Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » June 1934 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a leantuinn cho t.-d., 33.)

CEANN I.

ATH-GHINEAMHUIN.

“Air dhuibh bhi air bhr n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

‘San treas àite, Ann an ath-ghineamhuinn, tha atharrachadh sona air a dheanamh air na h-aigndhean: tha iad araon air an eur ‘san òrdugh agus air an eur fuidh riaghladh.

1. Tha’n t-atharrachadh so a’ eur nan aigndhean ceart, ‘gan suidheachadh air cuspairean freagarach, 2 Tes. iii. 5.

“Gu seoladh an Tighearn bhr eridheacha chum gràidh Dhé.” Tha iarrtuis an duine ath-nuadhaichte air an eur ceart; tha iad air an suidheachadh air Dia féin, agus air na nithe a ta shuas. Tha esan a bha ‘g eigheach roimhe leis an t-saoghal, “Co nochdas dhuinn ni maith?” ag atharrachadh a ghuth, agus ag radh, “Tog oirnne solus do ghnuise, a Tighearna,” Salm iv. 6. Bha uair ann, anns nach fhaca e maise ‘sam bith ann an Crìosd, gu ‘n iarraidh se e; ach a’ nis tha e ‘na “uile iarrtus, tha e gu h-uile ionmhuinn.” Dan Shol. v. 16. Tha ard-shruth iarrtuis air tionndadh gu ruith a dh’ ionnsuidh Dhé; oir is ann an sin tha’n “aon ni a ta e ag iarraidh,” Salm xxvii. 4. Tha e ‘g iarraidh a bhi naomh, cho maith ri bhi sona; agus is fearr leis a bhi gràsmhor ‘na bhi mór. Tha ‘dòchas, a bha roimhe ialsal, agus bha air an soerachadh air nithibh a ta air thalamh, a nis air an togail, agus air an suidheachadh air a ghloir a ta ri bhi air a foillseachadh. Tha dòchas aige ris a’ bheatha mhaireannaich a ta air a steidheachadh air focal a gheallaidh, Tit. i. 2. Dòchas a ta aige, mar acair an anama, a ta daingneachadh a chridhe fuidh dheuchainne, Eabh. vi. 19. Agus tha e ‘g chur gu e féin a ghlanadh, eadhon mar a tha Dia glan, 1 Eoin iii. 3. Oir tha e air ath-ghin-eamlhuinn a ris gu beo-dhòchas, 1 Phead. i. 3. Tha ‘ghradh air a thogail agus air a shuidheachadh air Dia féin, (Salm xxviii. 1.) air a lagh naomh, Salm exix. 97. Ge do bhuaileas e an aghaidh an ana-miann is ionmhuinn leis, a deir e, “Tha ‘n lagh naomh, agus cothromach, agus maith,” Rom. vii. 12. Tha gradh aige do ordughean Dhé, Salm lxxxiv. 1. “Cia so-ghradhach do phàilliana, a Thighearna nan slogh?” Air dha dol thairis o bhàis gu beatha, tha gradh aige do na braithrean, (1 Roin iii. 14.) do phobull an Tighearna, mar a deirear riu, 1 Phead. i. 10. Tha gradh aige do Dha air a shon féin; agus do no nithe a ‘s le Dia, air a sgathsan. Seadh, air dha bhi ‘na leanabh do Dha, tha gradh aige d’ a naimhdibh féin. Tha Athair neamhaidh iochdmhor agus maitheasach: “Tha e tabhairt air a ghrein féin eirigh air na droch dhaoinibh, agus air na deadh dhaoinibh, agus a’ cur uisge air na fireanaibh, agus air na neo-fhireanaibh.” Agus uime sin, tha esan de ‘n inntinn cheudna, Mat. v. 44, 45. Tha ‘fluath air tionndadh an aghaidh a’ pheacaidh ann féin agus ann am muinntir eile, Palm ei. 3. “Is fuathach leam obair luchdeusaontais; cha lean i rium.” Tha e ‘g osnaich fuidh fhuigheall na truaillidheachd, agus tha e gabhail fadail air son saorsa, Rom. vii. 24. “Och is duine truagh mi! Có a shaoras mi o chorp a’ bhàis so?” Tha aoibhneas agus a thlachd anns an Tighearna Dia, ann an solus a ghnùise; ‘na lagh, agus ‘na phobull, a chionn gu bheil iad cosmhuil ris. ‘S e ‘m peacadh an ni roimh mó am bheil ‘eagal, tha e nis ‘na thobar bròin da, ged bha e roimhe ‘na thobar toilimtinn da.

2. Tha ‘n (t-atharrachadh so a’) stiuradh nan aignidhean, air dhoibh a bha air an suidheachadh air cuspairean freagarach.

Tha ar n-aignidhean, air an suidheachadh air a’ chreutair, gu nadurra ro laidir; ‘nuair a ta sinn a’ deanamh aoibhneis ann, tha sinn ullamh air tuilleadh ‘s a choir a dh’ aoibhneas a dheanamh; agus an uair a ta sinn ri bròn air a shon, tha sinn ullamh air tuilleadh ‘s a choir do bhròn a dheanamh: ach tha gras a’ eur srian ris na h-aignidhean sin, a bearradh an sgiathan, agus ‘gan eumail an taobh a stigh de chriochan, chum as nach sruth iad thar an uile bhruaichan. Bheir gras air duine ‘athair agus a mhathair, agus a bhean-phosda, agus a ehlann; seadh, agus a bheatha féin mar an ceudna fluathachadh ann an coimeas ris; ‘se sin ri radh, gradh ni ‘s lugha thabbhaint dhoibh, no bheir e do Dhia, Luc. xiv. 26. Naomhaichidh e mar an ceudna aignidhean laghail: a’ toirt orra sruthadh o ‘n ghné cheart, agus ‘gan treorachadh gu eriochaibh ceart. Feudaidh iarrituis mi-naomha bhi as deigh Chriosd agus a ghràis: Mar an uair a ta daoine ag iarraidh Chriosd chan ann air son graidh ‘sam bith dha, ach a mhain air son graidh dhoibh féin: “Tabhraibh dhunne cuid de bhuir n-ola,” ars’ na h-oighean amaideach, “oir a ta air lochrain a’ dol as.” Mat. xxv. 8. Feudaidh bròn mi-naomh bhi air son peacaidh: Mar an uair a ta neach a’ deanamh bròn air a shon, chan ann do bhrigh gu bheil e neo-thaitneach do Dhia, ach a mhain do bhrigh na feirge a ta ceangailte ris, mar a rinn Pharaoh, Iudas, agus muinntir eile. Mar sin feudaidh duine gradh a thoirt d’ a athair agus d’a mhathair, o fhonn nadurra a mhain, gun mheas ‘sam bith a bhi aige air àithne Dhé a ta ‘ga cheangal gu sin a dheanamh. Ach tha gràs a’ naomhaichadh nan aignidhean ‘nan leithide sin de choraibh, a’ tabhaint orra ruith ann an claodhan nuadh graidh da Dhia, speis d’a àitheantaibh, agus meas d’ a ghloir. A ris, tha gras a’ togail suas nan aignidhean, far am bheil iad tuilleadh as ial: Tha e tabhaint àrd-chaithir nan aignidhean do Dhia; agus a’ spionadh a nuas na h-uile bha togail an aite eo dhiubh as daoine no maoin iad, a’ tabhaint orra luidhe aig a chosaibh, Salm lxxiii. 25. “Có th’ agam anns na neamhaibh ach thusa? Agus an coimheas riut chan ‘eil neach air thalamh air am bheil mo dheigh.” Tha e air a ghràdhaichadh air a shon féin; agus muinntir agus nithe eile air a shon-san: Is e na nithe a ta taitneach annta, do ‘n ehridhe ath-nuadhaichte, an dealradh de mhaitheas Dhé a ta air fhaicinn annta; oir do anama gràsmhor, tha iad a’ dealradh le soluis iasaid a mhain. Tha so a’ feuchainn cionnus a tha gràdh aig na naoimh do na h-uile dhaoine, agus gidheadh fuath aca dhoibhsan aig am bheil fuath do Dhia, agus a’ deanamh tàir air na h-aingidh, mar dhaoine suarach: tha fuath aca dhoibh agus tha iad a’ deanamh tàir orra, air son an aingidheachd, ean ‘eil ni bhuineas do Dhia ann an sin, agus air an aobhar sin, ean ‘eil ni gradhach no urramach ann; ach tha gradh aca dhoibh, air son an deadh ginné, no am buagha, co dhiubh nadurra no beusach; do bhrìgh, co ‘sam bith anns am bheil iad, gu bheil iad o Dhia, agus gu ‘m feud iad a bhi air an lorgachadh da ionnsuidh-san mar an àrd-thobar.

Fadheoidh, Tha gràs na h-ath-ghineamhuinn a’ suidheachadh nan aignidhean cho daingean air Dia, as gu bheil an duine air a dheanamh deonach air àithne Dhé, gu ghreim a leigeadh dheth de na h-uile ni eile, a chum gu ‘n gleidh e a ghreim air Crìosd; “athair agus a mhathair fluathachadh,” ann an coimeas ri Crìosd, Luc. xiv. 26. Bheir e eadhon air comhfhurtaechdan laghail, cosmhuil ri falluing Ioseiph, crochadh fuasgailte mu dhuine; a chum gu ‘n dealuichte riu ‘nuair a ta e an eunnart a bhi air a ribeadh le ‘n gleidheadh. Mur robh sruth ar n-aignidhean riamh mar so air a tionndadh, tha sinn gun teagamh a’ dol sios leis an t-sruth do ‘n t-slochd. Ma tha aig ana-miann nan sul, ana-miann na feola, agus aig uabhar na beatha, an ard-chaithir ‘nar eridheachan, a bu choir a bhi ‘na ionad-comhnuidh de ‘n Athair, de ‘n Mhac, agus de’n Spiorad Naomh; mur robh riamh urrad graidh againn do Dhia, as a th’ againn dhuinn féin: Ma bha peacadh ann an cuid searbh dhuinn, ach nach robh e riamh cho searbh ‘sa bha fulangas, nach robh e riamh cho searbh ‘sa bha pian a bhi air ar sgaradh uaithe, tha sinn gu eimneach ‘nar coigrich do ‘n atharrachadh shlainteil so; oir tionndaidh gràs nah-aignidhean bun os ceann, cho luath ‘sa thig e do ‘n chridhe.

‘Sa cheathramh àite, Tha a’ choguis air a nuadhachadh.

A nis, air do sholus nuadh a bhi air a chur suas anns an anam ann an ath-ghineamhuinn, tha choguis air a soillseachadh, air a teagasg, agus air a fòghlum; tha coinneal sin an Tighearn (Gnath-fhoc. xx. 27) a nis air a smaladh agus air a reanamh soilleir, air chor as gu bheil i a’ dealradh, agus a’ eur a mach a soluis do na h-àitibh is iomallaiche de ‘n ehridhe, a taisbeanadh pheacanna, mu nach robh an t-anam air fhaicill roimhe; agus air dhoigh àraid, a’ nochdadh truaillidheachd no gráineileachd an nàduir, an siol agus a’ ghin o ‘m bheil gach uile pheachaidh gniomh a’ struthadh; tha so a’ toirt a mach a’ ghearrain nuadh sin, Rom. vii. 24. “Och is duine truagh mi! có a shaoras mi a chorpa a’ bràis so?” Tha choguis sin a luidh roimhe ‘na codal ann an uehdan duine, a nis air a dugadh; agus a’ tabhairt air guth a bhi air a chluinntinn tre ‘n anam uile! Agus air an aobhar sin, chan ‘eil tuilleadh fois aige ann an leabaidh an lundaire; is eiginn da eirigh agus a bhi deanamh, “greasad, agus teicheadh air son a’ bheatha!” Tha i gu cumhachdach a’ brosnachadh gu umhlaechd, eadhon anns na gniombara is spioradail e, nach d’ thainig roimh fuidh bheachd na choguis nadurra: agus tha i gu cumhachdach a’ eur bacaidh a pheacaidh, eadhon o na peacaidhean sin nach ‘eil fosgailte do shealladh an t-saoghail. Tha i a’ sparradh air àrd-uaichdranachd Dhé, ris am bheil an eiridhe a nis ann an réite, agus a ta e gu toilichte ag aidmheil: agus mar sin tha i eur an duine gu dhleasdanais eiod ‘sam bith eunnart a bhios o’n t-saoghal: Oir tha i lionadh a ehridhe le eagal Dhé, air chor as gu bheil neart eagail an duine air a bhriseadh. Thug so air moran am beatha chur ‘nan laimh, agus a’ chreidimh a leantuin, air an robh iad aon uair a’ deanamh tarcuis, agus ag imeachd gu dian anns an t-slighe d’ an robh grain aca roimhe, Gal. i. 32. “An ti anns an àm a chaidh seachad, a bha ‘gar geur-leanmhuinn, tha e nis a’ searmonachadh a’ chreidimh a bha e a’ sgrios roimhe so.” Tha eiont a nis a’ toirt air a’ choguis gu mothach i; tha enuimh shearbh innte air son peacanna a chaidh seachad, a ta lionadh an anam le saruchadh, le bròn, agus féin-ghrain; agus tha na h-uile smuain nuadh mu na peacanna sin, ullamh gu thoirt air lotaibh sileadh as ùr le doilghios. Tha i air a’ deanamh maoth do thaobh peacaidh agus dleasdanais, air son an àm ri teachd; air dhi a bhi aon uair air a losgadh, tha eagal aice roimh an teine, agus tha i fuidh eagal leum thar a’ ghàradh, far an robh i roimhe air a lot leis an nathair. Fadheoidh, Tha choguis ath-nuadhaichte ag iomain a’ pheacaich a dh’ ionnsuidh Iosa Crìosd, mar an aon leigh a mhain is urrainn gath a’ chionta tharruing a mach; agus is i ‘fhuilsan a mhain as urrainn a choguis a ghlanadh o oibre marbh, (Eabh ix. 14) a’ diultadh gach fois a ta air a thairgse dhi o laimh ‘sam bith eile. Agus tha so ‘na dhearbhadh soilleir, nach e ‘mhain gu bheil teine air a chur ris a’ choguis (mar a dh’fheudas i bhi an staid neo-impaichte,) ach mar an ceudna gu bheil ola air a chur orra le gràs an iompachaidh.

‘Sa chruigeadh àite, Mar nach robh a cuid féin do’n truail-lidheadh a dh’uireasbluidh air a’ chuimhne, tha i mar an ceudna air a deanamh ni ‘s fearr le gràs an iompachaidh.

Tha chuimhne air a lagachadh, do thaobh nan nithe sin nach fu àite innte; agus tha daoine air an teagasg gus na h-uile a rinneadh orra a dhi-chuimhneachadh, agus gu’n corruich a leigeadh dhiubh, Mat. v. 44, 45. “Deanaibh maith do na daoine air am beag sibh, agus deanaibh urnuigh air son na muinntir a ta buntuinn ribh gu naimhdeil. A chum gu ‘m bi sibh (sin ri radh, gu ‘m bi e soilleir gu bheil sibh) ‘n ur eoinn aig bhuir n-Athair a ta air neamh.” Tha i air a neartachadh air son nithe spioradail. Tha ughdarras Sholaimh againn air son droch cuimhne, Gnath-fhocail iii 1. A Mhic, a deir e, na di-chuimhnich mo lagh. Ach eionnus a bhios e air a chumail an cuimhne? Gleidheadh do chridhe m’ àitheanta. Ni gràs cuimhne-eridhe eadhon far nach ‘eil deadh chuimhne einn. Salm cix. 11. “A’ m’ chridhe choimhid mi t’fhocal.” Air do ‘n chridhe bhi da rireadh air a ghlacadh le millseachd chumhaechdach na firinn, euidichidh e a chuimhne a ghleidheadh nan nithe air am bheil a leithid de bhlàs, Nan luidheadh firinne diadhaidh ni bu doimhne air ar eridheachan, dheanadh iad leis a sin luidhe ni bu doimhne air ar cuimhne Salm. cix. 93. “Gu brath cha di-chuimhnich mi do reachdan; oir leosan bheothaich thu mi.” Tha gràs a’ naomhachadh na cuimhne. Tha cuimhne fharsuinn ach mi-naomhaichte aig moran; a ta ‘mhain a’ eruinneachadh colais, leis am bheil an diteadh air an-tromachadh: ach tha a’ chuimhne ath-nuadhaichte “a’ cuimhneachadh ‘aitheanta-san a chum an deanamh,” Salm ciii. 18. Is tigh-tasgaidh naomh i, anns am bheil na nithe a dh’fheumas an Criosduidh ‘na shlighe gu Sion air an gleidheadh: Oir tha creidimh agus dòchas gu trie a’ faotainn comhnadh uaipe, ann an uair dhoreha. Is i tigh-tasgaidh faireachdain na h-aimsir a chaidh seachad i: agus is iad sin comharan slighe a’ chreidmhich; leis an tig e gu thoirt fainear e’ àit’ am bheil e, eadhon ann an am dorchá, Salm xlii. 6. “O mo Dhia, leagadh sios m’ anam an taobh a stigh dhiom: uime sin cuimhnicidh mi ortsa, mo Dhia o thir Iordain.” Cuidichidh i leis an anam mar an ceudna gu bròn diadhaidh agus féin-ghrain; a’ cur sean chionta as ùr am fianuis na coguis, agus a’ tabhairt air a fuil bhi ruith a ris ged tha’m peacaidh air a mhaitheadh cheana, Salm xxxv. 7. “Na cuimh-nich peacanna m’ oige.” Agus far am bheil cionta gun mhaitheadh ‘na luidhe air a’ choguis a tha tuiteam ‘na codal, tha i gu trie air a deanamh ‘na meadhon gu focal a thabhairt a stigh, a ni ann am mionaid, an t-anam uile chur air ghluasad; mar an uair a chuimhnic Peadar briathran Iosa, chaidh e mach agus ghuil e gu goirt, Mat. xxv. 75. Tha focal Dhé, air bhi dha air a thasgaidh suas ann an cuimhne naomhaichte, feumail do dhuine a chur an aghaidh buairidhean; euirdh e’n claidheamh ‘na laimh an aghaidh naimhde spioradail, agus tha e ‘na sholus a stiuradh a cheuma ann an slighe a’ chreidimh agus na freantachd.

Ri leantrinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice