Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » May 1934 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a leantuinn Cho t.-d., 434.)

STAID III.

EADHON,

STAID GRAIS; NO SAORSA AIR TOISEACHADH.

CEANN I.

ATH-GHINEAMHUIN.

“Air dhuibh bhi air bhur n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhairesas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

‘San àite mu dheireadh, A chum an t-iomlan a dheanamh suas ann an aon fhocal, Ann an ath-ghineamhuinn tha ‘n intinn air a soillseachadh ann an eolas air nithe spioradail, 1 Eoin ii. 20. “Tha agaibhse ungadh o’n ti naomh (‘se sin o Iosa Criosd, Taisb. iii. 18. Tha sùil aig an ni so ris an ionad naomh, o ‘n robh an t-ola naomh air a thabhairt a dh’ungadh nan sagart), agus is aithne dhuibh na h-uile nithe, eadhon, nithe a ta feumail a chum slainte. Ged nach ‘oil fòghlum leabhair aig daoine, gidheadh ma tha iad air am breith a ris, tha fòghlum an Spioraid aca; oir tha’n leithide sin uile air an teagasg dhoibh an ni nach b’ eòl dhoibh roimhe: Agus an ni a b’ eòl dhoibh, mar leis a’ chluais a mhain, tha e teagasg dhoibh a ris, mar leis an t-suil. Tha solus gràis ‘na sholus a ta buadh-achadh, a’ toirt air daoine aonta chur ri firinne diadhaidh air teisteads Dhé a mhain. Chan ni searbh a dh’intinn an duine gabhail ri focal Dhé air fhoillseachadh: Tha moran a’ gabhail orra meas mór a bhi aca air na Seriobtuiribh, muinntir, gidheadh, air nach toir teisteads shoilleir an Seriobtuir eul a chur ri ‘m baraile nàdurrà féin; ach bheir an soillseachadh so air intinnibh dhaoine ruith mar bhraighde an déigh cuibhle carbaid Chriosd: air an sonsan, fuilingidh iad do’n charbad so iomain thairis; agus an reusanachadh féin, agus gach ni àrd a dh’ardaicheas e féin an aghaidh eolas Dhé a thilgeadh sios 2 Cor. x 5. Bheir e orra gabhail ri rioghachd Dhé mar leanabh

beag, Marc x. 15.) a ta smuaineachadh, gu bheil deadh aobhar aige ni ‘sam bith a chreidsinn, mu their athair gu bheil e mar sin.

‘San dara àite, Tha ‘n toil air a h-ath-nuadhachadh. Tha ‘n Tighearn a’ toirt air falbh a’ chridhe chloiche, agus a’ tabhairt cridhe feola, Esec. xxxvi. 26. Agus mar sin, tha e togail suas clann do Abraham as na clachan. Tha gras an ath-nuadhachaidh cumhachdach agus éifeachdach, agus a’ tabhairt suidheachadh nuadh do ‘n toil: Chan ‘eil e gun amharus ‘ga h-eigneachadh, ach tha e ‘ga tarruing gu taitneach, gidheadh gu cumhachdach, air chor as gu bheil a shluagh toileach ann an là a chumhachd, Salm cx. 3. Tha deas-bhriathrachd neamhaidh ann am bilibh an Eadar-Mheadhonair, gu peacaich a chosnad, xlv. 2. “Dhoirteadh gràs ann ad bhilibh.” Na làmhan tha eorda duine, agus ceanglaichean graidh, gu’n tarruing as a dheigh, Hos. xi. 4. Ni gràdh lion air son anama taghta, a ni gu cinnteach an glacadh, agus a tharruingeas iad gu tìr. Tha cuaird graidh Chriosd ‘nan cuaird laidir: agus dh’ fheumadh iad a bhi mar sin; oir tha na h-uile peacaich ni ‘s truime na beinn umha, agus tha Satan maille ris a’ chridhe féin a’ tarruing air rathad eile. Ach tha gràdh laidir mar am bàs! Agus tha gràdh an Tighearna do’n anam air son an do bhasaich e, ‘na ghràdh ro-laidir, a dh’oibricheas cho cumhachdach as gur eiginn da buadhachadh.

  1. Tha’n toil air a leigheas d’a neo-chomas gu maith a dheanamh. Am feadh a ta fosgladh a’ phriosain, dhoibhsan a ta ceangailte, air a chur an ceill anns an t-soisgeul; tha Spiorad Dhé a’ teachd gu dorus a’ phriosain, ‘ga fhosgladh a’ dol a dh’ionnsuidh a’ phriosanaich, agus le cumhachd a ghràis, a’ toirt air a chuibhrichean tuiteam dheth! a’ briseadh cuibhreach na h-eucorach, leis an robh e air a ghlacadh ann am peacadh, air chor as nach b’ urrainn dha toil no gniomh gu ni maith ‘sam bith a dheanamh a bhi aige; tha e ‘ga thabhairt a mach gu ionad farsuinn, “Ag oibreachadh ann faraon an toil agus an gniomh, a reir a dheadh-ghean féin,” Phil. ii. 13. Is ann an sin, is urrainn an t-anam, a bha ceangailte ris an talamh, gluasad a dh’ionnsuidh neimh; tha ‘n làmh sheargta air a h-aiseag agus feudar a sìneadh a mach.

  2. Tha grain shuidhichte an aghaidh an uilc air oibreachadh ‘san toil. Tha duine a’ faotainn, anns an ath-ghineamhuinn,

Spiorad nuadh air a chur an taobh a stigh dheth, (Esec. xxxvi. 26.) agus tha ‘n spiorad sin a’ miannachadh an aghaidh na feola, Gal. v. 17. Do ghreim milis a’ pheacaidh, shlug e sios cho gionach, tha e nis a’ gabhail grain, agus b’ àill leis a bhi saor dheth, eadhon cho toileach as a bhiodh neach a dh’òl eunan puinsein, air a thilgeadh a mach a ris. ‘Nuair a ta eàsg air a chur air an t-sruth, tha ‘n salachar a’ luidhe anns an tobar gun ghlusad; ach aon uair ‘s gu bheil an tobar air a ghlanaadh tha an t-uisge a ta sruthadh a mach ag oibreachadh air falbh an t-salachair a lion cuid is cuid: Eadhon mar sin, am feadh ‘s a tha’n duine a’ buanaichadh ann an staid neo-iompaiichte, tha peacadh ‘na luidhe gu soerach anns a’ chridhe; ach cho luath ‘s a tha ‘n Tighearn a’ bualadh a’ chridhe chloiche le slait a neirt, ann an là an iompachaidh, tha gràs anns an duine “na thobar uisge a’ sruthadh suas chum na beatha maireannaich,” Eoin iv. 14. ag oibreachadh air falbh truaillidheachd nàdur, agus ceum air cheum “a’ glanadh a’ chridhe,” Gniomh xv. 9. Tha’n toil ath-nuadhaichte ag eiridh an aghaidh a’ pheacaidh, a’ bualadh aig a’ fhreumh, agus aig a gheugaibh mar an ceudna. Tha anamanna a nis doilghiosach, agus tha’n t-anam a’ deanamh dichioll air an cur bàs do’n ghort. ‘Se ‘n nadur truaillidh tobar gach uile ole, agus uime sin bithidh an t-anam ‘ga chur gu tric an lathair an Leigh mhóir. O ciod am bròn, an nàire, agus an fhein-ghrain, a ta lionadh a’ chridhe, anns an là ‘sam bheil gràs a’ teachd a steach ann le buaidh! oir a nis tha’n duine bha air mhi-cheill air teachd chuige féin, agus chan urrainn dha cuimhneachadh air amaideachd gun a bhi air a bhiordadh gus a chridhe.

‘San àite mu dheireadh, Tha’n toil air faotainn aomadh, suidheachadh, agus togradh gu maith a dheanamh. ‘Na staid thruaillidh, bha i ag aomadh gu rathad eile, air dhi bhi so-lubaidh agus aomta gu ole a mhain: Ach a nis, le aon tarruing o’n ghàirdein chumhachdach agus uile bhuaghaich, tha i air a tarruing o ole gu maith, agus tha i faotainn suidheachadh eile. Agus mar bha’n suidheachadh a bh’ aice roimhe nadurra; mar sin, tha’n suidheachadh so nadurra mar an ceudna, a thaobh an naduir nuadh a ta air a thabhairt ‘san ath-ghineamhuinn, aig am

bheil a mianna naomh féin cho maith ‘s a bha mianna mi-naomha aig an t-seann nadur thruailidh, Gal. v. 17. Tha’n toil, mar air a h-ath-nuadhachadh, a’ lubadh agus ag aomadh ri Dia agus Diadhachd. ‘Nuair a rinn Dia an duine, bha ‘thoil do thaobh a rùin, ag amharc ri Dia mar ard-chrioch; do thaobh a roghainn, bha i sealtuinn ris an ni sin a thoillichheadh Dia. ‘Nuair a dhìthich an duine e féin, bha thoil air a cumadh calg-dhìreach an aghaidh sin; b’ e féin àrd chrioch, agus b’ i thoil féin a lagh. Ach ‘nuair tha’n duine air a dheanamh as ùr, ann an ath-ghineamhuinn, tha gras a’ cur ceart na h-eas-òrduigh so ann an tomhas, ged nach ‘eil e gu h-iomlan; do bhrigh nach ‘eil sinn air ar n-ath-nuadhachadh ach ann an cuid, am feadh ‘s a tha sinn ‘san t-saoghail so. Tha e tabhairt a’ pheacaich air ais uaithe féin, gu Dia, mar àrd-chrioch, gu firinneach, ged nach ‘eil gu h-iomlan, Salm lxxiii. 25. “Co th’ agam anns na neamhaibh ach thusa? agus an coimeas riut chan ‘eil neach air thalamh air am bheil mo dhéigh.” Phil i. 21. “Oir dhomhsa bhi beò is e sin Criosd.” Bheir e air e féin àicheadh; agus ciod air bith taobh a thionndas e, gu bhi do ghnath a’ suidheachadh air Dia mar àrd chrioch an anama ghrasmhoir, a dhachaidh “ionad comhnuidh o linn gu linn,” Salm cx. 1. Le gràs an ath-nuadhachaidh tha’n toil air cumadh ri toil Dhé. Tha i air a cumadh le h-aomaidhean naomha, freagarach ris gach aon d’a àitheanta. Tha ‘n lagh gu h-iomlan air a sgrìobhadh, air an anam ghrasmhor; tha na h-uile earrann deth air a sgrìobhadh a ris air a’ chridhe ath-nuadhaichte; agus ged tha fuigheall truailidheachd a’ dubhadh an sgrìobhadh, air a leithid do dhoigh, agus gu tric nach urrainn an duine e féin a leughadh: gidheadh, is urrainn dhasan a sgrìobh e e a leughadh aig gach uile àm. Chan ‘eil e uair ‘sam bith air a dhubhadh gu tur a mach, is chan urrainn dha bhi; an ni sgrìobh e e, seasaidh e; oir is e so an coimcheangal. Cuiridh mi mo reachdan ‘nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridhibh,” Eabh. viii. 10. Agus is coimcheangal salainn e, coimcheangal siorruidh. Tha e mar an ceudna co-fhreagarach do thoil a fhreasdail; air chor as nach bi an duine ni’s mo ‘na mhaighstir air a ghiulan

féin, ‘s nach bi e cumadh a mach a chrannchur dha féin; tha e ag ionnsachadh a radh o chridhe, “toil an Tighearna gu robh deanta, taghaidh e ar n-oighreachd dhuinn,” Salm xlvii. 4. Mar so tha’n toil air a h-aomadh gu gabhail ris na nithe sin, ris nach b’ urrainn dhi gu brath gabhail ‘na staid thruaillidh.

Gu h-araid, (1.) Tha’n Tighearn ann an reite ri coimheangal na sith. Tha ‘n Tighearn a’ gealltuinn coimheangal sith do pheacaich; coimheangal a dheilbh e féin agus a sgriobh e anns a’ Bhiobul; ach chan ‘eil iad toilichte leis. Ni h-eadh chan ‘eil e comas do chridhe neo-iompaichte bhi toilichte leis. Nam biodh e air a chur ‘nan lamhan gu dheilbh a reir an inntinnse, dhubhadh iad iomad ni a mach as, a chur Dia ann; agus chuireadh iad iomad ni ann a chum Dia as; ach tha’n cridhe ath-nuadhaichte làn-toilichte leis a’ choimheangal, 2 Sam. xxiii. 5. “Rinn e coimheangal siorruidh riumsa,air a shuidheachadh anns gach ni, agus cinnteach; oir is e so mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile.” Ged nach b’ urrainn an coimheangal a bhi air a thoirt a nuas gu an toil thruaillidh-san, tha’n toil-san, le gras, air a toirt a suas a dh’ionnsuidh a’ choimheangail; tha iad làn-toilichte leis: chan ‘eil ni ann, a b’ àill leo bhi as; agus chan ‘eil ni as, a b’àill leo bhi ann. (2.) Tha’n toil air a deanamh deonach gu gabhail ri Iosa Criosd an Tighearna. Tha’n t-anam toileach stroichdadh dha. Bheir gras na h-ath-ghineamhuinn a nuas smuaintean uaibhreach a’ chridhe, a bha air an togail suas an aghaidh an Uachdarain dhlighich: Brisidh e an fheith iarunn, a bha cumail a’ pheacaidh o chromadh sios dha, agus a tha e toirt air gun a bhi rag-mhuinealach ni ‘s mò, ach stroichdadh dha féin. Tha e toileach cuing-aitheanta Criosd a gabhail air; an crann-ceusaidh a thogail, agus a leantuinn. Tha e làn-toilichte Criosd a gabhail air chumha ‘sam bith, Salm cx. 3. “Bithidh do shluagh ro-thoileach ann an là do chumhachd.”

A nis, air do’n inntinn a bhi air a soillseachadh air mhodh slainteil, agus an toil air a h-ath-nuadhachadh; tha’m peacach leis a sin a’ cur air féin agus tha e air a neartachadh gu gairm an

t-soisgeil a fhreagradh. Mar sin, tha obair mhór na h-ath-ghineamhuinn deanta; tha àite air a dheanamh air son an Tighearn Iosa Criosd anns na h-ionada is diomhaire de’n anam, air do dhorus a mach na toil bhi air fhosgladh dha maille ri dorus a steach na tuigse. Ann an aon fhocal tha Criosd air a gabhail do’n chridhe gun seasamh ‘na aghaidh: tha e air teachd do’n anam, le Spiorad beothachaidh; leis am bheil beatha spioradail air a tabhairt do ‘n duine, a bha ann féin marbh ann am peacadh: agus feudaidh sinn a smuaineachadh gur e cheud ghniomh beo a ni e gabhail gu toileach ri Iosa Criosd, air aithneachadh ‘na mhaise òirdheire! ‘s e sin creidsinn an, druideadh ris, mar tha e air aithneachadh, air a thairgse, agus air a thaisbeanadh ann am focal a ghrais an soisgeul glòrmhor; ‘s e ‘n toradh a ta’n ath-ghèarr a’ sruthadh uath so, aonadh ris, Eoin i. 12, 13. “A mheud ‘s a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd (no sochair) a bhi ‘nan cloinn do Dhia; eadhon dhoibhsan a ta creidsinn ‘na ainm: a bha air an ghineamhuinn chan ann o thoil na feola, no o thoil duine, ach a Dhia.” Eph. iii. 17. “Ionnus gu’n gabh Criosd comhnuidh ann bhur cridhe tre chreidimh.” Air do Chriosd an cridhe a ghlacadh le treun-neart, agus air dha dol gu buadhach a steach ann, ‘san ath-ghineamhuinn, tha’n t-anam, le creidimh, ‘ga striochadh féin da, mar a tha e air a chur sìos, 2 Eachd. xxx. 8. Mar so, tha’n Righ glòrmhor so, a thainig do’n chridhe le Spiorad; a’ gabhail comhnuidh ann le creidimh. Air do’n anam a bhi air a tharruing, ruithidh e; agus air dha bhi air a ghairm gu h-eifeachdach, thig e.

Ri leantuinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice