(Air a leantuinn bho t.-d., 237.)
CEANN I. ATH-GHINEAMHUI.
“Air dhuibh bhi air bhuir n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shioll truaillidh, ach neo-thruaillidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.
San treas áite, Mar nach ‘eil lamh ‘sam bith aig an leanabh ann e féin a ghineamhuin, ni mó tha lamh aig leanabh Dha ann e féin ath-ghineamhuin:
Chan ‘eil an aon a’ deanamh a chuideachaidh is lugha ‘na ghineamhuin féin: ‘sa cha mhó tha’n aon eile a’ dheanamh a chuideachaidh a’s lugha, ann an rathad eifeachd, ‘na ath-ghineamhuin féin. Oir ge do dh’fheudas duine e féin a chur laimh ris an lochan; gidheadh ehan ‘eil lamh aige ann an gluasad an uisge, chan ‘eil cumhachd aige gu leigheas. Tha aon air a bhreith ‘na leanabh do righ, aon eile ‘na leanabh do dhuine bochd; chan ‘eil lamh ‘sam bith aig an leanabh ‘san eadar-dhealachadh so. Tha Dia a’ fàgail cuid ‘nan staid thruailidh: cuid eile tha e tabhairt gu staid gràis no ath-ghineamhuin. Ma tha ‘n onoir so air a cur ort, beag taing dhuitsa; oir có tha deanamh eadar-dhealachadh ortsa o neach eile? 1 Cor. iv. 7.
‘Sæ’ cheathramh áite, Tha dealbh iongantach anns gach breith.
Is iongantach an dealbh a tha ‘n corp an duine, anns am bheil a choimhlion ball; chan ‘eil a h-aon air chall chan ‘eil aon a chorr! Air do’n t-Salmadair a chorp féin a thoirt fa’near, tha e ag amharc air mar mhìr a dh’ obair iongantach: “Is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi!” ars’ esan, Salm cxxxix. 14. agus “dhealbhadh mi gu h-iongantach ann an ionadaibh iochdarach na talmhainn!” rann 15. ‘Se sin, anns a’ bhroinn, far nach ‘eil fhis agam cionnus a ta na cnàmhan a’ fàs, ni ‘s mò na ta fios agam ciod a ta air a dheanamh ann an ionadaibh iochdrach na talmhainn. Ann an gineamhuinn nadurra, tha sinn gu h-iongantach air ar deilbh, mar mhìr a dh’ obair ghreis, mar tha ‘m focal a’ ciallachadh! Is ann eadhon mar sin a ta esan ath-ghineamhuin, Salm xlv. 14. “Bheirear chum an Righ, ann an trusgan de obair ghreis, trusgan air oibreachadh gu h-iongantach.” ‘S e ‘n aon fhocal a ta ‘san dà carrainn de’n Sgriobtur. Agus ciod e ‘n trusgan sin tha’n t-Abstol ag innseadh dhuinn, Eph. iv. 24. Is e “an nuadh dhuine, a tha air a chruthachadh a reir Dhé, am fireantachd agus am fior naomhaechd.” ‘S e sin an trusgan, a deir e anns an àite cheudna, a’s eiginn duinn a chur umainn; chan e gu bheil e dunadh a mach fireantachd Chriosd a ta air a meas: tha iad araon gu h-iongantach air an deilbh, mar ard-obair gliocais do-rannsuichte Dhé. O an deilbh iongantach de ghrasan a ta anns an nuadh chreutair! O an creutair glormhor air ùr-dheanamh, a reir iomhaigh Dhé! Is e gràs air son gràis ann an Criosd, a ta deanamh suas ad duine nuadh, Eoin i. 16. Eadhon mar ann an gineamhuin chorporra, a tha aige an leanabh ball air son gach ball th’ aige a pharanta; tha na h-uile ball aige arm an innbe àraid, a ta aig a phàranta.
‘Sa’ chwigeadh áite, Tha so uile, anns a’ bhreith, ag eiridh suas o ni a ta ann féin gle bheag agus suarach.
O chumhachd Dhé ann an deanamh a leithid do chreutair de shiol truailidh! Agus ni ‘s mó gu mór, ann an tabhairt a mach a’ chreutair nuadh o thoiseachadh cho beag! Tha e mar an neul beag, cosmhuil ri bois duine, a sgaoil gus an robh na speuran air an dorchachadh le neulaibh agus le gaoith, agus bha uisge mór ann, 1 Righ xviii. 44, 45. Gheibh aon duine focal aig searmoin, a tha na ceudan ri thaobh ag eisdeachd agus a’ leigeadh thairis; ach tha e mairisinn maille ris-san, ag oibreachadh ann, agus chan ‘eil e ‘ga fhagail gu brath, gus am bheil an saoghail beag air a thionndadh bun os ceann leis; ‘se sin gus am fàs e ‘na dhuine nuadh. Tha e cosmhuil ris an smuain a bhuaile ceann Ahasuerus, agus a chum codal a shùilibh, a thug a leithid do ghluasad air, as nach do sguir iad, gus an robh Mordecai air a thoirt, ann an greadhnachas rioghail, a’ marcachd tre ‘n t-sraid, Haman uaibhreach a’ ruith aig a chois; an Haman ceudna ‘na dhéidh sin air a chrochadh, Mordecai air àrdachadh, agus an eaglais air a saoradh a cheannaire ifrinneil Haman! Esth. vi. 1. Tha’n grainne de shiol mustaird a’ fàs ‘na chrann, Mat. xiii. 31, 32. Is taitneach le Dia nithe mór a thabhairt o thoiseachadh beag.
‘San t-seathamh áite, Tha gineamhuin nadurra air a toirt air a h-aghaidh a lion ceum is ceum, Iob x. 18. “Mar bhainne nach do thaom thu mi mach, agus mar chaise nach do dhaingnich thu mi?”
Mar sin tha ath-ghineamhuin. Tha’n t-anam gu gnathaichte, anns an ath-ghineamhuin, mar bha’n duine dall a bha air a leigheas le’r Tighearna, neach a chunnaic air tús daoine ag imeachd mar chraobhan; ‘na dheigh sin chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir, Marc. viii. 24. Is fior, air do ‘n ath-ghineamhuin a bhi ‘na dol thairis o bhàs gu beatha, gu bheil an t-anam air a thabhairt beo ann am mionaid; cosmhuil ris, mar tha’n ceud-fhas, air a thoirt gu h-iomlaineachd anns a’ bhroinn, tha’n t-anam air a chur anns a’ mheall gun bheatha. Feudaidh sinn, gidheadh a smuaineachadh ni-eigin cosmhuil ri ceud-fhas, ann an gineamhuin spioradail, leis am bheil an t-anam air ulluchadh air son beothachadh; agus tha ‘n nuadh chreutair comasach air fàs, 1 Phead. ii. 2. agus air beatha fhaotainn ni ‘s pailte, Eoin x. 10.
‘San t-seachdamh áite, Anns gach aon diubh tha dàimhe nuadh.
Feudaidh a’ mhuinntir ath-nuadhaichte a radh ri Dia, an Athair; oir is iad a chlann iad, Eoin i. 12, 13, air an gineamhuin uaithe, 1 Phead. i. 3. ‘S i a’ bhean nuadh-phosda, bean an Uain, ‘s e sin, ‘s i an eaglais am mathair, Gal. iv. 27. Tha iad ann an daimh, mar bhraithrean, mar pheathraichean ri ainglihb agus ri naoimh air an glorachadh, eadhon teaghlaich neimh. Tha iad de ‘n stoc neamhaidh; agus tha ‘n aon a’s suaraiche dhiubh, nithe an-uasal an t-saoghail, nithe gun daimh, mar tha’m focal a’ ciallachadh, (1 Cor. i. 28.) iadsan nach urrainn uaill a dheanamh as an fhuil a ta ruith nan cuislean, seadh tha iadsan le ‘n nuadh-bhreith, dlùth ann an daimh ri muinntir oirdheire na talmhainn.
‘San ochdamh áite, Tha coslas eadar am parant agus an leanabh.
Tha na h-uile ni a ta gineamhuinn, a’ gineamhuin a choslais féin; agus tha mhuinntir ath-nuadhaichte, “nan luchd comh-pairt do nadur na diadhachd, 2 Phead. ii. 4. Tha buaghan naomha Dhé ann an tomhas agus ann an ceum, air an co-pairteachadh ris an anam ath-nuadhaichte, agus mar so tha iomhaigh Dhé air a h-aiseag; air chor, as mar a tha ‘m leanabh cosmhuil r’a athair, tha ‘n creutair nuadh cosmhuil ri Dia féin, air dha bhi naomh mar a tha esan naomh.
Ri leantuin.