Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » April 1934 » Thoir Urram do d’ Athair agus do d’ Mhathair leis an Urramach Tomas Watson

Thoir Urram do d’ Athair agus do d’ Mhathair leis an Urramach Tomas Watson

II.

(Air a leantuin o t.-d., 472.)

[Bha na leanas air a sgrìobhadh leis an Urramach Tomas Watson a bha ‘na mhinisteir ann an Lunnainn. Chaidh a chuir a mach as a cho-thional anns a bhliadna, 1662, airson a dhìlseachd air taobh aobhar Dhé. ‘Se duine urramach priseil a bha ann an Tomas Watson, diadhaidh, iriosal agus fòghluimte, chan ann a mhàin le fòghlum litireil, ach leis an fòghlum nach urrainn fuil no feoil a thoirt seachad; ‘se sin ri ràdh leis an Spiorad Naomh, tre fhocal Dhé. Tha a’ chuid so dheth na sgrìobhaidhean aige air a chòigeamh àithne Exod. xx. 12. “Thoir urram do d’ athair agus do d’ mhàthair chum agus gu m bi do laithean buan anns an fhearann tha an Tighearna do Dhia toirt dhuit”—Seumas MacLeod.]

(4).

A ris tha an athair a tha crionna, is e sin am maighstir—is esan athair an teaghlach—uime sin theireadh seirbhiseich Naaman “athair ri am maighstir,” Righ. v. 13. Agus abraidh an ceannard-ceud de a sheirbhiseich “a mhic,” Matt. 8, 6. Is còir do ‘n t-seirbhiseach onoir a thoirt d ‘a mhaighstir mar athair an teaghlach. Ged nach biodh am maighstir cho uidheamaichte agus bu choir, gidheadh, chan fhaod an seirbhiseach a ghnothaich a dhearmad, ach feumaidh e gne air choir eigin de onoir a’ nochdadh dhà.

II.

Ann a bhi toirt ùmblachd d ‘a mhaighstir ann an nithean a tha laghaill agus onorach I. Pead. 2, 18, “a sheirbhiseacha, bithibh umhal do ur maigstiribh maille ris an uile eagal, chan ann a mhàin dhoibhsan a tha maith agus eùn, ach mar an ceudna dhoibhsan a tha ana-méineach.” Cha tug Dia ann an àite air bith cead dhuit a dhòl saor a d’ dhleasnas. Chan urrainn thu gun ùmhlachd a thoirt do d’ mhaighstir talmhaidh ach cha toir thu ùmhlachd do d’ mhaighstir air neamh. Na bi de’ n bharail gu’n saor eadhon t-inbhe no do shinnsearachd thu, cha saor eadhon na do ghràs thu, o ùmhlachd a thoirt do d’ mhaighstir; is e reachd Dhe, ùmhlachd a thoirt dhà agus tha an t-abstal ag ràdh, Rom. 13, 2, “Air an aobhar sin ge b’è air bith a chuireas an aghaidh a chumhachd, tha e cur an aghaidh orduigh Dhé; agus iadsan a chuireas ’na aghaidh, gheibh iad breitheanas dhaibh fein.

2.

Tha ùmhlachd an t-seirbhisich d’ a mhaighstir air fhaicinn ann a dhichioll ’na sheirbhis. Dhealbh Apelles seirbhiseach le a làmhan làn buill-acainn-cruth-dhealbh dicioll. Tha an seirbhiseach diomhanach ’na nàdur de mhearlach; ged nach eil e a goid cuid a mhaighstir, gidheadh tha e a’ goid an ùine sin a bu choir dha chuir am feum ann an seirbheis a mhaighstir. Is e theirear ris an seirbhiseach slaoach, “droch sheirbhiseach.” Matt. 25, 26.

3.

Tha aig an t-seirbhiseach ri urram a thoirt d’ a mhaighstir a tha ’n a athair a theaghlach, le bhi dileas dha. Matt. 24, 45. “Cò e ma seadh, a tha ’na òglach frinneach agus glie?” Is e treibhdhireas ni as urramaiche ann an seirbhiseach. Tha an treibhdhireas so ri fhaicinn ann an seirbhiseach an sia nithean—an toiseach, treibhdhireas ann a bhi gleidheadh gu diomhair na nithean air earbsa ris le mhaighstir. Mur e peacaidhean a tha anns na nithean diomhair sin, dlighidh e dhuit gealtuinn gn ’n gleidh thu chusean gu diomhair. An ni a tha air an ràdh riutsa ann an eisdeachd na cluaise chan fhaod thu bhi ’ga sheirm air mullach nan tighean. Na seirbhisich a ni sin, is e a tha annta luchd-brathaidh. Co ghleidheadh soitheach a tha air dol na sgealban? Co chumadh seirbhiseach aig am bheil eanchainn air dol na spealgaibh, agus nach urrainn ni diomhair a chleith? Tha dilseachd ann an seirbhiseah r ‘a fhaicinn ann a bhi miannachadh leas a mhaighstir. Tha seirbhiseach dileas ag eur luach air cuid a mhaighstir os ceann a ‘chodaich fein. Bha a leithid sin de dheagh sheirbhiseach aig Abraham; ‘n uair a chuir a mhaighstir e a dheanamh gnothaich dha, bha e cho cùramach uime agus ged a bu leis féin e. Gen. 24, 12. “O Thighearna, Dhé mo mhaighstir Abraham, deonaich gu’n soirbhich leamsa an diugh agus nochd caoimhneas do ‘m mhaighstir Abraham.” Gun teagamh ‘sam bith, bha seirbhiseach Abraham cho toilichte gu ‘n mhaighstir d’fhuair e bean do mhac a ‘s ged a gheibheadh e bean d ‘a féin. Tha dilseachd ann an seirbhiseach r ‘a fhaicinn ann a bhi seasamh suas air son onoir a mhaighstir. An uair a chluinneas e duine a’ bruidhinn ‘na aghaidh, is fheudar dha a dhion. Mur a tha am maighstir faicilleach mu chorp a sheirbhiseach, ‘s ann mar sin is coir do ‘n t-seirbhiseach cliù a mhaighstir a choimhead; an uair a tha nì air a chur as leth a mhaighstir gu h-eucorach ma tha an seirbhiseach air a ghlacadh le deamhain balbh, chan fheudar a leithsgeul. Is a dilseachd a tha ann an uair a tha seirbhiseach “cho maith ri ghealladh” Chan fhaod e breug a dheanamh, ach labhraidh e an fhirinn, ged bhiodh e ‘na aghaidh féin. Tha breug a deanamh pheacaidh d’ùbailte? Salm. 101, 7. “Cha ghabh fear-deanamh-ceilge còmhuidh ann am thigh.” Tha am breugaire ro chòsmhuil ris an diabhul, Eoin. 8, 44. Agus co leigeadh le neach a tha ro chosmhuil ris an diabhul a bhi beò maille ris? Dh ‘aobhraich a’ bhreug a dh’ innis Gehasi do mhaighstir Elisha gu robh e ‘na lobhar agus a shlìochd ‘na dhéidh gu brath, 2, Righ 5, 27. Tha teanga seirbhiseach dileas ‘na fianuis dileas air a chridhe. Tha an seirbhiseach an aghaidh gu’n gabhadh e ni sam bith a bluineas d’ a mhaighstir gu h-eucorach. Chan fhaod e fheum fhéin a dheanamh de chuid a mhaighstir, Tit. 2, 10, “gun bhi a ceiltinn.” Is buannachd mallaichte ‘na ghoideas seirbhiseach air a mhaighstir. Tha an seirbhiseach a tha ‘g a dheanamh féin saoibhir, le bhi goid air a mhaighstir, a lionadh a chluasag le drisean agus luidhidh a cheann gu an-shocair an uair a thig àm a bhàis. Is dilseachd dion a chuir air pearsa a mhaighstir ma tha e ann an cunnart. Is iongantach mar a thuit breitheanas Dhé air an seirbheiseach fealltaich sin Banister a bhrath a mhaighstir diùc Bluckingham ri àm riaghladh Richard III. Chaidh a mhac, bu shine as a chiall—bhuaileadh a nighinn a bha iomraiteach airson a bòichead leis an luibhre—bha a mhae a’ b’ òige air a bhàthadh agus bha e féin air a dhiteadh gu follaiseach agus bhiodh e air a chrochadh mur b’ e gu ‘n do dhion a chléir e. Cha bhi an seirbheiseach sin nach bi firinneach d’ a mhaighstir gu bràth firinneach do Dhia no d’ a anam féin.

4.

Feumaidh an seirbheiseach onoir a thoirt d’ a mhaighstir, ann a bhi deanamh seirbhis da, mar le gràdh, oir tha coir agus obair ann an toil a bhi ‘g a dheanamh, agus le séimhe, is e sin gun talach agus gun freagairt a thoirt. Tit. 2, 9, “earailaich seirbhisich a bhi umhal d’ am maighstirean féin, gun a bhi a labhairt ‘nan aghaidh;” mar a tha e anns a Ghreugais, gun a bhi toirt freagraidhean fiara. Tha cuid de sheirbhisich ullamh air bruidhinn, ach mall aig obair agus an aite a bhi duilich air son lochd, tha iad a’ brosnachadh le cainnt mi-chiatach; nam biodh an cridhe na b’ irisliche bhiodh an teanga na bu shamhaiche. Is iad briathran an abstaill “gun a bhi a labhairt ‘nan aghaidh.” Agus ri na seirbhisich sin a tha toirt ùmhlachd d’ a maighstirean no do athraichean an teaghlaiich le géilleadh, le dùrachd, le treibhdhireas, le gràdh agus le séimhe iriosal biodh a air a ràdh, Col. 3, 22, “a sheirbhiseacha, bithidh umhal do ur maighstirean a réir na feòla, anns na h-uile nithean; chan ann le seirbhis-sul, mar dhream a tha toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhé, air dhiubh fios a bhi agaibh gu’ m faigh sibh o an Tighearna duais na h-oighreachd.” Ann an deanamh seirbhis do ur maighstirean tha sibh a deanamh seirbhis do Chriosd agus cha e leibh ur saothair a chall agus gheibh sibh “duais na h-oighreachd” O bhi deanamh seirbhis air an talamh, bheirear suas sibh gu rioghachadh ann an neimh, agus suidhidh sibh maille ri Chriosd air a righ-chathair Taish. 3, 21.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice