t-anam, agus an corp. Tha peacadh gin a’ truailleadh an duine gu h-iomlan; agus tha gràs an iom-pachaidh, ni is e an leigheas, a’ dol cho fada ‘s a chaidh an leon. “Tha toradh so an Spioraid anns an uile mhaitheas,” maitheas na h-inntinn, maitheas na toil, maitheas nan aigne, maitheas an duine gu h-iomlan. Tha neach a’ faotainn cha’n e ‘mhain ceann nuadh, gu labhairt uimpe; ach eridhe nuadh, gu a gradhachadh agus gu gabhail rithe, anns an iomlan d’ a chaithe-beatha. ‘Nuair tha ‘n Tighearn a’ fosgladh tuite grais air là nuadh-bhreith an anama, tha na h-uiseachan a’ ruith troimh ‘n duine gu h-iomlan, gu ghlanaadh agus gu dheanamh torraich. Anns na h-athar-rachaidhean nádurrá sin mu’n do labhradh roimhe, tha mar gu b’ ann, mirean do dh’ eudach nuadh air an curair seann trusgan; nuadá air a fuigheal ri sean ebridhe: ach th’n, t-atharrachadh grasmhór, ‘na atharrachadh dearbhta, ‘na atharrachadh araoi air eridhe agus caithe-beatha.

5.

Gidheadh is atharrachadh neo-iomlan e. Ged tha na h-uile earrann de ‘n duine air a nuadhachadh, chan ‘eil earrann ‘sam bith dheth gu h-iomlan air a nuadhachadh. Mar a th’ aig naodhean na h-uile ball de dhuine ach cha’n ‘eil a h-aon diubh air teachd gu fàs iomlan; mar sin tha ath-nuadhachadh a’ toirt ionlaineachd do thaobh na h-uile earrann de ‘n duine, gu bhi air a toirt air a h-aghaidh ann an ceumaibh na naomhaichd, 1 Pead. ii. 2.—“Mar naoidheanna air an ur-bhreith, iarraibh bainne fiorghlan an fhocail, chum as gu fàs sibh leis.” Ged a ta ann an iom-pachadh solus neamhaidh air a leigeadh steach do ’n inntinn; gidheadh tha fathast cuid de dorchadas an sinn: Ged tha ’n toil air a nuadhachadh cha’n ’eil i gu h-iomlan air a nuadhachadh; tha fathast cuid de’n t-seana aomadh gu peacadh a’ mairsinn: Agus mar so bithidh a’ chuis, “gus an cuirear air cul an ni sin nach ’eil ach ann an cuid,” agus gus an tig solus na glòire a steach. Bha Adhamh air a chruthachadh ’na làn-mheudachd, ach is eiginn doibhsan a ta air am breith, uine bhi aca gu fàs suas: Mar sin tha iadsan a tha air am breith a ris, a’ teachd a mach do shaoghal nuadh nan gràs, ach neo-iomlan ann an naomhachd; ged bha Adhamh, air dha bhi air a chruthachadh dìreach, aig a’ cheart àm sin gu h-iomlan fireanta, as eugmhais a choimeasga bu lugha de neo-iomlaineachd.

’San àite mu dheireadh, Gidheadh is atharrachadh buan-mhaircannach e, nach teid gu brath air falbh. Tha’n siol neo-thruailidh, deir am bonn-teagaig; agus mar sin tha’n creutair a tha air a dheilbh leis. Chan urrainn a’ bheatha a tha air tabhairt ann an ath-ghineamhui, ciod air bith erionadh fuidh am feud i tuiteam, a bhi gu bràth air a call: Tha shiolsam a’ fantuinn ann a ghineadh o Dhia, 1 Eoin iii. 9. Ge do bhiodh na geuga air an gearradh sios, fanaidh an ffreumh anns an talamh; agus air dhi bhi air a h-uigseachadh le drùchd neimh, fàsaidh i a ris: Oir “cha ghluaisear freumh nam frean,” Gnath-fhocail xii. 3.

Ach, gu teachd gu nithe fa leth. Air tìs, ann an ath-ghineamhui, tha ’n inntinn air a soillseachadh gu slanteil: Tha solus nuadh air a leigeadh a steach do ’n tuigse, air chor as iadsan “a bha uair-eigin ’nan dorchadas, gu bheil iad a nis nan solus san Tighearn,” Eph. v. 6. Tha dearsaidhean soluis na beatha a’ faotainn a steach a dh’ionnsuidh slochd dorchd a’ chridhe: An ’sin tha ’n oidheche thairis, agus tha solus na maidne air teachd, a dhealraicheas ni ’s mo agus ni’s mo gu ruig an là iomlan. A nis tha’n duine air a shoillseachadh.

1.

Ann an eolas Dhé. Tha smuainte eile aige mu Dhia, nach robh riabh roimhe aige, Hos. ii. 20. “Ni mi ceangal posaidh riut ann am firinn, agus gabhaidh tu eolas air an Tighearna.” Bheir Spiorad an Tighearn’ air ais e chum na ceiste sin, Ciod e Dia? Agus ceasnaichidh e as ùr e air a’ phuine mhór sin, air chor as gu’m feud e ràdh, “Le eisdeachd na cluaise chuala mi thu; ach a nis chunnaic mo shùil thu!” Iob xlii. 5. Tha gloinne dheal-ruichte Dhé, a gheur eheartas, uil’ fhoghainteachd, agus buaghan glormhór eile a tha air am foillseachadh ‘na fhòcal, leis an t-solus nuadh so, air an nochdadh do ‘n anam, le soilleireachd agus dearbhaichd a tha toirt urrad do bharrachd air an eolas a bh’ aige air na nithibh sin roimhe ‘s a tha aig sealladh nan sùl sgeul coitchionn na cluaise. Oir tha e nis a’ faicinn an ni ‘mhain mu’n do chual e roimhe.

2.

Tha e air a shoillseachadh ann an eolas peacaidh. Tha smuainte eile aig uime, na bu ghnath leis. Roimhe cha b’ urrainn a shealladh dol tre ‘n bhrat a chuir Satan air; ach a nis tha Spiorad an Tighearn’ ga rùsgadh dha, agus a’ toirt air falbh an dath agus an eomhdach, agus tha e ‘ga fhaicinn ‘na dhathan féin, mar an t-ole as mo, “eadhon ro-pheacach,” Rom. vii 13. O cia gràneil agus namhasach a ta na h-ana-mianna d’ an robh e roimhe a’ tabhairt gràidh, a nis a’ taisbeanadh. Ge do bhitheadh iad ‘nan sùil dheis, spionadh e mach iad; ge do bhitheadh iad ‘nan laimh dheis, dh’aontaicheadh e an gearradh dheth. Tha e ‘faicinn cia eho gràneil is a ta peacadh am fianuis Dhé, cia eho sgriosach is a the e do’n anam! agus tha e ‘ga fhaicinn féin ‘na amadan, air son gu’n robh e eho fhada cogadh an aghaidh an Tighearna, agus a’ tabhairt àite-comhnuidh do ‘n fhear-mhillidh sin mar charaid uehd.

3.

Tha e air a theagasg ann an eolas uime féin. Bheir gràs an iompachaidh air an struidheir “teachd chuiige féin,” Luc. xv. 17, agus ni e daoine làn de shùilibh an taobh a stigh, a dh’fhaicinn, gach neach, plàigh a chridhe féin. Air do ‘n inntinn a bhi air a soillseachadh gu slainteil tha’n duine faicinn eho anabharr truail-lidh ‘s a tha a nàdur; eho mór ‘s a bha ‘n naimhdeas an aghaidh Dhé agus a lagh naomh a ghabh comhnuidh fhada an sin, air chor as gu bheil anam a’ gabhail grain dheth féin. Chan ‘eil uaigh fhosgailte, na sloca-aolaich, eho salach agus gràneil ‘na shuilibh ‘s tha e féin, Esec. xxxvi. 31. “An sin cuimhichidh sibh ‘ur droch shlighe féin, agus ‘ur deanadais nach robh maith agus fuathaichidh sibh sibh féin ann ‘ur sealladh féin.” Chan ‘eil an duine ni’s miosa na bha e roimhe, ach tha ‘ghrian a’ dealradh; agus mar sin tha na truaillidheachdan sin air am faicinn, nach b’ urrainn dha fhaicinn, ‘nuair nach robh soilleireachd ann: mar tha ‘m focal an Isa viii. 20. an uair fathast nach robh là nan gràs a’ dealradh air.

4.

Tha e air a shoillseachadh ann an eolas air Iosa Crìosd, 1 Cor. i. 23, 24. “Ach a ta sinne a’ searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, ‘na cheap-tuisliadh do na h-Iudhaich, agus do na Greugaich ‘na amaideachd: Ach dhoibhsan a ta air an gairm, arao’n Iudhaich agus Greugaich, Crìosd cumhaichd Dhé agus gliocas Dhé:” Is fior, ge do dh’ fheudas daoine neo-iompaichte Crìosd a shearmonachadh, nach ‘eil eolas ac’ air, ach a mhain barail, barail mhaith uime; mar a ta aig neach mu phonneaibh cruaidh teagaig, anns am bheil e fada o bhi cinnteach. Mar an uair a choinnicheas tu coigreach air an rathad mhór, air dha e féin a ghiulan gu ciatach, tha beachd maith agad uime; agus air an aobhar sin tha thu gu toileach a’ dol an comhluadar ris: ach chan earb thu t’airgiod ris, a chionn ged tha barail mhaith agad mu’n duine, gidheadh tha e ‘na choigreach dhuit, chan ‘eil eolas agad air. Mar sin tha moran aig am bheil barail mhaith mu Chrìosd, ach chan earb iad iad féin ris, do bhrigh nach aithne dhoibh e. Ach tha soillseachadh slànteil a’ giulan an anama os ceann barail, gu eolas cinnteach air Crìosd agus air òirdheireeas, 1 Tes. i. 5. “Oir cha d’ thainig ar soisgeul-ne d’ ar n-ionnsuidh-sa ann am focal a mhain, ach mar an ceudna ann an cumhaichd, agus anns an Spiorad naomh, agus ann am mór làn-dearbh-bheachd.” Tha solus gràis mar so a’ nochdadh eò co-fhreagarach as a ta diomh-aireachd Chrìosd, ri buaghaibh na diadhachd, agus ri cor a’ pheacaich. Uaith so tha mhuinntir iompaichte a’ gabhail iongantais do dheilbh na slainte, tre Chrìosd air a cheusadh, tha iad a’ leigil an uile chudthrom air, agus le ‘n uile chridhe ag aontachadh leis: Oir, ciod sam bith a ta e do mhuinntir eile, dhoibhsan ‘s e Crìosd, cumhaichd Dhé, agus gliocas Dhé. Ach air do na daoine neo-iompaichte, a bhi aineolaich uime so, tha iad a’ gabhail oillheim dheth; chan earb iad an anama anns an t-soitheadh sin, ach earbaidh siad iad féin ri buird bhriste am fireantaichd féin. Tha ‘n solus ceudna a’ toirt dearbhadh soilleir air a’ mhór-luach, an ard-ghlòir, agus an oirdheireeas a ta ann an Criosd, a dhorechaiceas gach òirdheirceas eruthaichte, mar a bheir eirigh na greine air na reulta an cinn fholach: agus mar sin bheir e air a’ cheannuiche gu’n reic e na tha aige, a cheannach an aon neamhnuid luachmhor so, Mat. xiii. 45, 46. agus a’ toirt air an anam a bhi lân-toilichte gabhail ri Criosd air son nan uile, agus an àite gach uile. Eadhon mar cheannuiche neo-ghlic, d’ an tairgeadh neach neamhnuid ro-luachmhor, air son a cheann-achd uile, aig nach ‘eil misneach shuarach cordadh a dheanamh air a shon; oir ged tha e am barail, gur fhiach aon neamhnuid tuilleadh ‘s a th’ aige uile, gidheadh chan ‘eil e cinnteach uime: ach ‘nuair a tha òr-cheard a’ teachd d’ a ionnsuidh agus ga dheanamh cinnteach, gur fu e dha’ urrad ‘s a th’ aige uile do bhathar; tha e ‘n sin gu togarrach a’ cordadh, agus gu eridheil a’ dealachadh ris gach ni a ta aige air son an neamhnuid sin. Fadheoidh, Tha’n soillseachadh so ann an eolas Chriosd, a’ nochdadh gu soilleir do dhaoine lannachd annsan, iomchuidh gu leòir a dheanamh suas an uireasbhuidhean; gu leòir a shàsuchadh iarrrtuis neo-chriochnach anam neo-bhasmhoir. Tha iad cinnteach gu bheil a leithid sin de lanachd annsan, agus sin gu bhi air a chomh-pairteachadh; tha iad a’ leigeil an taice air mar fhirinn chinnteach agus tha ‘n anama, air an aobhar sin, a’ gabhail am fois shiorruidh annsan.

5.

Tha ‘n duine air a theasgag ann an eolas mu dhiomhanas an t-saoghail, Salm cxix, 96. “Chunnaic mi erioch gach iomlann.” Tha gràs ath-nuadhachaidh ag ardachadh an anama, ‘ga chur, mar gu b’ ann, am meag nan reulta, o ‘m faicear an talamh ‘na ni beag, na ni ro-bheag; eadhon mar a chunneas neamh roimhe, am feadh ‘s a bha ‘n t-anam air adhlaiceadh anns an talamh. Tha gràs a’ toirt duine steach gu saoghal nuadh, far nach ‘eil an saoghal so air a mheas ach mar ionad-eluiche diomhanais, ‘na fhasach uamharra, ‘na ghleann dheur. Chuir Dia suas comhara diomhanais aig dorus gach solas eruthaichte; gidheadh cionnus a tha daoine a’ domhlachadh do’n tigh, a gairm agus ag amhare air son ni eiginn a ta gu sasuchadh, eadhon an déigh e bhi air innseadh dhoibh mìle uair nach ‘eil a leithid de ni ann, nach ‘eil a ri fhaotainn ann sin! Isa. lvii. 10. “Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt, thu, Chan ‘eil dòchas ann.” C’ arson a tha daoine eho amaideach? Ann an so tha firinn na cuise a’ luidhe, chan ‘eil iad a’ faicinn le solus gràis, chan ‘eil iad a’ breithneachadh, gu spioradail, eomhara an diomhanais sin: Ghabh iad gu tric sealladh reusanta dheth; ach an urrainn sin an eridhe sgarachdainn o’n t-saoghail? Chan urrainn, ni ‘s mó na ‘s urrainn dealbh teine cuibhrichean a’ phriosanaich a losgadh. Ach is e solus gràis, solus na beatha, a ta cumhachdach agus éifeachdach.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice