Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » November 1934 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a lean tuinn bho t.-d., 271.)

CEANN I.
ATH-GHINEAMHUIN.

“Air dhuibh bhi air bhrú n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mháireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

‘San áite mu deireadh, Mar nach ’eil breith ’sam bith gun phian, araon do ’n mhathair agus do ’n leanabh; mar sin tha pian mhór ann am breith a’ chreutair nuadh. Tha beag no mór aig a’ chloinn de na pianta-bhreithe sin, leis am bheil iad air am bioradh ’nan cridhe. Gniomh ii. 37. Tha pianta goirt aig an anam, ’nuair a ta e fuidh gheur-mhothachadh, agus irioslaichadh: Có is urrainn spiorad leonta ghiulan? Tha mhathair ann am pein, tha “Sion ann an saothair,” Isa. lxvi. 8. Tha i ag osnaich, a’ gearan, ag eigheach, agus ann an saothair chruaidh, ’na ministeirean, agus ’na buill, a thoirt a mach cloinn d’a Tighearna, Gal. iv. 19. “Mo chlann bheag, air am bheil mi a ris ri saothair, gus an dealbhar Criosd annaibh.” Agus cha d’ fhuair mathair riamh tuilleadh aoibhneis gu ’n robh leanabh mic air a bhreith do ’n t-saoghal, no tha aice-se ann an nuadh-bhreith a cloinne. Ach an ni a tha ni ’s ro chomharrachtae na so uile, tha sinn a’ leughadh cha’n e mhain mu obair, no saothair anama ar Tighearn Iosa Criosd; ach (an ni a’s ro-fhreagaraich ris a so,) mu phianta, no ioghanna, mar aon a’ saothrachadh ann am breith cloinne, (Isa. liii. 11.) Mar sin tha’m focal air a ghnàthachadh ann an Gniomh. ii. 24. gu ceart a’ ciallachadh. Is ceart a dh’ fheudas e an t-ainm a thoirt air an nuadh chreutair a thug Rachel air a’ Mhac
a cheannuich i gu daor, Benoni, is e sin, mac mo dhoilgheis; agus mar a thug i mar ainm air fear eile dhiubh Naphtali, is e sin, mo ghleachd; oir chuir pianta na saothair sin esan “gu ard-eigheach agus deoir,” Eabh. v. 7. seadh, gu “cruaidh-ghleachd, agus fallas fola,” Luc. xxii. 44. Agus aig a’ chrich, bhàsaich e leis na piantaibh sin; bha iad dhasan ‘nam piantaibh a’ bhàis, Gniomh. ii. 24.

TEAGASG NA H-ATH-GHINEAMHUIN AIR A CHO-CHUR.

  1. Fheum, O na chaidh a ràdh, feudaidh sibh fheuchain, có dhiubh, a tha no nach ‘eil sibh ann an staid gràis. Ma tha sibh air bhrù tabhairt a mach á staid na feirge no an sgrios, gu staid nan gras no na slainte; tha sibh ‘nur creutairibh nuadh, tha sibh air bhrù breith a rìs. Ach their sibh, Cionnus a bhios fios againn, am bheil no nach ‘eil sinn air ar breith a rìs? Freagradh, Nam feoraicheadh sibh dhìomsa an d’eirich a’ ghrian, cionnus a bhiodh fios agaibh, có dhiubh a dh’eirich no nach d’ eirich i? Dh’iarrainn oirbh amharc an aird ris na speuran agus a faicinn le ‘ur suilean. Agus am bu mhaith leibh fios fhaotainn mu dh’eirich an solus ann bhur cridhe? Scallaibh a steach, agus faicibh: Is solus gràis e, agus nochdaidh se e féin. Seall a’ t’ inntinn; faic an robh i air a soillseachadh ann an eolas Dhé. An robh thu air do theagasg ‘san taobh a stigh, ciod e Dia? An robh do shuilean riamh air an tionndadh gus an taobh a stigh, gu thu féin fhaicinn; peacadh do staid thruaillidh, truaillidheachd do naduir, peacaid do chridhe agus do bheatha? An robh thu riamh air do threòrachadh gu beachd a ghabhail air có anabarr ole is a ta peacadh? Am faca do shuilean an Righ Iosa ‘na mhaise; gliccas eagsamhuil Dhé ann, ‘na oirdheiceas dhealruichte, agus ‘na lanachd iomlan, agus uile fhoghainteachd-san, maille ri diomhanas agus falamhachd gach ni eile? A rìs, Ciod an t-atharrachadh a ta air do thoil? Am bheil na cuibhrichean, leis an robh i aon uair air a cumail o bhi gluasad a dh’ionnsuidh neimh, air an tabhairt air falbh? Agus an d’ fhuair do thoil suidheachadh nuadh? Am bheil thu mothachadh grain do ‘n pheacadh, agus iarrtas gu maith air oibreachadh ann ad chridhe? Am bheil
    t’ anam air aoinneachadh gu Dia, mar t’ ard-chrioch? Am bheil do thoil air a nuadh-chumadh ann an caileigin freagarach do thoil Dé ‘na lagh agus ‘na fhreasdal? Am bheil thu làmh-reidh ri coimheangal na sith, agus am bheil thu gu suidhichte toileach gabhail ri Criosd, mar tha e air a thaigse’ san t-soisgeul? Agus do thaobh atharrachadh air d’aignidhibh, am bheil iad air an ath-leasachadh, agus air an suidheachadh air cuspairean ceart? Am bheil t’ iarrtuis a’ dol an deigh Dhé? Am bheil iad air ainm, agus air cuimhne uime? Isa. xxvi. 8. Am bheil t’uile dhochas ann? Am bheil do ghradh air a shuidheachadh air, agus t’ fhuath air a shuidheachadh an aghaidh a’ pheacaidh? Am bheil t’ easaontais an aghaidh Dhé cho maitheasach, a’ luidhe le bron air do chridhe; agus am bheil t’ eagal roimh ‘n pheacadh ni ‘s mó na roimh fhulangas? Am bheil t’aignidhean fuidh riaghailt? Am bheil iad, do thaobh comhfhurtachdan cruth-aichte, air an toirt a nuas, air doibh a bhi tuilleadh is ard; agus do thaobh Dhé ann an Criosd, air an togail suas, air dhoibh a bhi ro iosal? Am bheil aige-san an ard-chaithir ann ad chridhe? Agus am bheil t’uile comhfhurtachdan agus solasan laghail saoghalta, air an cuir sios aig a chosaibh? An robh do choguis air a soillseachadh agus air a dusgadh, a’ diultadh gach uile fhois, ach o cho-chur fola an Fhir-shaoraidh? Am bheil do chuimhne air a naomhachadh, do chorp air a chur air leth gu seirbhis Dhia, agus am bheil thu nis ag imeachd ann an nuadhachd beatha? Mar so feudaidh sibh fhaicinn ma tha no nach ‘eil sibh air ‘ur breith a ris.

Ach a chum bhur comhnadh ni’s faide anns a’ ghnothuch so, labhraidh mi beagan mu chomhara eile air ath-ghineamh, eadhon, Gràdh do na braithrean; dearbhadh leis an robh a’ mhuintir bu laigse agus bu ghealtaiche de na naoimh gu tric a’ faotainn comhfhurtachd ‘nuair nach b’ urrainn dhoibh a bheag ‘sam bith de sholas fhaotainn o chomharan eile a bheirte dhoibh. So tha’n t-Abstol a’ nochdadh, 1 Eoin iii. 14. “Tha fios againn gu’n deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrigh gu bheil gràdh againn do na braithribh.” Chan fheudar a smuaineachadh gu bheil an t-Abstol leis na braithribh, anns an àite so, a’
ciallachadh braithrean do thaobh daimh choitchinn, ris a’ cheud Adhamh, ach ris an dara Adhamh, Iosa Criosd; do bhrigh, ciod ‘sam bith mar tha deadh-ghean agus deadh-thoil do na cinne-daoine uile, a’ gabhail tàmh anns an anam ath-nuadhaichte, air dha sin a bhi ‘na earrann bheò de iomhaigh Dhé; gidheadh, tha’n t-iomlan de’n cho-theagasg a’ labhairt umpa-san a tha “nam mic do Dhia,” rann, 1, 2. “clann Dhé,” rann 10. “air an gineadh o Dhia,” a’ cur dealachaidh eadar clann Dhé, agus clann an diabhol rann 10. eadar iadsan a ta o ‘n diabhol, rann 8. 12. agus iadsan a ta o Dhia, rann 10. Agus tha ‘m bonn-teagaisg féin a’ teachd a steach mar reusan, gun iongantas a bhi oirnn gu bheil an saoghal a’ toirt fuath do na braithrean, do chloinn Dhé, rann 13. Cionnus is urrainn dhuinn iongantas a ghabhail deth, a chionn gur e gràdh do na braithribh an dearbhadh air neach a dhol thairis o bhàs gu beatha? Agus air an aobhar sin, b’ amaideach a bhi ‘g amhare air son gràidh am measg muinntir an t-saoghal a ta marbh ann an euceartaibh agus peacaibh. Cha’n urrainn dhoibh, gradh a thoirt do na braithribh; cha’n ioghnadh, air an aobhar sin, gu bheil fuath aca dhoibh. Uime sin, tha e soilleir, gur e ta air a chiallachadh le braithrean ann an so, braithrean troimh ath-ghineamhuin.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice