le Aindrea Cant.
I.
(Eadar-theangaichte.)
Chaidh an earail a leanas a thoirt seachad aig Inbhirnis, le Aindrea Cant, aig ath-nuadhachadh a Chumnant air 25th April, 1638. Bha am fear so na mhinisteir urramach an toiseach ann am Pitsligo, agus anns a bhliadhna 1664 chaidh a shuidheachadh ann an Obaireadhainn. Bhuinneadh an cliu dhà gu’n robh e na Bhoanerges agus na Bharnabas.
BHO chionn fhad air ais thoilich e ‘ur Dia gràsmhor an cinneach so fhiosrachadh le solus a’ shoiseigil ghldrmhor le bhi suidheachadh fion-los ann, agus a’ toirt air a ghldir eirigh air Alba. Iongantas! gu’n dealraicheadh Dia cho mór air talamh cho suarach! Bha nadur na muime dhuiinn ann an coimeas ris a mhuinntir a tha chomnuidh ann an tirean is teòtha, mar ann an tir mar Ghoshen, no ann an garadh mar Eden. Ach chan ‘eil an Tighearna ag amharc mar an duine: tha a ghras ro-shaor, tre’m bheil e gu minic ga thoileachadh a bhi deanamh suas na tha dhith ann an nadur: uime sin air Alba (eilean dorchà, neo-ainmeil, air dheireadh air mórán) dh’eirich an Tighearna, agus nochd E mullach nam beanntan le solus cho soilleir, agus ann am frithealadh gràsmhor Dhé chan ‘eil e air dheireadh air aon. Cho fhad ‘sa chaidh cinnich eil’ air thoiseach oirre ann an nithibh aimsireil, cho fhad sin chaidh ise air thoiseach oirre-san ann an nithibh spioradail. Bha a’ greadhnachas na bu lugha, a neo-thruailidheadh na bu mhótha: bha barrachd aca-san de’n ana-Criosd na bha aice-se, bha barrachd aice-se de Chriosd na bha aca-san: nan ath-leasachadh bha ni-eigin de’n fhiadh-bheathach air fhagail; na air ‘n ath-leasachadh-ne cha robh urrad agus ladar air fhagail. ‘Nuair a chaidh àire an Tighearn’ a chur suas nam measg, thuit Dagon, agus bhris e ‘amhach, gidheadh dh’fhagadh corp Dhagoin; ach maille ruinne bha chorp ‘s gu leir air a thilgeadh an sruth Chidroin. Uime sin faic cliùtheachadh righ Seumas fa chomhair na parlamaid, a toirt buidheachas do Dhia a rinn na righ e ann an eaglais a bha fada air thoiseach air Sasuinn (cha robh aca-san ach aifrionn air dhroch-radh ann am Beurla) seadh, air thoiseach air Geneva fhéin: oir tha làithibh-naomh (aon de chomharaibh an fhiadh bheathaich) air an cumail an sin, nithibh (thubhairt e) tha’n diugh an so air an cur as gu tur. Mar sin do shluagh a bha nan suidh an dorchadas, agus ann an sgail a’ bhais, tha solus air eirigh. Mar sin, ann an doigh, tha ‘chlach a dhuilt an luchd-togail air tighinn gu bhi na ceann na h-oisne. Thainig Aon Ungta an Tighearna (do ‘m bheil criochabh na talamhuinn air a thoirt mar sheilbh agus mar oighreachd) agus eur e suas a thigh na’r measg, gu laidir air a shuidheachadh air da phost, Iachin agus Boas, air a dheagh chleachdadh le bataichean maise agus cuibhrichean, agus gun ni ‘sam bith a ghabhail an iasad bho criochabh na Roimh’. Bha a bunaitean uile, a ballachan, dorsan, agus uinneagan air an sgeadachadh le carbuncalabh, saphraibh, emereild, eriosolait, agus clachabh luachmhor a mach a ionmhas an Tighearna féin. Shuidh Dia fhéin le a mhaise agus a sheudan an sin, air chor agus gu’m bi moladh agus aobhar ioghnaidh na talamhuinn uile. Ghabh coigrich agus luchd-duthcha ioghnadh. Bha glòir, iomlanachd, ordugh agus aonachd an tighe so de leithid a’ ghne agus nach robh sith aig altair Dhamascuis, nach robh fois aig a’ Chanaanaich, nach robh tarmachadh aig saobh-chreidimh, no seasamh-eas aig eas-aontachd, no àit ‘tighinn a stigh aig Diotrephes, no àite tamh aig pàpanaich, no aig Iesebel. Dh’ amhaire ‘ur ‘n eaglais a mach mar a’ mhaduinn, sgiamaich mar a’ ghealach, glan mar a’ ghrian, agus uamhasach mar shluagh le’m brataichean. An sin bha paillean Dhé so-ghradhach, lion a ghloir an t-ionad naomh, dh’ uisgich sruthain shoilleir, ùrar caithir ‘ur Dé; dh’ irioslaich an fheadhan bu chalma iad féin, agus bha eagal orra. Bu cho mór an cumhachd a bha dol a mach bho Bharnabas agus bho Bhoanerges, mic na co-fhurtachd agus nan tairneanach, agus nan rachadh eadhon amadan a stigh do chuiribh an Tighearna, bhitheadh e air a cho-eigneachadh tuiteam air aghaidh agus ghlaodhaich: “Is e so Betel, tha Dia an so.”
Ach mo thruaigh! ghabh Satan farmad ri’r ‘n aoibhneas, bhris e ‘ur sreathan, phuinseanaich e ‘ur tobraichean, dh’eabraich agus thruail e ‘ur sruthain; agus am feadh a bha ‘n luchd-faire nan cadul chuir e a’ chogul; car son fad an iomadh bliadhna so a th’ air a dhol seachad, an àit’ ughdaras ministearail, tha againn uacharanachd thighearnail agus greadhnachas, air son maise, suarachas; air son simplidheachd tha againn cleasachd striopachail; air son dilseachd, ni measgaicht’; air son eud, spiorad Laodicea; air son teagaig, àitheantan dhaoine; air son toraidh fallaine, treamsgal deas-ghnathach; air son luchd-beathaichidh, rusgadairean; air son aodhairean, madaidh-allaidh agus mealltairean; air son luchd-togail Ierusalem, luchd ath-thogail Iericho; air son aonaidh, reubadh; air son adhartais, easbhuidheachd. Tha an fhirinn air tuiteam anns na sraidean, ‘ur n-urrain air falbh, ‘ur creideas air chall, ‘ur crùn air tuiteam bhar ‘ur cinn, ‘ur cliù air tionndadh gu mi-chliù: an làthair Dhé agus duine tha sinn gu ceart airidh air binn na fionain neo-thoraich; sluagh eul-sleamhnach, cinneach neo-dhileas, ciontaich de mhionnain-eithich, le ‘ur briseadh air cumhnant beannaicht’ a bha air a mhionnachadh cho solaimte.
Ri leantuin.