Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » December 1934 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Tillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Tillte

(Air a leantuinn bho t.-d., 314.)

CEANN I.

ATH-GHINEAMHUIIN.

“Air dhuibh bhi air bhur n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

A nis, a chum an comhara so na h-ath-ghineamhuin a chur ann an solus ceart, thoir fainear na trè nithe so; (1.) An gràdh so do na braithribh, is gràdh e a ta dhoibh mar bbraithribh; tha sin a’ toirt gràidh dhoibh ann an seadh a’ bhonn-teagaisg, ‘nuair is e gràs no iomhaigh Dhé ann ta, ard-aobhar ar gràidh dhoibh. ‘Nuair a tha gràidh againn do na daoine diadhaidh air son an diadhaichd, do na naoimh air son an naomhaichd; tha gràidh againn do Dhia ann ta, agus mar sin feudaidh sinn a chodhunadh gu bheil sinn air ar breith o Dhia: “Oir ge b’e ghràdhaicheas an ti a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an ti a ghineadh leis,” 1 Eoin v. 1. Feudaidh cealgairnean gràidh a thoirt do na naoimh, air son an daimh shaoghalta dhoibh, air son an deadh choludar; a chionn gu bheil iad de ‘n aon bhairil riu féin ann na puncan diadhaidh; agus air son iomadh aobhar eile, d’ an leithide sin, leis am feud daoine aingidh gràidh a thoirt do dhaoinne diadhaidh. Ach is sona iadsan, as urrainn gràidh a thoirt doibh air son a’ ghra’s a ta ann ta; air son an naduir agus an gné neamhaidh; d’ an urrainn an neamhnuid so a spionadh á otrach nan anmhuinneachd a ta ann ta agus mu ‘n cuairt doibh; a ni greim air agus a ghràdhaicheas iad air a shon.

(2.) Is gràidh e bhios air a thabhairt do na h-uile, anns am faicear gràs Dhé. Iadsan aig am bheil gràidh aca do na naoimh uile, Eph. i. 15. Biodh gràidh aca do na h-uile, a ta a reir am beachd-san, a’ giulan iomhaigh Dhé. Iadsan nach urrainn gràidh a thoirt do neach gràsmhor ann an luideagai bh, ach a bheir gràidh dhoibhsan a mhain a ta caithadh deadh thrusgairn cha’n ‘eil an gràidh so do na braitheirbh ann ta. Iadsan aig nach ‘eil gràidh ach do chuid a ta d’ am barail féin, ged nach ann doibhsan a mhain a thug Dia gràs; is anama iad a ta tuilleadh is cumhann gu bhi air an eur am measg na eolainne. Ciod ‘sam bith na puncan ‘sam bheil daoine dealachadh uainn ‘nam barail no ‘nan slighe, gidheadh ma tha iad a’ taisbeanadh còrdadh ruinn ‘nan gràidh do Dhia, agus do’r Slanuighear Iosa Crìosd, agus ann an giulan ‘iomhaigh-san, bheir sinn gràidh dhoibh mar bhaithribh, ma tha sinn féin de ‘n teaghlach nèamhaidh. Agus, (3.) Ma tha ‘n gràidh so annainn, mar is mó tha de ‘n ghra’s so a’ taisbeanadh aig neach ‘sam bith, ‘s ann is mó bhios do ghràidh againn dha. Mar is dèine tha teine naomh a’ ghràis a’ lasadh ann an neach ‘sam bith ‘s ann is mó lasas teine a’ ghràidh ann an eridheachan fior Chrios-duidhean doibh. Cha’n ‘eil na naoimh, mar a tha iomadh de dhaoinn a ta ‘gan deanamh féin ‘nan cinn-iuil do mhuiintir eile; agus a’ tabhairt gràidh dhoibh cho fad ‘sa tha iad am barail gu bheil iad cosmhuil riu féin. Ach ma tha choslas orra barraichd a bhi aca orrasan, agus an dorchachadh; tha ‘n gràidh air a thionndadh gu fuath agus farmad, agus ni iad dìcholl air a’ chliu a bhuineas do ‘n eiseimpleir dhiadhaidh ac’, a thabhairt uatha; do bhrìgh nach ‘eil blas aca air ni ‘sam bith ‘san diadhachd, a ta ‘dol thar an tomhas féin: Tha na tha de bheatha agus de chumbachd na diadhachd a’ taisbeanadh ann am muintir eile, a mhain a’ dusgadh a’ ghearrain mhi-runaich ‘nan eridheachan féin-speiseil. Ach air an sonsan a ta air am breith a ris, tha ‘n gradh agus an aigne dhoibh a reir an tomhas de ‘n iomhagh dhiadhaidh a ta iad a’ toirt fainear annta.

A ris, nam bu mhaith leibh cleachdamh a dheanamh de na nithe sin a chum eolas fhaotainn air ‘ur staid, Chomhairlichinn duibh, (1.) Cuid d’ur aimsir a chur air leth, ‘nuair a ta sibh aig an tigh, gu ath-bheachd a ghabhail air ‘ur staid; agus feuchaibh ‘ur staid leis na chaidh a radh. Is iomadh iad aig am bheil comfhurtachd agus soilleireachd mu ‘n staid aig searmoin, a ni ann an ùine ghoird, a chall a ris: Do bhrìgh, am fendh ‘sa ta iad ag eisdeachd an fhocail air a shearmonachadh, gu bheil iad a’ socrachadh air, ach cha’n ‘eil iad a’ smuaineachadh air na nithe sin gu suidhichte agus gu h-athaiseach ‘nuair a ta iad ‘nan aonar. Tha ‘n gnìomh tuilleadh is obann agus goirid gu comfhurtachd bhuan a thabhairt. Agus tha gu tric cho beag smuaineachaidh uime, as gu bheil ‘teachd gu droch crìoch. Air an aobhar sin, tòisich air an obair so aig an tigh, an deigh dhuit guidhe gu durachadh ann an urnuigh ri Dia air son a chòmhnath imte. Na bi gearan nach ‘eil ùin’ agad, fhad ‘sa bhios an oidhche leantuinm an là ghmiomhaich; no nach ‘eil àit’ agad, fhad ‘s a tha na machraichean agus na saibhlean ri ‘m faotainn. (2.) Ath-nuadhaich t’ aithreachas an lathair an Tighearna. Feudaidh cionta, do nach do ghabhadh, aithreachas, a ta ‘na luidhe air a’ choguis, t-uile shoilleireachd agus do chomharan gràis a dhoreachadh. Tha e brosnachadh |Spioraid an Tighearna gu imeachd; agus an uair a ta esan air falbh, tha ar solus a’ dol as. Cha’n iomchuidh an t-àm do ‘n Chriosduidh a bhi leughadh a chomharan, ‘nuair a ta choinneal air a eur as le lot cionta éiginn a ta luidhe air a choguis.

‘San àite mu dheireadh, Dean feum de chomasan an naduir nuaidh : Biodh gràsan an Spioraid Naoimh annad, ‘gan taisbeanadh féin le bhi guòmhach. Nam bu mhaith leat fios a bhi agad ma tha teine naomh air fhadadh ann ad uechd, ‘s éiginn duit an eibhle sheideadh; oir, ged tha teine ann, agus ged is eibhle beò i, gidheadh, ma tha i fuidh ‘n luaidh, cha toir i solus duit. Suidhicheibh rùn daingean ‘nur eridheachan, tre ‘n ghràs a ta ann an Iosa Crìosd, gu aontachadh leis gach dleasnas aithnichte, agus gu faire an aghaidh gach peacadh aithnichte; air dhuibh togradh inntinn a bhi agaibh, gu bhi air ‘ur teagasg anns na nithe nach aithne dhuibh. Nan orduicheadh anama gràsmhor mar so an rannsachadh mu ‘n staid, tha e ro-choslaich gu ‘n tigeadh iad gu deireadh solasach. Agus nan gabhadh dream eile a leithid sin de bheachd eudthromach, agus nan deanamh iad deuchainn fhirinneach air an staid, ‘gan cur féin ‘nan seasamh an làithir caithir an coguis; dh’fheudadh iad sealladh an àm iomchuidh fhaotainn air an graineileachd féin. Ach tha di-chuimhn’ air féin-rannsachadh, a’ fagail a chuid is mó de dhaoinne fuidh mheallaidhean brònach, an thaobh an staid; agus tha móran de na naoimh féin leis a sin a’ call beachd solasach air gràs Dhé amnta.

Ach a chum gu ‘n d’ thugainn tuilleadh còmhnadh do fhior Chriosduidhean, ‘nan rannsachadh mu ‘n staid; nochdadh mi, agus freagraidh mi gu h-aithghearr cuid de choiribh agus amharusan, a dh’fheudas bacadh a chur air cuid de dhaoiné o bheachd solasach fhaotainn mu ‘n staid shona. Cha’n fheudar aran na cloinne a chumail air ais, ged a dh’fheudas na coin greim a ghabhail deth ‘nuair a ta e air a shineadh d’an-ionnsuidh-san.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice